THA ceisd air a cur an so, “Co ise?” Co a chuir a’ cheisd so? Cha-n ‘eil e air ‘innseadh. Chithear anns an t-sior-ruidheachd, co a chuir i agus c’ airson a bha i air a cur. Feudaidh e bhi gur e an Spiorad Naomh a chuir i. Co air bith a chuir i, ‘se an Spiorad Naomh a dhuisg i; agus ‘s math dh’ fheudta gur e a’ chrioch a bh’ aige ‘na cur, bhi ‘gairm air muinntir gu bhi ‘gabhail beachd air pobull Dhe. Tha sluagh Dhe ‘nan iongantas. “Feuch mise agus a’ chlann a thug thu dhomh,” oir “is daoine a tha ‘nan iongantas iad.”
Tha iomadh neach a’ togail an aideachaidh anns an t-saoghal agus tha an t-aideachadh iongantach maiseach; ach cha’n ‘eil iad ach tearc a tha ‘buanachadh gus a’ chrioch. C’ airson? Cha’n ann ris an Fhear-shaoraiddh a bha an taic, ach ri eolas cinn agus failnichidh a h-uile ni eile ach Criosd agus crionaidh an creutair. Tha e gle fhurasda toiseachadh air aideachadh, ach tha buanachadh gus a’ chrioch ‘na ni iongantach. Thus’, a thoisich air cumail aoraiddh, gun aonadh a bhi agad ri Criosd, mu’n tig am bas crionaidh tu. ‘S iomadh iad a thoisich air cumail aoraiddh, ach mu’n d’ thainig am bas cha robh iad ‘nam mor-onoir do Chriosd. Cha b’ ann ri Criosd a bha an taic ach ri eolas cinn, dh’ fhailnich sin agus chrion iadsan.
Ann an labhairt o na briathraibh so air an t-Sabaid roimh bha sinn a’ runachadh,
I. ‘Bhi ‘nochdadh, ciod e am fasach so,
Bha sinn ag radh, gu’n robh an saoghal ‘na fhasach gu litireil do bhrigh mar a chaill e a mhaise anns an do chruthaicheadh e. “Thu an talamh malluichte air do sgath.” Caith mallachd Dhia a cheud mhaise dhe’n t-saoghal. A ris tha an saoghal na fhasach do bhrigh nach sasuich e an t-anam. Bha an t-anam air a chruthachadh chum a bhi ‘na ionad comhnuidh aig Dia. Agus ‘nuair a dh’ fhag Dia an t-anam cha lion ni air bith eile e.
Mar a tha an saoghal a’ spuinneadh a’ Chruitheir de aignidhean an anama tha e a’ brosnuchadh an Ti Naoimh gu bhi ‘cur cnuimh aig freimh a h-uile ni a tha ‘toirt an anama uaith fein. Oir ‘s e aignidhean an anama a tha an Tighearn ag iarraidh dha fein. ‘Nuair a tha sin air a thoirt do chreutair sam bith tha an Tighearn a’ faicinn na tha de tharcuis ‘ga dheanamh air fein airson an ni sin. Ged a b’ e aingéal a bheireadh air falbh gaol d’ anam-sa tha thu ann an sin ciontach de bhi spuinneadh Dhe. Marsin ‘nuair a tha an saoghal a’ soirbheachadh agus a’ toirt air falbh aignidhean an anama tha e ciontach de spuinneadh Dhe, agus bidh iomadh neach tre’n t-siorruidheadh a’ mallachadh an la a thoisich an saoghal air soirbheachadh leis. Thoir thus’ an aire nach toir an saoghal do chridhe o Dhia.
Bha sinn ag radh gu’n robh an saoghal fo bhinn a’ bhais agus gur e la a’ bhreitheanais deireadh an t-saoghal. Tha binn a’ bhais a mach air mar mhortair agus cha’n ‘eil iad ach tearc nach e an saoghal a tha a’ sgrios an anama. An la a thig thusa gu aithne air Dia thig thu gu aithne air gu’m bheil an saoghal ‘na mhortair. Air an la sin caillidh tusa do ghaol do’n t-saoghal.
Bha sinn ag radh, an la a tha an Tighearn a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an anama gu bheil falamhachd a’ tighinn a stigh anns an t-saoghal. Is beannaichte an duine anns am bheil so air a chumail gu la a bhais. An la a thig an Tighearn gu d’ anam-sa cha-n fhaic thu maise anns a’ chruthachadh ach na tha de Dhia ann. ‘S e sin ni nach faca cealgair riamh; ach feumaidh cuspairean a ghraidh fhaicinn; gus am faic iad so cha bhi ach leth-obair ann an aon diadhachd a bhios aca ‘s cha-n iongantach ged nach giu-laineadh iad toradh. Ach ma thig so cha-n fhaic thu oirdheirceas anns an t-saoghal ach na tha de Dhia ann. Is beannuichte an t-anam anns am bheil sin air a ghleidheadh gu la a bhàis. Thusa, aig nach ‘eil sin ‘s e an saoghal do chuibhrionn-sa.
Bha sinn ag radh gu’n tigeadh pobull Dhe agus meadhonan nan gras gu bhi ‘nam fasach agus gu bheil an Tighearn mar sin a’ toirt an anama o na h-uile nithibh air ais d’ a ionnsuidh fein mar thobar na beatha.
II. ‘Bhi ‘fosgladh suas taiceachadh ri Criosd mar an t-slighe o’n fhasach so,
Ann am fosgladh so, feumaidh sinn ni eigin fhaicinn de so, gu’m feud creutair peacach a thaic a leagadh air Criosd, ciod air bith cho salach ‘s a dh’ fheudas e bhi, gu’m feud e a thaic a leagadh air Criosd chum tighinn a nios as an fhasach.
1. Thugamaid fa’near na h-ainmean a ghabh Criosd dha fein.
Ghabh e an t-ainm so—Fear-saoraidh, agus tha e soilleir gur e pairt de na bha air ‘fhilleadh anns an ainm sin, a bhi ‘toirt anaman a nios as an fhasach. ‘Nuair a dh’ fhoillsicheadh e anns an ainm sin, cha-n iongantach ged a bha an t-oran sin aig na h-ainglibh, “Gloir do Dhia anns na h-ardaibh agus air an talamh sith, deagh-ghean do dhaoinibh.” Cha-n fhaigheadh anam a mach as an fhasach spioradail mur b’ e gu’n do ghabh Criosd an t-ainm sin; agus ‘s ann o dhoimhneachd a cho fhulangais fein a shruth e. Dhealaich an duine gu toileach ri Dia airson peacaidh agus ged a dh’ fhagadh Dia e anns an staid sin tre’n t-siorruidheachd cha-n fheudadh e radh nach robh e ceart. Ach bha innigh anns an Tighearn ris an do bhean truaigh a’ chreutair agus ‘s ann o sin a shruth e gu’n do sheas e stigh ‘s gu’n do ghabh e an t-ainm sin Fear-saoraidh. ‘Nuair a sheallas sinn ris an Sgriobtuir chi sinn gur ann air sin a bha a chridhe suidhichte o shiorruidheadh, “O chein dh’ fhoillsicheadh Iehobhah dhomhsa ag radh, ‘Seadh le gradh siorruidh ghradhaich mi thu; uime sin tharruing mi thu le caoimhneas gradhach.'” Agus “trath ghabh mise seachad dluth agus a chunnaic mi thu salach ann ad fhuil fein, thubhairt mi riut agus thu ann ad fhuil, ‘Mair beo,’ seadh thubhairt mi riut agus thu ann ad fhuil, ‘Mair beo.'” “Chunnaic mi gu cinnteach amhghar mo phobuill a ta san Eiphit agus chuala mi an osnaidh.” ‘S iomadh osna tha anns an anam ach cha robh riamh iarrtus ann a bhi air a thoirt a mach as an staid sin; cha robh riamh deur air a shuil ag iarruidh bhi air a shaoradh as an staid thruaigh ud. ‘Nuair a tha an t-iarrtus sin anns an anam ‘sann o’n Tighearn a tha e. Feudaidh gu’n cuala thu d’ urnuigh fein, ach cha chuala tu riamh iarrtus d’anam bhi air a shaoradh as an staid ud. No ma chuala ‘s e bh’ agad ann an sin an ni a bh’ ann an Dia o shiorruidheadh; ‘s ma bha sin ann nach fheud creutair bochd peacach a thaic a leagail air gu thoirt a mach as an staid thruaigh sin?
Bha aig an duine ‘na cheud staid comunn ri Dia; ach cha robh nadur na daonnachd ann an Dia; ach a nis ‘s ann ann an aonadh ri Dia a tha an Eaglais a’ seasamh agus cha tuit i fhad’s a mhaireas an t-aonadh so. Theirear riu, “buill de a chorp” agus ‘s ann mar sin a tha e sgriobhta, gu’m bheil “caraid ann a’s dluithe a leanas na brathair.” Cha robh brathair riabh a dheanadh air an son na rinn esan. Thuit an duine ann am feich uamhasach. Tha sinn a’ leughadh air aon neach air an robh deich mile talann. Cha-n aithne do lagh Dhe maitheanas. Thoir thusa an aire, mur ‘eil Urras agadsa, leanaidh lagh Dhe thu le ceartas tre’n t-siorruidheachd a’ glaodhaich, “Ioc dhomh na bheil agam ort.” Tha an creutair ann am feich uamhasach. Cha-n ‘eil drap de’n uisge fhuar nach ‘eil ceartas ag iarruidh taignealachd air a shon, seadh agus airson nam buadhan nadurra, agus cha-n e a h-uile seorsa taignealachd a riaraicheas ceartas. Is bochd an creutair aig am bheil comhfhurtachdan an t-saoghail so agus e gun an fhiar-thaingelachd se ‘na anam. Leanaidh ceartas Dhe e tre’n t-siorruidheachd airson nam fiach sin.
Thainig am Fear saoraiddh a stigh an aite a shluaigh ‘s ghabh e faireachadh air na truaighean a bha am peacaidhean a’ toilltinn. Bha e air a bhuaireadh ‘s na h-uile nithibh air an doigh cheudna ruinne ach as eugmhais peacaidh. Tha mi ‘smuaineachadh air nadur a’ cho-fhulangais a bh’ ann an Dia nach d’ fhoisnich e gus an d’ fhosgladh do pheacaich e ann am bas Chriosd. ‘S ann an sin a tha e air ‘fhosgladh. Thusa nach faca cofhulangas ann am bas Chriosd cha-n aithne dhuit ciod a tha ann an cofhulangas. Cha-n ‘eil ni’s fhaisge air an Fhear-shaoraiddh na anam bochd aig a chosan ag osnaich. ‘Nuair a bha am Fear-saoraiddh air an talamh agus creutairean bochd ‘tighinn d’a ionnsuidh le’n uile eucailean tha sinn a’ faicinn mar a tha innigh naomh air am fosgladh dhoibh. Agus nis ged a dh’ fhalbh e as an t-saoghail tha an aon cofhulangas ann a bh’ ann ‘nuair a bha e gu pearsanta air an talamh. Mar sin feudaiddh creutair peacach a thaic a leagail air a’ tighinn a nios o’n fhasach is ma leagas gheibh e as an fhasach cho cinnteach ‘s a fhuair an eaglais. “Co ise?” Ach thusa a tha gun ghras cha-n fhaic thu co-fhulangas ni’s fhaisge na neamh; ‘s e an saoghal cuspair do ghaoil. Agus cha-n iongantach ged a tha thu ann am fasach.
2. An uair a bheachdaicheas sinn air nadur bas Chriosda feudaiddh sinn fhaicinn gu’m feud creutair peacach a thaic a leagadh air.
Tha e soilleir gu’n robh slainte an anam iongantach priseil ann an suil an Fhir-shaoraiddh mu’m fuillingeadh e air a shon na dh’ fhuiling e. B’e an duine an t-aon chreutair a thagh Criosd airson comuinn ris fein; is sin, cha-n ann ‘nuair a bha an duine naomh ach ‘nuair a bha e ‘na chreutair peacach. Tha an Sgriobtuir ag innseadh gu’n d’ fhuair Criosd bas airson ar peacanna. Tha anns a’ pheacadh ni a tha ‘toilltinn a’ bhais. Tha ann an dol air falbh aigne an anama o Dhia olc nach aithne do aon ach do Dhia. Tha dol air falbh an anama o’n Chruithear a’ toilltinn ferg Dhe. Tha ann an smuain pheacaich olc a chothromaicheadh na rinn ainglean riamh de mhaith. Tna an ni sin anns a’ pheacadh gu bheil gloir Dhe ag agairt bas an anama air a shon. Faic neach ag eirigh ann an ceannairc an aghaidh righ, tha gloir an righ ag agairt bas a’ chreutair sin, tha direach gloir an righ air a dionadh ‘na bhas; nis nach uamhasach so, gloir Dhe air a dionadh ann am bas a’ pheacaich? O pheacaich gun churam nach uamhasach do staid?
Gus am faic an t-anam gu’n do sheas Criosd a stigh ‘s gu’n do ghabh e staid a’ pheacaich ‘s gu’n do bhasaich e air a shon cha bhi e air a chomheigneachadh le gradh Criosd. Tha anns a’ pheacadh na tha toilltinneach air bas. “Chaidh sinn uile mar chaoraich air seacharan, thionndaidh sinn gach aon g’a shlighe fein agus leag an Tighearn airs an aingidheadh gach aoin dinn.” “Nuair a ni thu ‘anam ‘na iobairt-reitich chi e sliochd sinear a laithean agus soirbhichidh rùn an Tighearna ‘na lainn.” ‘S ann mar so a thig cuspairean a ghraiddh gu bhi ‘basachadh dhoibh fein agus ‘s ann mar sin a tha iad a’ suidhe ann an i’nadaibh neamhaidh ann an Iosa Criosd. Cha-n iongantach ged a thubhairt an t-Abtol, “Cha mhise, ach Criosd a ta beo annam agus a’ bheatha a ta mi nis a’ caitheamh ‘s an fheoil, tha mi ‘ga caitheamh tre chreidimh Mhic Dhe a ghradhaicn mi ngus a thug e fein air mo shon.” Chunnaic e mar a bha e air a thoirt a mach a lamhan ceartais agus mar a chaidh Mac Dhe stigh air a shon. Ma rinn E sin nach fheud creutair bochd peacach a thaic a leagail air gu a thoirt a nios o’n fhasach.
3. Tha coir aig Criosd air so a dheanamh, cha-n ann a mhain do bhrigh gu’n robh e air a chur air leth anns an rùn shiorruidh air a shon, ach mar an ceudna gu bheil a nis coir aig air mar thoradh a bhàis.
Tha e fein ag radh, “air an aobhar so is ionmhuinn leis an Athair mise airson gu’n leig mi sios m’anam” airson nan caorach. Direach mar gu’m biodh gradh an Athar ag eirigh o sin, gu’n do leig e sios’ anam airson nan caorach. “Is toigh leis an Athair fein sibh air son gu’n d’ thug sibh gradh dhomhsa.” Gidheadh bhiodh e an aghaidh a ghloir an tearnadh mur leigeadh Criosd sios ‘anam air an son, oir bha cuspairean a ghaoil cho toilltinneach air damnadh ‘s a tha iadsan a th’ ann an ifrinn; ach “is ionmhuinn leis an Athair mise airson gu’n leig mi sios m’anam” airson nan caorach. A’ labhairt air iobairtean tha e ag radh, “is leamsa uile bheathaiche na coille, an spreidh air mile sliabh.” Cha robh ni aig an duine a bhreireadh e air a shon fein. Cha robh ni aig ach na fhuair e o Dhia. Cha bu leis eadhon a bheatha fein. Ach bha a h-uile ni aig Criosd ann fein; bha a bheatha aige uait fein. Co luath ‘s a bha nadur na daonnachd air a ghintinn bha e aonachte ri ‘Dhiadhachd; mar sin bu leis fein a bheatha agus bha coir aige air a leigeil sios airson nan caorach. Is iongantach na briathran a thubhairt e, “Feuch, tha mi ‘teachd; ann an rola an leabhair tha e sgrìobhta ormsa, is e mo thlachd do thoil a dheanamh, a Dhe.” “Is i so toil Dhe, eadhon ‘ur naomhachadh sa,”—an iomhaigh bhi air a toirt air a h-ais agus an deanamh iomchuidh bhi ‘nan luchd-comhpairt de oighreachd nan naomh ‘s an t-solus, iomchuidh airson comuinn ris fein.
4. Cha-n fhoghnadh cumhachd Dhe gu tearnadh an anama.
As eugmhais dordadh fola cha-n ‘eil maitheanas r’a fhaotainn.” Cha robh fuil ann an Dia. Mar sin ghabh e nadur na daonnachd ann an aonadh ris fein agus anns an nadur sin thug e e fein mar iobairt ann an aite an anama. Thusa a fhuair toradh ann am focal Dhe cha-n iongantach ged a ghluaiseadh tu gu h-iriosal, cha-n iongantach ged a dh’ iarradh tu bhi ‘deanamh ni-eigin a chum gloir Dhe anns an t-saoghal. Ma thainig esan gu bhi air irioslachadh co iosal airson an anama nach fheud anam bochd a thaic a leagadh air? Feudaidh sinn a radh gur ann a chum gloir na morachd agus slainte an anama thoirt gu cheile a dh’ fhuiling e na dh’ fhuiling e. Feudaidh sinn a radh gur e so pairt de’n aoibhneas a chuireadh roimhe airson an d’ fhuiling e an crann-ceusaidh a’ cur na naire an neo-shuim—bhi ‘toirt gloir Dhe agus sonas an duine gu cheile. Anam bhochd’ cha-n e comharrachadh Dhe gu’m biodh tusa riarachte leis an t-saoghal. ‘S e pairt de’n aoibhneas a chuireadh roimhe gu’n coinnicheadh sonas an anama agus gloir Dhe; agus feudaidh sinn a radh gur e bas Chriosd an t-aite coinneachaidh. Agus tha bas Chriosd a’ seasamh an ni ceudna tre’n t-siorruidheachd anns an eadarghuidhe. Thusa a tha ‘faotainn drapan de shaorsa aig cosan Chriosd ‘s e ‘th’ agad ann an sin toradh na h-eadarghuidhe. ‘S e an eadarghuidhe a tha ‘toirt air an anam a bhi ‘taiceachadh air Criosd anns an fhasach agus anns na buairidhean.
5. Ma bheir sinn fainear gur ann a bas Chriosd a tha slainte an anama a’ sruthadh chi sinn nach do chomharrach an Tighearn drap de shaorsa do’n anam ach tre’n bhas so.
Thusa, a tha ‘diultadh Chriosd, tha e an aghaidh gloir na Morachd drap de shaorsa a leigeil ‘dh’ ionnsuidh d’ anama. Cha dean d’ urnuigh e. Theid thu fein agus d’ urnuigh a dh’ ifrinn. ‘S e Criosd an aon mheadhon a chomharrach Dia airson slainte an anama; agus ‘s ann tridsan a tha saorsa sam bith do’n chreutair. Cha-n ‘eil ainn air bith eile fo neamh air a thoirt am measg dhaoine tre’m feud sinn bhi air ar tearnadh. Dh’ fheudadh a’ bhean bhochd a bhean ri iomall ‘eudaich a radh, ‘s e so meadhon Dhe. Dh’ fheuch mi ri iomadh ni eile, ach oh, ‘s e so meadhon Dhe.
6. Bha smuaintean siorruidh ann an Dia timchioll a’ pheacaich, ruintean trocair.
Is aithne dhomh na smuaintean a smuainich mi d’ ur taobh, deir an Tighearn, smuaintean sithe agus cha-n e aimhleis. Bha smuaintean comhfhulangais ann an Dia ach bha sin folaichte ‘na bhroilleach fhein. ‘S ann ann an Criosd a bha na ruintean gu coimhliionadh fhaotainn ann an slainte an anama. Bha anns an run shiorruidh gu’m faigheadh cuid a dh’ anamaibh aithne air a’ mhilleachd a bha anns a’ Chruithear. Bha ionmhasan oirdheirceis ann an Dia agus bha anns an rùn shiorruidh gu’m faigheadh cuid aithne air sin. Nis ‘s ann an Criosd a bhé sin gu bhi air ‘fhosgladh do’n anam. ‘S ann a gloir a thainig a’ cheisd sin, “cinnus a chuireas mi thu am measg na cloinne,” agus cha robh air neamh no air talamh na dh’ fhuasgladh sin ach bas Chriosd. Ach dh’ fhuasgail bas Chriosd a’ cheisd; agus, anam bhochd, ‘s ann tre bhas Chriosd a fhuair an ni a bh’ anns an run coimhliionadh agus eifeachd a ruigheachd air an amas. Ged a bhiodh tu cho dubh ris na lobbair agus nach bu chomasach suil a thogail tha ann am bas Chriosd na fhreagrath air do shon.
7. Bha foillseachadh de bhuadhan Dhe ann an tearnadh an anama.
Bha buadhan anns a’ Mhorachd air nach biodh aithne anns an t-saoghal mur bhiodh tearnadh an anama. Bha ann an Dia buadhan a bha ‘g iarruidh slainte an anama. Bha trocair, bha gradh, ach bha ceartas ann agus ‘s ann am bas Chriosd a tha buadhan na Diadhachd a’ coinneachadh ann an tearnadh an anama. ‘S ann mar sin a tha saor ghras a’ dealradh ann an toirt an anama gu aithne air Dia agus gu taiceachadh air Criosd. Oh, mar a bhios gras a’ dealradh ann, agus is ann mar sin a bhuan-aicheas an t-anam ann an cumhachd na diadhachd gu la a bhais. Agus thus’ a tha ‘g aideachadh diadhachd gun sin fhaicinn, crionaidh tu, bidh tu gun toradh ‘nad’ anam agus crionaidh tu a’ falbh. Ach ‘s ann mar so a tha bochdan Dhe a’ buanachadh tarbhach, anns a h-uile crois a leagadh an taic air Criosd. Aig a’ bhas chi thu iad a’ faghail buaidh air a’ bhas, buaidh air peacadh, buaidh air ifrinn agus sin le bhi ‘taiceachadh air Criosd. Tha seana chreutair fo chumhachd na diadhachd iongantach maiseach. Chunnaic sinn moran diubh agus bha iad uile mar sin le bhi an taic ri Criosd. Chunnaic Dia an eaglais tearuinte do bhrigh a’ chuspair ris an d’ earbadh i. Thusa a tha do thaic ri Criosd tha thu ‘tighinn gu bhi air an aon intinn ri Dia agus tha thu air d’ atharrachadh chum na h-iomhaigh cheudna o ghloir gu gloir mar le Spiorad an Tighearna. Ciod air bith is e cuspair do ghraiddh-sa bidh tu ‘fas cosmhuil ris. “A nis mur ‘eil Spiorad Chriosd aig neach cha bhuin e dha.” Cha-n ‘eil ni maith a tha an comas a’ chreutair a dheanamh ach le bhi an taic ri Criosd. Agus tha cosd ni’s leor ann gu’n toirt troimh. An deigh do’n aon mu dheir-eadh de’n taghadh bhi air a thoirt a stigh do ghloir bidh Criosd cho lan grais ‘s a bha e. Faic a’ ghrian ged is mor a thug i de sholus tha i cho lan ‘s a bha i an toiseach. Mar sin tha Criosd. Ach “co ise a tha ‘teachd a nios o’n fhasach an taice ri fear a graidh?”