Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1903 » November 1903 » A Sermon by Rev. Arch. Cook (Inverness, 7th July, 1862) “Oir is fearr la a’ do chuitribh na mile; b’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’ m’ chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd.”—Salm, lxxxiv. 10

A Sermon by Rev. Arch. Cook (Inverness, 7th July, 1862) “Oir is fearr la a’ do chuitribh na mile; b’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’ m’ chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd.”—Salm, lxxxiv. 10

BHA an Salmadair ‘na righ mor, ‘se ‘bu mho ‘bha ‘na la; agus bha e ‘na fhear-cogaidh mor. Ach ‘s e ‘tha e ag rath ann an so gu’m b’ fhearr “la a’ d’ chuitribh na mile,” gu’m b’ fhearr leis bhi ‘dorsaireachd an tigh a Dhe na bhi chomhnuidh ann am pailliunaibh nan aingidh. Tha e ‘na aobhar-eagail nach ‘eil iad ach tearc ann an so an diugh aig am bheil an fhianuis sin ‘nan coguis. Nan creideadh tu a thaobh a bhuilc mhoir gu bheil iad a reir am bilean gheibhtheadh gle lionmhor iad air an talamh. Ach an la a dh’fhosglas Dia diomhaireachd chridheachan chithear gu bheil iad gle thearc a tha so a’ riaghladh ‘nan anam, air chor ‘s gu’n tchair do mhoran a reir nam briathar sin, “Mar shal tilgidh tu uait uile dhroch dhaoine na talmhainn.” Anam, mur glan Spiorad nan gras do chridhe-sa agus mo chridhe-sa, cha-n fhaic thusa no mise gloir. ‘Nuair a labhair an Salmadair na briathran so tha e cosmhuil gu’n robh e dealaichte o mheadhonan nan gras air chor ‘s gu’n robh direach farmad air ris na h-eoin a bha a’ cuairteachadh tigh agus altair an Tighearna. Ach tha e cosmhuil gu’n robh e ag amharc os ceann nithe aimsireil; uime sin tha na briathran againn, “Is beannuichte an duine sin aig am bheil a neart annadsa agus iadsan aig am bheil do shlighean ‘nam cridhe. Tha meadhonan nan gras air an talamh priseil. ‘Sann annta a bha an Tighearn a’ coinneachadh ri cusparean a ghaoil anns an t-saoghail agus a’ glanadh an cridhe agus ‘gan ulluchadh airson oighreachd nan naomh anns an t-solus. O ‘n aithne a bha aig an t-Salmadair air sin bha e a’ deanamh roghainn de’n ionad a b’ isle ann an tigh Dhe roimh ‘n ionad a b’ airde am pailliunaibh nan aingidh.

I. An an labhairt o na briathraibh so tha sinn gu bhi ‘fosgladh beagan de na nithibh a tha ann am pailliunaibh nan aingidh nach ‘eil taitneach do’n anam ghrasmhor.
II. Nithean a tha ann an tigh a Dhe a tha taitneach do’n anam ghras-mhor.

I. An t-aingidh, ‘s e sin direach anam gun ghras; agus gu cinn teach ‘s e sin direach an t-ainm a thug an Spiorad Naomh do Shatan fein; agus tha sin a’ foillseachadh gu bheil an aon inntinn a’ riaghladh anns an anam gun ghras a tha anns an droch spiorad. “Tha sibhse o bhur n-athair an diabhl agus is iad ‘anamianna a’s toil leibh a dheanamh.” Tha cuid aig am bheil ainm an athar sgrìobhta air clar an eudain; feudaidh a’ chlann bheag a rath gu bheil iad gun ghras. Ach ann an so feudaidh an t-aingidh polish a bhi air; tha cuid modhail, ach fhad ‘sa tha iad gun ghras tha iad ‘nan cloinn feirge fa chomhair Dhe. Nis nam faiceamaid mar sin iad am biodh mor-thlachd againn ‘nan comunn? B’ fhear leam bhi ri dorsaireachd an tigh mo Dhe na bhi ‘m chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd.

Tha an t-anam gun ghras aingidh fa chomhair Dhe, ciod air bith polish a dh’ fheudas a bhi air tha e lan de aineolas spioradail air Dia. Cha-n aithne dha nì’s mo na tha e a’ leughadh no a’ cluinninn mu ‘thimchioll agus mar sin tha e a dh’ easbhuidh an eagail naoimh agus an urraim dhiadhaidh ann an tighinn dluth do Dhia. Bu mhaith do mhoran nam biodh annta iriosal de urram a’ tighinn dluth do Dhia ‘s a tha annta a’ tighinn an lathair dhaoinne. Tha iad a reir nan sgrìobtur ‘nan coimich do bheatha Dhe thaobh an aineolas a ta annta. Feudaidh aon a fhradharc a chall, gidheadh bi fios aige ciod a chail e. Ach cha-n ann ‘tha an t-anam. Thainig e gus an t-saoghal dall, cha-n aithne dha solus. Tha e lan aineolas spioradail air Dia. ‘Sann anns na lasraichean siorruidh a gheibh cuid aithne air gu bheil Dia ann agus gu bheil E naomh. Nis nach uamhasach an staid sin? Ach tha na h-aindiadhaich toilichte anns a’ staid sin, tha iad reidh ris an aineolas sin air Dia. ‘S iongantach sin aon ‘fhaicinn a’ gul airson easbhuidh comais, agus aineolas air Dia ‘na eallach trom air. Ach tha na h-aingidh toilichte anns an aineolas, ‘s e cainnt an anam, sith, sith, ‘nuair a ta sgrìos obann a’ tighinn orra. Feudaidh creutair bhi ‘labhairt mu nithibh na siorruidheachd gidheadh nach robh e ri amh air a lot le ‘aineolas air Dia. Tha iomadh a’ dol a dh’ionnsuidh na h-uaigne anns a’ staid sin.

Ann an pailliunaibh nan aingidh tha fuath diomhair do’n t-solus. Tha naimhdeas diomhair anns an anam do’n t-solus. Tha e a’ toirt fuatha do’n t-solus agus cha-n ‘eil e teachd chum an t-soluis air eagal gu’m biodh oibre air an cronachadh. Faic tobar an t-soluis, ‘nuair a thainig E dh’ionnsuidh an t-saoghail cha robh fois aig an t-saoghal gus an robh an lamhan dearg ‘na fhuil. Cha-n ‘eil fuath aig na h-aingidh do cheol ‘s do dhannsa. Cha-n ‘eil eagal orra bhi a’ mionnan agus ri briseadh Sabaid. Ach tha fuath aca do’n t-solus. Nach robh moran anns an robh de sholus nam flaithenas agus cha robh fois aig an t-saoghal gus an do dhoirt iad am fuil? ‘N e gu’n robh iad a’ deanamh olc? Ni h-each, ach gu’n d’ fhuathaich an saoghal an solus a bha annta.

Tha thu feín ann an sin, cha-n ‘eil uair is mi-shona a tha thu na ‘n uair a tha thu ‘g an cluintinn a’ labhairt mu staid an anama agus mu’n t-siorrudheachd. Cha robh thu riamh sgith de chomunn diomhain an t-saoghal, ach gu’n tigeadh smuaintean air siorrudheachd a stigh, mhilleadh sin do chomhfhurtachd agus chuireadh e as ordugh thu. O! an teaghlach anns nach ‘eil ni ach an saoghal, cha-n iongantach ged is e teaghlach rapach a tha ‘n sin. B’ fhearr leam bhi dorsaireachd ann an tigh Dhe na bhi ‘m chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd.

Feudaidh an creutair mor-eolas a ghabhail a stigh. Tha an inntinn comasach air fas ann an eolas, ach cha-n ‘eil ann an naomhadh, ged nach biodh againn ach na briathran sin, “Nam bu chomasach e mhealladh iad na daoine taghta.” ‘S e la a’ bhreitheanais a dh’ fhoillsicheas cia fhad ‘s a dh’ fheudas creutair dol gidheachd tighinn gearr. “Cha-n ‘eil thu fada o’n rioghachd.” Ach cha-n ‘eil sinn a’ leughadh gu’n d’ thainig e leud roime ni b’ fhaigse. Tha an solus so a’ deanamh an doille spioradail air Dia ni’s ro uamhasaich. “Nam biodh sibh dall cha bhiodh peacadh agaibh; ach a nis a ta sibh ag radh, is leir dhuinn uime sin tha bhur peacadh a’ fantuinn.” Tha an dall so comasach air aoradh teaghlaich a chumail agus e cho aineolach air Dia ri bonn a choose. Tha mi tric a’ toirt an aire mar a tha cuid a’ toiseachadh aoradh teaghlaich agus gun fhios aca fo’n ghrein ciod a’ chuir ‘nan ceann e. Thog iad seann fhoirm, is gu la am bais cha-n ‘eil aca ach an t-seann fhoirm. Is beannaichte an t-anam d’ an aithne ciod e a thug air bhi ‘cumail aoradh teaghlaich, ‘se sin gu bheil anam aige agus gu bheil e neo-bhasmhor agus cunntail. Ach anns a h-uile mi de ‘n t-seann chumhnant tha nadur muchaidh. Feumaidh tu fein ann an sin aideachadh an aite d’ iarrtus an deigh Dhia bhi ni’s mo ‘nuair a tha thu deis de’n aoradh gur ann a tha d’ iarrtus ni’s lugha. Sin cuid de na nthibh a tha ann am pailliunaibh nan aingidh. B’ fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi ‘m’ chomhnuidh annta. Tha nithean salach ann am beatha nan aingidh a tha ‘muchadh a h-uile maith. Nis am bu chomasach anam grasmhor bhi toilichte ‘nan comunn?

Ann am pailliunaibh nan aingidh tha feolmhorachd inntinn. Nis c’áite am bheil an t-anam grasmhor a bhiodh rairachta far nach bi ni ach an saoghal a’ riaghlaidh? ‘Nuair a chruthaicheadh an duine bha a thuigse lan soluis leis an robh e comasach air a bhi a’ beachdsmuaineachadh air Dia agus ‘ga ghradhachadh a reir ‘eolias. Nis tha na h-aon bhuadhan anns an duine ach tha iad truallte. ‘Nuair a chail e an iomhaigh agus aithne air Dia shuidhich e ‘aigne air a’ chreutair agus ged a bhiodh gloir na siorrudheachd air a fosgladh dha cha ghradhaicheadh e sin gus an dean an Spiorad Naomh cruthachadh nuadh anns an anam. Nach eagalach sin, creutair bhi beo da fhichead bliadhna gun smuaineachadh air Dia no siorrudheachd? ‘Sann mar sin a tha an Spiorad Naomh a’ samhlachadh a’ chreutair ris na bruidean aig nach ‘eil ach iarrtuis thalmhaidh. Nis ‘nuair a tha Spiorad Naomh nan gras a’ fosgladh sin agus a’ glanadh cail an anama, c’aithe am bheil an t-anam grasmhor leis nach b’fhearr bhi ‘dorsaireachd an tigh Dhe na bhi ‘na chomhnuidh far nach bi ni ach an saoghal.

Tha iomadh miann salach ann am pailllunaibh nan aingidh ‘Nuair a bheir an Tighearn gu soilleireachd nithe folaichte an dorchadais ‘s iomadh iad leis am b’fhearr bhi air an adhlaichd ann an doimhneachd na h-ifrinn na sin. Nis co air bith da ‘m bheil Spiorad nan gras a’cur soluis air ciod a tha ‘na bhròllach, an iongantach ged a b’fhearr leis bhi dorsaireachd ann an tigh a Dhe na an sin? Cha-n ‘eil ach Dia a lìonas an t-anam. ‘Nuair a chaill an duine eolas air Dia tha e ag iarraidh riarachaidh ann an nithibh eile, cuid ann am misg, cuid ann an geocaireachd, cuid le spiorad sannt, is e iodhol-aoradh. (Sanntaichidh iad fearann an nàbaidh agus ged a chitheadh iad gul nan creutairean a tha iad a’ cur a mach as an aitean comhnuidh cha bhean e riu ni’s mo na leaghas an t-uisege clachan). Cuid eile ann an reic agus ceannach, ni iad breug gun ni ‘nan suil ach gu’m biodh iad neo-eisimealach air Dia agus daoine. B’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhnuidh ann am pailllunaibh nan aingidh. Bi thusa ann am pailllunaibh nan aingidh air an t-Sàbaid agus feuch an luinn thu gu bheil anam no peacadh no siorrudheachd ann. Cha chluinn ni ach an saoghal agus bidh iad tric a’reubadh a cheile mu’n t-saoghal—sin cuid de na nithibh a tha ann am pailllunaibh nan aingidh. B’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhnuidh an sin. Tha nithe eile ann am pailllunaibh nan aingidh, ach tha eagal orm dol a stigh annta. Tha spiorad uamharra saoghalta annta.

Fhuair iad sin o namhaid an anam. ‘Nuair a chaidh Satan a thilgeadh a mach a flaithenas bha e lan de bhith-naimhdeas an aghaidh Dhe agus ‘s ann an goid an duine o Dhia a rainig an naimhdeas sin air Dia. Lion e an t-anam le’ naimhdeas. Mo chairdean, mur biodh gleidheadh diomhair Dhe bhiadh lamhan muinntir dearg ann am fuil a cheile. Tha iomadh aindiadhach ann agus cha dan leis an anam ghrasmhor a chronachadh air eagal dioghlatais. Faic Cain mar a dh’fheuch e gu’n robh beatha dhiadhaidh Abeil ‘ga phianadh, agus am bith sin fada ‘na bhròllach gus mu dheireadh an do cheadaicheadh cothrom dha criochnachadh ann am mortadh. Cronaich thusa aindiadhach agus ma tha do chronachadh o na flaithenas ‘s iongantach mur feith e airson dioghlatais. Nach cuala tu e ag radh, cha mhaith mi gu brath dha e’? Agus ma choinnicheas freasdal cruaidh riut tha e iongantach mur toir sin aoibhneas dha. O! b’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhnuidh ann am pailllunaich nan aingidh. Anam bhochd, an deach’ thu riamh a stigh do phailllun nan aingidh nach d’ fhairich thu an spiorad aca a’ tighinn ort? ‘Nuair a chaidh na daoine glice stigh do luchairt Heroid dh’fhag an reul iad. Siubhal thusa do phailllunaibh nan aingidh, ged a bhiadh toradh na naomhachd air do spiorad a’dol a stigh feuch am bi sin agad a’ tighinn a mach. ‘Se a gheibh thu an spiorad saoghalta agus gheibh thu cridhe cruaidh nach bi cho furasda a chaitheamh a mach, is math dh’fheudta gur e an cainnt dhiomhain a’cheud ni a choinnicheas tu aig an urnuigh. “Uime sin thigibh a mach as am meadhon agus dealaichibh riu, tha an Tighearn ag radh;” “chum nach bi comhpairt agaibh d’a peacaibh agus nach thaigh sibh d’a plaighibh”—plaigh gaol an t-saoghal, plaigh na sannt, plaigh cruas cridhe. Thigibh a mach as am meadhon, “Cha-n urrainn sibh seirbhis a dheanamh do Dhia agus do Mhamon.” Agus thusa, d’an comunn iad tilg dhiot cleoc an aideachaidh. Ruisgidh am bas thu. Mo chairdean, tha e cunnartach eadhon do’n chloinn bhi ‘nan comunn, “Mheasg iad leis na fineachan is dh’ fhoghlum iad an doigh.” Anam bhochd, b’fheart leis an Tighearn thu bhi aige ann an cuil a’ gal air bruachan na h-ain-earbsa na bhi ‘nam measg. Cha-n iongantach ged a tha an Tighearn tosdach riutsa d’an comunn na h-aingidh air an t-Sabaid is air an t-seachdudin. Ach tha so ‘gar treorachadh dh’ ionnsuidh an dara cinn, ‘se sin, cuid de nithibh a tha milis do’n anam agus ag aobhrachadh gu’m b’fheart leis bhi ‘dorsair-eachd ann an tigh a Dhe na bhi chomhnuidh ann am pailliunaibh nan aingidh.

(Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice