-
Gu bheil tobar ar mi-ghitùlain agus ar peacaidh an aghaidh Dhé, anns a’ chridhe, a ta gabhail a steach na h-intinn, na toile, nan aignidhean, agus uile bhuadhaibh an anama, mar a tha iad air an truailleadh agus air an salachadh leis a’ pheacadh ghìn ; air bhi do ‘n intinn, cha ‘n e mhàin bhi aineolach agus neo-chomasach air gabhail ri firinn shlàinteil ach mar an ceudna làn do mhearachd agus do naimhdeas an aghaidh Dhé, agus air do ‘n toil agus do na h-aignidhibh a bhi rag agus easùmhal do uile chomhairl’ an Tighearna, agus air an aomadh a mhàin chum an ni sin a ta olc : (a deir e) Tha an cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus do-leigheis ; seadh, agus co do-rannsuicht’ ann an aingidheachd, is nach comasach do dhuine ‘s am bith a thuigsinn ; agus Gen. vi. 5, “Tha uile bhreithneachadh smuaintean cridhe an duine a mhàin olc gach aon là.” Deir an Tighearna d’ an fheudar dhuinne creideas a thoirt d’ a theisteas ‘s a’ chùis so, agus anns gach cùis eile ; agus feudaidh ar fiosrachadh féin a theagasg dhuinn, gus an toir Dia oirnn sinn féin àicheadh, nach seall sinn gu bràth ri Dia ann an ni ‘s am bith, ach gu bheil ceud-thoiseach ar n-uile ghnìomhara air an stiùradh le féin-ghliocas feòlmhor a mhàin.
-
Gu bheil an Tighearn a’ toirt ar peacaidh gin, no ar tograidh aingidh, le uile thoradh nan gnìomhara sin, gu cunntas an làthair caithir a bhreithneanais ; “Is esan a sgrùdas na h-àirnean agus na cridheachan ; agus a bheir do gach aon do réir a shlighean agus do réir toraidh a ghnìomhara.”
Mar so feudaiddh duine mothachadh fhaotainn air peacadh leis an lagh.
II.—A chum mothachadh thabhairt do neach air fireantachd leis an lagh, faic Gal. iii. 10.
“Oir mheud’ s a ta do oibríbh an lagha, tha iad fuidh ’n mhallachadh : oir a ta e sgríobhta, is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgríobhta ann an leabhar an lagha chum an déanamh,” Gal. iii. 10.
An so tha ’n t-Abtol a’ teagasg thrì nithe dhuinn :
-
Gu bheil e neo-chomasach do dhuiine sam bith a bhi air ’fhíreanachadh leis an lagh, do bhrìgh a thruailidheachd nàdurra, gu bheil so co cinnteach ’s ge b’ e air bith a dh’iarras a bhi air ’fhíreanachadh le oibríbh an lagha, gu bheil e fuidh fheirg Dhé air son brisdh an lagha ; oir a deir e, “A mheud ’s a ta do oibríbh ann lagha, tha iad fuidh ’n mhallachadh.”
-
A chum an lagh a choimhlionadh gu h-iomlan, cha leòir a h aon no dhà do na h-àitheantaibh a choimhead, no (na ’m bu chomasach e) na h-uile dleasdanas, a dheanamh car tamuill ; oir tha ’n lagh ag iarruidh, gu ’m buanaicheadh duine anns na h-uile nithibh a ta sgríobhta ann, chum an déanamh.
-
Do bhrìgh nach comasach do dhuiine sam bith teachd chum na h-iomlanachd so, a ta gach duine do thaobh nàduir fuidh ’n mhallachadh ; oir a deir an lagh, “Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgríobhta ann an leabhar an lagha chum an déanamh.”
Uaithe so reusonaicheadh gach duine ris féin, mar so, “Ge b’ e air bith neach, do réir co-cheangal nan gnìomh a ta fuidh mhallachadh Dhé, air son briseadh an lagha, uairbh agus dòighibh gun àireamh, cha chomasach dha bhi air ’fhíreanachadh, no fireantachd fhaotainn le oibríbh an lagha.
“Ach mise (feudaiddh gach neach a ràdh), do réir co-cheangail nan gnìomh, tha mi fuidh fheirg Dhé, air son brisdh an lagha, air amaibh agus air dòighibh gun àireamh.
“Uime sin cha chomasach dhomhsa bhi air m’ fhíreanachadh, no fireantachd a bhi agam, le oibríbh an lagha.”
Mar so feudaiddh neach dearbh-chinnt’ a bhi aige mu ’fhíreantachd féin, nach ’eil i r’ a faotainn le ’oibríbh féin, no leis an lagh.
III.—A chum mothachadh no dearbh-chinnt’ a thoirt do neach mu bheitheanas leis an lagh ; faic 2 Tes. i. 7-10. “Foillsichear an Tighearn Iosa o nèamh, maillle r’ a aingliph cumhachdach, ann an teine lasarra a’ déanamh dìoghaltais air an droing aig nach eòlas air Dia, agus nach ’eil ùmhal do shoiseul ar Tighearna Iosa Criosd ; Muintir air an déanar peanas le sgrios siorruidh o làthair an Tighearna, agus o ghloir a chumhachd ; Nuair a thig e gu bhi air a ghlobrachadh ‘n a naomhaibh, agus chum gu ‘n déanar iongantach e annta san uile a ta creidsinn.”
An so, tha e air a theagasg dhuinn gu ‘n tig ar Tighearn Iosa Chriosd, a ta nis a’ tairgseadh bhi ‘n a Eadar-mheadhonair air an son-sa tha creidsinn ann, aig an latha dheireannach, air a sgeudachadh le lasraichibh teine, a thoirt breth-dhitidh, agus a sgrios gach uile neach nach do chreid ann an Dia, agus nach do ghabh ri tairgse nan gràs leis an t-soisgeul, no nach d’ thug ùmhlachd d’ a theagasg : ach a tha buanachadh ‘n an staid nàduir, fuidh cho-cheangal nan gniomh.
A chum mothachadh a thoirt do neach mu pheacadh, mu fhireantachd, agus mu breitheanas leis an t-soisgeul, no co-cheangal nan gràs ; ‘s éigin da trì nithibh a thuigsinn, 1. Gu bheil ana-creidimh ann an Iosa Chriosd, no bhi diùltadh co-cheangail nan gràs a ta air a thairgse ann-san, ‘n a pheacadh eile tha an aghaidh an lagha ; do bhrigh air do luchd-éisdeachd an t-soisgeil gun bhi creidsinn ann an Chriosd, gu bheil iad a’ cur cùl ri tròcair Dhé ann an Chriosd, an aon slighe gu saorsa o pheacadh agus o fheirg, agus nach géill iad gu bhi air an déanamh réidh ri Dia. 2. A ris, ‘s fheudar dha thuigsinn gu bheil lân-mhaitheanas peacaidh, agus fior fhireantachd, r’ am faotainn a mhàin le creidimh ann an Iosa Chriosd, do bhrigh nach ‘eil Dia ag iarruidh cumha ‘s am bith eile ach creidimh ; agus gu bheil e toirt teisteis o nèamh, gu bheil e lân thoileach peacach fhireantachd air a’ chumha so. 3. ‘S fheudar dha thuigsinn, air gabhail da ri fireantachd tre chreidimh, gu ‘n lean breitheanas air an aon làimh a chum oibre an diabhuil a sgrios anns a’ chreidimheach, agus gu obair na naombachd a choimhlonadh le neart : Agus le bhi diùltadh fireantachd a gabhail tre chreidimh ann an Iosa Chriosd, gu ‘n lean breitheanas, air an làimh eile, chum an t-ana-creidmheach a dhteath, agus gu a sgrios maille ri Sàtan agus a luchd-muinntrir gu siorruidh.
A chum na crìche so, fòghnadh na Sgriobtuire a leanas a measg mhòran eile, gu meudachd peacaidh an ana-creidimh a leigeadh ris; No, chum meud a’ phheacaidh a ta ann an diùltadh tairgse co-cheangail nan gràs ann an Chriosd, a thairgseadh dhuinn. Faicibh tairgse nan gràs mar tha i air a dèanamh, Is. lv. 3. “Aomaibh ‘ur cluas, agus thigibh do m’ ionnsuidh-sa; (deir an Tighearna) éisdibh agus mairidh ‘ur n-anam beò, agus ni mi co-cheangal siorruidh ribh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.” S e sin ma chreideas sibhse, agus gu ‘m bi sibh réidh rium, bheir mi le ‘m cho cheangal, Criosd dhuibh, agus maille ris-sa, gach uile ghràs slàinteil: tha so air ‘aithris a ris, Gníomh. xiii. 34. A ris, thoir fainear, gu bheil an tairgse choitichionn so, ann am brigh co-ionann ri tairgse shònruichte do gach neach fa leth; mar a tha soilleir o’n fheum a tha ‘n t-Abstol a dèanamh dheth, Gníomh. xvi. 31, “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus saorar thu féin agus do thigh.” Tha reuson na tairgse so air a thoirt seachad, Eoin, iii. 16, “Oir is ann mar sin a ghrádhaich Dia an saoghal, gu ‘n d’ thug e aon-ghin Mhic-féin, chum ‘s ge b’e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu ‘m bi a’ bheatha shlorruidh aige.” Air an aobhar sin, air do’n t-slàinte mhòr so bhi air a tairgseadh, anns an Tighearn Iosa Criosd, ge b’ e nach creid ann, ach aig am bheil dùil ri slàinte air dhòigh éigin eile, ciod tha e a’ dèanamh, ach “a’ leanmhuinn air diomhanaisibh breugach, agus a’ treigsinn a throcair féin,” a dh’ fheudadh e bhi aige ann an Criosd, Ionah, ii. 8, 9. Ciod eile tha e dèanamh, ach a’ toirt mòr thoibheum do Dhia ‘n a chridhe? mar a tha e air a ràdh, i Eoin v. 10, “An tì nach creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrigh nach do chreid e an fhianuis a rinn Dia mu thimchioll a Mhic. Agus is i so an fhianuis gu’n d’ thug Dia dhuinn beatha mhaireannach: agus tha a bheatha so ‘n a Mhac.” Agus tha Criosd e féin a’ toirt teisteis, nach ‘eil peacadh ‘s am bith an aghaidh an lagha, cosmhuil ris a’ phheacadh so, Eoin xv. 22, “Mur bithinn-se air teachd, agus air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a nis, cha ‘n ‘eil lethsgeul am peacadh aca.” Feudaidh so mothachadh a thoirt do dhuine, mu mheud a’ phheacadh so, chl a chur ri tairgse Criosd, no bhi gun chreidimh ann.
A chum mothachadh no dearbh-chinnt’ a thoirt do neach mu bheitheanas, ma ‘s e ‘s gu ‘n gabh e ris an fhreantachd so; Faic 1 Eoin iii. 8, “Is ann chum na criche so a dh’ thoillsicheadh Mac Dhé, chum gu ‘n sgriosadh e oibre an diabhuil.” Agus Eabh. ix. 14, “Cia mòr is mò nì fuil Criosd, a thug e féin suas tre ‘n Spiorad shìorruidh gun lochd do Dhia, bhur coguis-sa ghlanadh o oibrìbh marbha chum seirbhís a dhèanamh do ‘n Dia bheò?”
Ach mur gabh neach ris an fhreantachd so, tha a bhinn air a toirt a mach, Eoin iii. 18, “An tì nach creid, tha e air a dhìtheadh cheana, chionn nach do chreid e an ainm aoin-ghin Mhic Dhé. Agus is e so an dìteadh, gu ‘n d’ thàinig an solus do ‘n t-saoghail, agus gu ‘n do ghràdhaich daoine an dorchadas ni ‘s mò na ‘n solus.”
Uaith so reusonaicheadh an t-aitheachan leis an àill creidsinn, ris féin, air an dòigh so:
“An ni sin a dh’ fhòghnas chum dearbh-chinnt’ a thoirt do na bheil do dhaoinibh taght’ anns an t-saoghail, air meud a’ pheacaidh gun bhi creidsinn ann an Criosd, no ann an dìultadh teicheadh d’ a ionnsuidh chum tearnunn o pheacaibh air an dèanamh an aghaidh an lagha agus o ‘n fheirg a dhlighear air an son; agus an ni a dh’ fhòghnas chum dearbh-chinnt’ a thoirt dhoibh, gu bheil fireantachd agus beatha shìorruidh r’ am faotainn le creidimh ann an Criosd, no le aontachadh ri co-cheangal nan gràs ann-san; agus an ni a ‘s leòir gu cinnt’ a thoirt dhoibh gu ‘m bi bheitheanas air a chur an gnìomh le Criosd chum oibre an diabhuil a sgrios anns an duine, agus a shaoradh gach neach a chreideas ann, fòghnaidh sin chum mothachadh a thoirt dhomhsa mar an ceudna.”
“Ach an ni a thuirt an Spiorad, annta sin, agus ann an Sgriob-tuiribh eile cosmhuil riu, is leòir e chum dearbh-chinnt’ a thoirt do na daoinibh taght’ air a pheacadh a chaidh ainmeachadh, agus air fireantachd, agus bheitheanas.”
“Uime sin, an ni a thuirt an Spiorad annta sin, agus ‘n an leithidibh eile do Sgriobtuiribh, is leòir e chum dearbh-chinnt’ a thoirt dhomh-sa mar an ceudna.”
Uime sin thoireadh an t-aitheachan leis am miann creidsinn, briathra, agus abradh e o ‘chridhe ris an Tighearna, A chionn gu bheil thu féin ag radh, Iarraibh-se mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearn, iarraidh mi. Dh’ éisd mi ri tairgse a’ cho-cheangail shìorruidh mu thimchioll nan uile thròcaire slàinteil a tha r’ am faotainn ann an Criosd agus tha mi le m’ uile chridhe gabhail ris on tairgse. A Thighearna bitheadh e ‘n a ghnothuch déanta; a Thighearna tha mi creidsinn, cuidich thusa le m’ mhi-chreidimh. Feuch, tha mi ‘g am thoirt féin suas duit, gu seirbhís a dhèanamh dhuit, anns na h-uile nithibh gu bràth; agus tha mi ‘n dòchas, gu ‘n saor do dheas-làimh mi; comhlonaidh an Tighearna gach ni a bhuneas dhomh; Tha do thròcair a’ mairsinn gu bràth; na tréig obair do làmha féin.
Mar so feudaidh duine bhi air a dhèanamh ‘n a fhior-chreidmheach ann an Criosd.
A chum creidimh an neach sin a neartachadh, a dh’aontaich le co-cheangal nan gras. A chionn gu bheil iomadh fior-chreidmheach lag, agus gu tric ann an amharus, am bi iad gu bràth cinnteach mu fhallaineachd an creidimh féin, agus an gairm éifeachdaich, no air an dèanamh cinnteach mu am fireantachd agus an slàinte, ‘n uair a tha iad a’ faicinn, gu bheil mòran a ta ‘g aidmheil creidimh, ‘g am mealladh féin?—faiceamaid an dòigh air am feud gach creidmheach a bhi air a dhèanamh làidir anns a’ chreidimh, agus cinnteach mu a taghadh agus mu a shlàinte air bonn daingean, le baratas cinnteach agus dearbhta air fior-chreidimh. Chum na crìche so, a measg mhòran do Sgriobtuiribh eile, faic iad so a leanas.
Anns na briathraibh so, tha ‘n t-Abstol a’ teagasg dhuinn na ceithir nithe so, chum seòlaidh agus cuideachaichd, cionnus a dh’fheudas sin a bhi air a dhèanamh làidir anns a’ chreidimh;
(1) Gu bheil gach aon neach ‘n a fhor chreidmheach, a ta ann am mothachadh d’ a pheacadh féin, agus eagal roimh fheirg Dhé, a’ teichadh uatha araon, chum làn-fhuasgladh ann an Iosa Criosd a mhàin, mar an t-aon Eadar-mheadhonair agus mar fhear-saoraidhuil-fhoghainteach a chinne-dhaoinne: agus air teichadh dha dh’ionnsuidh Chriosd, a tha dèanamh sbàirn an aghaidh ‘fheòla féin, agus an aghaidh ana-miannaibh truaillidh a nàduir, agus ‘g a shuidheachadh féin air riaghailt Spioraid Dé a leanmhuinn, mar a tha i sin air a cur sìos ‘n a fhocal: Oir an neach a tha ‘n t-Abstol an so a’ beannachadh mar chreidmheach, is neach ann an Iosa Criosd e, neach nach gluais a réir na feòla, ach a réir an Spioraid.
(3) Ged tha ‘n t-Abstol féin (air a thabhairt a steach an so air sgàth eiseimplèir) agus gach fior chreidmheach eile ann an Criosd, do thaobh nàduir fuidh ‘n lagh, no fuidh cho-cheangal nan gnìomh (ris an goirear lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis a chionn gu bheil e ceangal peacaidh agus bàis oirne, gus an dèan Criosd saor sinn) gidheadh tha lagh Spioraid na beatha ann an Iosa Criosd, no co-cheangal nan gràs (a ghairmear mar so, a chionn gu bheil e a’ neartachadh agus a’ beothachadh neach chum beatha spioradaill tre Chriosd) a’ dèanamh an Abstoil agus na h-uile fior chreidmheach, saor o cho-cheangal nan gnìomh, no lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis; air chor ‘s gu ‘m feud gach duine ràdh maille ris, Rinn lagh Spiorad na beatha, no co-cheangal nan gràs, mise saor o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis, no co-cheangal nan gnìomh.
(4) Gur e an ceud bhunachar agus an tobar o ‘m bheil ar saorsa o mhallachadh an lagha a’ sruthadh, co-cheangal na saorsa air a dhèanamh eadar Dia an t-Athair, agus Dia am Mac, mar anns an fheòil far am bheil Criosd a’ gabhail air féin mallachd an lagha air son peacaidh, chum ‘s gu ‘m biodh an creidmheach do nach bu chomasach air chor ‘s am bith eile bhi air a theasairginn o cho-cheangal nan gnìomh, air a shaoradh uaithe. Agus tha ‘n t-Abstol a’ cumail a mach an teagaisg so anns na ceithir chinn so a leanas:
(1.) Gu’n robh e neo-chomasach do ‘n lagh, no do cho-cheangal nan gniomh, fireantachd agus beatha thabhairt do aon pheachach, a chionn gu ‘n robh e anmhunn. (2.) Nach ann aig an lagh no aig co-cheangal nan gniomh tha coire na h-anmhuinneachd so, ach aig an fheoil pheacaich, nach eil aon chuid comasach air peanas a’ pheacaide a dhìoladh, no ùmhlachd iomlan a thoirt do ‘n lagh (ged bhiodh gach uile pheacadh a chaidh seachad air a mhaith-eadh;) oir a deir e, Bha ‘n lagh anmhunn tre ‘n fheil. (3.) Gu bheil fireantachd agus slàinte nam peachach, a bha neo-chomasach bhi air an toirt mu ‘n cuairt leis an lagh, air an tabhairt chum crìch le Dia a’ cur a Mhic féin, Iosa Criosd, anns an fheòil, agus ‘n a fheòil-san tha peacadh air a dhiteadh, agus air a pheanasachadh chum dioladh a dhèanamh as leth nan daoine taghta, chum gu ‘m biodh iad air an leigeadh as saor. (4.) Agus a chum nach cailleadh an lagh ni air bith d’ a thaobh-san, do bhrigh gu bheil fireantachd an lagha air a coimhlionadh ni ‘s fearr air an dòigh so; An tús, gu d’ thug Criosd do ‘n lagh ann ar n-ainm, ùmhlachd iomlan anns na h-uile nithibh: a ris, gu ‘n do dhìol e ‘n ar n-ainm am peanas (bu dligheach do ‘n pheacadh) ‘n a bhàs féin: Agus fadheoidh gu ‘n d’oibrich e naomhachadh annainne a tha ‘n ar flor chreidmhich, a tha dèanamh sbàrn chum nuadh-ùmhlachd a thoirt do ‘n lagh; agus nach gluais a réir na feòla ach do réir an Spioraid.
Tuiteam na h=Eaglaise ann an Elba.
(Continued from page 278.)
(1) Chi sibh, le sealltuinn ris an Achd a bha air a chur ann an ar laimh air a mhios a chaidh, anns a chanain Gaelic, gur ann air “rùn grais na Diadhachd a thaobh na muintir a tha air an tearnadh, agus coimhlionaidh an rùin sin ann an tìm,” a thug iad lamh an toiseach. Tha na h-uile focal as coir dhuine a chreidsinn mu dheighinn na puinc chudthromaich sin air an cuir sios ann an sgriobturaibh an t-Seann Tìomnaidh agus an Tìomnaidh Nuaidh. Thug na Diadhairean ùrramach a chuir ri cheile Leabhar Aidmheil a Chreidimh an ro aire, nuair a sgriobh iad mun phuinc so gum biodh na h-uile beachd agus focal co-shinnte ri focal Dhé. Chan ann a reir focal Dhe a bha an t-Achd so air a dheanamh, ach a reir beachd na muintir a chuir ri ‘cheile e. Chunnaic sinn cheana gur ann a chum “cruaidh-chais agus teagamhan a thoirt as an rathad” a bha e air a dheanamh. Agus a nis chi sinn ciod e a cheud ni mu’n robh na “cruaidh-chais agus na teagamhan,” so air am fairchdinn leo. Is an a thaobh “gradh Dhé an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh do pheachaich de’n chinne-dhaoine” tha an t-Achd fein ag radh a rinn iad e. Tha iad eodhain ag radh gum bheil am beachd aca a tha iad “leis an d’urachd as mò a cur an ceill, mar a seasamh ann an clar aodainn taisbeanaidh nan gràs.” Tha sinn a tuigsinn leis a chainnt dhorda, “taisbeanaidh nan gràs,” focal Dhé. Am bheil Leabhar Aidmheil a Chreidimh neo-shoilleir air a phuinc so? Chan eil ; oir tha na h-uile puinc anns an leabhar sin air am bonntachadh air focal Dhé. Thug Dr. Rainy mínachadh air an Achd anns am bheil e a tgradh gum bheil an aon ghradh aig Dia do na h-uile neach don chinne-dhaoine. Tha e’g iarruidh gradh taghaidh Dhé a chur air an aon bhonn ris a bheachd ùr so. Tha e ro shoilleir bhon fhirinn agus bho Leabhar Aidmheil a Chreidimh gun do ghradhaich Dia cuid de’n chinne-dhaoine le gradh siorruidh, agus gun do thagh E ann an Criosd iad a chum na beatha mairann-aich roimh thoseach an t-saoghail ; gun do ghabh Criosd iad bho’n Athair, anns a ghradh cheudna, chum iad a bhi air an tearnadh leis, le E fein a ghabhail an aite fo’n lagh, agus bho fheirg agus bho mhallachd Dhé a thoill iadsan tre am peachdaidhean, agus le umhlachd agus le bhàs fein gum biodh lagh agus ceartas Dhé air an riarachadh na’n aite ; agus gum bheil an t-saorsa so a choisinn Criosd air son an t-sluagh thaghta air a cho-chur riu leis an Spiorad Naomh, leis a ghradh cheudna, ann an gairm eifeachdaich. Tha so a deanamh soilleir gum bi na h-uile airson an do bhasaich Criosd air an tearnadh. Ma ghradhaich Dia na h-uile air an aon doigh, mar tha an t-Achd truagh so a cur an ceill a reir mìneachaidh Dhr. Rainy, cha bhi na h-uile a ghradhaich E air an tearnadh ; oir chan urrainn iad a radh nach deachaidh moran de’n chinne-dhaoine a chall. Bhiodh a reir am beachdsan an aon ghradh aig Dia do Iudas, a chaidh a dhiunsuidh aite fein, agus a bha aige do Eoin a luidh air uchd Iosa, no do aon air bith eile de’n t-sluagh thaghta. Tha am beachd truagh so an aghaidh focal Dhé, agus an aghaidh beachd fallain. Is ann an aghaidh teagaisg an taghaidh a tha a phuinc so ; oir ma ghradhaich Dia na h-uile chan eil taghadh ann. Ach tha an fhirinn soilleir air a phuinc so ann an iomadh aite dhi. “Peadar abstol Iosa Criosd, chum nan coigreach, . . . a thaghadh a reir roimh-eolas Dhé an Athar.”—(I Peadar i. 1, 2.) A ris, “Oir an dream a roimh-athnich e, roimh-orduich e iad mar an ceudna chum a bhi comh-chosmhuil ri iomhaidh a Mhic, chum gu’m biodh esan ‘na cheud-ghin am measg mòrain bhrathrean. Agus an dream a roimh-orduich e, ghairm e iad mar an ceudna : agus an dream a ghairm e, dh’fhireanaich e mar an ceudna : agus an dream a dh’fhireanaich e, ghlorach e mar an ceudna.”—(Ro. viii. 29, 30.) Dh’fheudadh mòran carrannan do’n fhirinn bhi air an togail gu bhi dearbhachd cho-calg-dhireach ‘us a tha beachd an Achd so an aghaidh focal Dhé, ach chan eil aobhar air, oir chi na h-uile a tha leubhadh na firinn gu cùramach gum bheil i lan de theagasg an taghaidh.
(2) Tha puinc eile ag eiridh uaithe so. An do bhasaich Críosd air son nan uile? Tha e soilleir gum feum iad am beachd so a bhi aca comhla ri am beachd mearachdach air an taghadh; oir tha iad ag’ radh gum bheil an gràdh air am bheil iad a toirt cinnte “air fhoillseachadh, gu h-àraidh anns an Athair a thiolacadh a Mhic gu bhi na Fhear-saoraidh an t-saoghail.” A nise tha e sgrìobhte gun dean breitheamh na talamhuinn uile ceartas. Ma bhasaich Críosd airson nan uile, phaidh E le bhàs do cheartas Dhe na bha ceartas ag iarruidh bh’ uathasan airson an do bhasaich E. “Shaor Críosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha bhi air a dheanamh ‘na mhallachadh air arson: oir tha e sgrìobhta, is mallaichte gach aon a chrochar air crann.”—(Gal. iii. xiii.) Tha e ro shoilleir nach ann mun t-saoghal nile a tha an Spiorad Naomh a labhairt, ann an aite air bith dhe ‘n sgrìobhur, an uair a tha e togail fianns mu thoraidhean bais Críosd bhi air an caramh ris na peachaich, ach mun mhuinntir thaghte. “Ach lotadh e air son ar-peacadh-ne, bhruthadh e air son ar n-aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sith, agus le a chreuchd-aibhsan shlanuich-eadh sinne.”—(Isa. liii. 5.) Tha an slugh a bha an aingidheachd air a leagadh airsan air an slanachadh le a chreuchdan; ach tha e soilleir nach eil an cinne-daoine uile air an slanachadh leis an t-soisgeil, araon bho fhocal Dhe agus bho reusan. Ma dh’fhuiling Críosd an aite an dream a thug an t-Athair dha, a reir an sgrìobtur, chan urrainn e bhi gum fuilinn iad fein airson nan ceart pheacaidhean sinn ann an truaighe shiorruidh. Tha e na thoibheum smuainteachadh air an ni so.
(3) Tha iad ag ainmeachadh puinc eile tha iad a faicinn anns a gradh so, “Strì an an Spioraid Naoimh ri daoine chum an tabhairt gu aithreachas.” Chan eil aon fhocal anns an Achd so tre am bheil e air a dheanamh soilleir am bi no nach bi an “stri” so eifeachdach. Tha e soilleir gur ann tre ‘n ghairm, eifeachdach a tha sochraean na saorsa a choisinn Críosd air an cur ris na peachaich. Is i ghairm eiffeachdach obair Spioraid Dhé. Tha mòran do strìthean an Spioraid air am faicinn anns an fhirinn. Bha E stri ri righ Ahab, Saul, Iero-boam troimh theachdaireachd nam faidhean, ach cha d’thaing iad gu bhi na ‘n luchd comh-pairt de an t-saorsa a tha ann an Chriosd. Tha am Biobul uile lan do strìthean so an Spioraid ri daoine nach d’thug geil da agus a bhàsaich na ‘m peacaidhean. An e so an teagasg dorcha a tha gu bhi air a chuir fa chomhair pheacach ann an Alba? Is e a reir am beachd-san. Tha Leahhar Aidmheil a Chreidimh, a reir na firinn a teagasg gum bheil an Spiorad Naomh a deanamh a pheacach toilteach agus comasach air creidsinn ann an Críosd chum tearnagh an anama. Thubhairt Críosd ri Nicodemus, “Gu deimhin deimhin a ta mi agradh ruit, mur a bi duine air a bhreith o uisge, agus o’n Spiorad, cha ‘n urrainn o dol a steach do rioghachd Dhé.”—(Eoin iii. 5.) A ris, “Gidheadh tha mi ag innseadh dhuibh na firinn, is buanachd dhuibh-mise a dh’ fhalbh : oir mur falbh mi, cha tig an Comhfhurtair do ‘ur n ionnsuidh-sa ; ach ma dh’ fhalhas mi, cuiridh mi esan do ‘ur n-ionnsuidh. Agus an uair a thig esan, bheir e dearbh-shoileireachd do ‘n t-saoghal mu pheachadh, agus mu fhireantachd, agus mu bheitheanas.”—(Eoin xvi. 7, 8.) A ris, “A nis an uair a chual iad so, bha iad air am bioradh ‘n an cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a chuid eile do na h-abstolaibh, Fheara agus a bhratthean ciod a ni sinn?”—(Gniomh ii. 37.) Cha’n eil duine a leubhas am freagrath a thug na Diadhairean urramach do ‘n cheist, ciod i a ghairm eifeachdach ? nach faic gum bheil tuilleadh na strì air a cleachdadh leis an Spiorad Naomh ann a bhi tabhairt pheachadh air ais gu Dia. Tha E dearbhaidh peacaidh agus truaighe, a soillseachadh na h-intinn ann an eolas air Críosd, ag ath-nuadhachadh na toile, agus an lorg sin a deanamh toileach agus comasach, a pheacaich, air Iosa Críosd ghabhail da ionnsuidh mar a tha E air a thairgse anns an t-soisgeul. Tha cumhachd neochroichnach an Spioraid air a chur ann an cleachdadh ann an buadhan an anama gu bhi ga thabhairt beo, gu bhi soillseachadh intinn, gu bhi ‘g ath-nuadhachadh na toile, agus gu bhi ga deanamh toileach agus comasach air gabhail ri Críosd air a thairgseadh dha anns an t-soisgeul. Chan e “strì” a mhain leis am bheil an Spiorad Naomh a foillseachd graidh Dhé do’na peacaich, ach le a chumhachd cruthachaidh troimh an fhirinn a chur an cleachdadh air buadhan an anama ga’n togail as a bhàs spioradail, agus ga’n deanamh na’n luchd-compairt de nadur na diadhachd. Feumaidh am peachadh a bhi air a ghairm a dorchadas gu solus, a bhi air a thabhairt bho bhi fo chumhachd Shatain gu Dia. Chan e beagan athrachaidh air beachdan agus cleachdaidhean iompachadh, ach athrachaidh air nadur agus air buadhan an anama mur an ceudna. Tha beachd na’n Arménianach gu soilleir aca air a phuinc so. Tha iadsan a teagasg nach eil feum aig an duine ann an staid naduir, a chum gabhail ri Críosd, ach iompaidh bhi air a chur air ; agus gu’m bheil e comasach air aithreachas, creideamh, gradh, a cleachdadh le chomasan fein. Cha bhi aon pheachadh ann an gloir a reir na creud so. Na bhios air an tearnagh bidh an aon chreud aca thaobh cho caillte, fein sgioste eucomashach air pilltinn ri Dia ‘sa bha iad ; thaobh gradh, truas, agus trocair Dhe da’n taobh ; thaobh an fhoillseachaidh ard-uachdranail a thug Dia an t-Athair air a so anns an taghadh, ann an tabhairt a Mhic, agus ann E dh’ungadh a Mhic na Fhear-saoraidh, na thri dreuchdan do’n Eaglais, leis an Spiorad Naomh ; thaobh gradh, truas, agus trocair Chríosd, a Mhic, ann E ghabhail sluagh nach gabh aireamh de’n a peacaich gu dioladh a thabhairt do cheartas Dhe air an son, agus gu ùmhlachd iomlan a thabhairt do’n lagh na’n aite, agus a chum an tabhairt air an ais a dh’ ionnsuidh na gloir a chaill iad, agus a cho-chomuinn a threig iad le’n saor thoil fein, ni a choimhlion E le anam a dhortadh a mach gu bas, agus a bhi air aireamh am measg na’n cointach ; thaobh gradh, truas, agus trocair an Spioraid Naoimh ann E theachd da’n ionnsuidh leis a ghairm neamhaidh tre’n do dhuisg E iad as a bhàs spioradail, agus an d’oibrich E annta gu cumhachdach aithreachas a thaobh Dhé, agus creideamh a thaobh an Tighearna Iosa Criosd.
Ach cha cheadaich uine dhuinn tuilleadh a radh aig an am so. Theid sinn air aghaidh ma’s toil leis an Tighearna a dheanamh iomradh air na puincean eile mur a cheadaicheas uine dhuinn. “Ceannaich an fhirinn agus na reic i.”
N. C.