BHA laithean aig an Eaglais ann an Dornoch anns an robh fianuis air a togail air taobh na firinn. Bha eadhon a’ minsteair òg a tha ‘san Eaglais Shaor ‘an sin an drasd aon uair ann an Comunn ‘nam foghlumach anns a Cholaiste a rinn coimhcheangal eadar iad fein rach cuireadh iad suas le mearachdan na h-Eaglais Saoire. Mo thruaighe! bha cuid dhiubh neo-dhileas anns a’ ni sin, ged sheas cuid eile.
Ach ged a thilg an Eaglais Shaor an fhirinn a bha i ag aideachadh bun os ceann, agus ged a luidh minsteair Dhornoch maile ri moran eile fuidh na mearachdan dubha a rinn Eaglais Dhaor dheth an Eaglais Shaor, agus a chur i fo spoig luchd-aicheadh na firinn, dh’ fhag moran anns an sgire an comunn ùr so a thainig a stigh le teagasgan ùra, agus a chùm gu cealgach ainm na h-Eaglais mar a bha sin roimhe gu bhi dalladh suilean an t-sluagh air eagal gu’n teicheadh iad a mach mar theich Israel as an Eiphit. Coma leat, bha moran anns an sgire so aig an robh breithneachadh gu tuigsinn a ghnothaich. Thog iad so bratach an Athleasachaidh agus an Dealachaidh air leth leo fein ann an tigh-coinneamh nam Birichean. Tha e coltach gu bheil moran de na dh’fhag iad, a nis ullamh air a bhi ag òl mearachdan na h-Eaglais Saoire coltach ri eoin bheaga ann a’ nead a shluigeas na h-uile rud a bheir an t-eun mor leis na ghob. ‘S ann mar so, co dhiu, a ghabh cuid ann an Dornoch ri Dr. Whyte. Is ann ‘s an t-Soisgeulach Thuathach a tha iomradh air a thoirt air an t-searmoin aige. ‘Se so paipeir ùr a tha cuid dhiu fein a cur a mach air son nan Gaidhil, agus a chionn gu bheil Dr. Whyte air a mholadh air son na searmoin tha e soilleir nach eil iad a cur breugan air. ‘S ann air Iacob aig Peniel a bha Dr. Whyte a teagasg, agus ‘s e cheud ni a thubhairt e mu’n phriomh-athair dhiadhaidh, nach robh urnuigh, no seinn, no diadhachd aige fad nam fichead bliadhna ‘bha e ann am Padan aram. Ciod e am fios’ tha aigean? Tha e coltach nach d’ rinn e ach a ni ud a shniomh a mach a eanchainn fein, agus nach eil aige ach breugan anns a ni a tha e cur as leth Iacob. Nach iomadh ni’ tha iad an dingh a cur as leth an duine choir? Nuair a bha Iacob a dol do Phadan-aram, labhair Dia ris ann an doigh sonruichte, agus thubhairt e ris gu’n gleidheadh e Iacob anns gach aite do’n rachadh e. Ann an sin, chaidh Iacob fo bhoidean do Dhia. Bha mar so an coimhcheangal air ath-nuadhachadh do Iacob, agus gheall Dia gu’m bitheadh E na Dhia dha, mar a bha E do Abraham agus do Isaac. A nis, ma bha Iacob diadhaidh a nuair sin, mar a bha, ciamar a chailleadh e an diadhachd air son fichead bliadhna, agus a bhiodh e fo bhuaidh “ana-creideamh an ana-creidmheich” air son na h-uine sin, mar a tha Dr. Whyte ag radh? Sud agaibh teagasg nan Arminianach ann an cubaidean na Gaidhilteachd fo sgeoid an Achd-cur-an-ceil a rinn an Eaglais ann an ’92. A thuilleadh air an t-sealladh ghloirmhor a fhuair Iacob air a thusus, aig Betel, tha iomradh air sealladh eile a fhuair e ann am Padan-aram fein, anns an d’ thubhairt Dia ris: “Is mise Dia Bheteil, far an d’ ung thu ‘n carragh, far an do bhoidich thu dhomhsa boid.” A rithis, nuair a throd Laban ris air son falbh gun fhis, fheagair e mar so:—”Mur biodh gu’n robh Dia m’ athar, Dia Abraham, agus Eagal Isaac maille rium, gu cinnteach chuireadh tu nis air falbh mi falamh.” Nach robh an fhirinn aige? Cha do chur Laban na aghaidh anns a ni so, oir bha fios aig’ air a chosg gur e duine diadhaidh ‘bha ann an Iacob, agus gur iomadh urnuigh a chur e suas ri Dia eadhon fo dhruichd na h-oidheche fad nam bliadhnaibh anns an d’ rinn e seirbhis gu goirt. ‘S ann direach an deigh do Iacob an t-aideachadh onaireach so a dheanamh a d’ fhoilsich Dia e fein dha a rithist aig Peniel. Na ‘m b’ urrain Laban cur’ an aghaidh Iacob ‘s a phuing so, cha bhiodh e mall gu dheanamh. Tha e coltach gur ann ‘o’n t-Satan a thainig a bheachd a tha aig Dr. Whyte mu’n chuis so.
Tha puinsean salach an taobh deas air a sgaoiseadh a nis gu pailt ‘s an taobh tuath, ach tha an luchd-faire mar choin bhalbh nach urrainn comhartaich, a thaobh gu’n deach glas-ghuib a chur orra leis an Declaratory Act.
Tha cuid eile ann agus cuiridh sodalachd an Ollamh Whyte a chodal iad do bhrigh gu bheil e moladh Dr. Ard, agus a cleachdadh nam briathra so mu thiomachal:—”M’ athair ann an Dia.” Nach e Phapanas a thainig fagus oirnn mu dheireadh a nuair a tha leithid sin a chainnt air a radh ri Dr. Ard no neach eile!
Ciod e an la ‘rug oirnn a nuair a tha an sluagh a dol an deigh leithid sin agus ga mholadh!
Agraiddh Dia sin orra aig an la mhor.
A. M.
MR. DONALD BEATON was licensed to preach the gospel at a meeting of Presbytery, held at Inverness, on 6th July.
A MEETING OF SYNOD will (D.V.) be held in Inverness, on Tuesday, 29th September.