Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1902 » February 1902 » Uaill ann an Crann=Ceusaídh Chriosd leis an Urr. Ian Maclaurin: “Ach nar leigeadh Dia gu’n deanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaídh ar Tighearna Iosa Criosd, tre’m bheil an saoghal air a cheusadh dhomhsa, agus mise do’n t-saoghal.”—GAL. vi. 14

Uaill ann an Crann=Ceusaídh Chriosd leis an Urr. Ian Maclaurin: “Ach nar leigeadh Dia gu’n deanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaídh ar Tighearna Iosa Criosd, tre’m bheil an saoghal air a cheusadh dhomhsa, agus mise do’n t-saoghal.”—GAL. vi. 14

THA e fior a thaobh moran de na cuspairean is ro-irdheirce th’ anns an t-saoghal, nach faicear an irdheirceas anns a cheud sealladh a gheibhear dhiu; agus air an laimh eile, gu’m bheil ioma ni air bheag luach a dh’fhaodar a mheas moran ní’s irdheirce’s a cheud sealladh, na’n uair is dluithe bheachdaichear orra. Tha cuid do nithibh ’n an ioghnadh dhuinn a chionn nach aithne dhuinn iad, agus mar is mo gheibh sinn a dh’eolas orra, is ann is lugha ar meas orra: tha nithibh eile ann mu’m bheil sinn caoin-shuarach tre aineolais, do bhrigh nach faighear eolas air am maise agus air an irdheirceas as eugais dragh agus dian-adhartachd.

Tha so gu h’àraidh fior a thaobh a chuspair a th’ air ainmeachadh anns a cheann-theagaig—cuspair ro ghlormhór, ach a tha gu coitchionn air a dhímeas. Cha n eile ní-eile mu’m bheil beachd an t-saoghal cho tur an aghaidh a cheile. Le cuid, tha e uile gu leir suarach; le cuid eile, tha e uile gu leir glormhór. Tha e na ioghnadh do mhoran ciod na feartan-tálaidh tha cuid eile a faotainn ann: agus tha e ’na ioghnadh dhoibh sud, cia mar tha chuid eile de’n t-saoghal cho baoghalta’s nach eil iad a faicinn na feartan-tálaidh ceudna ann. Tha doille muinntir eile, cho math ris an doille’s an robh iad fein aon uair ’na mhor-ioghnadh dhoibh.

Tha e air aithris mu Mhelanthon, a cheud sealladh a fhuair e de ghloir a chuspair so mu’n am an robh e air iompachadh, gu’n robh e saoilsinn nach biodh e duillich dha le impidhean simplidh, dearbh shoilleireachd a thoirt do mhuiintir eile uime. Bha chuis cho soilleir, agus na dearbhaidhean cho laidir, agus nach b’urrainn e fhaicinn gu’m bu chomasach do neach sam bith seasadh a mach ’n a aghaidh, na ’m biodh e air a chur gu soilleir fa chomhair. Ach cha b’fhada gus am b’eigin dha aideachadh le doilghios—gu’n robh seann Adhamh ni bu treise na Melanthon og; agus gu’n robh truaillidheachd naduir ni bu treise na impidhean dhaoine as eugais grais Dhe.

Is e am feum bu choir dhuinn a dheanamh dheth so, gu’n iarramaid an gras soillseachaidh sin air ar son fein, air son an robh Pol ag urnuigh as leth nan Ephesianach (Eph. i. 17) “Gu’n tugadh Dia ar Tighearna Iosa Criosd, Athair na gloire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuinn ann an eolas airsán.” Bu choir dhuinn anns a chuis so, mar anns gach cuis eile, urnuigh agus meadhonaibh aonadh ri cheile—mar sin, is e aon de na meadhonaibh sonruichte gu eolas fhaotainn air sar.bhunait ar creidimh agus ar dochais, a bhi breithneachadh air glíor a chuspáir ud, a th’againn ann an caínnt cho laidir anns a cheann-theagaig so, le neach aig an robh aon uair, barail cho suarach uime ‘s is urrainn a bhi aig aon sam bith a tha fhathest am measg a naimhdhean.

Anns a chomh-theagasg, tha an t-Abstol ag innseadh do na Galatianaich ciod e anns an robh luchd teagaig breige araidh a deanadh uaill; agus ciod anns an robh e fein a deanadh uaill. Bha cach a deanadh uaill ann an seann deasghnathaibh lagha nan Iudhach, nach robh ach ‘n an sgàilean a mhain; bha esan a deanadh uaill ann an crann-ceusaidd Chriosd, brigh nan sgàilean ud. B’aithne dhasan gu’n robh e cur masladh air Chriosd a bhi nis a cur an urram air na sgàilean ud a bhuiheadh dhoibh roimh laimh, air do’n chuspáir air an robh iad ‘n an samhladh a bhi nis air fhoillseachadh. Uime sin, tha e le mor eud a cur cul riu; agus aig an am cheudna, ri uaill anns a chuspáir bheannaichte ud a b’e crioch nan sgàilean a bhi samhlachadh—”Nar leigeadh Dia gu’n deanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaidd Chriosd, tre am bheil an saoghal air a cheusadh dhomhsa, agus mise do’n t-saoghal.”

Anns a cheann-teagaig tha an t-Abstol a feuchainn dhuinn an t-ard mheas a bh’aige air crann-ceusaidd Chriosd, mar an ni sin as an robh e a deanadh uaill:—agus a bhuaidd chumbachdach a bha aige air ‘inntinn, mar an ni sin leis an robh an saoghal air a cheusadh dhasan, agus esan air a cheusadh do’n t-saoghal.

Anns na sgriobturán, tha crann-ceusaidd Chriosd air uairibh a ciallachadh fulangais a phobuill air a sgath-san, agus air uairibh eile fulangais Chriosd air an son-san. Mar is e an seadh mu dheireadh seadh sonruichte agus ro nadurra nam briathran, tha aobhar a bhi codhunadh gur h-e sin an seadh a th’aig an Abstol ‘s an amharc. Is e so seadh nam briathran anns an dara rann deug de’n chaibidil so, a tha labhairt mu gheurleauamhuinn airson crann-ceusaidd Chriosd, sin ri radh—airson teagasg a chroinn-cheusaidd. Os barr,—tha e dearbhta nach iad ar fulangais fhein, ach fulangais Chriosd anns am bheil sinn gu h-áraidh ri uaill a dheanadh thar gach ni eile. Cha’n iad ar fulangais fhein ach fulangais Chriosd a bheir caitheamh-as air ar truailidheadh; agus a cheusas an saoghal dhuiinne, agus sinne do’n t-saoghal.

Tha crann-ceusaidd Chriosd anns an rann so a ciallachadh, cha n e ‘bhas amhain, ach an t-iomlan d’a irioslachadh, no an t-iomlan de fhulangais a bheatha agus a bhais a bhi air an lan-choimhlionadh ann am fulangais a chroinn-cheusaidd. Tha an t-Abstol an so agus an àitibh eile ag ainmeachadh a chroinn-cheusaidd gu bhi cur ‘n ar cuimhne modh a bhais, agus gu bhi neartachadh ‘n ar n-inntinnean na druighidhean a rinn fein irioslachd a ‘bhais ud oirn, no bu choir dha dheanadh oirn. Gu’m fuilingeadh ughdar na saorsa, bas traill—gu’m fuilingeadh tobar gach urram, doimhneach gach maslaidh; gu’m biodh am peanas a b’abhaist a bhi air a dheanadh air na peacaich a bu dimeasaiche, airson na droch-bheart a b’antromaichre, air a leagadh air an neach a b’urramaiche d’am bu chomas fulang;—Is e so an cuspair anns an robh an t-Abstol a deanadh uaill.

Cha’n eile da ni is calg-dhriche an aghaidh a cheile na gloir agus masladh. Ach an so tha an t-Abstol ‘g an aonadh ri cheile. Tha an crann-ceusaidh ann fein ‘n a chuspair tha lan de mhasladh; ach anns a chuis so, tha e, ann am beachd an Abstoil, lan do ghloir. Cha bhiodh e cho comharrachte na’n abradh e gu’n robh e deanadh uaill ann an ardachadh ‘Fhirsaoraidh an deigh dha an saoghal fhagail—no anns a ghloir a bh’aige maille ris an Athair mu’n robh an saoghal ann. Ach is e am Fearsaoraidh e fein, cuspair uaill an Abstoil—cha’n ann amhain anns an staid a b’airde d’a onoir agus d’a inbhe—ach eadhoin anns na suidheachaidhean a b’isle d’a mhasladh agus d’a dhiblidheachd—cha’n ann mar Shlanuighear cumhachdadadh agus ardaichte, ach mar Shlanuighear air a dhiteadh agus air a cheusadh.

Is e bhi deanadh uaill a cuspair sam bith, a bhi cur na h-urram is airde air. Bha crann-ceusaidh Chriosd ard-urramach am beachd an Abstoil thar gach cuspair eile. B’e a thlachd a bhi gabhail fath air gach cothrom gu bhi ag aideachadh agus a taisbeanadh am fianuis an t-saoghail an t-ard mheas a bh’aige air. Bha’ chridhe agus aignidhean air an lionadh leis gus nach robh rum air fhagail annta do ni sam bith eile; agus mar tha e ‘g innseadh dhuinn ann an aitibh eile, “gu’n do mheas e na h-uile ni na’n call agus na’n aolach.” (Phil. iii. 8), agus gu’n do chuir e roimhe nach gabhadh e eolas air ni sam bith ‘nam measg ach Iosa Criosd, agus esan air a cheusadh (I Cor. ii. 2.).

The dealas agus dian-dhurachd chomharrachte anns a chainnt ‘s am bheil an t-Abstol a taisbeanadh a mheas air a chuspair so. “Nar leigeadh Dia” ar neo, na tachradh e air achd sam bith;—mar gu’n abradh e—Nar leigeadh Dia, ciod air bith a ni daoine eile—gu’m biodh e air a radh do m’ thaobhsa—Pol, a bha aon uair ‘n am fhear geurleanmhuinn, gu’n deanainnsa uaill a ni sam bith ach ann an Fearsaoraidh air a cheusadh, a spion mise mar aithinne as an teine, ‘n uair a bha mi dian-ruth ni b’fhaide agus ni b’fhaide uaithe; a bha ‘g am ruagadh le ‘throcair agus le ‘chaoimhneas, ‘n uair bha mise ‘g a ruagadhsan ‘na bhuill, le ainiochd agus le gairge. Rinn mise e tre aineolais; agus is ann amhain tre aineolais tha neach sam bith ‘ga dhimeas. Ach a nis dh’fhoillsich se s fein dhomh. Agus nar leigeadh Dia gu’n teid an solus a choinnich mi air an t-slighe gu Damascus a smáladh gu brath as m’inntinn. Bu sholus e bha lan de ghloir; Bha’n cuspair a thaisbein e dhomhsa uile gu leir glormhor—na uile anns na h-uile. Agus nar leigeadh Dia gu’n deanainnsa uaill ann an ni sam bith eile.

Mar bha mor-mheas aige air a chuspair ghormhor so, bha buaidh aig air da reir; oir leis a chuspair so bha an saoghal air a cheusadh dha, agus esan air a cheusadh do’n t-saoghal. Is e bh’ann ceusadh taobh air thaobh. Is e am meas a bh’aige air Chriosd cion-fath an dimeis a bh’aig an t-saoghal airsan, agus aigesan air an t-saoghal. Cha n e gu’n tug an crann-ceusaidd e gu bhi fuathachadh muinntir an t-saoghal; no gu bhi cur cul ri ‘thoilinntinnean laghail. Is ann a cheadaich e dha na toilinntinnean ud a mhealtuinn, agus dh’eignich e e gu daoine an t-saoghal a ghradhachadh. Ach cheus e annsan na truaillidheachdan a tha gintinn fuath d’ar coimhearsnaich, agus ‘gar fagail neo-chomasach air taitneasan an t-saoghal a sar mhealtuinn. Is e theirear ris an ni so, gleachd, cogadh, cathachadh agus marbhadh; a choinn gu’r coir dhuinn am peacadh a mheas mar ar namhaid is mo; an namhaid is mo th’aig ar’n anmaibh agus aig Slanuighear ar’n anmaibh. B’e sud beachd an Abstoil mu’n pheacadh, agus mu’n truaillidheachd a th’anns an t-saoghal tre anamiann (2 Pead. i. 4). Bha e sealltuinn air a pheacadh mar mhortair a Shlanuighear; ni a las ‘na chridhe ceart-dhioghaltas ‘na aghaidh; lion sud e leis na deothasan naomh an aghaidh a pheacaidh, a th’air an ainmeachadh leis fein mar thoraidhean nadurra air creideamh agus aithreachas; —”ro-dhiomb, eagal, dian-thogradh agus togradh dioghaltais.” Is e sin, dearbh-ghrain do’n pheacadh, maille ri faire chùramach ‘na aghaidh (2 Cor. vii. 11). Is e so tha an t-Abstol a ciallachad le ceusadh an t-saoghal. Is e is brighe do’n chainnt so gu’r h-e gradh neo-mheasarra do nithibh talmhaidh aon de mhathairean-aobhair a pheacaidh. Rinn crann-ceusaidd Chriosd a leithid a dh’atharr achadh grasmhon air aignidhean an Abstoil ‘s nach robh nis an saoghal dhasan an ni bha e do muinntir eile, agus a bha e aon uair dha fein. Bha ‘anam sgith d’a ghreadhnachas, agus chaill e ‘bhlás do na nithibh anns am mo an robh de thlachd aige roimhe. Bha urram an t-saoghal suarach ‘na bheachd, a shaoibhreas ‘na bhochduinn; agus a sholasan deist-inneach; cha robh’ fhabharan no’ eisimpleirean a nis’n an cuspairean-talaidd dha; ni mo bha ‘fhuath ‘na a chulaidd eagail dha. Bha e sealltuinn air gradh agus air fuath dhaoine, cha b’ann gu sonruichte ann an solus na buaidh a bhiodh aca airsan ach orra fein, anns an tomhas am faodadh iad a bhi’g adhartachadh no cur bacaidh air soirbheachadh a theagaig ‘nam measg. Faodaidh na nithibh so uile bhi air am filleadh a stigh ann an ceusadh an t-saoghal a th’air ainmeachadh anns a phairt mu dheireadh de’n rann.

Air do’n t-searmoin so bhi air a bonntachadh air a cheud phairt de’n rann—”Nar leighadh Dia gu’n peanainnse uaill ach ann an crann-ceusaidd ar Tighearna Iosa Chriosd”—”Is e an teasag a tha gu sonruichte air fhilleadh ann;—Gu’m bheil crann-eusaidd Chriosd na aobhar uaill do pheacaich thar gach uile ni; seadh, gu’r h-e, air mhodh àraidh an t-aon ni amhain anns am bu choir dhoibh uaill a dheanadh;—oir tha an t-iomlan de irioslachadh Chriosd, agus gu sonruichte a bhas airson pheacach, ‘na chuspair d’am buin a leithid de ghloir gun choimeas, ‘s gu’r cubhaidh dhuinn na beachdan is airde agus is urramaiche altrum d’a thaobh.

Mar tha an fhirinn so gu soilleir air a filleadh a stigh anns a cheann-theagaig, tha i mar an ceudna gu tric air a sparradh oirn ann an earranan eile de’n sgiobtur: mar tha (2 Cor. iv. 6) far am bheil e sgiobhte—”Oir is e Dia, thubhaint ris an t-solus soill-seachadh a dorchadas, a dhealraich ‘nar cridheachaibh-ne, a thoirt dhuinn solns eolais a ghloire ann an gnuis Iosa Criosd.” Mar chithear mar an ceudna anns an (2 Cor. iii. 18, agus 1 Cor. i. 18-24). Tha e soilleir uime sin, far am bheil na sgiobturan a labhaint mu “ghloir Dhe ann an gnuis ar Tighearna Iosa Criosd,” gu’r h-e tha e ciallachadh gu sonruichte—a ghloir ann an obair na saorsa a chriochnaich e air a chrann-cheusaidh.

Ann a bhi labhaint o na briathran so, tha e iomchuidh beach-dachadh anns a cheud aite agus sin gu h-aithghear, air, Ciod e sin a bhi deanadh uaill ann an cuspair sam bith; agus a ris, Ciod e an t-aobhar uaill a th’againn anns a chuspair ghormhor so a tha fa’r comhair anns a cheann-theagaig.

Tha bhi deanadh uaill ann an cuspair a gabhaill a stigh an da ni so:—Annas a cheud aite, ard-mheas a bhi againn air; agus ‘s an dara aite—daimh no gnothuch eigin a bhi againn ris. Cha dean sinn uaill anns na nithibh ri’m bheil gnothuch againn, mur eil meas againn orra; no anns na nithibh air am bheil ard-mheas againn, mur eil air dhoigh eigin daimh no gnothuch againn riu. Ach ged is e gnothuch gach criosduidh aideachail ann an seadh eigin, uaill a dheanadh a crann-ceusaidh Chriosd a thaobh an daimh ris o’n leth a muigh le an cocheangal baistidh, agus do bhrigh gu’m bheil toraidhean beannaichte a chroinn-cheusaidh air an taisbeanadh gu soillier, agus air an taigseadh gu saor dhoibh; gidheadh, is ann dhoibhsan a mhain a ghabh gu treibhdhireach ris an taigse da’n comas gn firinneach uaill a dheanadh anns a chuspair so. Ach gidheadh, tha an ni so tha dhoibh sud ‘na shochair, ‘na dhleasannas do na h-uile. Bu choir gu’m biodh na h-uile air an earalachadh gu uaill a dheanadh anns a chuspair so, gu’n cuireadh iad mor-mheas air, air sgath ‘oirdheirceis mar tha e ann fein; gu’n suidhicheadh iad an cridheachan air tre chreideamh do bhrigh gu’m bheil e’n an taigse; gu’n taisbeanadh iad am meas air le bhi ag iarriadh coir ann; agus air dhoibh meas iomchuidh chur air, agus coir fhaotainn ann, gu’n deanadh iad dichioll gu bhi deanadh buan-ghairdeachas ann.

Ach is ann le beachdachadh air gloir a chuspair so;—Crann-ceusaidh ar Tighearna’ Iosa Criosd; is fearr a thugear nadur a ghairdeachais a tha acasan a fhuairr coir ann.

Bha na faidhean o shean, leis an robh teachd Chriosd air a roimh-innseadh, air an lionadh le aoibhneas aig meud an t-seallaidh shoilleir a fhuair iad air a ghloir. Tha am Messiah air fhoill-seachadh cha n’ ann amhain ‘s an Tiomnadh Nuaidh ach mar an ceudna ‘s an t-seann Tiomnad, mar an neach is comharrachte agus is urramaiche bha riamh air an talamh. Tha iad a labhaint uime mar Uachdaran glormhor, mar Phrionnsa, mar Righ, mar Ghaisgeach buadhmhor, a bharr air ainmeannan moralach agus ard-urramach eile; a nochdadh gu’m biodh ‘uachdaranachd far-suing agus buan-mhaireannach, agus gu’m biodh an talamh uile air a lionadh le ‘ghloir.

Ach tha a dhiblidheachd cho math ri ‘mhorachd air a roimh-innseadh leis na faidhean. Tha iad ag innseadh gu’m biodh e da rireadh ‘na Righ glormhor, ach air a dhimeas agus air a chur air cul le daoiné:—agus a dhaindeoin gach ard-dhochas a bh’aig an t-saoghal d’a thaobh, gu’n rachadh e troi an t-saoghal fo thair agus fo dhimeas; gun suim idir dheth ach ann an rathad a bhi buntuinn ris gu drochmhuinneach.

Mu am a theachd bha na h-Iudhaich ann an ard-dhochas ris mar ghaisgeach buadhach a bha gu Israel a shaordh mar chinneach. Agus ma dh’fhaodar Eachdraidh a chreidsinn; bha aig an am cheudna rud-eigin de bharail am measg fhineachan eile, a thog iad ma-dh’fhaodta o’n fhaistneachd Iudhach, gu’n robh Prionnsa gun choimeas ann an gloir ri eirdh suas anns an Aird-an-ear—agus gu h-araidh ann an Iudea—a bha gu rioghachd uil-fharsuing agus chumhachdach a chur suas. Ach bha an cridheachan diomhain, cosmhuil ri cridheachan a mhor-shluaigh anns gach linn. air mhig le mor-mheas airgreadhnachas talmhaidh, agus b’i sin a mhain a mhoralachd d’an robh tlachd no breithneachadh aca. Mar sin rinn iad dealbh inntinn dheath-san a b’e “miann nan uile chinneach,” ach dealbh a bha gu buileach neo-choltach ris.

Feumaidh Righ d’am bi ard-mheas aig an t-saoghal a bhi ann an seilbh air mor-chumhachd, air armailtean lionmhor, crun agus slat-riaghlaidh òir, righ-chathair statail, luchairtean moralach, cuirmean greadhnach, moran de luchd frithealaidh ard-inbheach, mor-shaoibhreas agus moran dhreuchdan onorach, agus de dheagh-ghean ri’m buileachadh.

Ach cha b’ann mar sud a thainig e. An aite crun òir, crun sgithich; an aite slat rioghail, chaidh cuilc a chur le fanoid ‘na laimh; an aite righchaithir, crann-ceusaídh. An aite luchairtean, cha robh aite aige anns an leagadh a ‘cheann; an aite cuirmean greadhnach do muinntir eile, bu tric a bha e fein ocrach agus iotmhor; an aite luchd frithealaidh ard-inbheach, buidheann a dh’iasgaircean bochda; an ait mor-shaoibhreas gu a sgapadh air muinntir eile, cha robh aige na phaigheadh a chis gun miorbhuil oibreachadh. Agus cha robh dreuchd no onoir a b’fhearr aige ri bhuileachadh air a chairdean na gu’n togadh iad an crann-ceusaídh ann a bhi ga leantuin. Anns gach ni bha’ shuidheachadh uile gu leir calgdhireach eucosmhuil ri moralachd shaoghalta o ‘bhreth gu ‘bhas. Prasach an aite creathall eig a bhreth, gun aite, an leagadh e ‘cheann mar bu trice re a bheatha; no uai gh a bhuneadh dha fein aig a bhas.

Is e an sealladh so air irioslachadh Chriosd a ghluaiseas an t-ascreideamh gu bhi feorach le frionnas gearanach,—C’ aite ‘m bheil a ghloir ud uile tha cho ion-mholta?

Le suil a chreidimh, chithear a ghloir ud troimh roinn-bhrat tana ‘theola; agus fo’n chomhdach iriosal ud, chithear Righ na gloir, Righ nan Righ-rean, an Tighearna laidir treun; an Tigheorna treun an cath (Salm. xxiv. 8). Is iad na neamhan a righ-chathair; an talmh stol a chos; an solus, a thrusgan; na neoil, a charbad; an tairneanach, a ghuth;—tha ‘neart uile-chumhachdach; a shaobhreas uil-fhoghainteach; a ghloir neochriochnoch;—is iad feachd neamh a luchd frithealaidh, is iad muinntir irdhearc na talmhainn ‘oighreachd neothruailidh, air an do bhuilich e saobhreas dorannsaichte; cuirmean de sholasan buanmhaireann-ach, agus suidheachaidhean arde a dh’-urram neobhasmhor;—’g an deanadh ‘n an righrean agus ‘n an sagartan do Dhia; ‘n an luchd buaidh, seadh, ‘n an luchd tuilleadh agus buaidh;—’n an cloinn do Dhia, agus ann an aonadh diomhair ris fein.

Tha rud-eigin ri fhhicinn an so a tha toirt barrachd neo-leathideach air gach gloir thalmhaidh ged tha e fo chomhdach ro-iriosal. Ach tha an comhdach iriosal so an aghaidh càil an t-saoghail. Gidheadh, ma bheachdaichear gu ceart air a chomhdach so, chithear e ann an dreachd cho glormhor agus gu’m bheil eadhoin a dhiblidheachd ro-urramach.

B’ isleachadh glormhor e, do bhrigh gu’n robh a ruintean agus a thoraidhean ro ghlormh. Ma dh’-fhuiling Esan masladh, bochduinn, cradh, bron agus bas re seal: is ann a chum nach fuilingeadh—midne na nithibh sin a chaoidh. Uime sin, bha an t’isleachadh ud glormhor do bhrigh gu’n robb e ann an daimh frithealaidh do runtaibh graidh agus trocair a bha neochriochnach ann an gloir.

Bha e ‘na fhrithealadh mar so ann an caochladh dhoighean. Riaraich e agartais an lagha; chuir e onoir do-labhairt air ‘iarrtasan uile. B’e pairt do run Chriosd a leithid a dh’onoir a chur air naomhachd, sin ri radh, air umhlachd do’n lagh, agus gu’m biodh gach ni eile suarach ann an coimeas ris. Is e gaoI moralachd shaoghalta aon de na bacaidhean is mo agus is laidire tha’n aghaidh naomhachd. Cha robh feum againn air eiseimpleir Ghriosd gu bhi moladh dhuinn greadhnachas an t-saoghail; ach bha morfheum againn air ‘eiseimpleir gu bhi giulan gun ghearan le bhochduinn: agus gu ardmheas a chur air naomhachd, ciod air bith dimeas a dhfhaodas teachd ‘n a lorg. Bha suidheachadh diblidh Chriosd ‘n a mheadhoin luachmh airson na criche so. Mar sin, bha moralachd eadhoin ‘n a dhiblidheachd. Tha onoir dhaoine eile an crochadh ri an crannchur; ach bha crannchur Chriosd air a dheanadh leis-san na staid ro-urramach. Mar sin, bha isleachd Chriosd o’n leth a muigh, leis an robh ‘thiormoralachd air a folach, ro ghlormhoinnnte fein, a thaobh an ruin a bu chrioich dhi.

Gidheadh, cha robh an run ud tur-fholaichte ‘na isleachd; bha ioma gath-soluis de a ghloir a dealradh a mach triomh a dhiblidheachd.

(Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice