Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
    • Glossary of Common Errors and Controversies
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
    • Overview of Australian Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1899 » January 1899 » The Coronation Oath

The Coronation Oath

THE following are the Oath and Declaration made by Queen Victoria on her ascent to the throne:—

“Will you to the utmost of your power maintain the Laws of God, the true profession of the Gospel, and the Protestant Reformed Religion Established by Law?”

Queen Victoria: “All this I promise to do.”

After this the Queen, laying her hand upon the Holy Gospel, said—

“The things which I have before promised, I will perform and keep. So help me God.”

Her Majesty the Queen’s Declaration against Ritualism and Romanism:—

“I, Victoria, do solemnly and sincerely, in the presence of God, profess, and testify, and declare that I do believe that in the Sacrament of the Lord’s Supper there is not any Transubstantiation of the Elements of Bread and Wine into the Body and Blood of Christ, at or after the consecration thereof by any person whatsoever, and that the Invocation or Adoration of the Virgin Mary or any other Saint, and the Sacrifice of the Mass, as they are now used in the Church of Rome, are superstitious and idolatrous. . . .”

An Geamhradh Roimh ‘n Fhoghar’: No an T=anam a’ Jas ann an Gras.

SEARMON LE J. C. PHILPOT, MINISTEIR A DH’ FHAG EAGLAIS STEIDHICHTHE SHASUINN.* (Continued from page 317.)
* Air a h-eadar-theangachadh gu Gaelic le Iain MacGilios, Tobarmhoire.

“Oir roimh an fhaogharadh, ‘n uair a bhitheas am bláth iomlan, agus a bhitheas am fion-ahearc an-abuich a’ tilgeadh a’ bhilátha; gearraidh e dheth na meoir le corranaiibh-sgathaidh, agus na geuga bheir e air falbh, agus gearraidh e sios. Fágar iad le chéile gu eunlaitbh nam beann, agus gu beathaichibh na talmhuinn; agus cuiridh an eunlaitbh thairis an samhradh orra, agus cuiridh gach uile bheathach na talmhuinn thairis an geamhradh orra.”—ISAIAH xviii. 5, 6.

A CH ciod an t-atharrachadh cumhachdach a tha ‘gabhail àite anns an anam, an uair a tha bláth an dòchas a’ briseadh a mach gu bàrr-guc! An uair a bha am bláth ‘am folach leis na duilleagan uaine ‘bha ‘g iadhadh mu thimchioll bha e gle dhluth air a bhi air a chòmhdach le an-earbsa; ach tha e ‘briseadh a suas á an-earbsa, agus tha na duilleagan uaine a’ sgaoileadh o chéile. Bha dorchadas, cionta, uamhas, türse, grauaim, mulad, caismeachd báis agus breitheanais an crochadh os cionn an anama, coltach ris ha h-eoin neò-ghlan a bha thairis air lobairt Abraham. Ach tha dòchas, mar a bha Abraham o shean, ga’m fuadach air falbh. ‘Nis tha dòchas a’ sealltuinn ‘suas ri Dia. Cha ‘n ‘eil ni aig dòchas r’a dheanamh ris an talamh, ach fàgaidh e ‘n fheòil, agus an fhéin, agus an saoghal (na seirbhisich agus na h-asail) aig bonn an t-sléibhe, Gen. xxii. 5, agus theid e féin a chum ‘s gu’m bi co-chom-unn aige ri Iehobhah Ireh. Mar so tha dòchas a’ beathachadh air na nithibh neo-fhaicsinneach air an d’ fhuair creidimh dearbh-chinnte. Tha creidimh agus dòchas ag oibreachadh ‘s na h-aon nithibh, ach cha ‘n ann ‘s an aon rathad. Tha creidimh a’ creid-sinn ‘s tha dòchas a’ glacadh, tha creidimh a’ creidsinn brigh an ni agus tha dòchas ga mhealtuinn, ‘s e creidimh an làmh a tha ‘gabhail an toraidh agus ‘se dòchas am béul a tha ‘beathachadh air. Mar so thugadh gealladh do Abraham gu’m faigheadh e mac o Shàrah. Bha ‘n so foillseachadh air comas na diadhachd ann an neo-chomas na daonnachd, Marc x. 27, air cumhachd os cionn cumhachd nàduir ann an laigse a chréutair, Rom. iv. 19-22, ‘s e ‘bhi creidsinn an ni ‘tha foillsichte brigh a chreidimh spioradail. Le creidimh chreid Abraham cinnteachd a’ gheallaidh; agus le dòchas mheal se e. Bha e ‘na ni neo-fhaicsinneach, ‘na ni nach robh gu tachairt gu ceann chuig bliadhna fichead ‘na dhéigh sin, ach thug creidimh an gealladh a làthair agus bheathaich a dhòchas air. ‘N uair a fhuair Abraham a mhac Isaac ‘na uchd, cha d’ fhuair e ach a mhàin làn shealbh air an ni do’n do roimh bhlaís e. Mheal e nis le cinnteachd, da rircadh, agus ann an seilbh, an ni a bha aige roimhe ann an dùil agus ann an roimh ghlacadh. Mar so tha am fior dhòchas a’ beathachadh air nithibh a ta ‘lathair, ach air nithibh a ta ‘lathair a mhàin mar roimh bhlàs air nithibh a ta ri teachd. Tha e ‘beathachadh air Criosd, neach a’s e an ti céud-na an dé, an diugh, agus gu siorruidh, agus cha ‘n ‘eil e ‘g amharc air aghaidh ri aon slàinte eile seach an t-slàinte a tha e nis a’ mealtuinn, agus a’ roimh bhlàsadh. Na h-uile dòchas eile seach so cha ‘n eil annta ach bréug. Gach dòchas nach d’ fhuair roimh bhlàs air Dia, nach d’ fhuair foillseachadh air slàinte, nach d’ fhuair roimh bhlàs air trocair, nach d’ fhuair comharran air sonas sior ruidh, agus nach d’ fhuair earlais ‘s an taobh a stigh cha ‘n ‘eil ann ach mealladh agus an-dànas. Cha ‘n ‘eil anns an togail, an uair is e aineolas a tha ‘cladhach na steidhe, ‘s féin uaill a’ togail a’ bhalla, ‘s cealgaireachd ga còmhdaich thairis le criadh gun oib-reachadh ach didein bréige a sguabas a’ chlach mheallain air falbh, agus air an d’ thig an t-uisege thairis.

Mar so tha dòchas a’ cur a mach a bhlàth agus a’ fosgladh a’ bhàrr-guc nèamhaidh a tha ‘mhàin a’ fàs ann an gleann Achoir—gleann nan trioblaidean—Hosea ii. 15; Iosuah vii. 26, aimsir nach bi gu bràth air a dì-chuimhneachadh. ‘S maith is cuimhne leam an t-àite—gàradh beag folaichte le togalaichean, agus a’ cur thairis le drisean, far an d’ fhosgail am blàth so air tùs ann am anam. Ach cha b’ urrainn na togalaichean fholach, no an eidheann sgàil’ a chur air, no an fhuarrachd a chumail dùinte. Ach dh’ fhosgail am blàth agus bhris am bàrr-guc a mach, agus aig an dearbh mhionaid sin sheall an t-stùl suas, agus thuirt am béul, “Co th’ agam anns na neamhan shuas ach thusa, agus cha ‘n ‘eil aon air thalamh air a bheil mo dhéigh ach thusa.”

Nan ceadaicheadh ùine dh’ fhaodainn a chur an céill cionnas a tha blàth na h-uile gràs ga sgaoileadh féin a mach ann an earrach an anama anns an rathad chéudna. ‘S gann a tha do neart ann an gràdh ‘s a’ bhlàth na dhìonas a bheatha o naimhdeas na h-inntinn fheòlthor a tha air a bhrosnachadh suas le teachd a steach an Lagha. Coltach ri failllean maoth, tha e ‘g amharc mar gu’m biodh e dol a shearg air falbh agus a bhàsachadh; ach tha gràdh anns a’ bhàrr-guc trèun agus làidir. Cha ‘n ‘eil an gràdh anns a’ bhlàth r’a fhaicinn, no follaiseach mar ghràdh; agus cha ‘n urrainn neach maise a’ bhàrr-guc a thugisinn o’n bhlàth gus am bris e ‘mach. Ach bidh gràdh anns a’ bhàrr-guc air ball air aithneachadh mar ghràdh. Coltach r’a Ughdar Diadhaidh, cha ‘n urrainn e ‘bhi air a chumail am folach, Marc vii. 24, ach bidh e follaiseach agus air a léughadh leis na h’uile dhaoibh.

Mar so tha doilgheas diadhaidh, ‘n uair nach ‘eil e fathasach ach anns a’ bhlàth agus air fhilleadh suas ann an aithreachas laghail maille ris na doilgheasan a dh’ oibriceas bàs, duilich fhaicinn. Tha e ‘crùbadh fuidh ‘n duilleach, ‘am folach, agus an cleith. Ach tha a’ ghrian ag amharc air, Dan. i. 6, agus tha esan an sin a’ sealltuinn air-san a lot e, agus a’ deanamh bròin air a shon mar bhròn air son céud-ghin.

Tha eagal diadhaidh a ris anns a’ bhlàth air a dhorchadadh agus air a chleith leis an eagal thràilleil a tha ga phianadh. Tha an t-eagal tràilleil cho làidir ‘s gu bheil e ‘bacadh an eagail mhacail. Tha dorchadas agus aiteachd, neòil ghruamach agus iarmailt bhagarrach a’ beathachadh a’ chéud aoin, an uair a tha iad a’ bacadh, agus a’ fuarachadh an aoin eile. Ach do bhrigh gur h-i beatha an dara aoin b’as an aoin eile, tha ‘n t-eagal diadhaidh an uair a ta e ‘briseadh a mach fo bharr-guc, gu luath a’ dol os cionn an eagail thràilleil. ‘N uair a rinn Abraham cuirm air son a mhic Isaac thionndaidh e Ismael a mach air a dhorus. An gràdh a tha tilg-eadh a mach an eagail phiantail is e dearbh bheatha an eagail spioradail a tha ‘na thobar beatha gu dol as o llontaibh a bhais.

‘S i ùrnuigh aon eile do ghràsan an Spioraid a tha ‘fòsgladh a blàth ann an earrach so an anama. Chaidh an gràs so a steach do’n anam maille ris a’ chéud sholus spioradail a shoillsich ann “Feuch tha e ri ùrnuigh,” Gniomh. ix. 11, an céud chomharra a bha air ath-ghineamhuinn Shaul. Gus a so bha ‘iompachadh a’ co-sheasamh ann an ro bheagan eile ach eìgheach agus osnaich. A bhi ‘teachd ‘am fagusg do Dhia ‘s a bhi ‘mealtuinn a lâthair-eachd, mothachadh air a cho-chomunn, comhradh naomha, moladh agus beannachadh, agus mar an céudna faireachduinnean air dlùthas do Dhia, ‘s gann a b’ aithne dha eadhoin a h-aon diubh. Roimhe sin bha ‘ùrnuigh air a tarruing a mach le uamhas ‘s cha b’ ann le gràdh. Bu choltaiche ùrnuigh roimhe so ri caoidh an fhir a bha fo bhinn bàis, ri eìgheach an lobhair, ri osnaich an an-dòchasach, ri ospagail bhriste an fheadhain a bhios ga’m b’àthadh no a’ bàs-achadh na ri sruth mìn, ciùin, sòileimte agus seimh dlùthais agus fagusgachd do Dhia. Tha dà sheòrs’ ùrnuigh spioradail ann—ùrnuigh fuidh chionta agus ùrnuigh fuidh thròcair; ùrnuigh a’ chridhe air a chlaoichd agus ùrnuigh a’ chridhe ‘cur thairis: ùrnuigh fhad air falbh agus ùrnuigh ‘am fagusg; ùrnuigh eir a bacadh le osnaidhean, le acainean ‘s le lasaichean do shamhchair, ‘s le eas-òrdugh muladach, coltach ri aimhnichean nam beann a’ ruith am measg chreag ‘us chlach agus ùrnuigh a tha sruthadh gu seimh ‘s gu ciùin a steach do uchd Dhé, mar a tha aimhnichean nan gleann a’ sioladh a steach do dhoimhneachd a’ chuain.

‘Nis fad na cuid mu dheireadh do earrach an anama, tha na huile nithe a bhuneas do chreidimh spioradail làn do mhilleachd. Tha focal Dé mar a’ mhil agus mar a’ chir-mheala, cuideachd cloinne Dhé ro iarratach leis, òrduighean a thighe air am miann-achadh gu mòr, agus tha teachdaireachd a mhinisteirean air a gabhail gu taitneach. Cha mhòr nach toir gach searmoin beannachd, gach ùrnuigh ùrachadh, agus gach caibdeal seòladh ‘us comhfhurtachd. Mar so tha an t-anam a’ fàs suas coltach ri laogh biadhta. Bhlais e gu bheil an Tighearna gràsmhor, agus tha e ‘beathachadh air bainne fiorghlan an fhocail agus a’ fàs leis.—1 Pead. ii. 2, 3.

A nis anns a’ mhisnich so tha an dara pairt do’n earrach a’ teachd air aghaidh, eadhoin samhradh an anma. Tha a nis “am blàth iomlan, agus tha am fion-dhearc anabuich ag abachadh anns a’ bhàrr-guc;” cha ‘n e gu bheil an toradh fathast abuich mar a bhios e anns an fhoghar’, ach tha am blàth ag abachadh agus bidh am bàrr-guc làn abuich anns an t-samhradh. Tha “am blàth iomlan” an uair a tha e uile air sgaoileadh as a chéile. ‘S e abachadh nam fion-dhearc anns a’ bhàrr-guc abachadh a’ bhàrr-guc a tha ‘cumail nan dearcan, cha ‘n e abachadh an toraidh an déigh do’n bhàrr-guc tuiteam; oir cha ‘n urrainn an toradh a bhi tarbhach mar a bi am blàth iomlan, ach tuitidh e dheth maille ris a’ bhàrr-guc, mar a thilgeas craobh-fhige a figean anabuich.—Taisb. vi. 13. Tha nis a shamhradh aig an anam, agus tha blàth an dòchais ga sgaoileadh féin a mach gu àirde, creidimh anns an fhailllean a’ teachd foidh’ làn bhlàth, gradh anns an duilleig uaine ag abachadh gu gràdh anns a’ bhàrr-guc. Anns na làithibh briagha samhraidh so tha a’ mhòr chuid do’n iarmalt soilleir, gun neòil. Tha sìth Dhé a’ gleidheadh a’ chridhe agus na h-intinn—an dara h-aon o iodhalaibh, ‘s an t-aon eile o throimhe chéile. Tha nèamh ag amharc aig làimh, agus slorruidheadh fagus, bàs fuidh na casaibh, agus ifrinn as an t-sealladh. Dhàsan a tha ‘siubhal ‘na leithid sud do slighe shona tha toil-intinnean agus cùram an t-saoghail, nithibh laghail tìom, na nithibh dìomhain air am bheil an duine feòlmhor ‘an tòir, gnothaichean na bùth ‘s na machair, aidmheil fhalamh mhiltean, foirm agus iomairt creidimh feòlmhor, tha iad so uile ‘na shealladh ni’s eutruime na dìomhanas. Tha e air ath-nuadachadh ann na intinn, agus mar so, air dhà bhi, ann an tomhas anmhunn air a cho-chumadh ri iomhaidh Chriosd, tha e ‘faicinn nithibh ann an tomhas àraidh mar a tha an Tigheana e féin gam faicinn; oir “tha intinn Chriosd aige,” 1 Cor. ii. 16, agus tha e a’ “faicinn solus ann an solus Dhé.”—Salm xxxvi. 9. Mar so tha am peacadh a’ fàs fuathach leis, an intinn fheòlmhor a’ fàs ‘na h-eallach dhà, an talamh ‘na ionad-còmhnuidh truagh leis, agus tha ‘anam a’ glaodhach, “’S truagh nach robh agam sgiathan colmain! ‘an sin thaichinn air falbh agus bhithinn aig fois.”

Cò nis a shaoileadh nach ‘eil an t-anam sona so dlùth do néamh, ‘nuair a tha e ‘g amharc mar gu’m biodh e air a dhearbh chriochan? Ach faodaidh e dol dlùth dha ‘s gun dol a steach ann; mar a bha clann Israel glé dhlùth do thir Chanaain dà fhichead bliadhna mu’n d’ fnuair iad a steach innte. Bha iad dà fhichead bliadhna sgith, seachranach anns an fhàsach, ‘an déigh dhoibh campachadh ann an Cades (Aireomh xiii. 26) a bha ann an iomall Edoim, agus dlùth air fearann a gheallaidh.

Tha leasana ‘an so ri’m fòghlum nach aithne do’n anam ‘san àm a ta làthair ach ro bheag mu’n timchioll, ma’s aithne dha nì sam bith. Tha cleachdadh a dh’ fheumas e dol troimhe air nach do bhruadair e ach ro bheagan; slighe gu bhi ‘coiseachd oirre air nach d’ fhuair e fathast ach ro bheagan eòlais. Cha’n ‘eil fòghar’ ann an roghachd nan gràs a’ leantuiinn samhraidh mar ann an roghachd nàduir. “Roimh an fhogharadh” tha aimsir eile a’ tighin. Tha eadhoin geamhradh fuar, dùltaidh, gruamach, a’ tighin eatorra, agus leis a’ gheamhradh tha corran-sgathaidh an tuathanach nèamhaidh a’ teachd a ghlanadh na fionain “chum ‘s gu’n giùlain i tuilleadh toraidh.” “Oir roimh an fhogharadh, an uair a bhitheas am blàth iomlan, agus a bhitheas am fion-dhearc an-abuich a’ tilgeadh a bhlàtha; gearraidh e dheth na meòir le corranaiabh-sgathaidh, agus na géugaibh bheir e air falbh, agus gearraidh e slos.”

Ach c’ar son a tha an aimsir gheamhraichd so feumail? Ciod am feum a tha air an leithidean sud do fhiosraichean géura agus cràit-each? C’ar son nach do ghabh an t-anam air aghaidh mar a thòis-ich e? C’ar son nach deachaidh e air adhart o neart gu neart, agus nach do mhèudaich a chreidimh agus a dhòchas agus a ghràdh, gus am biodh “a shith mar amhainn, agus fhireantachd mar thonnan na fairge?” Tha da rìreadh gu leòir do luchd-teagaisg aguinn a dh’ inneas duinn, cha’n e idir gur ann mar sud bu chòir a’ chuis a bhith, ach gur ann mar sud gun cheist a ta i. Cha’n ‘eil easbhuidh luchd-deilbh rathaidean-iaruinn oirnn a ghearras a mach slighe gu nèamh—far nach ruig sinn leas beinn àrd a dhireadh, no dail ìosal a thearnadh, seadh gun an uchdach a’s lugha. ‘S cha mhò a tha easbhuidh dhealbhairean oirnn a thairngneas dealbh maiseach air aghaidh tire le nèamh féin aig a’ chrìch, cho furasda ‘s a chuir Martin caochladh gach dath air a luchairtean dealrach Eiphteach. Ach cha dean a leithid do luchd-turais ‘s a shuidheas ri taobh teine, no leithid do mharaichean ‘s a shuidheas ri oisein simealair, no clachairean a thogas caisteil anns na nebìl, ciod air bith cho snasaill ‘s a dh’ inneas iad mu’n dara h-aon, no ‘chuireas iad an céill mu mhaise luchairtean an aoin eile, an gnothach do’n fhìor fhear-turais. ‘S e dh’ fhéumas esan mar fhear-iùil aon a choisich an t-slighe e féin: agus esan a thogas air son siorruidheachd, cha’n fhuileir leis clachair a’s urrainn stèidh dhiongmhalta a leagail, agus a ris a chuireas gach clach ‘s an àite cheart. Fàgaidh sinn a nis an luchd-seallaichd so ‘n am beachdan féin, agus ‘an àite labhairt air nithibh mar bu chòir dhoibh a bhi, feuchaidh sinn ri labhairt mu nithibh mar a tha iad; oir a bhi ‘sior innse dhuinn cia mar bu ehòir dhuinn a bhi, cha’n ‘eil ann ach a bhi ‘g iarraidh oirnn uisge a tharruing le bucaid a tha toll air a mäs; agus tha mise cinnteach nach càirich saor-thoil an toll gu bràth.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

Dec 17
17 Dec - 21 Dec

Communion: Bulawayo

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Near the kingdom of God – its advantages and dangers 13 Sep 2026
  • Who are in the kingdom of God? 13 Sep 2026
  • The Wise Men and the Star they Followed 8 Nov 2026
  • The Life and Death of a Wicked Man 8 Nov 2026
  • A powerful salvation 30 Aug 2026
  • A good foundation is neccessary 30 Aug 2026
  • Safety, in spite of a flood 23 Aug 2026
  • Hearing and doing Christ’s sayings 23 Aug 2026
  • God’s words show the safe way through life, and Job esteemed them greatly 16 Aug 2026
  • Job speaks of God’s words 16 Aug 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice