Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » March 1903 » Is e Criosd na h-Uile. LE TOMAS UILCOGS

Is e Criosd na h-Uile. LE TOMAS UILCOGS

ANNS an Tighearn fireanaichear uile shliochd Israeil, agus ni iad uaill (Isaiah xlv. 25). Is e bàs an Fhirein ud air ‘ar son-ne, tha ‘nar neo-fhireinibh, tha mhàin comasach air ‘ar tabhairt gu Di (1 Pead. iii. 18). Rinneadh esan do nach b’aithne peacadh, ‘na pheacadh, air ar son-ne, chum is gu’m biomaid-ne nach robh ‘na’ ni idir ach peacadh air ‘ar deanamh ‘na’r fireantachd Dhé ann-san (2 Cor. v. 21).

Is e Criosd lànachd gràis is’glòir an Athar. Feumaidh an t’urrann is àirde ‘bhi aige-san, Tha esan a mhàin airidh, mar an Ti, tha gu teampull spioradail an Tighearna a thogail, agus a ghloibh a ghinlan. Feumaidh uile shoothichean an teampuillsa o na h-uile ghne chuach, gus na h-uile ghne aghann bhi air an crochadh air Criosd. Is esan le sònruachadh an Athar, a’ chlach-stèidh, a’ chlach-oisian, agus a’ clach-mhullaich.

A leughadair! am bheil thu ag aideachadh ainm Criosd, agus a’ sealbhachadh ordughean? (Lucas i. 6). Tha thu deanamh gu maith, is sochairean glòrmhor iad. Ach mur ‘eil fuil Criosd aig freumh d’aideachaidh (1 Eoin i. 7; 1 Cor. iii. 11), seargaidh e is fàsaidh e neo-tharbhach.

Tha mòran air an tonn-luasgadh, ullamh chum a bhi air an giulan mu’n cuairt leis gach uile ghaoith teagaig, le cleasachd dhaoine, agus seòdltach chealgaich, leis am bheil iad gu h-innleachdach ri feall-fholach chum meallaidd (Eph. iv. 14). Tha iomadh bunait mheallt ann, air am bheil moran air a chaitheamh gu diomhain; tha cuid nach ‘eil a’ labhairt na firinn ann an gràdh agus nach ‘eil a’ fàs suas anns na h-uile nithibh chuige-san, a’s an ceann eadhon Criosd (Eph. iv. 15). Cha’n urrainn do neach fàs le fàs Criosd, gun a bhi air ‘aonadh ri Criosd. Mur ‘e aonadh ris-san ann, tha gach ni a nì sinn malluichte.

Ma ghleidheas tu ciont’ agus fàin-fhireantachd fuidh d’aideachadh deòthailidh na nathairiche-nimhe sin a bheatha as, gu h-iomlan Dean dichioll air rànnsachadh le mòr chùram gach aon la, ciod i a’bhunait air am bheil d’aideachadh, is dòchas do ghloire air an togail (1 Cor. iii. 11), an robh a’bhunait ud air a leagadh le lamh Chriosd; oir mur robh, cha bhi i chaoidh comasach air seasamh ris na stoirmean a bhuaileas ‘na h-aghaidh. Tilgidh Sàtan sios e gu h-iomlan, agus bithidh a thuiteam mòr (Mata vii. 27).

Tabhair fa’near, feudaidh na peacaidhean is mò, bhi air am folach fuidh na dhleasdanasan is àirde, agus na h-eagalan is truime. Faic gu’m bi an lot a’ rinn peacadh ‘nad anam air a leigheas gu firinneach le fuil Chriosd, is cha’n ann air a chomhdach gu tana le croicionn de dhleasdanasaibh, de dheoir, is de dh’fhuasglaidhean. Ciod sam bith ni, a chàireas tu air an leòn, ach fuil Chriosd a mhàin, cha dean e ach a phuinnseanachadh. Gheibh thu nach robh peacadh riabh air a mharbhadh ann am firinn, mur faca tu Chriosd a’ dortadh fhola air do shon air a’ chrann. Cha mharbh àon ni am peacadh ach sealladh de dh’fhireantachd Chriosd.

Cha’n ‘eil iocshlàint aig nàdur a leighiseas an t’anam. Cha’n ‘eil san leigheas tha teachd o dhleasdanasan, is ni h-ànn o fhuil Chriosd, ach an galar is cunnartaiche. Cha’n urrainn do nàdur bochd lomnochd, le ‘oidhirpean is fearr, trusgan freagarrach gun ghiomh, a shniomh, chum an t’anam ruisgte a chomhdach. Cha dean ni so, ach fireantachd iomlan Chriosd.

Feumar deilbh nàduir thoirt as a cháile gu buileach, mu’n urrainear fireantachd Chriosd a chur umad. Thig Sàtan agus spùillidh e còmhdaich nàduir. agus fàgaidh e an t’anam ruisgte, is fosgailte do chorruich Dhé. Cha’n urrainn do nàdur le ‘oidhear is fearr. an tomhas is lugha de ghràs a dheanainh suas, peacadh a mharbhadh, no Criosd amharc’san aghaidh. Feudaidh tu urnuigh a chluinntinn, an t’sacramaid a ghabhail, agus a bhi gidheadh truagh, mur faic thu Criosd a’ toirt barrachd air na h-uile oirdheirceas is fireantachd ‘san t’saoghal, agus iad sin uile a’ tuiteam f’a chomhair mòralachd graidh agus gràis (Isaiah ii. 17).

Ma chunnaic thu Criosd ann am firinn chunnaic thu ann fior ghràs, fior fhireantachd a bha neo-chriochnach an tomhas, ag eiridh gu h-àrd os ceann peacaidh, agus truaighe. Ma chunnaic thu Criosd saltraidh tu le gràin air uil’ fhireantachd dhaoìn’ is ainglibh mar bhonn réite ri Dia. Ma chunnaic thu Criosd, cha rachadh tu an ceann dleasdanais a’s eugmhais, air son deich mile saoghal (1 Cor. ii. 2). Ma fhuair thu riabh sealladh de Chriosd, chunnaic thu e ‘na charraig ni’s àirde na féin-fhireantachd, Sàtan, is peacadh Salm lxi. 2), agus tha ‘charraig so ga’d leantuin (1 Cor. x. 4), agus bithidh a’ sruthadh aisde a ghnàth chum thus’ ùrachadh sruthan meal is gràis (Salm lxxxi. 16). Rannsùich am fac thu Criosd riabh, mar aon-ghin Mhic an Athar lán gràis agus firinn (Eoin i. 14, 16, 17). Thig gu Criosd, agus cleachd na h-uile dichioll air do ghairm a dheanamh cinnteach (2 Pead. i. 10). Seas air carraig nan àl.

Ni daoine mòran de bhruidhinn, mu chreidsinn am feadh is tha iad slàn gun tinneas; is e àireamh bheag tha ‘creidsinn. Is e Criosd diomhaireachd nan Sgriobtuirean; is e gràs diomhaireachd Chriosd. Is e creidimh an ni a’s iongantaiche ‘san t’saoghal. Cuir ni sam bith is leat féin ris, is millidh tu e; cha mheas Criosd e mar chreidimh. ‘Nuair a chreideas tu, agus a thig thu gu Criosd, feumaidh tu t’fhireantachd féin fhàgail as do dhéigh (Och! tha sin cruaidh ri dheanamh), do naomhachd uile, do dhleasdanasan, do dheoir, d’rioslachd, agus gun ni a thoirt leat, ach do pheacadh, d’uireasbhuidhean, agus do thruaighean, no cha’n eil Criosd freagarrach dhuitse, no thusa do Chriosd. Bithidh Criosd ‘na Shlangighear, is na Eadar-mheadhonair iomlan, agus tusa a’d pheacach caillte, no cha d’thig sibh a chaidh chum cordadh. Is e an ni a’s dorra san t’saoghal Criosd a ghabhail a mhàin air aon fireantachd, b’e sin aideachadh a dheanamh, gur e Criosd.

Ciod sam bith ni, thig a steach a bhàrr air Criosd, ‘nuair thig thu dh’ionnsuidh Dhia, air son réite, meas e mar ana-Criosd; àithn air falbh e; oitheadh fireantachd Chriosd a mhàin a’ toirt a mach na buaidh. Is Babilon a dh’fheumas tuiteam gach ni mach bh’uithe-san, mu tha Criosd gu seasamh, agus thusa gu gàirdeachas a dheanamh san là an tuit Babilon. Is e Criosd a mhàin a shaltair an t’amar fiona agus cha robh neach sam bith maillle ris (Isaiah lxiii. 3). Ma chuireas tu ni sam bith ri Criosd, saltraidh e air, ann an corruich is ann am feirg, agus bheir e sal air ‘éididh le fuil nan nithe ud.

Tha thu ‘ga mheas furasd a bhi ‘creidsinn, an robh do chreidimh riamh air ‘fheuchainn le uair uairidh, agus le fior shealladh de pheacadh? An robh aige riabh ri seasamh an aghaidh Shàtain, agus corruich Dhia a mhothachadh ‘na luidhe air do choguis? ‘Nuair a bha thu fo gheilt roimh ifrinn is an uaigh, an d’fhoillsich Dia Criosd dhuit mar éiric, mar fhireantachd? Agus am b’urrainn dhuit a ràdh, “Tha mi faicinn gràs ni’s leoir an Criosd.” Ma tha sin mar sin, feudaidh tu am focal is mò ‘san t’saoghal a ràdh, THA MI ‘CREIDINN. Creideamh gun dearbhadh, is creideamh neochinnteach e.

Chum is gun creideadh tu, feumaidh dearbhshoilleireachd mu pheacadh bhi agad, agus mu airidheachd fuil Chriosd, is air co toileach ‘s’a tha Chriosd peacach a shaoradh,—ni a’s dorra na saoghal a chruthachadh. Cha’n urrainn do dh’uile chumhachd nàduir, ann an stoirm a thogas peacach is ciont, eirigh co àrd ri a chreidsinn am firinn, gu’m bheil gràs no toil a chum tearnaidh ann an Criosd. ‘Nuair a chuireas Sàtan peacadh as leth an dùine, gu’n rachadh an duine le a chionta gu Criosd, bhiodh sin cosmhuil ri spiorad an t’soisgeil; b’e sin Criosd a dheanamh dheth. Is e so croichd a theachd. Is e suim an t-soisgeil gun gabhamaid ri fireantachd Chriosd a mhàin, ri ‘fhuil a mhàin air son slàinte. ‘Nuair is urrainn do’n anam ‘sna h-uile dhleasdanasan, agus dheuchainnean a ràdh, “Criosd a mhàin, Criosd mar fhireantachd, a’ fireanachadh, mar naomhachadh, mar shaorsa (1 Cor. i. 30) is ni h’e m’rioslachd, no dhleasdanasan, mo ghràsan,” tha e an sin air a thogail suas os ceann cumhachd nan tonn.

Tha cumhachd nan uile bhuaireadh, cothroman Shàtain, agus gearan annainne a luidhe ann am féin-fhireantachd, is ann am féin-spéis. Tha Dia a’ deanamh tòir air na nithibh sin, am mòran do ròidibh, mar a lean Laban Iacob air son’iodholan. Feumar iad sud bhi air an spionadh bh’uat, air co mi-dheonach’s gu’m bi thu. Cha ghabh Criosd còmhnuidh maillle riu; agus gus an d’thig Criosd a stigh, fanaidh cionta maillle riut. Far am bheil cionta tha cruas cridhe, tha uime sin mòran cionta ‘taisbeineadh nach eil ànn ach ro bheag, ma tha eadhon beagan féin ànn de Chriosd. ‘Nuair tha mothachadh air cionta air a dhùsgadh, thoir an aire nach cuirear ‘na thosd e ach le fuil Chriosd: tha gach innleachd eile a’ cruadhachadh na coguis. Biodh Criosd ‘na shìth dhuit (Eph. ii. 14), cha’n e dleasdanasan no deoir, no ni sam bith eile. Feudaidh tu cur an aghaidh Chriosd, le d’ dhleasdanasan mar le d’ pheacanna. Amlaire ri Chriosd, agus an sin, dean na’s àill leat de dhleasdan-asan.

Seas le d’ chudthrom uile air fireantachd Chriosd. Bi air d’fhaicill roimh aon chas bhi agad air fireantachd Chriosd, agus a chas eile air d’fhireantachd féin. Gus an d’thig Criosd, agus an suidh e air cathair gràis ‘sa choguis, cha bhi ànn ach cionta, eagalan, teagamhan uaingneach, an t’anam a crochadh eadar dochas agus eagal, ni nach ‘eil ‘na shuidheachadh soisgeulach. Tha an neach air am bheil eagal roimh ghràineileachd is mò a pheacaidh fhaicinn, agus olc mòr a chridhe aideachadh, a’ cur an teagamh airidheachd Chriosd.

Ciod sam bith, am peacach mòr tha’nn dhiot (1 Eoin ii. 1), dean Criosd, d’fhear-tagraidh, agus gheibh thu e, Iosa Criosd am firean. ‘Na d’uile theagamhan, is eagalan, agus stoirmean coguis, amhairc a mhàin agus gun sgar ri Criosd; na feuch argumaid ris an t’Sàtan, cha’n iarr e nis fearr; cuir a dh’ionnsuidh Chriosd e, agus freagraidh Esan e. Is e a dhreuchd bhi ‘na fhear-tagraidh dhuiinn (1 Eoin ii. 1) an lagh a riarachadh mar ar n’urras (Eabh. vii. 22), agus ceartas a dhioladh mar ‘ar n’eadar-mheadhonair (Gal. iii. 20; Tim. ii. 5). Cuir thuipe Chriosd. Ma’s àill leat, thu féin a dheanamh ni sam bith. mar riarachadh air son peacaidh, tha thu ‘cur cùl ri Criosd am firean a rinneadh ‘na pheacadh air do shon (2 Cor. v. 21).

Is urrainn do’n t’Satan an fhirinn aithris, agus a fiaradh, ach cha’n urrainn dha a freagairt. Is i an fhirinn focal cumhachd mòr Chriosd, tha e ‘cur an t’Sàtain air theicheadh leatha. ‘Sna Sgriob-tuirean uile, cha’n ‘eil aon fhocal cruaidh an aghaidh peacach bochd, tha air a rùsgadh dheth fhéin-fhireantachd. Cha’n e sin a mhàin, ach tha e air a chomharrachadh a mach, mar chuspair gràis an t’soisgeil, agus cha neach eile. A mhàin creid cho toileach agus tha Criosd, agus gur esan féin tha ag oibreachadh a’ chreidimh annad. Tha e ag oibreachadh na toil agus an gniomh, dheth a dheadh-ghean féin (Philip. ii. 13). ‘S’ann le gràs tha thu air do thearnadh, tre chreidimh, agus sin cha’n ànn uaibh féin, is e tioldh-lac Dhia e. Tagair ris air son an tioldhlacs’ (Eph. ii. 8). Is e Criosd ùghdair agus fear-crochnachaidh a chreidimh; cuir esan thuige. Dean caoidh thairis air d’ as-creideamh tha cur cionta ‘sa choguis suas os cionn Chriosd, a cuir an suarachas toillteanas Chriosd, a meas ‘fhola na ni mi-naomha, coitchionn, agus nach d’thoir riarachadh.

Tha thu a’gearan gu mòr ort féin; am bheil do pheacadh ga d’ threorachadh gu amharc ni’s mò ri Criosd, no riu féin; ma tha, tha ‘chuis mar is coir dhi bhi; mur ‘eil cha’n ‘eil ànn dhe do ghearan ach ceilg. Tha e ‘na fhéin-fhireantachd bhi ag amharc ri dleasdanasan, ri gràsan, ri saorsaidhean, ‘nuair bu chòir dhuit bhi ag amharc ri Criosd: ni amharc riu do chridhe a thogail suas; ach ni sealladh de ghràs Chriosd d’rioslachadh. Ann ad uile bhuaireidhean, na bi air do dhi-mhisneachadh (Seumas i. 2). Feudaidd gur e croich nan tuitean ud, cha’n e thu bhi air do bhàthadh, ach thu bhi air do dhealachadh riu féin, chum a bhi air do shuidheachadh air a’ charraig Criosd.

Feudaidd tu bhi air do thoirt iosal, eadhon a chum bruach sgrios, ullamh gu tuiteam. Cha’n urrainn thu a theachd ni’s isle na broinn ifrinn (Ionah ii. 2). Bha moran de na naoimh an sin. Ach eadhon ann an sinn feudaidd tu eígheach; as a sin feudaidd tu amharc ri a theampull naomh (Ionah ii. 4). Cha’n fheudadh neach a dhol a stigh do’n teampull a rinneadh le làmhàn, gun e bhi an tùs air a ghlanadh, agus gun tabhartas a thoirt leis (Gniomh. xxi. 26). Ach a nis, is e Criosd, an teampull, an iobairt, an altair, an t’ard-shagart, chum nach feud a theachd ach peacaich, agus sin gun tabhartas ach a mhàin ‘fhuil féin air a dortadh aon uair (Eabh. vii. 27).

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice