Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » February 1903 » An Cuireadh Mor

An Cuireadh Mor

SEARMON LEIS AN URR. IAN DONULLACH A BHA ‘N CALCUTTA
(EADAR-THEANGAICHTÉ).
“Thigibh, oir a ta na h-uile nithe a nis ullamh.”—Luc. xiv. 17.

THA sinn gu nadurra ‘nar coimhthional dé fhearaibh ‘s de mhnaibh a tha ‘dol a dhith. Pheacaich sinn; bhrósnuich sinn an t-Uile-chumhachdach gu feirg ‘nar n-aghaidh; sgrios sinn sinn fein agus tha sinn ‘nar luidhe, gun chomas sinn fein a chuideachadh, buailteach do thruaighe shiorruidh do bhrigh ar peacaidh. Mar sin ‘s e gnothuch na slainte an gnothuch a’s cudthromaiche a’s urrainn ar n-aire a ghlacadh agus bu choir dhuinn daonnan gur e so bu mho a lionadh sinn ‘nuair a thig sinn an ceann a cheile ann an tigh Dhe. Seadh, na sguireamaid uair air bith a bhi ‘searmonachadh, a bhi ‘g umuigh, a bhi ‘fisrochadh mu ‘n ni aig am bheil ceangal cho dluth ri ‘er sith bhitbhuain. Am bheil feum againn uile air a bhi air ar tearnadh? Tha, oir “pheacaich na h-uile agus thainig iad gearr air gloir Dhe.” Ann an so, ma ta, tha gnothuch airson an t-saoghail uile, airson a h-uile eaglais agus anam fa leth. Am feum na h-uile a bhi air an tearnadh anns an aon rathad? Feumaidh, oir cha-n ‘eil ach aon ainm air a thoirt fo neamh tre’n urrainn sinn a bhi air ar tearnadh. Is aon ni am peacadh, is aon ni mar an ceudna slainte.

Co uaith á tha slainte a’ tighinn? O’n duine no o Dhia? O Dhia ‘na aonar. ‘S ann ‘na aghaidh-sa a’ tha am peacadh air a ghniomhachadh. ‘S e ‘fhearg-sa an t-olc a ta chomhnuidh oirnn; ‘s e a mhain a’s urrainn ar tearnadh. Ciod e an ni a reir am bheil Dia a’ tearnadh? ‘N ann a reir ceartais no a reir grais? An da chuid—a reir ceartais d’ a thaobh fein, agus a reir grais d’ ar taobhne; air a leithid de dhoigh ‘s gu bheil an duine air a bheannachadh le trocair, ‘s gu bheil Dia air a ghlorachadh le fireantachd.

Ciod e am meadhon tre ‘m bheil slainte a’ tighinn? Tre mheadhon anns am bheil daonnachd agus diadhachd le cheile; tre Eadar-mheadhonair, a’se fior-dhuine agus fior-Dhia — an Tighearn Iosa Críosd. Ghloraich e ceartas na Diadhachd anns gu’n d’fhuiling e diteadh a’ bhais ‘s gu’n do choimhlion e agartasan an lagha; agus dh’ fhoillsich è trocair Dhe le. Chi ‘tearnadh a nis, air a’ chunn sin, o’n pheacadh agus o ifrinn. Cia mar a ghabhas duine an Slanuighear so a chum slainte? Tre chreidsinn ann leis a’ chridhe, tre ghabhail ris, tre earbsadh as, tre thighinn d’a ionnsuidh airson slainte; ‘se sin ri radh, tre chreidimh. Ciod e am bonn no am barratas a th’ aig a leithid so de chreidimh air taobh a’ pheacaich? Ciod e ach fianuis firinn Dhia air a faicinn ‘na h-uile sholus diadhaidh, air a deanamh aithnichte do pheacaich, anns an t-soisgeul? ‘Se sin am bonn air am bheil peacach ‘na sheasamh le seasamh neoghlusadach ‘nuair a chreideas e ann an Criosd airson slainte.

Ach ciod e an soisgeul so no fianuis Dhia airson slainte a tha do na h-uile dhaoinibh gu bhi air a chreidsinn? Dh’ fheudamaid an searmon so a lionadh le earrainnean a nochdadh ciod e sin an soisgeul no le samhlaidhean a chur soluis air an ni a’s ciall da; ach ciod na briathran a dh’ fheudas sinn faghail a’s freagaraiche na briathran ar cinn-teagaisg, no ciod an samhladh a’s fhearr a chuireas solus air na am fear a tha anns a’ chomh-theagasg so fein? “Thigibh, oir a ta na h-uile nithe a nis ullamh.” Ciod gus an tig mi? Gu suipeir no gu cuirm, cuirm na trocair, a dh’ ulluich Dia ann an ainm a Mhic do chlann nan daoine. Cha ruig sinn a leas leudachadh aig an amsa air a’ chosamhlachd; ni mo a chumas sinn an taobh a stigh d’a crioichaibh ann a bhi ‘cur soluis air a’ cheann-teagaisg; foghnadh e a radh gu bheil e gu soilleir a’ taisbeanadh frithealadh an t-soisgeil mar a tha e a’ tighinn gu caochladh sheorsanna; gu peacaich, gu creidich, gu mi-chreidich, agus gu cealgairean. Is tha e a’ leigeil ris mar a dh’ eireas do luchd-eisdeachd, do luchd-diultaidh, do luchd-gabhail ris an t-soisgeul, no do’n mhuiintir a tha ‘gaideachadh a bhi ‘gabhail ri soisgeul na slainte am feadh ‘s a tha iad ‘ga dhiultadh. Gabh beadh.

I. An cuireadh.

Cha-n ‘eil an soisgeul ‘na fhios mu mhalairt no iomlaid anns am bheil duine air a chuireadh gu cuirm a thathas an duil gu’m paigh e luach no gu’n toir, e cuirm eile na h-eiric; cha mho a tha e ‘na chliuthachadh follaiseach air sealladh ris am feud daoine sealltuinn ach nach fheud iad ni a ghabhail thuca fein deth. Cha mhor buannachd a tha ann an cur an ceill sin an t-soisgeil anns nach ‘eil ach sealladh air a chumail fa chombair muintir; ged is e so mo thruaighe, a reir coltais a’s pailte a tha ann ar crannagan. Ach ‘s e cuireadh a th’ anns an t-soisgeul ‘na uile bhuaidhean sonruichte. Tha e

  1. Saor. Cha-n ‘eil e ag agairt teachd a stigh sam bith ann an rathad athdhiolaidh, tha e direach ag iarraidh bhi air a ghabhail ris; tha e a’ deanamh ulluchaidd airson eucomas agus neo-airidheachd an duine, agus a’ tairgseadh dha gras na slainte. Mar a’ ghrian—mar an solus—mar an t-uise—mar am manna—mar an nathair umha—mar chuirim le duine saoibhir do mhuiintir bhochd—mar sin tha Iosa Criosd le ‘shlainte gu saor air a thoirt anns an t-soisgeul. “Co air bith leis an àill, gabhadh e de uisge na beatha gu saor.” ‘S e a tha ann an creidimh a bhi ‘gabhail gun chumha ri cuireadh saor.”

  2. Tha e pearsanta. Tha e air a chur do phearsaibh air leth; do na h-uile dhùil, chum ge b’ e a’ chreideas gu’n tearnar e. Duine sam bith, a h-uile duine, a chluinneas an cuireadh, tha an cuireadh aige dha fein is tha e air a chiallachadh gu’n gabhadh e ris. Mar sin ‘s e creidimh duine a’ gabhail gu pearsanta ri cuireadh son-ruichte ; oir tha a h-uile duine maraon a lathair do’n Tighearn sin a tha ‘gairm, gu a chuirim, an t-saoghail gu h-iomlan.

  3. Tha e simplidh ; tha a chainnt so-thuigsinn do na h-uile. Tha an soisgeul air a dheelbhadh air dhoigh ‘s gu’n tuig an duine a’s laige inntinn e ; gidheadh ‘na shimplidheachd tha e ard seach breithneachadh an duine a’s airde a bhuadhan. “Seall,” “eisd,” “creid,” “earb,” “ith,” “ol,” “gabh,” “thig,” ‘s iad sin na briantran a th’ air an gnathachadh gu cainnt a chur air cuireadh an t-soisgeil. “Eisdibh, agus mairidh ‘ur n-anam beo.” “Thigibh a’m ionnsuidh, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.” C’aite am bheil an leanabh a th’ air a dhunadh a mach ? Co an duine borb a ruigeas a leas dol cli ann an sud a thuigsinn ? Air cho so-thuigsinn ‘s gu bheil an cuireadh simplidh so, ‘s e creidimh ni a tha co-ionnan simplidh, direach ‘bhi ‘gabhail ris. “A Thighearn, tha mi ‘tighinn,” ‘s e sin focal no cainnt a’ chreidimh.

  4. Tha an soisgeul iomlan ; cha-n ‘eil e ‘fagail a mach ni a tha feumail ; tha an t-ulluchadh uile, a’ chuirim gu h-iomlan, air a ghabhail a stigh ann Gach suidheachadh ‘s am feud an duine a bhi a tha air a’ ghairm tha sin air ‘fhilleadh ann. Tha am peacach le ‘uile pheacaichead air a ghairm gus an t-slainte iomlan a th’ ann an Iosa Críosd. Cha-n urrainn e ni air bith fhaotainn a mach a thaobh a chionta fein a tha an ainfhios air an Dia a thug an cuir-eadh. Cha mho is urrainn e ni sam bith de’n chuirim ainmeachadh nach ‘eil saor dha a reir focal an Tighearna. ‘S e obair a’ chreidimh, sinn le ar n-uile thruaighe a ghabhail ris a’ chuireadh dh’ ionnsuidh an t-sonais so uile

  5. Tha an soisgeul seulaichte—gun aite a bhi air ‘fhagail do theagamh ann. An deigh do Iosa e fein a dhearbhadh gu bhi ‘na Mhac do Dhia, thug e an cuireadh ; agus chuir Spiorad Naomh Dhe a sheula air le iomadh focal agus obair eile a tha diadhaidh ‘nan gne air sheol ‘s nach cuir neach sam bith, d’ an aithne Dia, an teagamh nach ann o Dhia a tha e. Tha e a’ giulan lorg iomhaigh Dhe, dealbh na h-inntinn shiorruidh, agus gloir araidh oibreachtadh Dhe, air dhoigh agus, gach neach leis an àill Dia aithneachadh, gu’m feud e ‘fhaotainn ann an airde a chuiridh so agus ann an oirdheirceas nan nithe a tha fillte ann. Tha creidimh a’ gabhail ris an teisteanas so agus tha fianuis a’ chuiridh aige ann fein, is e ag radh, “tha fhios agam, o Thighearna gur ann uaitsa a tha so.” Ann an so tha Spiorad Dhe ri obair, a’ comhpairteachadh nadur Dhe ris a’ chridhe a chum ‘s gu’n aithnichear a ghloir ‘na fhocal ; air chor ‘s gu bheil creidimh a’ tighinn gu bhi direach so, cumhachd Dhia ann an anam an duine a’ toirt air a bhi ‘greimeachadh air firinn Dhe anns an t-soisgeul. Oh ! cho cumhachdach ‘s a tha a leithid so de chreidimh !

  6. Tha an soisgeul lan ughdarais ; cha-n ‘eil e ‘fagail aite do chluich ann. Tha Dia ar-n Uachdaran, seadh an t-Ard-uachdaran, ‘g ar cuireadh-ne gu cuirm reite. Anns a’ chuis so ‘s e dearbh a’ chuireadh a th’ ann an gabhail ris a’ chuireadh ; gu’n ith duine, ‘s e sin gu’m bi e reidh ; gu’n tig e, ‘s e sin gu’n geill e ; gu’n diult duine, ‘s e sin nach geill e do ughdarras agus gu’n tilg e trocair air a chulaobh ; ma ghabhas e a leithsgeul fein, ‘s e sin gu’m fireanaich e a cheannairc ‘s gu’m mol e breug ; ma bhios e comá co dhiubh is ionnan sin agus a bhi gruamach an aghaidh an Uile-chumhachd-aich. ‘S e agartas an t-soisgeil agartas Dhe, air an aobhar sin, “esan a chreideas, tearnar e, agus esan nach creid, ditear e.” Ri so freagraidh creidimh, agradh, “Ciod? ‘ne gu’n diult duine cuireadh a righ? An cuir peacach cul ri gaol a Bhreitheimh?”

  7. Tha an soisgeul gradhach ; is teachdaireachd e mu ghradh forghlan uasal fialaidh. Cha-n e rud fuar no fuirmeil a th’ ann ; cha mho is e rud cumanta e. ‘Se ni gun samhuil e nach robh a leithid eile riamh ; ‘s e dearbh-bhrigh a’ ghraidh e. Tha tiodhlac Chriosd agus bas Chriosd a’ deanamh fianuis air gradh Dhe ‘na threibhdireas agus ‘na mheudachd uile ; agus tha ionmhas gun tomhas a’ bheannachd a dh’ ulluicheadh a’ dearbhadh cho neo-chrìochnach ‘s a tha geanmaith Dhia a thaobh an duine ; oir tha e air a chuireadh gu sòlas cho buan ri dearbh-bhith Dhe. “Mar so a ghradhaich Dia an saoghal, ‘s gu’n d’ thug e ‘Aon-ghin Mhic fein chum ‘s, ge b’ e a chreideas ann, nach sgriosar e ach gu’m bi a’ bheatha shiorruidh aige.” Geillidh air ball am fear a chreideas gur e an cuireadh teachdaireachd gradh Dhe do mhuintir a tha truagh agus neo-airidh. Their e, “Bu leor dhomh ughdarras ach is mo na sin gradh. Co is urrainn seasamh a mach an aghaidh Mac Dhe a bhasaich ‘na ghradh ‘s a tha beo a bheannachadh?”

  8. Tha an soisgeul dian ; cha cheadaich an cuireadh dàil. Cha-n urrainn aobhar a bhi aig duine airson nach bi e reidh ri Dia air ball. A h-uile tiota a tha dàil air a cur anns a’ ghnothuch tha peacadh as ur agus cionta as ur ann. Creid a nis, dean aithreachas a nis, bi air d’iompachadh a nis. Buinidh uine do’n Tighearn ; mur cuir thu gu buil i ‘se sin olc ‘na aghaidh. Ma gheilleas tu air ball tha tu air do thearnadh air ball ; oir tha a’ chuirim a cheana ‘feitheamh. Tha so ‘gar treorachadh air ball gu

II. Bonnaraidh a’ chuiridh a tha anns a’cheann-teagaisg ; “a ta na h-uile nithe ullamh.”

Ann an so ‘se a’ chuirim a bhi cheana ullamh an smuain shonruichte agus tha e ag agairt air ball agus gun dàil gabhail ris. ‘Se so ni air leth a bhuineas do’n fhrithealadh chriosdail a bharrachd air an fhrithealadh Iudhachail. Fo’n t-Seann Tiomnadh bha fios air aghdarras Dhe gu’m biodh na h-uile nithe ullamh ; ach a nis tha fios, oir tha e air a dheanamh soilleir, gu bheil iad ullamh. Thubhairt Chriosd fein e agus chuir e an fhirinn so aig bonn a’ chosamlachd chudthromaich so-

  1. Tha foillseachadh toil Dhia mu shlainte an duine a nis iomlan. Cha-n fheud ni bhi air a chur ris no ni bhi air ‘atharrachadh fo bhagradh mallachd eagalaich. Cha bhi tuilleadh ulluchaidh ann an rathad sgriobhaidh ; cha bhi tuilleadh barrantais againn o Dhia ; na geallaidhean, na cuiridhean, na h-aithantan, tha iad uile air an seulachadh gu deireadh an t-saoghail. Na deanadh neach sam bith dail ; oir cha bhi tuilleadh foillseachadh air toil Dhe. Tha an soisgeul iomlan, tha am Biobull criochnaichte uime sin, “Thigibh.”

  2. Tha an taisbeanadh air gradh Dhia iomlan. Thug Dia a Mhac a cheana; thainig a Mhac do’n t-saoghail; tha obair a ghraidh air a coimhlionadh; cha bhi i air a h-ath-nuadhachadh. Ciod tuilleadh ris am feith sinn? An urrainn gradh a bharrachd air so a bhi ann? Cionnus a dh’fheudas tuilleadh, bhi air a nochdadh?

  3. Phill an t-Eadar-mheadhonair do fhlaitheanas. Chriochnaich e ‘obair uile an rathad reite; chaidh e suas gu A’thair, ‘s cha till e ris gu deireadh an t-saoghail. Cha-n ‘eil e ris gu comhnuidh a ghabhail maille ri daoinibh; ach a nis tha e air a dheanamh foirfe ann an neamh mar am Fearsaoraidh. Nach tig sibh a reisd d’a ionnsuidh-sa a tha air ‘obair a chriochnachadh, a tha air pilltinn gu ‘fhois, ‘s a nis a tha ‘feitheamh gu tearnadh?

  4. Tha an iobairt-reitich air a toirt suas. An deigh a bhi air a shamhlachadh fada roimh laimh le milltean de uain o laithibh Abel tha Uan Dhe air ‘iobradh airson peacaidh, tha ‘fhuil air a dortadh; tha a chorp air a bhriseadh airson peacaidh. Thubhairt e, “tha e criochnaichte,” ‘s thug e suas an deas. An ti a bha marbh tha e air eirigh a nis mar chomharradh gu bheil ‘iobair iomlan, foghainteach agus taitneach. Is tha e nis mar Uan a bha air a mharbhadh ann am meadhon righchaithir Dhe. Ciod am feum a th’ agaibh air tuilleadh is so airson ‘ur n-aomadh gu tighinn, ‘s a bhi air ‘ur tearnadh tre chreidimh ‘na ainm?

  5. Tha eadar-ghuidhe an ard-shagairt air toiseachadh. Tha ‘ga nochdadh fein as leth pheacach le ‘fhuil fein agus air ‘eudachadh le ‘fhireantachd fein anns na neamhaibh ag eadar-ghuidhe, ‘s a’ deanamh gnothuich airson luchd-eusaontais. Tha am Fearsaoraidh mor an deigh sineadh air a thagradh; tha e air fosgladh leabhar-tagraidh ‘airidheachd fein; agus tha e a’ feitheadh air creutairean truagh a tha ‘dol a dhith ach an cuir iad an gnothuch cheana fa leth ‘na laimh. A pheacacha, ‘bheil a leithid so d’ Fhear-tagraidh agaibh a tha a nis fein ris an ‘obair so agus nach tig sibh ‘s nach dean sibh tagradh?

  6. Tha an reite a nis ‘g a frithealadh air naimhdibh Dhe. Tha iad air tighinn agus a’ tighinn a stigh o’n ceannairc air bonn inntleachd an t-soisgeil. Tha Dia a nis ann an Criosd “a’ deanamh an t-saoghail reidh ris fein gun a bhi ‘meas am peacaidh dhoibh.” Mar tha, mata, thigibh agus faighibh cuid anns an reite so; oir an ni a tha ‘ga dheanamh do chach nithear dhuibhse. Domhluichibh steach airson maitheanais; tha na h-uile nithe ullamh; tha an sgriobhadh ‘ga lionadh suas le ainmean na muinntir a fhuair air reite; siuthadaibh, cuiribh ‘ur n-ainmean fein ris a nis.

  7. Tha sonas a nis fein air a thasgadh suas, a’ feitheadh air muinntir a ghabhas e. Sonas, do pheacaich; beatha, do mharbhaibh; fradharc do na doill; aoibhneas, do chreutairean truagh; sith, do mhuinntir gun chabhair: saorsa, do na braighdibh; urram, do mhuinntir fo mhasladh; agus beannachadh siorruidh, do thraillibh a’ pheacaidh agus do oighreachan ifrinn. Tha an sonas so uile anns an taigh-se; tha e ‘feitheamh a bhi air a gabhail ris leatsa—seadh, tha e ‘dol a mach agus ag eigheach, ag radh, “Thigibh, oir a ta na h-uile nithe ullamh.”

8- Seadh, tha gloir shiorruidh, eadhon flaitheanas fein, a nis ullamh dhuit. Tha an geata fosgailte; tha moran air dol a stigh agus fhuair iad aoibhneas an Tighearna. A h-uile la tha flaithneas ‘ga lionadh suas; tha fir is mnathan agus eadhon clann bheag a’ dol a stigh ann, neach an deigh neach, mar a tha iad uile a’ faghail bàis anns an Tighearna. Thig, ma ta, agus theirig comhla riu, oir dhuitsa tha a’ ghloir so air a tabhaint ma ‘s e a mhain gu’n gabh thu rithe.

  1. Aon ni eile, tha ministreileachd an Spioraid Naoimh ‘na lan bhuaidh agus oibreachadh. Tha e air tighinn a mach o’n Athair agus o’n Mhac a thoirt dearbh-shoilleireachd do dhaoinibh “mu pheacadh, mu fhireantachd agus mu bhreithneanas,” agus tha e nis a’ comh-chur an t-soisgeil ri cridhe agus inntinn na dream a chluinneas e. Tha an Spiorad a’ chomhnuidh anns an eaglais agus a’ coimhlionadh searmonachadh an t-soisgeil air chor ‘s gu’n saor e daoine leis. Cha-n ‘eil coileachan roimh a bhuaidh; tha e grasmhor mar tha Criosd grasmhor, trocaireach mar tha Dia trocaireach. Tha pailteas a ghrais fosgailte, saor a dh’ urnuigh air a shon agus gun ni dheth ‘ga chumail air ais. Ciod mar sin am feum a th’ agad air tuilleadh? An so tha agad cumhachd a dh’ oibricheas o’n leth stigh a’ comh-fhreagairt ris an teachdaireachd o’n leth muigh air chor ‘s ‘nuair a dh’ fhosglas tu do chridhe do’n dara aon gu bheil thu air ball air do ghabhail an glacaibh an aoin eile. “Tha an Spiorad ‘s a bhean nuadh-phòsda ag radh, thig.” Tha na h-uile nithe air do shon; tha uile chumhachd Dhe leat; lag, bacach, dall, euslan mar a tha thu, tha an so cumhachd a dh’ iomchraideas thu. Tha an Spiorad air toiseachadh ri frithealadh gu pailt, ag oibreachadh araon na toile agus a’ ghniomh de dheagh-ghean Dhe ann an cridhe na muinntir a tha air an cuireadh gu suipeir an Uain.

Is beannaichte an sluagh d’ an aithne an fhuaim aoibhneach so, “Thigibh, oir tha na h-uile nithe ullamh.” Tha sinn a’ guidhe oirbh, a bhaithre, eisdeachd ris an diugh agus gabhail ris. Thugaibh fa’ near ur peacaidean, cia lionmhor, cia an-tromaichte ‘s a tha iad; gidheadh tha sibh air ‘ur cuireadh. Na duitaibh; oir cha dean sin ach ‘ur peacadh a sheulachadh suas gu feirg chinntich. Ach a nis gabhaibh iongnadh ris a’ ghras sin a tha ‘cuireadh a’ pheacaich gu comhchomunn an Ard-uachdarain. Cha-n ‘eil ann am mi-fhreagarrachd agus neo-diridheachd ach aobharan airson an gabh sibh ris agus cha-n ann airson gu’n diult sibh an cuireadh, a chionn gu bheil e de ghras—gras aig am bheil a bhonn ann an roimheolas iomlan an Tighearna air gach ni a tha ‘g ur deanamh mi fhreagarrach agus neo-airidh. Cluinnibh, o Phairiseacha agus a Shadusacha, a chismhaoraibh agus a pheacacha, a mhisgeirean agus a striopaichean, ‘luchd-eusaontais de gach seors is gach inbhe, eisdibh ris a’ chuireadh so agus thigibh chum an Tighearna Iosa airson trocair, agus bheir esan dluth sibh agus bheir e reite dhuibh ris an Athair shiorruidh. Gheibh sibh gach ni air am bheil feum agaibh aig an dearbh am-so, air ‘ulluchadh gu coimhlionta airson ‘ur slainte iomlain. Cluinnibhse cuideachd, a luchd a’ chulsleamhnachaidh, cluinnibhse focal so an Tighearna. Cha-n fheud sinn sibhse fhagail a mach; o’n a tha ar teachdaireachd do na h-uile chreutair feumaidh sinn impidh a chur oirbhse mar an ceudna; oir tha an Tighearn ag radh, “leighisidh mi an cul-sleamhnachaidh; gradhaichidh mi gu saor.” Cuimhnichibh air ‘ur ceud ghradh agus deanaibh aithreachas is thigibh; oir tha na h-uile nithe ullamh. Agus a chreideacha, tha ri gairdeachas ann an gradh ‘ur Maighstir, cuimhnichibh air an t-seann chuireadh agus a’ cheud chuireadh grais; gabhaibh ris a ris agus thigibh. “Bheir e gras is gloir agus cha chum e ni maith sam bith uaibh.” Eireamaid uile agus thigeamaid chum an Tighearn ar Dia, a nis, mo bhrathre gradhach; agus gu’n robh gradh Dhe agus gras an Tighearna Iosa Criosd agus comh-chomunn an Spioraid Naoimh maille ruinn uile. Amen agus Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice