SEARMON LEIS AN URR. J. R. ANDERSON A BHA ‘N GLASCHO.
THA sinn beo ann an saoghal caillte. Tha sinn ‘nar buill do theaghlach a chaidh air falbh o Dhia. Tha sinn ‘nar luidhe fo dhiteadh trom. Ach ann an uine ghearr bidh againn ri dol o’n t-saoghal so gu saoghal eile agus an sin gheibh sinn a reir nan nithe a rinn sinn anns a’ choluinn eadar an robh iad maith no olc.
Ann an sealladh a’ bhreitheanais tha na huile aobhar againn a bhi fo eagal, oir co a dh’fheudas a radh gu’m bheil e glan o eusaontas? Co a dh’fheudas seasamh aig caithircunntais a choguis fein? Cionnus mar sin a dh’fheudas gin do chloinn nan daoine seasamh aig caithir breitheanais Dhe agus dochas altrum eadhon an dochas a’s lugha gu’m fireanaich se e fein, agus gu’m faigh e binn-saoraidh? “Ma chomharaicheas tusa aingidheadh, a Thighearn, a Thighearna co a sheasas?”—(Salm cxxx. 3.) “Oir ma dhiteas ar cridhe sinn, is mo Dia na ar cridhe agus is aithne dha na h-uile nithe.”—(I Eoin iii. 20.)
Annas a’ luidhe mhuladach so tha guth trocair ri chluinntinn anns an t-soisgeul shiorruidh a’ searmonachadh sithe tre Iosa Criosd is e Tighearn nan uile. Agus is maith a dh’eireas dhuinn ma dh’ eisdeas sinn ris an fhuaim bhog agus leaghta so agus ma rannsaicheas sinn le curam ciod is suim dha agus cia dh’ionnsuidh a tha e ‘g ar n-aomadh. Buinidh so ar laimh do’n Ti o’m bheil am fuaim a’ tighinn oir is e an Ti ard agus uasal e d’an ionad-comhnuidh siorruidheadh. Is E Cruithear mor neimh agus na talmhainn agus nan uile chreutairean a ta annta. Is E an Tighearn a cruthaich sinn agus o’n is e tha coirichean aige oirnn aig am bheil cudthrom sonruichte agus nach gabh a bhi air an cur an teagamh. O, na pilleadh neach sam bith air falbh o’n Ti a ta ‘labhairt ruinn o neamh! oir an uine ghearr suidhear gu breitheanas agus fosgailear na leabhraichean agus seasaidh na mairbh uile eadar bheag agus mhor am fianuis Dhe. Na suilean a tha an ceart uair a’ sealltuinn ris na duilleagan so chi iad an sin Righ na gloire air a righ-cnaithir mhoir ghil: na firnean a tha a nis ‘gan cur f’an comhair thig iad a stigh anns a’ bhreitheanas; agus an soisgeul aig am bheil aite comharraichte an so chithear an sin e a’ taisbeanadh a bhuaiddh an da chuid air a’ muinntir a ghabh ris agus air a’ muinntir a dhiult e, “Uime sin, mar tha an Spiorad Naomh ag radh, ‘An diugh, ma chluinneas sibh a ghuth na cruaidhichibh bhur cridhe.'”—(Eabh. iii. 7, 8.)
‘S e an cruth a tha trocair a’ gabhail anns an t-soisgeul cruth cuiridh—cruth a tha tairngeach agus lan do mhaitheas. Agus co ris a tha i a’ labhairt? Is gann duilleag do Fhocal Dhe nach ‘eil a’ freagairt, gur ann ri peacaich. Feudaiddh sinn iongantas a ghabhail ri so. Tha sinn a’ creidsinn gu’m bheil na h-angil air an lionadh le iongantas ris. Ach ‘s e nadur trocair a bhi ‘noch-dadh caoimhneis do pheacaich. ‘Se rùn grais a bhi ‘toirt slainte do pheacaich agus ‘se crioch innleachd na reite gu’m faigheadh a h-ughdair gloir ann am peacaich.
Nis an cuir neach sam bith do ar luchd-leugaidh an aghaidh gur e so an cliu? Cha’n ‘eil teagamh againn nach aidich a’ chuid mhor dhiubh, mur aidich iad uile, gur e. Ma dh’aidicheas sibh so tha sibh air ‘ur dunadh a stigh fo fhiachaibh a bhi ‘gabhail ris an taigse a fhuair sibh chum na cuirm-bhainnse: agus mur e so a tha sibh a’ deanamh biodh fios cinnteach agaibh gu bheil sibh ‘g ‘ur mealladh fein agus nach ‘eil sibh ag aontachadh a bhi ‘n ‘ur peacaich; air neo tha sibh ann an aineolas is cha’n aithne dhuigh ciod a th’ ann a bhi ‘n ‘ur peacaich; air neo tha sibh gu h-anndana a’ mìchadh dearbhaiddh, a’ cur an aghaidh na firinn agus a’ cluich’ le slainte ‘ur n-anaman. Oh, gabhaibh ri ar n-impidh. Stadaibh car mionaid agus rannsaichibh cia mar a tha ‘ur cuisean agus deanaibh a reir mar a tha fior-shuidheachadh ghnothuichean ag agairt oirbh. Cuimhnichibh, ma theid sibh am nearachd an so gu’m feud sibh ‘ur beatha a chall gu’m feud sibh ‘ur maith agus ‘ur sonas siorruidh a chall. Ni e ‘ur n-anaman a dhamnadadh gu bith-bhuan. “C’uime a bhasaicheas sihh, o thigh Israeil?”—(Esec. xxxiii. 11.)
Ach ma dh’aicheadhas sibh gu bheil sibh ‘n’ur peacaich no ma dh’aidicheas agus nach dean sibh d’a reir an sin tha sibh a’ peacachadh an aghaidh an t-soluis agus ma theid sibh a dhith gu cinnteach bi ‘ur fuil air ‘ur ceann fein. Oir tha an sgiobtuir gu soilleir ag innseadh dhuibh gu’n robh sibh air ‘ur dealbhadh ann an euceart agus ann am peacadh gu’n do ghabh ‘ur mathair sibh ‘na broinn; (Salm li. 5) seadh annaibhse nach’eil maith sam bith a’ gabhail comhnuidh; (Rom. vii. 18) ach gu bheil uile bhreith-neachadh smuaintean ‘ur cridhe a mhain olc gach aon la; (Gen. vi. 5) as an tobar thruailidh so gu’n do shruth a mach gach uile aingidheachd an aghaidh an loisg fearg Dhe ann an ifrinn gu siorruidh.
Nis, c’airson a tha am focal sin a tha ‘giulan nai gheachd na slainte a’ giulan mar an ceudna foillseachadh air ‘ur peacadh? ‘Nann chum ‘ur pianadh roimh ‘n àm? oh, na toiribh aite do smuain cho cruaidh. ‘Nann a chum ‘s gu’n gabh sibh eagal gun aobhar? oh na tugaibh breth cho michothromach air an Ti is e Grádh. ‘Nann a chum ‘s gu’m bi sibh air ‘ur milleadh airson comunn laghail agus obair agus toileachas inntinn na beatha? Ceart an aghaidh sin. Tha foillseachadh ‘ur peacaidh air a chur ann ‘ur lamhaibh chum ‘s gu’n gabh sibh beachd air, gu’n cothrom-aich sibh e gu’n dean sibh urnuigh os a cheann. Cha’n urrainn ni sam bith ‘ur fuasgladh o bhi fo fhiachaibh teann gu’n dean sibh so. “Oir ciod an tairbhe a th’ann do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal uile agus ‘anam fein a chall?”—(Mat. xii. 26.)
Bidh an t-anam gu cinnteach air a chall mur bi dearbhadh air peacadh a tha an da chuid domhain agus tearnaiddh air a dhusgadh ann leis an Spiorad Naomh. Oir ged a tha an lagh a’ labhairt cha’n eisd clann nan daoine. Ged a dhealraicheas e leis an t-solus is soilleire cha’n fhaic iad; ged a tha e eudaichte le moralachd uamhasaich agus air a chumail air chois le ughdarras uile-naomh agus urramach tha daoine a’ diultadh geilleadh dha. Gidheadh is ann tre’n lagh a tha aca ri fios fhaighinn air am peacaichead fhein agus dearbhadh fhaotainn air an cionta. Ma ‘se uime sin nach toir an lagh a’ bhuaibh air nadur ceannairceach an duine cha ruigear a dh’ionnsuidh an t-soisgeil cha bhlais an duine de’n chuirm bhainnse agus cha’n fhaigh e slainte d’a anam. Ach ann an so chi sinn cumhachd grais arduachdaranail tre neart Spiorad Dhe anns an anam gu’m bheil an lagh a’ deanamh ‘oibre fein agus tha an duine a tha air a thoirt fo’ bhuaiddh chum slainte air a dhusgadh, a’ faotainn dearbhadh, agus air ‘fhein-dhiteadh.
‘Nuair a tha sinn a cumail a mach gu’m feum a leithid so a dh’obair a bhi ann cha’n fheud duine cur as ar leth gu’m bheil sinn a’ cuibhreachadh saorsa an t-soisgeil. Is cinnteach nach robh cuibhrichean air a’ chuireadh a fhuair seirbhisich an Righ agus a dh’aitheadh dhoibh a thoirt seachad chionn gu’n robh e ri chur an ceill do na bacaich, do na ciurramaich agus do na doill. Agus cha mho a tha saorsa an t-soisgeil air a cumhannachadh ‘nuair a tha an taigse ri dheanamh do pheacaich, ‘se sin mar a chunnaic sinn, muinntir a tha da rireadh anns an luidhe sin agus dh’an cliu gu bheil iad ‘nam peacaich. Cha’n iarr ach neach tinn an leigh; cha’n iarr ach muinntir chaillte Fearsaoraidh. “Is fior an radh so agus is airidh e air gach aon chon air gabhail ris gu’n d’thainig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach d’am mise an ceud fhear.”—(I Tim. i. 15.)
Tha beannachdan na slainte a tha air an tasgadh ann an Iosa Criosd agus a tha air am foillseachadh ann an solus firinn Dhe air an coimeas ri cuirm bhainnse. ‘Se so coimeas a tha aig a’ cheart am ro fhreagarrach agus lan do theagasg. Oir nochd sinn a cheana gur e peacaich do’n t-saoghal so a th’ anns na h-aidhean a tha’ faotainn cuiridh agus gur iad a mhain a tha ‘gabhail ris. Nise ‘se direach fanoid a bhiodh ann gu buileach air a leithid sin do chreutairean an gairm gu cuirm far nach e slainte am biadh araidh an toil-inntinn is millse agus a’s fhearr a riarraicheas duine. Tha cail aig daoine an t-saoghal do shaoibhreas o’n a tha iad sanntach. Tha cail aca do chumhachd o’n a tha iad ag iarraidh a bhi streap os cionn a cheile. Tha cail aca do chliu o dhaoinibh o’n a tha iad fein-uailleil. Tha cail aca do nithibh nach fhiach an ainmeachadh o’n a tha iad talmhaidh collaidh diabhluidh. ‘Se so a dh’innseas dhuinn c’airson a tha iad ri obair gun sgru agus c’airson a tha iad a’ buanachadh ann an drip gun lasachadh. Ach ‘se a’ cheisd a’s airde a tha aig peacach bochd aig am bheil mothachadh soluimte air siorruidheachd a tha air a thromluchdachadh le uallach cionta a tha ullamh a bhi air a shlugadh suas ann an slochd domhain a thruaillideachd fein, ‘se a’ cheisd a’s airde a th’aigesan-a’cheisd a tha ‘cur nithe eile a fradharc, “Ciod a ni mi chum gu’n tearnar mi?”
O! nach e so an duine—duine a tha ri taobh na slighe do bheatha a bha diomhan lan sgios agus gun fheum—a bheir dibeachta do’n chuireadh, Thigibh chum na bainse? Seallaidh e cho iongantach ‘na shuilean ‘s gur gann a chreideas e gu bheil a’ chuirm ann ‘s gu bheil e fein air a chuireadh air fear do na h-aoidhean. Cha’n’eil doirbheachd no iongantas sam bith anns an rud so do’n chuid mhoir a tha air an gairm ‘nan Criosduidhean. ‘Ne gu bheil e ri chreidsinn car mionaid gu bheil iadsan cho olc ‘s gu’n aicheadh iad firinn Dhe, gu’n diult iad Mac a ghraidh ‘s gu’n dean iad tair air soisgeul a ghrais! Cha’n urrainn so a bhi, tha an rud do-chreidsinn, ‘se th’ann masladh air an cliu agus smal air an aideachadh. Ach toilicheadh daoine fein-fhireanta iad fein mar a thogras iad tha dearbh-fhios aig a’ mhuinntir a tha faireachail air plaigh an cridhe fein nach’eil suim air bith aca a thaobh naduir do shaobhreas gras Dhe air cho ion-mhiannaichte ‘s gu bheil e; air cho saor ‘s a tha taigsean na slainte nach’eil cail sam bith aca dhoibh agus air cho glormhor ‘s gu bheil cliu an Fhirsaoiraidh nach’eil iad idir a’ cur am muinghinn ann.
Ann an so ma ta chi sinn cothrom as ùr airson trocair tearnaidh fhoillseachadh. Le a leithid so do chleachdaidhean piantail agus irioslachadh tre aithne air an cridhe fein tha daoine air am briseadh o’m fein-mhuinghinn agus air an toirt ‘nan eucomas gu casan grais arduachdaranaill. Tha a’ chuirm bhainnse fosgailte do na h-uile. Tha cuiridhean teann air an cur a mach agus tha argumaidean air an gnathachadh air son an cur dhachaidh. Ach ma tha argumaidean aig an t-soisgeul airson gabhail ris ceart an aghaidh sin tha ‘argumaidean fein aig an t-saoghail. Tha a’ chuid mhor a fhuair cuireadh a’ deanamh tair air agus ag imeachd rompa, fear d’a fhearann, fear d’a cheannachd, agus tha cach a’ glacadh nan seirbhiseach ‘gam mi-ghnathachadh agus ‘gam marbhadh. (Mat. xxii. 5, 6.) Agus cha bhi a’ chuis air a’ chaochladh doigh a thaobh neach sam bith mur bi iad air an umhlachadh agus air an irioslachadh tre neart gras an Tighearna. Feumaidh an dorchas a tha ‘riaghladh anns an anam a bhi air a sgapadh agus an solus fior dealrachadh; feumaidh an cruas a tha leantuin a’ chridhe a bhi air a thoirt air falbh agus taiseachd tighinn ‘na aite; ann an aon fhocal feumaidh cruthachadh nuadh a bhi anns an duine agus ‘se toradh a’ chruthachaidh nuaidh so an duine a thoirt chum na cuirme.
Tre chreidimh a tha ‘g eiridh o obair Dhe anns an anam no mar is fearr a dh’fheudar a radh is e dearbh bhith na h-oibre sin tha peacach bochd a’ gabhail ri Criosd. ‘Se an dorus gu ruig a’ chuirm bhainnse, ma theid neach sam bith a steach troimhe-san tearnar e. ‘Se mar an ceudna suim na cuirme bainnse, is biadh da rireadh ‘fheoil agus is deoch gu firinnneach ‘fhuil. Oir tha iartusan aig a’ chridhe a tha air ‘athnuadhachadh nach sasuich ach Criosd; miannan nach riarach ach Criosd; uireasbhuidhean nach leasaich ach Criosd. “Agus tha sibh coimhlionta annsan, neach is e ceann gach uile uachdaranachd agus cumhachd.”— (Col. ii. 10.)
Ann an Iosa Criosd aig a’ chuirm bhainnse tre fhocal agus orduighean Dhe le oibreachadh eifeachdach an Spioraid Naoimh tha cleachdadh an fhior-aithreachais air a thoirt do’n chreidmheach. Is bochd agus truagh staid an anama nach’eil beofhaireachail air olc a’ pheacaidh; nach’eil a’ caoidh airson an easurrain a tha e ‘cur air Dia; nach pill air falbh o’n pheacadh d’a ionnsuidh-san an aghaidh am bheil e air a ghniomhachadh. Anns ‘a ghinealach fheolmhor so do mhuinntir a tha, ma’s fhior’ diadhaidh tha e coltach gur e fein-mhuinghinn an t-aon ni air am bheil feum. Mar a theirear biodh duine fiosrach air so gu bheil e’creidsinn ann an Criosd tha e sabhailte, cha’n’eil feum aig air an tuilleadh fanuis air a pheacanna a bhi maithte dha. Air an laimh eile tha e air a mheas ‘na sheorsa do ifrinn do dhuine gu’n cailleadh e sealladh air a ghras fein ‘s gu’n cailleadh e muinghinn a thaobh a shlainte fein. Agus ‘ne so ma seadh a’ chuirm bhainnse air am bheil uiread air a radh ann am focal Dhe: a’ chuirm is e an ni araidh a bha air a chumail a mach anns gach uile chur an ceill an t-soisgeil a bha riabh anns an t-saoghal: a chosg do Mhac Dhe ‘fhuil phriseil g’a h-ulluchadh—ni nach urrainn nach anam sam bith comhpairteachadh gu h-achdaidh do’n anam ach an Spiorad Naomh a tha ‘tighinn a mach o’n Athair agus o’n Mhac? Ciod e am mealladh a tha air tuiteam air daoinibh a’s urrainn a leithid do smuaintean fhigheadh agus a chur an ceill do’n t-saoghal mar fhior-bhriathra Dhe! Agus ciod e am mealladh a tha ag obair annta-san a tha ‘ga ghabhail gu gionach mar gu’m be am focal a leigeadh a stigh iad do rioghachd Dhe.
Biodh fios aig na h-uile dhaoinibh, agus gach neach a dh’iarradh a bhi sabhailte, an so agus an deigh so, gabhadh e gu cridhe, mur dean daoiné aithreachas gu’n teid iad uile gu cinnteach a dhith. ‘Se am peacadh an ni a tha ‘deanamh croin do’n anam, a dh’fhuadaich e o lathair Dhe, a shalaich agus a thruaill agus a dhit e. Nis. cha’n’eil slainte o’n pheacadh gun aithreachas; cha’n’eil coir ann an Criosd gun aithreachas; cha’n’eil dearbhadh air coir ann an Criosd gun aithreachas; cha’n’eil creidimh ann an Criosd gun aithreachas. Biodh daoiné fiosrach air an ni a thogras iad; faiceadh iad uiread do ghras annta fein ‘s is urrainn an suilean a ghabhail a stigh; agus biodh dochas aca ri slainte gu deireadh an làithean—’se diomhanas agus breug a th’ann uile gu leir mur bi le spiorad bruite pilleadh domhain agus iomlan o pheacadh gu Dia ann an cridhe cainnt agus caithebeatha. “A shiol nan nathraiche-nimhe co a thug rabhadh dhuibhse teicheadh o’n fheirg a tha ri tighinn? Thugaibh a mach uime sin toradh iomchuidh do’n aithreachas.”—(Mat. iii. 7, 8.)
Tha a’chuirm bhainnse ann an tomhas mor air a treigsinn anns an la againn cha’n ann gu h-aideachail ged a tha sin cuideachd math dh’fheudta ni’s fhaigse na tha daoine an duil. Ach an t-aideachadh a thathas a’ deanamh air urram do’n chuirm agus air iarrtus as a deigh ‘se ‘th’ann air son na cuid a’s mo aideachadh falamh. Tha daoine againn a tha ‘g radh Criosduidhean riu fein agus cha’n aithne dhoibh ciod a th’ann an cridhe briste; cha shil iad deur airson an easurraim a thug iad do’n Aon Naomh. Cha do sheall iad riamh airson a chaidh a lotadh air chor ‘s gu’n do rinn iad caoidh air a shon. Cha do sheall riamh. Am bron a tha aig moran do luchd-aideachaidh, ‘s ann do sheorsa eile uile gu leir a tha e, “bron an t-saoghail a tha ‘g oibreachadh báis.”—(2 Cor. vii. 10.)
Ach an dream a tha tre chreidimh a’ tighinn do’n chuirm bhainnse tha iad fior-aithreachail. Cha’n urrainnear aig àm sam bith a radh gu bheil comh-pairt aca anns a’ chuirm mur ‘eil iad ann an cleachdadh a’ ghrais so—”le luibhean searbha ithidh sibh e.” Anns an t-suidheachadh inntinn so tha iad a’ faotainn m’aitheanas pheacaidhean, earrann eile, agus earrann shonruichte do’n chuirm bhainnse. Ach cha mhò a tha daoine anns a’ chumantas a’ cur luach air a’ bheannachd so; cha’n ‘eil iad ‘tuigsinn ciod a th’ann no cia mar a tha e ‘tighinn; agus ged a b’ ionnann’s gu’n robh e ‘nar comas a thoirt dhoibh cha bhiodh aithne aca air cionnus a dheanadh iad feum dheth no cionnus a mhealadh iad e. Dh’ fheudadh a’ Bhan-righ uiread do litrichean maitheanais a chur a mach ‘s a thoilicheadh i ach cha ghabhadh duine beo suim sam bith dhuibh ‘s cha’n fhaigheadh e feum sam bith annta ach a mhain luchd-droch-bheirt air an druideadh suas am priosan agus ullamh gu bhi air an toirt a mach airson an crochadh. Nis an Righ mor—Dia agus Athair ar Tighearn Iosa Criosd, Dia na slainte, cha’n’eil e a’ cur a mach litrichean maitheanais ach a mhain airson luchd-aithreachais. “Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean tha esan fireannach agus ceart chum ar peacaidhean a mhaith-eadh dhuinn agus ar glanadh o gach uile neo-fhireantachd.”—(1 Eoin i. 9.) “Thubhairt mi, aidichidh mi m’euasaontais do’n Tighearn agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh.”—(Salm xxxii. 5.) “Tha a peacaidhean a tha lionmhor,” ars’ an Tighearn ris a’ mhnaoi a bha ‘na peacach, “air am maitheadh dhi, air an aobhar sin ghradhaich i gu mor.”—(Luc. vii. 47.) Agus c’aite an do thaisbein i a gradh a bhi mor? Dh’ ionnail i a chosan le ‘deur-aibh agus thiormaich i iad le folt a cinn.
Tha an duine a thig mar so do’n chuirm bhainnse ‘na fhear-comhpairt do fhior-naomhachd. Tha a gne anns an nadur nuadh a dh’ oibrich an Spiorad Naomh ann. Ach tre chreidimh Chriosd tha e ‘ga h-altrum o la gu la. Tha e a’ sireadh a mach agus a’ marbhadh a thruaillidheachd, ‘uabhar, ‘fheinealachd, ‘fharmad, ‘fheolmhorachd, a cheilg, a cheannairceis a naimhdeis. Oir tha iad sin uile fathast ‘na anam, tha iad ‘ga chràdh gu goirt, a’ lagachadh a neirt, a milleadh a mhaise, a lughdachadh ‘fheumalachd. O na nithibh so tha iomadh bron aige air am bheil an saoghal aineolach agus cha’n’eil comh-fhulangas aige anns na nithibh sin o ghinealach do luchd-aideachaidh aig am bheil an cinn lan do bheachdan, math dh’ fheudta, soilleir agus firinneach agus greadh-nachail ach aig am bheil an cridheachan air am fagail fo chumbachd naimhdeis mharbhtaich do’n fhirinn ghloin agus do’n fheadhainn a tha ‘ga cumail ‘s a tha toileach fulang air a sgath. “Och is duine truagh mi, co a shaoras mi o chorpa bhais so?”—(Rom. vii. 24.)
Ann an Criod ceusda ma ta tha e ‘faotainn cumbachd a mharbhadh cumbachd a’ pheacaidd ann fein agus ged a dh’ fheudas e a reir a bheachd fein a bhi ‘deanamh gle bheag astair, seadh feudaidd e bhi ‘ga fhaotainn fein a’ dol ni’s miosa gidheadh cha’n urrainn e an cogadh a thoirt thairis no sealltuinn taobh sam bith eile airson cabhair. “Tha mi a toirt buidheachais do Dhia tre Iosa Criod an Tighearn.—(Rom. vii. 25.)”
Air an aobhar sin eisdeadh peacaich ris a’ ghuth chaoimhneil a tha ‘gan cuireadh chum na cuirme so. Tha an uine goirid. Siùbhlaidh na cothroman a th’ ann a nis gu h-aithghearr air falbh. Thig meadhonan nan gras a dh’ aithghearr gu ceann. Ciamar air bith a bhios ar cuisean b’e ar gliocas an aire a thoirt do na nithibh a bhuineas do ar siath: ach anns na laithean so againn tha rudan ann aig am bheil cuthrom agus soluimteachd araidh. Tha an speur timchioll oirnn a’ fas ni’s duibhe. Tha an eaglais fhaicsin-neach gu luath a’ crionadh agus ann an tomhas mor tha i a cheana marbh. Tha aideachadh moran gu h-iomlan seargta. Tha focal glan an Tighearn a’ fas gle ghann. Tha cumbachd Spiorad Dhe ann an tomhas eagalach air ‘aicheadh. Tha an Airc a’ dion a’ bheagain anaman a tha gu bhi air an tearnadh agus tha an guth caol ciuin ri chluinntinn, “tha aite falamh fathast.” Ach ma bhios e air a dhéarmad bi an dorus air a dhunadh gu luath agus comh-daichidh tuil do dhorchadas agus do dhuibhre an tir air nach toir barrachd ach an tuil do theine a loisgeas suas mu dheireadh an saoghal aindiadhaidh. Teichibh, uime sin, oh, teichibh o’n fheirg a tha ri teachd agus deanaibh greim air a’ bheatha mhaireannaich. Feudaidd fathast dorus dochais a bhi air ‘fhosgladh dhuibh. Feudaidd fathast dibeatha cairdeil a bhi air a thoirt agus cuirm shaoibhir a bhi air a sgaoileadh f’ ur comhair. Ach a dh’ aithghearr feudaidd ‘ur la grais crochnachadh gu siorruidh agus oidhche siorrudheachd chaillte tuiteam oirbh. Greasaibh, teichibh airson ‘ur beatha. Na fan anns a’ chomhnard uile. Oir tha an Ti a tha ‘toirt na cuirme bainnse saoibhir ann an trocair do na h-uile a ghaireas air. “Deanaibh spairn chruaidh gu dol a’ stigh air a gheata chumhann oir a ta mi ag radh ribh gu’n iarr moran dol a stigh agus nach urrainn iad.”—(Luc. xiii. 24.)