Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1905 » April 1905 » Searmon: “Agus so, air dhuibh fios na h-aimsir a bhi agaibh, gur mithich dhuinn a nis mosgladh o chodal oir a ta ar slainte n’i’s faigse na ‘n uair a chreid sinn.”—Rom. xiii. 11

Searmon: “Agus so, air dhuibh fios na h-aimsir a bhi agaibh, gur mithich dhuinn a nis mosgladh o chodal oir a ta ar slainte n’i’s faigse na ‘n uair a chreid sinn.”—Rom. xiii. 11

LEIS AN URR. ARCHD. COOK, A BHA ‘N DEIMHIDH.
1st November, 1863.

THA da shlabhruidh air an anam agus ‘s ann ann am maitheanas peacaidh a tha iad air am fuasgladh, ach ‘s ann aig an anam a tha air a thoirt beo gu spioradail a tha faireachadh air na slabhruidhean sin. Tha sinn a’ leughadh air aon a bha deich mile talann ann am feich agus ‘nuair nach robh ni aige leis an dioladh e rinn an Tighearn truas mor a ghabhail dheth, leig e a chead da agus mhaith e na feich. Faic, dh’ fhuasgail se e.

An duine aig nach robh an trusgan bainnse, thubhairt an Righ ris na seirbhisich, “air a cheangal duibh eadar chosan agus lamhan togaibh leibh e agus tilgibh e ‘san dorchadas iomallach.” An la a chronuicheas E peacadh dhuitsa ceanglaidh E thu air a leithid de dhoigh ‘s nach fhuasgail aon eile thu. Ciod e an t-slabhruidh a bhios ort? Mallachd Dhe, ‘s e sin slabhruidh a ni na diabhuil agus na h-aindiadhaich truagh tre’n t-siorruidheachd.

‘S e slabhruidh eile gaol a’ pheacaidh. Tha sinn a’ leughadh air aon ‘nuair a fhuair i an t-slabhruidh so, a ghuil aig cosan an Tighearna. Thubhairt E rithe, “Tha do pheacanna air am maitheadh.” Bha neach eile air a ghiulan d’a ionnsuidh air a leabaoidh agus thubhairt E ris, “A mhic, tha do pheacanna air am maitheadh dhuit. Eirich, tog do leabaoidh agus imich.” Agus dh’ eirich esan air ball. Bha creutair bochd eile air a cheangal aig Satan ochd bliadhna deug, “gun chomas aice air chor sam bith i fein a dhireachadh.” Thubhairt E rithe, “a bhean, tha thu air d’ fhuasgladh o d’ anmhuinneachd.” Ciod am fuasgladh a bha sin? Direach, maitheanas peacaidh. Agus ‘s iongantach sin, ‘nuair a tha sin a’ tighinn a mach o’n chaithir ghil an an gloir dh’ ionnsuidh an anama. O! ‘s iongantach sin an Cruithear a’ labhairt air maitheanas ann an cluasan an anama. “Glan mi le hiosop agus bidh mi glan, ionnail mi agus bidh mi n’i’s gile na sneachd.” Ciod e an hiosop? Direach, an gealladh le fuil Chriosd a’ glanadh an anama. O an saoghal bochd! Tha iad riarachte le bhi ‘g iarruidh maitheanais. Ach ann an onfha Iordain ‘s e faireachadh air maitheanas a bheir fois.

‘Nuair a tha Dia a’ maitheadh peacaidh tha E a’ cur soluis uir air nadur a’ pheacaidh anns an anam ‘nuair a smuainicheas aon air a’ Cruithear agus air peacadh a’ milleadh sonas Dhe agus a h-uile creutair naomh. ‘Se so ni nach fhaic creutair gun ghras; ‘se an t anam a fhuair maitheanas a gheibh soillseachadh sam bith air so. Faic gu’m bheil sin air chuimhne, “agus b’ aithreach leis an Tighearn gu’n do rinn E an duine air an talamh agus thog e doilgheas da ‘na chridhe.” Faigh thusa soillseachadh air so agus ni sin ifrinn gle bheag ann do shealladh an coineas ri do pheacanna, chi thu ni ùr ann do pheacanna. Nis ‘s ann o sin a bhios an creutair a’ basachadh do’n pheacadh. Cha bhi peacaich ann an ifrinn ‘nan onoir do’n diabhul, bidh iad a’ foillseachadh an spioraid uamharra salach a bha anns an diabhul. Ach thusa a bhios ann an gloir bidh tu foillseachadh a mach an spioraid a tha ann an Criosd a tha glan naomh a thug ort bhi treigsinn an t-saoghail agus a’ gabhail gràin de chomunn an t-saoghail. ‘Se creutair bochd a’ gul anns na cùltean no creutair bochd air a leaghadh le naire fo fhaireachadh air maitheanas peacaidh a bhios nan comunn agad-sa.

Air na creutairean bochd so bidh an Cruithear a’ leigeil truail-lidheachd fuasgailte. Tha neasgaidean salach a dh’ fheumas ruith fhaotainn, anamiannan, agus tuigidh an t-anam nach dean ni sona e gus am bi sin air a chaitheamh a mach. Tha aineolas air Dia, tha monmhor, tha mi-reite ri toil Dhe, tha doimhneachd de aingidheachd anns an anam agus bidh sin a’ tighinn beo anns an fhaireachadh mar tha Dia a’ tighinn dluth air an anam. An sin tuigidh an t-anam nach dean meadhanan nan gras sin a thoirt air falbh as, gur e ni a thigeadh a mach a doimhneachd arduachdar-anachd a chaitheadh a mach e. Tha gaol a’ pheacaidh iongantach duilich a chaitheamh as an anam is feudaidh an creutair bhi iomadh la fo eagal nach ruig e air. O cha-n ‘eil ni cosmhuil ri drapan a’ tighinn a mach a bith Dhe. O! tha maitheanas peacaidh iongantach. Ged a gheibheadh an creutair e gidheadh bidh sealladh aige air an eadardhealachadh tha eadar e fein agus Dia. Mar sin cha tig ladarnas andàna stigh ‘san anam agus cha chaill e a bheachd air oirdhearcas maitheanais ged a gheibheadh e sealladh air fichead uair san la.

Ach ‘s ann aig a’ bhas a gheibh e sin ann am foirfeachd. Aig a’ bhas thig a tobar na naomhachd tuil air an anam a ni e ann am priobadh na stùla ullamh airson gloire. O ma ta nach iongantach sin, aon a’ faicinn a shlainte ni’s fhaisge na ‘nuair a chreid e? Ach is eigin gu’m basaich an corp. Thainig binn a’ bhais a mach air, agus cha-n e sin a mhain ach tha de thruaillichheachd anns a’ chorp ‘s gu’m feum e bhi air a ghlanadh anns an uaigh. Sibhse a bhios air an laimh dheis chi sibh mar a bhios na tha thruaillichheachd anns an talamh air a thaomadh a dh’ ifrinn aig an la mhor. ‘S ann o’n aonadh eadar Criosd agus cuspairean a ghaol a tha e gu’m bheil an cuirp air an glanadh anns an uaigh. Tha patran cuirp nan naomh air a tharruing ann an Criosd agus feudaidh sinn a radh gur ann air sin a tha Dia ag amhaic agus leis gu bheil E toilichte. Feudaidh na naoimh ann an gloir fhaicinn ann an daonnachd Chriosd oirdheirceas na staid ris am bi an cuirp fhein air an cumadh. Agus ‘nuair a chi na naoimh an t-ordheirceas sin ann an Criosd nach fheud sinn a radh gu’m bi fadal naomh annta airson an la sin sam bi an cuirp air an toirt a mach cosmhuil ri a chorp glormhor-sa. O’s ann an sin a bhios an t-slainte air a crunadh, Tha sin aig na naoimh anns a’ ghealladh agus anns an eadar ghuidhe, “Athair, is aill leam an dream a thug thu dhomh gu’m bi iad maile rium far am bheil mi; chum gu’m faic iad mo ghloir a thug thu dhomh.” O! nach bochd an creutair ann an so an diugh agus gun fhios nach bi e ann an ifrinn mu’n tig ceann na bliadhna so? Gidheadh an àite a bhi ‘cleachdadh mheadhonan gu dol as ‘s ann a tha e a’ cleachdadh a h-uile meadhoin ‘is com-asach e gu bhi ‘cur ‘anam agus siorruidheadh a cuimhne. O! chi sibh iad fathasd a bha gle bhreagh anns an t-saoghail, ciod e na h-uile bheisdean a bhios iad ‘nuair a chi iad an iomhaigh anns an diabhul. Ach a nis an dara ceann: ‘s e sin

II. Cuid de na nithibh a tha’n suil an anama ‘nuair a tha e an toiseach ag amharc ri Criosd airson slainte.

Gu bhi fosgladh so, tha na sgiobtuirean ag innseadh co e am Fear-saoraidh, gu bheil E ionann ri Dia, gur e Cruithear neimh agus talamh. “Co thusa gu’m biodh eagal ort roimh dhuine a gheibh bas agus roimh mhac an duine a nithear mar am feur agus gn’n di-chuimhnicheadh tu an Tighearn do Chruithear a shin a mach na neamhan agus a leag steidh na talmhainn?” Tha am focal ag innseadh dhuinn co e am Fear-saoraidh gur e Dia. Agus tha mi cinnteach, thusa a fhuair anam beo nach earb thu e ri aon is lugha na Dia. ‘Se sinn carrag pobull Dhe. “Se d’ Fhear-saoraidh Ti Naomh Israeil goirear Dia an domhain uile mar ainn ris.” Nis tha E ann fein comasach an t-anam dheanamh sona tre ‘n t-siorruidheadh, oir “annsan tha uile iomlanachd na Diadhachd a’ gabhail comhnuidh gu corporra.”

Tha an sgiobtur ag innseadh dhuinn mu’n chrich airson an d’ thainig Criosd stigh do’n t-saoghail agus an do ghabh E nadur an duine, gur e bha ‘na shealladh tearnadh an anama agus ceann na nathrach a bhruthadh. Airson sin ghabh E nadur na daonnachd ann an aonachd ris fein chum anns an nadur sin gu’m bruthadh E ceann na nathrach agus gu’m basaicheadh E airson anamanna bochd; oir as eugmhais dordadh fola cha-n ‘eil maitheanas peacaidh. Nis tha na sgiobtuirean ‘gar misneachadh gu bhi tighinn a dh’ ionnsuidh Criosd mar a tha sinn agus a bhi sealltuinn ris airson slainte. Mur bhiodh an sgiobtur cha biodh coir againn. Ach ‘s e an sgiobtur, “Feuch Uan Dhe a tu toirt air falbh peacaidhean an t-saoghail,” “Thigibh am ionnsuidh sibhse uile a ta ri saothair agus fo throm uallaich agus bheir mise suaimhneas dhuibh,” “An ti a thig am’ ionnsuidh cha tilg mi air chor sam bith a mach e,” “Thigibhse am’ ionnsuidh agus gheibh sibh fois do ‘ur n anamaibh.” Agus ma gheibh thusa aithne air d’anam cha-n fhaigh thu fois ann an ni air bith eile; cha-n fhaigh thu fois a’ do dhleasdanasaibh. Ach ann an Criosd gheibh thu carrag. Agus cha-n iongantach ged a thubhairt an Salmadair air a’ charraig sin, “ni’n gluaisear mise.”

(Ri leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice