LE DUNACHADH CAMERON, AVIEMORE.
THA mi fathasd ‘san fhasaich
‘Si fas cianail dhomh gach latha
‘S thu tasgaiddh do chuid aileaganan
‘San aitean dhornh bhi falamh.
Thug thu Uilleam is Daibhidh
Air an raidh so thagainn
A null thair uisge Iordain
‘S goirt an leon dhuinn a bhos e.
Rinn thu n ungadh le grasan
Seagal gu latha’m bais orre gur e bh’ ann mealladh
S rinn sud cubhradh iad san fhasaich
‘S gun teagamh aig cach ann am fear dhiubh.
‘S nuair thigeadh a chodhail
Air oidhch orduicht ‘dhe’n ghealach
Bhiodh Ulleam na chleoca
Sna chocair gle mhilis.
Thuair thu spiorad bha falluidh
Gu bhi riaghladh nam freasdan
S fhuair thu spiorad bho’n Trionad
Gu bhi cuir fion anns na lotan.
Bhiodh tu ‘g aicheadh an ughdarais
Bho nach b’fhiu thu annad fein i
Bhiodh tu gaicheadh na h-urniugh
Bho nach b’ fhiu leat do chach i.
Ach nuair dheireadh tu nairde
Bhiodh an lathaireachd bho shuas ort
‘S bhiodh do chochomunn ris an Trionad
Gu falluidh na do bheuls’.
Is gheibheadh tu na lochdan
Bha air an lotadh gu h uaigneach
Anns na cuiltean bha diomhair
S bhiodh fion ann ‘ga thaomadh.
Bha thu do thaic do na cairdean
Anns gach ait gus na ghluais thu
‘S bhiodh tu ‘nad thaic do na braithrean
A bha fuidh thair aig an t-shluagh dhuth.
Bhiodh na pronnagan diomhair
Struthadh bho’d bheul dh’an fheumnach
‘S cha ruigeadh e leas dhuit innse
C’ait an robh innteireachuin eucaill.
Thuair thu spiorad na caomhulachd
Gu bhi ‘g altrom an fheumnaich
‘Sa chuireadh lus ann a anam
Le dearcan Chanaain.
Bha Satan an toir ort
Bhó’n chaill e coir ort bho t-oige
‘Se sealg air do chota gu reubadh
Mar a bha a bhean gorach air Joseph san Ephot.
Thuair thu spiorad na fianuis
Gu bhi dionadh na firrinn
‘S cha gheilleadh tu dha Haman
Ge do sgaineadh e le mi-run.
‘Stric a rinn thu dhuinn innse
Mu an tim so bha gorach
‘S gu’m bu mhoir do thruas ris an linn bha geiridh
‘Sna h ‘eiginnnean bha aca ri chomhlach.
Ach is eiginn bhi tosdach
‘Smo lotan a ghiulan
‘Smo chreuchdan do leaghas
A dheasbhuidh an ughar.
A tha n’as dluithe na caraid
‘S n’as faisge na brathair
Dheandh mo chreuchdan a leaghas
Nam faighinn a lathaireachd
Tha mi nise mar chrionach
‘Smar bhlianach san fhasaich
‘Smar chraobh ann an coille
Don stoirm air a fagail.
Ciod a their mi, na ni mi
‘Sco dha dhinseas mi ‘m eucaill
Cha’neil air an taobhsa d’an fhirrinn
A ni mo chreuchdan’s a shlanach.
Tha mi faisge air uisge Iordan
Air a bruachain gle chianail
Bho nach fhaic mi an Airce
Bheireadh gu Canaan mi Sabhailt.
O ! nach gibhtich thu ‘n creidimh
Dheanadh greim ort mar ‘m Fhearsaoraidh
‘S m’ eideadh le t’ fireantachd
Mus am bi mo lomnochd na nairs.
Tha do throcair dhomh ‘n comhnuidh
Air iomadh doigh nach gabh innse
Nach do thilg thu mach mi od throcair
Anns na gniomhara bha aingidh.
Bha do smachduichean trom orm
‘S iad ag eigeachd rium fathasd
Mi bhi piltinn bho’m’ ghoraich,
A dhionsuidh trocair lem’ anam.
Ach sguiridh mi nis’ mar thoisich mi
Lan bron agus mullad
Bho nach faic mi san fhasaich
An aghaidh bhla bha air Uilleam.
A gheibheadh a mach mo chuid leontan
Is mo bhrion a bhiadh folaicht
‘S bhiadh mo mhisneachd ag eiridh
Nuair bhiadh do bheulsa a labhairt.
B’ iongantach is bu diomhar
An rian a chuir Trianaid na gloir ort
Le iroslaichd dhiadhaidh
Na fhanuis an comhnuidh.
Beul bu bhinne is bu milse
Air gaol an Fhir-shàoraidh
Is uille shaorsainean tanam
Air a cheannsa ‘gan taomadh.