LEIS AN URR. IAIN MACLABHRAINN.
(Continued from page 398.)
BHA a bhreith air thalamh ann an staid dhiblidh; ach bha e air a luaidh le Alelulia feachd neamh ann an airde nan speur. Bha’ aite-comhnuidh ro shuarach; ach bha aoidhean o dhuthchaibh cein air an stiuradh le reul da ionnsuidh. Cha robh Prionnsa eile riama a dh’ionnsuidh an robh aoidhean air an treorachadh air an doigh ud. Cha robh luchd frithealaidh cho mor-chuiseach aige’s a bh’aig righrean eile: ach bha aireamh lionmhor do dhaoine euslainteach ‘ga leantuinn ag iarraidh agus a faotainn leigheis cuirp agus anama; ni anns an robh barrach de fhir-mhoralachd na ged bhiodh moran phrionnsachan a frithealadh air. Thug e air na balbhain a bha ga leantuinn a bhi seinn a chliu, na bacach gu bhi leum le aoibhneas, na bodhair gu bhi cluinninn a bhriathran iongantach, agus na doill gu bhi faicinn a ghloir. Cha robh freiceadan no coisridh ghreadhnach do sheirbhheisich aige; ach mar dh’aidich an Ceannard-ceud aig an robh seirbhheisich agus saighdearan fo smachd;—bha slainte agus euslaint, beatha agus bas fo ughdaras. Bha eadhoin a ghaoth agus an doinion nach urrainear a riaghladh le cumhachd talmhaidh umhail dha; agus air ‘iarrtas, b’eigin d’on bhas agus do’n uaigh an creich a thoirt suas dha. Cha robh brat-urldair riomhach riama fo ‘chosan; ach ‘n uair a choishich e air an fhairge, chum na h-uiseachan suas e. Chur an t-iomlan de’n chruthheachd, ach daoine peacach amhainn, onoir air mar an cruithhear. Cha robh ionmhas aige; ach ‘n uair bha feum aige air airgoid chuir a mhuir d’a ionnsuidh e ann am beul eisg. Cha robh saibhlean no achaidhean arbhuir aige; ach ‘n uair a runaich e curim a thoirt seachad, chomhdaich e le beagan bhuiionnan bord saoibhir pailt airson mhltean—cuirm nach tugadh riama a leithid le aon de uile righrean na talmhainn. Triomh na nithibh ud, agus ioma ni eile de’n nadur cheudna, bha gloir an Fhir-shaoraidd a dealradh a mach eadhoin ‘n a irioslachadh, anns gach ceum fa leth d’a bheatha.
Ni mo bha ‘ghloir tur-fholaicht aig am a bhais. Cha robh e air a leantuin chum na h-uaigh le leithid de choisir-bhroin, no de loiseam fhaoin le’m bheil ard- uaislean air an adhlaicadh. Ach thaisbein tuar na cruitheachd a bron airson bas a h-ughdair; bha na neamhan agus an talamh ‘n an luchd caoidh; chomhdaich a ghrian i fein le eideadh broin; agus ged nach robh luchd aiteachaidh na talmhainn air am mor-ghluasad, chriothnaich an talamh fein fo’n eallich eagalaich. Cha robh iad ach tearc am measg nan Iudhach a reub an culaidhean; ach cha robh na creagan air cho beag umhail; oir sgain iadsan an cridheachan. Cha rodh uaigh aige dha fein; ach dh’fhosgail uaigh neach eile dha. Dh’fhaodadh an uaigh agus am bas a bhi bosdail as leth a leithid a dh’fhear àiteachaidh; ach cha b’ann mar iochdaran a fhuair iad an taobh a stigh d’an criochan e; ach mar namhaid agus mar uachdaran. Sud far an do chaill righ nan uamhas a ghath; air an treas la, thug Prionnsa na beatha buaidh air, oir chreach e am bas agus an uaigh. Ach buinidh na nithe so do ardachadh Chriosd. Tha na nithbh a dh’ainmicheadh roimhe so a taisbeanadh gloir ‘rioslachaidh; ach is robh bheag dhiu a th’air an nochdadh anns na dh’ainmich sinn.
Oir is e gloir crann-ceusaídh Chriosd d’an cubhaidh dhuiinn gu sonruichte ard-urram altrum gloir buadhan neochriochnach Dhe air an taisbeanadh ann an obair na Saorsa; no mar thá e air a chur leis an Abstol,—“gloir Dhe ann an gnuis Iosa Criosd” (2 Cor. iv. 6), agus “Esan eadhoin air a cheusadh” (1 Cor. ii. 2).
Tha gach cuspair eile air an deanadh glormhor a reir an tomhais anns am bheil buadhan Dhe air am foillseachadh leo. Is e sin a tha deanadh uil’oibribh a chruthachaidh cho glormhor. “Cuiridh na neamhan an ceill gloir Dhe agus nochdadh na speuran gniomh a lamh.” Agus tha sinne gun lethsgeul airson cho beag ‘s a tha sinn ag oidhirpeachadh a bhi beachdachadh air buadhan Dhe annta;—uachdaranachd uile-chumbachdach agus a ghliocas dorann-suichte, agus gu h-áraidh a mhaitheas neochriochnach.
Cha n eil ann an toraidhean maitheas Dhe ann an oibribh a chruthachaidh, ach fabharan aimsireil; ach tha na fabharan a th’air an cosnadh dhuiinn le crann-ceusaídh Chriosd ‘n am beannachdan siorruidh. Ged tha oibribh a chruthachaidh a nochdadh gu’m bheil Dia math ann fein; tha iad mar an ceudna nochdadh gu’m bheil e ceart, agus gu’m bheil e fergach ruinne airson ar peacaidhean. Ni mo am bheil iad a seoladh dhuiinn rathad tre am faod sinn a bhi air ar deanamh reid ris. Tha iad a cur an ceill gloir a chruithfhear; ach mar an ceudna cur an ceill a laghana, agus na fiachan fo’m bheil sinne gu umhlachd a thoirt dhoibh. Tha ar coguisean ag innseadh dhuiinn gu’n do dhearmaid sinn na fiachan ud; gu’n do bhrist sinn an lagh; agus air an aobhar sin gu’m bheil sinn buailteach do dhiomb Ughdair an lagha. Tha oibribh Dhe, anns am bheil a ghloir air a foillseachadh a dearbhadh gum, bheil beatha ‘n a dheagh-ghean; agus air an laimh eile gu’m bheil bas agus leirsgríos ‘n a chorruich: Tha laghanna naduir ann an tomhas eigin gar cur cheana fo a dhiomb. Tha so ri fhaicinn o na tha de thrioblaidean na beatha so agus de phianntaibh a bhais ag eiridh o aobharan nadurra. Air gach laimh tha oibríbh Dhe ag agradh dioghaltais airson na comhstri a th’aige ruinn as leth bristeadh a lagha. Tha laghanna naduir a toirt beatha car uine d’ar corpaibh anfhann; ach tha bheatha sin air a deanadh searbh tre iomadh amhghar; agus gu bhi aig a cheann mu dheireadh air am bruanaadh agus air an tionndadh gu duslach.
Mar sin, tha aghaidh naduir glormhor innte fein; ach dhuinne tha i air a dorcachadh le gruaim eagalach. Tha i nochdadh do n eucorach gloir a Bhreitheamh;—gloir an Ard-uachdarain do’n cheannairceach chiontach a bhrosnuich a chorruich. Cha’n ann mar so a bheirear solas no saorsa do’n cheannairceach, no a bheirear e gu bhi deanadh uail agus gloir. Uime sin, tha naimhdean a chroinn cheusaidh, leis nach aill eolas a ghabhail air Dia air seol sam bith eile ach tre oibríbh naduir, cho fad as o bhi a deanadh uail ann an dochas ri Dia a mhealtuinn air neamh, agus gu’m faighear iad iad a cur cul ris gach dochas d’a thaobh, agus mar is trice, ag aicheadh gu’m bheil a leithid sin do shonus idir ri fhaotainn. Tha ar coguisean ag innseadh dhuiinn gu’m bheil sinn ‘n ar ceannaircich an aghaidh Dhe; ach cha n eil nadur a nochdadh dhuinn cionnus is comasach dhuinn a dheagh-ghean a chosnad; cionnus, fo uachdaranaichd air dheagh-orduchadh mar tha riaghladh Dhe, a dh’fhaodas am Breitheamh cothromach agus Ughdar an lagha bhi air a ghlorachadh; agus an ceannairceach air a leigeadh fa sgaoil; no cionnus idir is urrainn am Breitheamh a bhi air a ghlorachadh agus a ceannairceach air a ghlorachadh mar an ceudna.
Ged tha cainnt naduir soilleir ard-ghuthach ann a bhi cur an ceill gloir a Chruithfhir, tha i dorcha agus ioma-lubach mu thim-chioll a ruintean a thaobh chreutairean ciontach. Cha toir i aon chuid lanchinnt neo-theagmhach gu’m bheil ar staid eudochasach, no idir bunait chinnteach d’ar dochas. Ma tha sinn ‘n ar cuspairean deagh-ghean, cia uaithe cho liugha trioblaid? Ma tha sinn ‘n ar ceannaircich gun dochas, cia uaithe cho liugha fabhar? Tha nadur a foillseachadh gloir Dhe agus ar maslaidh-ne; Ach mu shlighe gu dol as, tha i balbh agus tosdach. Tha nadur a toirt iomadh aobhar brosnuchaoidh gu bhi miannachadh as deigh Dhe; ach cha’n eil i nochdadh dhuinn cionnus a ruigeas sinn air na miannaibh sin a shasuchadh.
Ach anns a cheann-theagaig tha againn cuspair a tha toirt sgeul air nithibh is fearr; oir tha e seoladh dhuinn, cha n e “gu’n iarramaid, a dh’fheuchainn an tarladh dhuinn le min-rannsachadh gu’m faigheamaid e” (Griomh. xvii. 27) ach gu’n iarramaid air chor agus gu’m faighear leinn e gu cinnteach.
Tha an teagasg so do-chreidsinn leis an inntinn theolmhor!—Gu’m biodh barrachd de ghloir Dhe air a thaisbeanadh ann an gnuis Chriosd agus esan air a cheusadh, na chithear an aghaidh nan speur agus na talmhainn!
Gnuis Chriosd!—anns nach leir do’n inntin fheolmhor ni sam bith ach cradh agus masladh; an aghaidh bhruite, reubta ud, dearg le fuil, comhdaichte le tarcuis, air bocadh le builean agus aog’neulach le bas;—b’e sud an cuspair mu dheireadh anns an iarradh an inntin fheolmhor sealladh fhaotainn air gloir Dhe na beatha;—aghaidh air a comhdach le uamhas a bhais! Is e a b’annsa leis an inntinn fheolmhor sealltuinn air an aghaidh ud ‘n uair bha i air a cruthatharrachadh, agus a dealradh mar a ghrian ‘n a lan neart. Dhealraich gloir na Diadhachd air mhodh ro-shoilleir ann an gnuis Chriosd air beinn a chruthatharrachaidh; ach gu ro mhor ni bu dealraiche air beinn Chalbhari.
Bha an cruthatharrachadh so ni bu ghormhoire gu mor na’n cruthatharrachadh ud eile. Ged bhiodh gach solus a th’anns an t-saoghal, anns a ghrein agus anns na reultan, air an tional comhla ‘n an aon mheall soluis, cha bhiodh annta ach dorcha das an coimeas ri gloir a chuspair so, a bha reir coslas o’n leth a muigh cho cianail agus cho dorcha. Oir is e tha an so, mar deir an t-Abstol,—“Air bhi dhuinne uile ag amharc mar le aghaid gun fholach air gloir an Tighearna.”—(2 Cor. iii. 18).
An so tha ceartas gun smal, gliocas do-thuigsinn agus gradh neochriochnach a dealradh uile mar chomhla. Cha’n eil aon dhiu fath leth ag ais-thilgeadh dealradh soillseach air cach. Tha iad a measgachadh an gathan soluis le cheile, agus a dealradh le boillsgeadh aonaichte siorruidh;—am Breitheamh cothromach, an t-Athair trocaireach agus an Riaghlaire uile-ghlic. Cha’n eil cuspair eile a toirt a leithid de thaisbeanadh air na buadhan ud uile; cha’n eil eadhoin, cuspair eile is aithne dhuinn tha toirt a leithid de thaisbeanadh air aon de na buadhan ud. Cha’n fhacas ceartas riamh ann an cruth cho eagalach, trocair cho ionghradhach; gliocas cho domhain; no cumhachd cho ion-mholta:—“Anns a cheud aite;”—Air sgath na h-ard-urram neochriochnach a bhuneas do phearsa Chriosd, chuir a chrann-ceusaidh-san barrachd gloir agus onoir air lagh agus air ceartas na gach fulangas a bha no bhitheas air an giulan anns an t-saoghal. ‘N uair tha an t-Abstol a labhairt ris na Romhanaich mu’n t-soisgeul, tha e nochdadh dhoibh gu’m bheil, cha’n e amhain trocair Dhe, ach a cheartas mar an ceudna air fhoillseachadh ann.—(Rom. i. 18). Tha fearg Dhe an aghaid neo-fhireantachd dhaoine air a taisbeanadh gu sonruichte le fireantachd agus le fulangasaibh Chriosd. Bha an Tighearna grasmhor air sgath fhireantachd fean.—(Isaiah xlii. 21.) Is ann an cosnadh na fireantachd sin a dh’iarra e mar choir, a dh’ardaich e an lagh agus a chuir e urram air. Agus ged tha ‘fhireantachd a cosheasamh ann an umhlachd agus ann am fulangais nach do mhair ach re seal, gidheadh,—do bhrigh g’um bi iad air chuimhne gu soirruidh, faodar a radh gu’m bheil crann-ceusaidh Chriosd a cur urram agus oirdhearcas siorruidh air an lagh leis an riarachadh a thug e dha; an lagh uamhasach sin leis am bheil a chruitheachd (rioghachd Dhe) air a riaghladh, agus d’am bheil uachdaranachda agus cumhachdan neamhaidh fo smachd; —an lagh sin, ann an diteadh peacaidh, a dh’fhuadaich an Diabhul agus a chuid ainglibh a mach a gloir, a dh’fhuadaich ar ceud pharantan a mach a Eden, agus a dh’fhogair sith o’n t-saoghal. A beachdachadh air Dia, uime sin, mar Bhreitheamh agus mar Lagh-thabbhairtear an t-saoghal, tha e soilleir gu’m bheil a ghloir a dealradh le dearsadh do-labhairt ann an crann-ceusaidh Chriosd, mar dhioghaltas an aghaidh a pheacaidh. Ach is e so an dearbh ni tha cumail luchd gradhachaidh a pheacaidh o bhi ag aideachadh gloir a chroinn-cheusaidh; do bhrigh meud na tha e nochdadh de’n fhnath a th’aig Dia do’n ni sin d’am bheil gradh acasan. Gu bhi claoidh naimhdeas na h-inntinn fheolmhoir do’n chrann-cheusaidh, tha e feumail a thoirt fairear; —ged tha iobairt Chriosd a nochdadh a mhain. Tha i toirt peanas a pheacaidh bharr ar lamh; —air chor’s nach eil tuilleadh gnothuich againn ris. Agus gu cinnteach bu choir do shealladh air ar cunnart, air dhuinn fhaicinn air a thoirt as an rathad, ar n-aobhneas a mheudachadh an aite a lughdachadh. Le sealladh air meud ar cunnairt, chi sinn meud ar saorsa. Tha crann-ceusaidh Chriosd a taisbeanadh gloir ceartais neo-chriochnach, ach tuilleadh na sin; —Oir—
Ann an dara aite,—Tha e air mhodh araidd a taisbeanadh gloir trocair neo-chriochnach. Cha n eil ni’s an t-saoghal is glormhoire no is ion-ghradhaiche na gradh agus maitheas; agus is e so an taisbeanadh is mo air gradh, is urrainnear a breithneachadh. Tha maitheas Dhe ri fhaicinn ‘n a oibrbh uile; —Is e sin a chuid is sonruichte de ghloir na cruitheachd. Tha e air a theagasg dhuinn sealltuinn air an t-saoghal iosal so mar aite comhnuidh freagarach airson dhaoine. Ach le suil ri briathran an Abstoil (Eabh. iii. 3) bu choir do’n tiodhlaic mu’m bheil sinn a labhairt a bhi air a meas leinn airidh air barrachd urram na an saoghal, ann a mheud’s gu’m bheil barrachd urraim aig an Ti a thog an tigh na th’aig an tigh.
Thug Dia dhuinn ‘n a Mhac, tiodhlaic a tha gu neo-chriochnach ni’s mo na an saoghal. Tha an Cruithfhear gu neo-chriochnach ni’s glormhoire na’n creutair, agus is e Mac Dhe cruithfhear nan uile nithe. Is urrainn do Dhia saoghail do-aireamh a cruthachadh le focal a bheoil. Cha n eil aige ach aon Mhac ambain; agus cha do chaomhainn e aon Mhac, ach thug e thairis e chum bais air ar son-ne uile.
Tha gradh Dhe d’a phobull o bhith bhuantachd gu bithbhuantachd. Ach o bithbhuantachd gu bithbhuantachd, cha n eil taisbeanadh air, a tha aon chuid aithnichte no so-thuigsinn dhuinne an coimeas ris an taisbeanadh so. Tha solus na greine an comhnuidh gun chaocladh. Ach is ann mu mheadhoin la tha i dealreadh oirne ‘n a lan shoillse. Is e crann-ceusaidh Chriosd tra-noin a ghaoil shiorruidh. Bha ioma taisbeanadh soilleir air a ghaol ud roimh laimh; ach bha iad mar sholus na maduinne, a tha dealradh ni’s mo agus ni’s mo gu ruig an la iomlan; agus be an la iomlan sin, an uair a bha Criosd air a chrann-cheusaiddh, ged bha an talamh air a chomhdach le dorchadas.
Ciod air bith na coimeasan is comasach dhuinn a dheilbh, cha toir iad fa chomhair ar n-inntinnean ach sealladh neo-iomlan air a ghradh so, tha dol thar gach uile eolais. Ged shaoileamaid gu’n robh gradh nan uile dhaoine a bha riamh, no bhiteas air an talamh, agus uile ghradh nan ainglibh air neamh, air an aonadh ann an aon chridhe; cha bhiodh ann ach cridhe fuar an coimeas ris a chridhe ud anns an do shath an saighdear a shleagh! Cha n fhaca na h-Iudhaich ach fuil agus uisge; ach chithear le suil a chreidimh cuan soilleir do ghaol soirruidh a taomadh a mach as na lotan ud. Faodaidd sinn ruigheachd air tomhas eolais air gloir a ghraiddh so, le beachdachadh air a thoraidhean. Bu choir dhuinn beachdachadh air na fhuaradh de bheannachdan spioradail agus siorruidh le sluagh Dhe re cheithir mile bliadhna mu’n robh Criosd air a chur gu bas; na fhuaradh leo o’n am sin gus a nis, no a gheibhear leo gu am comhlionadh nan uile nithe; —gach saorsa o thruaighe shiorruidh; gach cuan aoibhneis air neamh: gach abhuinn do uisge na beatha a bhios air am meal-tuinn fad na siorruidheachd le aireamh mar ghainneamh na fairge ann an lionmhorachd;—bu choir dhuinn beachdachadh air na beannachdan ud uile mar tha iad a sruthadh o’n ghradh ud a th’air a thaisbeanadh ann an crann-ceusaiddh Chriosd.
Ann an treas aite—Chithear an so mar an ceudna gloir gliocais do-thuigsinn Dhe, d’an cliu a bhi toirt gu buil nan crochan is fearr leis na meadhonaibh is freagaraiche. Is iad crochan a chroinn-cheusaiddh is ro fhearr annta fein, agus is fearr d’ar taobhne is urrainn sin a bhreithneachadh;—gloir Dhe agus leas dhaoine. Agus tha na meadhonaibh tre am bheil na crochan so air an coimhlionadh cho freagarach agus cho iomchuidh, agus gu’m bi an doimhneachd neo-chroichnach a th’annta do ghliocas, ‘na chulaidh iongantais do’n chruitheachd fad na siorruidheachd.
Is ni furasda thuigsinn, gloir a Chruithfhear air a taisbeanadh ann a bhi deanadh maith do chreutair neo-chiontach: ach is e gliocas diomhair agus sonruichte a chroinn-cheusaiddh, gloir a Bhreitheamh chothromaich air a taisbeanadh ann an deanadh maith do’n eucorach chiontach. Is ni furasda thuigsinn fireantachd Dhe air a taisbeanadh ann am peanasachd pheacaidhean; is e an crann-ceusaiddh a mhain a tha taisbeanadh ‘fhireantachd ann am maitheadh peacaidh (Rom. iii. 25). Tha e ag ardachadh ceartais ann am maitheadh peacaidh, agus ag ardachadh trocair ann a bhi ga pheanasachadh. Tha e taisbeanadh ceartais ann an dreach is uamhasaiche na ged bhiodh trocair air a dunadh a mach; agus trocair ann an dreach is ion-ghradhaiche na ged bhiodh ceartas air a chur a thaobh. Tha e ag ardachadh an lagha agus a cur urram air (Isa. xliii. 21). Tha e ag ardachadh an eucoirich a bhrist an lagh; oir tha an onoir a chuireadh air an lagh a cur onoir airs an mar an ceudna (1 Cor. ii. 7). Tha so eadhoin air a dheilbh air a leithid do dhoigh agus gu’m bheil gach onoir a chuirear air an lagh, ‘n a onoir do’n eucorach mar an ceudna. Cir tha gach beannachd tha am peacach a faotain air an tabhairt dha air sgath na h-umhlachd agus an riarachaidh a thugadh do’n lagh; cha n ann leis fein, ach le neach eile, d’am b’urrainn urram gu neochriochnach a bu mho, a chur air an lagh. Agus tha an riarachadh a thugadh leis an neach ud eile ann an aite a pheacaich a cur airs an na h-onoir is mo is urrainnear a chur air. Faodaidh an lagh agus am peacach le cheile, uail a dheanadh a crann-ceusaidh Chriosd. Tha iad le cheile a faighinn gloir agus onoir shiorruidh d’a thrid.
Tha gach gloir a tha dealaichte o cheile ann an oibrbh eile Dhe air ann faotainn aonaichte anns a chrann so. Tha solasan neamh a glorachadh maitheas Dhe;—tha piantaibh ifrinn a glorachadh a cheartais;—Tha crann-ceusaidh Chriosd a glorachadh gach aon dhiu air mhodh is comharrachte na tha neamh no ifrinn a glorachadh aon seach aon dhiu. Tha onoir is ro-chomharrachte air a chur air ceartas Dhe le fulangasaibh Chriosd na le piantaibh nan dinbhul; agus tha taisbeanadh is ro-chomharrachte air maitheas Dhe ann an tearnadh nam peacach, na ann an aoibhneas nan ainglibh; air chor agus nach urrainn sinn cuspair eile bhreithneachadh anns am faicear a leithid do ghliocas eugsamhuil, no a leithid do dhoimhne innleachd gu bhi ag ardachadh gloir Dhe.
Faodar an ni ceudna a radh d’a thaobh mar thionnsgnadh air son math an duine. “Is e mhaiteas a pheacanna gu leir, agus a shlanuicheas’ eucailean uile” (Salm. ciii.). Is i so an iobairt a bheir air falbh cionta a pheacaidh. Is e so am priomh aobhar brosnachaidh gu bhi fuathachadh a pheacaidh; marbhaidh e am peacadh anns a cheart am an toir e dioladh air a shon; diolaidh e airson easumhlachd;—brosnuchaidh e gu umhlachd. Cosnaidh e neart chum umhlachd; ni e umhlachd ‘n a ni cleachdail, tlachdmhor agus taitneach air mhodh do-sheachainte;—Co-eignichidh e gu umhlachd (2 Cor. v. 14). Tha e araon na eisimpleir agus ‘n a aobhar-brosnuchaidh gu umhlachd. Riarach e mallachdan an lagha; agus coimhlionaidh e’ iarrtas an. Is e gradh coimhlionadh an lagha; eadhoin, gradh do Dhia agus d’ar coimhearsnaich. Is e crann-ceusaidh Chriosd an eisimpleir is airde air a ghradh sin. Faodar sealtuinn air fulangais Chriosd mar ghniomharan. Cha tug gniomh eile riamb a leithid de ghloir do Dhia; cha d’rinn gniomh sam bith eile a leithid do mhat do dhaoine. Agus is e so an doigh air an nochd sinne ar gradh do Dhia agus do dhaoine, a bhi ag ardachadh gloir Dhe agus a deanadh math do dhaoine.
Mar so tha fulangais Chriosd a teagasg dhuinn ar dleasannais, leis a ghradh o’n do shruth iad a mach, agus leis a mhath airson an robh iad air an sonrachadh. Agus tha sinn air ar teagasg leo, cha’n ann amhain leis an run bu mhathair-aobhair dhoibh, ach mar an ceudna leis an doigh ‘s an do ghiulain e iad. Cha’n eil da dhleasannas is duilghe a dheanadh na stroichdadh do Dhia, agus maitheanas a thoirt do namhaid. Tha a cheud aon dhiu’n a chomharradh air gradh do Dhia, agus an t-aon eile air gradh do dhaoine. Ach is e an stroichdadh is mo, neach a ghiulan le fulangais, agus e neochiontach; agus is e am maitheanas is airde, maitheanas a thoirt d’ar mortairean, gu sonruichte, ma’s muinntir iad a chuir sinn fo chomain dhuinn;—mar gu’n tugadh neach, chan e a mhain maitheanas dhoibhsan a thug a bheatha air falbh, eadhoin ged bha iad’n a eiseimeil airson am beatha fein; ach a dh’asluich maitheanas o neach eile air an son, a guidhe as an leth, agus a gabhail an lethsgeil cho fada’s bu chomasach dha sin a dheanadh. Is ann mar so a ghiulain Criosd ‘fhulangais; “Athair, do thoilsa, gu’n robh deanta;” “Athair, thoirt maitheanas dhoibh, oir cha n eil fios aca ciod a tha iad a deanadh.” Mar so chi sinn cho freagarach ‘s a bha an crann-ceusaídh mar mheadhoin gu bhi coimlionadh nan criochan a b’fhearr; eadhoin, fireanachadh agus naomhachadh. Cha ruigear a leas a bhi caitheamh uine gu bhi nochdadh a fhreagarachd eugsamhuil gu bhi ag ardachadh sith agus aoibhneis anns a bheatha so, maille ri sonas siorruidh anns a bheatha tha ri teachd. Oir gun teagamh, bidh sonas siorruidh ann an tomhas mor ag eiridh o bhi cuimhneachadh mar bha e air a chosnad; agus ann a bhi faicinn an Uain a chaidh a mharbhadh ‘n o shuidhe aig deas laimh an Ti sin a thug thairis e airson na criche sin. Tha na thugadh cheana fairear, a nochdadh gu’m bheil crann-ceusaídh Chriosd ‘n a thaisbeanadh glormhor air gliocas do-thuigsinn Dhe, do bhrigh na deilbh iongantaich a tha ri fhaicinn ann gu bhi ag ardachadh math an duine, cho math ri gloir Dhe; oir is e bu chrioch dha bhi foillseachadh gloir Dhe, agus deaghghean do dhaoine.
Annas a cheathramh aite—Tha an cuspair beannaichte so mar an ceudna a taisbeanadh gloir cumhachd Dhe. Tha so’n a baoth-chainnt neocholtach leosan do nach aithne Criosd; ach do na creidmhich, is e Criosd air a cheusadh gliocas Dhe agus cumhachd Dhe.—(1 Cor. i. 24). Bha ceusadh Chriosd air a mheas leis na h-Iudhaich mar dhearbhadh air easbhuidheachd a chumhachd. Mar sin, rinn iad tair airs an dh’oibrich cho liugha miorbhuil, gu’m fulingeadh e dha fein a bhi air a chrochadh air crann. Ach b’e so ann fein, am miorbhuil bu mho de gach miorbhuil. Dh’fheoraich iad,—Cionnus, mar shaor e feadham eile, nach do shaor se e fein? Dh’ainmich iad an t-aobhar ged nach tug iad aire dha. B’e sud an dearbh aobhar nach do shaor se e fein ‘s an uair ud, direach, gu’n do shaor e muinntir eile; gu’n robh e deonach agus comasach air an saoradh. Bha an t-aobhar leis an robh e air a chur thughe gu bhi giulan a chroinn-cheusaídh, ‘n a aobhar ro-chumhachdach;—”Gras Dhe, cumhachd Dhe chum slainte” (Rom. i. 16) a deanadh chreutairean nuadh, a togail anamaibh o’n bhas. Is e th’annta so gniomharan uile-chumhachdach. Tha sinn ullamh gu bhi air ar lionadh le iongantas leis an taisbeanadh tha an saoghal faicsinneach a toirt air cumhachd Dhe; ach tha anam an duine ann a chruthachadh moran ni’s airde agus ni’s urramaiche na’n saoghal. Tha cumhachd a Chruithfhear ann an gluasad siubhlach lochrain nan speur na chuspair ioghnaidh dhuiinn; ach tha gluasad anamaibh reusanta a dh’ionnsuidh Dhe mar chuspair-talaiddh, gu ro mhor ni’s glormhoire na gluasad nan reull a dh’ionnsuidh na greine;—buaiddh na cumhachd cheudna; ach buaidh gu ro mhor is airde, is urramaiche agus is buan mhaireannaiche.
Bha lotan Chriosd a reir coslais, nan dearbhadh air’ anmhuinneachd; ach cha n eil e duillich neart gun choimeas fhaicinn annta. Thigeadh e dhuiinn a bhreithneachadh—Ciod e sin leis an robh e air a bhruthadh? “Bhruthadh e airson ar n-aingidheachd-ne.” Tha an sgriotbur ‘g an taisbeanadh dhuiinn (Isa. lii.) mar eallach mhor; agus sinne uile ann ar neochomas, ‘n ar luidhe foidhpe, mar shluagh luchdaichte le aingidheachd. Ghiulain Chriosd ar peacaidhean agus ar n-anmhuinneachd ‘n a chorp fein air a chrainn; dh’iomchair e ar doilghiosan; cha’n iad amhain na doilghiosan a dh’fhaodar fhulang leinn anns a bheatha so, ach na thoill sinn a bhi fulang anns a bheatha tha ri teachd. Thugamaid fainear, co a leag an eallach ud air;—”Leag an Tighearna airs an aingidheachd gach aon againn.”—(Isa. liii. 6). Is math a dh’fhaodamaid a radh le Cain, “Tha ar peanas ni’s mo na’s comasach dhuiinn a ghiulan.” Dh’fhaodta sin a radh leis gach aon againn fa leth. Ach cha b’iad peacaidhean aoin a ghiulain e, ach peacaidhean mhorain, sluagh do-aireamh mar ghaineamh na fairge; agus peacaidhean gach aon dhiu sin co ionnan ann an aireamh ris a ghaineamh cheudna. B’e sud an t-uallach bu truime agus a b’uamhasaiche a bha anns an t-saoghal.
Bu leoir cudthrom mallachd an lagha gus an saoghal a phronadh gu luaithe. B’ambuil sin a fhuaradh e leosan a thug a nuas orra fein e anns an toiseach. ‘N uair a mhi-ghnathaich legion do ainglibh treun an neart, an neart ud a bha aca, an aghaidh an lagha, chuir mallachd an lagha fodha iad o neamh nan neamh do’n t-slochd gun ghrunnd. Bha an cudthrom ceudna chuir fodha na h-ainglibh ceannairceach, air a bhagar air an duine airson co-aontachadh leis na h-ainglibh ud. Mu’m b’urrainn daoine am mallachd ud a ghiulan, mu’m b’urrainn gach neach fa leth a chuid fein fhaotainn dheth; dh’fheumadh e, mar gu’m b’eadh, a bhi air a roinn ‘n a earrnan do-aireamh. Fad linntean do-aireamh, bu bheag dheth a b’urrainn a bhi air a ghiulan leis a chinne-daona. Bhiodh an fhearg ri teachd, an comhnuidh ‘n a feirg ri teachd gu saoghal nan saoghal: bhiodh gu brath, fuigheall neo-chriochnach fhathasd ri ghiulan. Is ann aig Chriosd amhain a bha neart gus an t-uallach ud uile ghiulan, gu a ghiulan uile, mar gu’m b’eadh, a dh’aon bheum, agus ‘n a aonar. “Do na sloigh cha robh neach maille ris.” Leagadh ar n-uallach agus ar cuideachadh air neach a bha cumhachdach; oir hha an doigh air an do ghiulain e ar n-uallach ‘n a thaisbeanadh glormhor air a chumhachd, an cumhachd a b’airde agus a b’urramaiche; eadhoin cumhachd tearnaidh.
Tha e fior gu’n deachaidh a bhruthadh fo’n uallach, ach cha bhiodh sin ‘n a ioghnadh leinn na’n tugamaid fainear uamhas na maoim a thuit air. Na’m bu chomasach dhúinn cudthrom ceartais shiorruidh a bhreithneachadh, ullamh gu tuiteam le gairge mar dhealanach air saoghal ain-diadhaidh; agus sealltuinn air a chorp naomh ud ‘n a luidhe eadar cudthrom na feirge air an talamh; cha chuireadh am bruthadh ud iongantas oirn; cha mho a dheanamaid dimeas air. Bu chubhaidh dhuiinn a smuainteachadh ciod a thachradh na’n tuiteadh an fhearg ud ni b’isle. Mur bhith gu’n robh i air a glacadh leis a chuspair ud a chaidh ‘s an eadaragain, dheanadh i sgrios agus milleadh air doigh eile. Dh’fhagadh i an saoghal comhdaichte le dearbhaidhean air dioghaltachd ceartais agus feirge naomha Dhia.
Ged bha ‘fheoil naomh air a dochann agus air a reubadh fo’n eallaich eagalach ud, cuimhnicheamaid gu’n do ghiulain e i. An so chithear neart neo-leithideach, a giulan an ruathair ud a mheill-eadh an saoghal gu luathre. Agus ghiulain e i ‘n a aonar. Cha do leig e leis an roinn bu lugha dhi dol seachad air fein. Tha iadsan uile ghabhas fasgadh fo’n didean bheannaichte so, cho tearuinte ‘s nach eil dad aca ri dheanadh ris an eallaich fheirge so ach amharc oirre (Eoin iii. 14, 15). Mar deir an Salmadair—Salm xci. 7, 8) “Cha tig i am fagus dhoibh; amhain le’n suilibh seallaidd iad, agus chi iad diol nan aingidh.” Ach chi iad i air a leagadh air an aon chothromach ud. Agus cha’n eil air fhagail dhoibhsan da-rireadh anns a ghnothuch so, ach a bhi faicinn tre chreideamh an cudthrom a bha an crochadh os cionn an cinn chiontach; agus mar chaidh an corp naomh ud a bha gun chionta agus gun smal anns an eadaragain. Chi iad e air a bhruthadh gu deistinneach. Ach is e deireadh a chath a nochdas co an taobh leis an teid a bhuaiddh. Anns an iomairt eagalaich ud, thugadh corp Chriosd cho ialsal ris an uaigh. Ach ged thuiteas am firein, eiridh e a ris. Is e am bas a bha an iochdar anns an iomairt ud (1 Cor. xv. 25). Is e Criosd a thug a bhuaiddh anns an tuiteam ud, agus lan-choimhlion e a bhuaiddh ‘n uair a dh’eirich e. Tha cumhachd agus neart gun choimeas air a thaisbeanadh ann an aobhar, ann an run, agus ann an toradh nan lotan ud.
Tha an neart ceudna ri fhaicinn ‘n a ghiulan fo na lotan, agus anns a mhodh air an do ghiulain e iad, mar chi sinn ann an eachdraidh a bhais. Ghiulain e iad le foighidinn, le truas agus le iochd ri muintir eile. Bhruthadh earran ro bheag do dhoilghiosan Chriosd an spiorad is treine ‘s an t-saoghal gu bas. Chan eil càil duine comasach air tomhas anabarach do bhron no dh’aoibhneas a ghiulan. Is leoir aon seach àon dhiu gu cur as d’ar beatha nadurra. Bha doilghiosan Chriosd uile gu leir gun choimeas, ach bha ‘neart lan-fhoghainteach air an son.
Tha na nithibh so a nochdadh cho amaideach ‘s a tha e, a bhi ‘g altrum beachdan ional no suarach a thaobh lotan an Fhirs- saoraiddh. Air dhoibh a bhi do na h-Iudhaich ‘n an ceap-tuisliidh, agus do na Greugaich ‘n an amaideachd, agus do bhrigh gu’m bheil moran do Chriosduidhean aideachail air nach eil iad ri drughadh iomchuidh, tha e feumail dhuinn beachdachadh orra beagan ni’s sonruichte.
Tha an sgríobtur a cur an iomlann de irioslachadh Chriosd f’ar comhair mar aon ghniomh mor, leis an tug e buaidh air naimhdhean Dhe agus dhaoine, agus tre an do shuidhich e rioghachd ghormhor agus buan-mhaireannach.
Tha na Faidhean, agus gu h-araidh an Salmadair, a labhairt uiread mu Chriosd mar ghaisgeach cumhachdach, d’an robh a naimhdhean gu bhi air an deanadh ‘n an stol-chois, is gu’m bheil an h-Iudhach eadhoin fathast a cumail a mach gu’m bheil am Messiah-san gu bhi’n a phrionnsa aimsireil rochumbachdach, ‘n a fhear-cogaidh mor; a chiosnaicheas a naimhdhean le teine agus le claidheamh, agus leis am bi iadsan air an togail suas os cionn uile fhineachan na talmhainn. Mur biodh iad air an dalladh le uabhar, agus le gradh do nithibh talmhaidh, b’fhurasda dhoibh fhaicinn gu’m bheil an cliu tha na faidhean a toirt air, tuilleadh is ard gu bhi aia a thuigsinn ann an seadh cho ional ri am beachdsan da thaobh. Chithear so gu soilleir le gearr-shealladh a ghabhail orra, a nochdas aig an am cheudna, gloir a ghniomh mhoir sin mu’n robh sinn a labhairt cheana, le bhi taisbeanadh meudachd na h-innleachd ud, agus na toraidheah a thug i mach.
Tha na faidhean gu tric a labhairt air mhodh sonruichte mu’n Mhessiah mar Righ mor—ainm anns am bheil a mhoralachd thalmhaidh is ro-airde air a chiallachadh. Bha lamh Philait air a h-ardriaghladh gu bhi sgríobhadh an tiodail urramaich ud, eadhoin air a chrann-ceusaidh. Tha gloir na rioghachd a bha gu bhi air a cur suas leis, air a cur fa’r comhair ann an cainnt ro-oidhearc leis an fhaidh Daniel (ii. 35-45), agus a ris anns an (vii. 13, 14)—“Chunnaic mi ann an aislingibh na h-oidhche, agus feuch thainig neach cosmhuil ri Mac an duine, le neulaibh neamh, agus thainig e chum Aosda nan laithean, agus thug iad e dluth ‘na lathair. Agus thugadh dha uachdranachd, agus gloir, agus rioghachd, a chum gu’n tugadh na h-uile shluagh, chinneacha, agus theanganna, seirbheis dha: ‘uachdranachd, is uachdranachd shiorruidh i, nach siubhail thairis, agus a rioghachd, cha sgríosar i.” An so tha taisbeanaidhean beothail air morachd gun choimeas; rioghachd shiorruidh gu bhi air a suidheachadh, grabaidhean laidir gu bhi air an toirt as an rathad, naimhdhean cumhachdach gu bhi air an ciosnachadh.
Tha e feumail anns a cheud aite a thoirt fainear mor-chudthrom uile-choitchionn an tionnsnaidh so. Cha robh pairt sam bith de’n chruitheachd caoinshuarach mu’ thimchioil. Bha gloir a Chruithfhear gu bhi air a h-ard-fhoillseachadh; tri pearsaibh na Diadhachd gu bhi air an taisbeanadh gu ro-ghlormhor; buadhan na Diadhachd gu bhi air an ardachadh; slighibh agus oibríbh Dhe gu bhi air an onorachadh. Bha an talamh gu bhi air a shaoradh, ifrinn gu bhi air a claoidh, neamh gu bhi air a ceannach, an lagh gu bhi air ardachadh agus air a dhaingneachadh (Isa. xlii. 21). Iarntasa an lagha gu bhi air an coilionadh; a mhallachdan gu bhi air an giulan. Mar so bha an lagh gu bhi air a riarachadh, an t-aingidh a bhrist e gu bhi air a thearnadh, a bhuaireadair agus ‘fhear-casaid gu bhi air a chur air theicheadh. Bha ceann na seann nathrach gu bhi air a bhruthadh; ‘oibríbh gu bhi air an sgrios. Bha arduachdaranna agus cumhachdan an dorchadais gu bhi air an creachadh le buaidh-chaitrream thairis orra (Col. ii. 15). Bha cionfath ùr airson Aleluia shiorruidh gu bhi air fhaotainn le uachdaranna agus chumhachdan neamh, agus cuideachd ùr gu bhi ‘g an seinn comhla riu. Bha na h-ainglibh a thuit gu bhi call an seann iochdarain, agus na h-ainglibh naomha gu luchd-comh-bhaile ùra a chur rì’n aireamh. Cha’n ioghnadh e bhi air a radh-gu’r h-e so a bha deanadh neamh nuadh agus talamh nuadh; bha eadhoin aghaidh ifrinn gu bhi air a h-atharrachadh. Gu cinnteach cha bu chomasach tionnsgnadh ‘bu mho na so a dheilbh.
Agus mar is mo a bheachdaicheas sinn air ‘na mheudachd fein, is ann is mo chi sinn do mheudachd a chath.tre an robh e air a choilionadh.
Oir anns an dara aite, mar bha an tionnsgnadh mor, bha gach ullachadh a bh’air a dheanadh air a shon, ro-sholuimte. Is ann air an talamh a bha e gu bhi air a dheanadh. Is ann aig an talamh a bha sar-ghnothuch ris; agus bha e air ullachadh gu soluimte air a shon. Is e so a chithear anns ‘s na freasdan a thainig air thoiseach air, rinn iad an saoghal freagarach airson an tionnsgnaidh mhoir a bha gu tachairt ann an lanachd-na-h-aimsir. Na’m faicte leinn gu soilleir an t-iomlan do shlabhruidh nam freasdan ud, chite an t-aomadh a bha aca uile ‘g a ionnsuidh mar an ceann-uidhe; agus mar a chuidich iad onoir a chur air; no mar bu chubhaidh a radh-mar chuir an tionnsgnadh ud an onoir a b’airde orrasan. Tha an fhaistneachd a chaidh ainmeachadh ann an Daniel, a bharr air feadhain eile, ‘n an samplair air so. Tha iad a nochdadh mar bha gach mor-chaochladh agus buaireas ceannairceach a thachair anns an t-saoghal fhineachail a frithealadh do’n tionnsgnadh so, agus gu sonruichte, eirigh-suas nan ceithir rioghachdan a th’air an toirt fa’r combhair ann am bruadar Nebuchadnesar. Fhritheil agus chuidich eirigh-suas agus dol sios nan rioghachdan ud, togail suas na rioghachd so nach bi gu brath air a tilgeadh bun os ceann.
Cha leir dhuinne ach ro-bheag do shabhruidh an Fhreasdail; agus eadhoin am beagan sin gu gle dhorcha. Ach is fiach e-madh’fhaodte, thoirt fainear gu h-aithghearr; gu’r h-ann o’n Ear a thainig rioghachdan mora gus an Iar do’n t-saoghal—O na h-Asirianaich agus o na Persianaich a dh’ionnsuidh ‘nan Greugach agus nan Romhanach. Bha so ‘na mheadhoin air cairdeas agus comh-chaidreamh fhosgladh suas eadar caochladh fhineachan an t-saoghail, o eirigh gu luidhe na greine. Bha an rioghachd a th’air a samblachadh leis a chloich air a gearradh a mach as an t-sliabh, gu ruigheachd orra le cheile (Dan. ii. 34, 35).
(Ri leantuin.)
Obituary.
CAPTAIN MACLEAN, EDINBURGH.
WE record this month with regret the decease of Captain Neil Maclean, 9 Danube Street, Edinburgh, which took place on the 8th February. The deceased, who had reached the advanced age of upwards of 90 years, was well-known as a generous supporter of the Free Presbyterian Church. He was a native of the island of Coll, went to sea in his youth, traded for a number of years along the coasts of Australia; and eventually retired from active life and took up his abode in Edinburgh upwards of 30 years ago. He was originally an adherent of the Reformed Presbyterian Church, but latterly was not formally connected with any particular Church. It may be said, however, that of all the Churches, the Free Presbyterian was the one to which he was most attached. He took a deep interest in its prosperity, regularly read its Magazine, and supported its schemes, especially those for building purposes. Mr. Maclean was a lover of the old paths, and could brook no deviation from the doctrine of the Confession of Faith or any innovation in worship. He was also, we have reason to think, a good man, and one that feared the Lord, though reticent in regard to personal experience. In his will he has bequeathed £1000 to the Rev. Mr. Macfarlane for behoof of the Free Presbyterian Church; while as evincing his desire for the spread of the Scriptures throughout the whole earth, he has left about £20,000 to the National Bible Society of Scotland. We trust that the money left to both purposes will be attended with the divine blessing, and help to further the cause of Christ in the world.
J. S. S.