NUAIR a shuidhich na h-atraichean diadhaidh, aig cost na h-uile ni bha aca anns an t-saoghal, agus aig cost fuil an cridhe, bunaitean eaglais Chriosd ann an Alba thug iad an ro-airte gum biodh na h-uile ni air a dheanamh a reir focal na firinn. Ghabh iad focal Dhe na ‘n laimh, agus thilg iad bun-osceann na h-uile cleachdadh, ann an aoradh no an riaghladh, nach seasadh fa chomhair riaghlaitl an fhocail sin. Dhaighnich iad nach be Pap na Roimh, na righ aimsireil sam bith a bha na cheann do’n eaglais ach an Tighearna Iosa Chriosd. Gum b’ann do reir fhocail-san a dh’fheumadh i bhi air a riaghladh anns na h-uile ni Dhiult iad eisdeachd ri puinc sam bith nach robh bonntaichte air focal Dhe gu e bhi ceangailte air an cogais fein, no air cogais neach eile. Chaidh iad ann an comb-bhoinn gun dionadh iad an t-saorsa so ge’d chailleadh iad am maoin agus am beatha ris. Cha b’ann ri de thubhairt an eaglais, na de tha i ‘g radh bha iad ag amharc, ach ri de thubhairt an Tighearna. Rannsaich iad ciod a bu choir do’n duine chreidsinn a thaobh Dhe, agus an dleasdanas a tha Dia ‘g iarruidh air an duine. Thuair iad anns an fhirinn da chumhnant—cumhnant na’n gniomh, agus cumhnant na’n gràs—agus gun robh na h-uile de shliocht Adhamh na’m peachaich chailte air an t-slighe gu ifirinn a bhrion shiorruidh thaobh am brisidh air cumhnant na’n gniomh; ach gun robh tearnadh dhoibh so, do’n mheud dhiubh a chreideadh ann an Criosd, ceann, urras, agus eadar mheadhonair cumhainte na’n gràs. Thuig iad gum b’ann tre irioslachadh, umhlachd, agus bàs Chriosd a bha maithneas peacaidh, agus gum b’ann leis an Spiorad Naomh tre fhocal na firinn a bha creidimh, aithreachas, dochas, gradh . . . air am planntachadh ann an anam an duine tre robh e air a philltinn gu Dia. Chuir iad na teagasgan a fhuair iad anns an fhirinn sios ann an ordugh ann an “Leabhar Aidmheil a Chreidimh.” Fhad sa ghleidh an eaglais na teagasgan so, agus a chuir a teachdairean an ceill iad do’n t-sluagh, bha an Tighearna a beannachadh a saothair ann a bhi ‘g iompachadh pheacach, agus ann a bhi cumail rian air muinntir neo-iompachte. Ach ri uine thoisich bàs air tighinn a steach gu mor air an eaglais air chor ‘s gun do thoisich ministearan ri theagasg do’n t-sluagh gur ann tre an oibre fein a bhiadh iad air an tearnadh. Mu’n am so (1700) dheirich beagan do dhaoinne urramach anns an eaglais mar bha Tomas Boston, Ralph agus Ebeneser Erskin, agus beagan eile a thoisich ris na teagasgan a tha ann an “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” a chur an ceill gu díleas do’n t-sluagh. Thog so comb-strith anns an eaglais. Chaidh a thoirt air aghaidh anns an Ard-sheannad agus a dhteathadh, agus anns a bhliadhna 1734 dhealaich na h-Erskines ris an eaglais. Chum iadsan na teagasgan, agus na bunaitean aig eaglais na h-Alba gus a bhliadhua 1804. Anns a bhliadhua sin rinn iad creud na h-eaglaise sin atharachadh gu bhi calg-dhireach an aghaidh an ni tha “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” a teagasg ; oir rinn iad i na h-eaglais Voluntary thaobh a bunaitean, agus Armenian a thaobh a teagasgan. Bha a bhuidhean eile a tha deanamh suas na h-eaglais U.P. ‘se sin an (Relief Church) air tuiteam air falbh uine roimhe so a dhuinnsaidh na’n teagasgan, agus na’n bunaitean ceudna. Bha buidheann an deigh buidhne ag eiridh anns an eaglais shuidhichte gu bhi cur an aghaidh a bhais fo’n robh i na luidhe. Dh’fheuch iad le’n uile neart gu faotuinn air ais a dhuinnsaidh na’m bunaitean agus na’n teagasgan a bha ann an “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” agus a bhoidich iad a theagasg, a dhion, agus a chumail suas ach bha cuirtean lagha na rioghachd, agus ministirean gun gràs tuilleadh as cumhachdach a cur na’n aghaidh. Thainig iad a mach as an eaglais steidhichte anns a bhlriadhna 1843. B’ann gu bhi daingnachadh corichean Chriosd air a bhi riaghladh na eaglais fein le fhocal a bha an dealachadh. Cha robh fianuis air a togail ann an cuirtean na h-eaglais sin bho’n là sin air son na puince so. Chaidh an Eaglais Shaor air a h-aghaidh air son beagan bhlriadhnachan a cumail fa chomhair an t-saoghail na bunaitean agus na teagasgan air son an do dhealaich i ris an stait, agus airson an d’fhuiling call na’n uile nithean Ann a bhlriadna 1863 thoisicheadh ann an Ard-sheanadh na h-Eaglaise Saoire air gluasad a dheanamh chum aonadh ris an eaglais U.P. Mar a dheanmaich sinn bha creud na h-eaglaise so a thaobh an da bhuidhne gam bheil i air a deanamh suas, air a tionndadh gu bhi calg-dhireach an aghaidh creud Eaglais na h-Alba, ‘us mar sin calg-dhireach an aghaidh focal na firinn air an robh a creud air a bonntachadh. Ach am bheil an Eaglais Shaor, an ceann fichead bliadhna, a dol a thilgeadh air falbh a creud fein agus an fhirinn comhla ? Chi sinn gur ann mar sin a bha a chuis. Thoishich a nis stri araoon ann am measg an t-sluaigh, agus am measg an luchd-teagasg. Bha cuid do’n luchd-teagasg eodhain anns a Ghailteachd leis an aonadh so ; ach bha na daoine bu mho aig an robh do ghabhail a stigh air cho fhad ‘s a bha na teagasgan agus na bunaitean aig an Eaglais U.P. bho’n fhirinn a cur rompa gum briseadh iad comh-chomunn ris na daoine bha air son aonaidh mu’n leigeadh iad le cuisean tuiteam cho iosal. Thug iad deich bliadhna anns an stri so. Annas a bhlriadhna 1873 chaidh stad dhe’n stri bha so gu follaiseach. Thoishich an Eaglais Shaor an ath-bhlriadhna air dith-steidheachadh na h-eaglais shuidhichte ni air an do chum i a h-aghaidh gus an là ‘n diugh. Annas a bhlriadhna 1879 rinn an eaglais U.P. Achd-minichidh air an doigh ‘s an robh i gabhail teagasgan agus bunaitean “Leabhar Aidmheil a Chreidimh.” Thoishich aig a cheart am moran de mhinitirean agus de phroffessoran na h-eaglaise saoire air glaothach airson athrachadh air na boidean leis an robh iad air an ceangeal gu teagasgan “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” a theagasg, a dhion agus a chumail suas. Bha iad a fas na bu daine bho bhliadhna gu bliadhna. Bha teagasgan calg-dhireach an aghaidh focal Dhe air an sgaoladh anns na tighean-foghlim, agus ann an leabhrachan a bha na daoine sin a sgiobhadh. Lionadh an eaglais do dhaoine bha creidsinn, agus a teagasg nam beachdan ùra sin. Chuir iad, mu dheireadh, air leth buidheann, anns an robh cuid de’n a bha aig an am sin a seasamh na’n aghaidh, chum amharc a stigh anns a phuinc, agus a chum a dheanamh aithnichte cia mar a bha an eaglais a gabhail ri “Leabhar Aidmheil a Chreidimh.” Anns a bhliadhna 1891 thug iad an t-Achd-minichidh air beulaobh an Ard-Sheanaidh, agus chaidh a chuir sios a chum na’n cleirean gu e bhi air a dheanamh na lagh anns an eaglais. Thainig an t-Achd so suas bho na chleirean agus iad gle aon-ghuthach air a shon, agus rinn iad e na phairt de lagh na h-eaglaise anns a bhliadhna 1892. Chuir cuid protest a stigh na aghaidh; ach aig an ath Ard-sheanradh dhfheum iad na h-uile protest a sgiobadh bhar leabhrachan na’n seisinn, agus na’n cleirean. Nuair a chunnaic an t-urr. Maighstir Domhnull Macfarlane sin chuir e stigh protest air a shon fein agus airson a mheud ‘s a leanadh e, Nach robh iad a dol a bhi fo na teagasgan mearachdach a bha air an cur sios anns an Achd ud, agus gu’n robh iad a cumail ri “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” agus ri focal Dhe mar an riaghaitl aoraidh, mar a bha sin aig an Eaglais Shaoir anns a bhliadhna 1843. Thug sinn leinn na h-uile pinne, cord, agus post a bhuiineadh do eaglais an Ath-leasachaidh ann an Alba. Aig an am cheudna dhuin sinn a mach as an Eaglais Chleireil Shaoir na h-uile ni ùr a thainig a stigh, mar tha laoidhean neo-dheachdaichte agus innealan ciuil as an aoradh fhollaiseach, no mar tha puincean cudthromach teagaisg agus a tha buntainn ri bunnaitean na h-eaglais a bhi na’n ceistean fosgailte, agus gu h-araidh an t-Achd-minichaidh leis na h-uile plaigh teagaisg a tha air an cur sios ann. Gabhaidh sinn beagan beachd air an ath-mhios air pairt de na teagasgan a tha anns an Achd through sin, agus am feum a tha nis air a dheanamh dheth comh-cheangailte ris an aonadh. Aig an am so cha cheadaich nithean eile dhuinn an tuilleadh a radh. Gun robh an Tighearn a togail an tighe, agus a gleidheadh a bhaile ann nar measg mar eaglais, agus gum fosgladh e suilean an t-sluagh gu bhi teicheadh bho na teagasgan a tha ‘n aghaidh focal Dhe.—N. C.