THOISICH roinnean anns an Eaglais Shaoir gu follaiseach mu’n bhlíadhna 1863. Bha moran innte aig an am sin a bha ‘n deigh am beachd atharachadh mu thimchioll teagasgan araidh. Bha iad air son creud na h-Eaglaise Saoire thoirt gu bhi cho dluth do chreud na h-Eaglaise U.P.’s a bha nan comas. Ghabh iad an doigh bu chealgaiche a b-urrainn iad chum so a thoirt mun cuairt, ach bha daoine dileas anns an Eaglais Shaoir, mar bha ‘n Doctairs Kennedy, Begg, agus Maighstir MacColla, nach fuilgeadh dhoibh so a dheanamh gun an Eaglais a bhi air a deanamh na da leth. Thug so orra dail a chur ‘sa chuis, ach cha do sguir iad da ‘n innleachdan gu an crioch fein a chosnadh. Dh’atharraich iad creud na h-Eaglaise anns a bhlíadhna 1892, agus chaidh rabhadh a thoirt a bhlíadhna sin mar tugadh iad air ais aig an ath Assembly an ni a rinn iad gum biodh dealachadh ann. Dhíult iad an ni a rinn iad a thoirt air ais, agus air an aobhar sin dhealaich sinne riu. Thug sinne mar aobhar ar dealachaidh riu na h-aobharan:—(1) Gun do chuir iad cul ri teagasg na h-Eaglaise Saoire,—gur e dleasdanas na rioghachd so aobhar Chriosda aideachadh agus a chumail suas. (2) Gun d’thug iad a stigh do aoradh follaiseach an Tighearna lauidhean neo-dheachd agus innealan ciuil an agaidh creud agus cleachdadh Eaglais na h-Alba. (3) Gun d’thug iad aite anns an Eaglais do luchd-teagaig nach robh a chreidsinn gun robh am Biobul na fhirinn neo-thuiteamach, agus neo-mhearachdach, agus mach robh iad ceangailte gun teagaigseadh iad uile theagasgan Leabhar Aídmheil a chreidimh. (4) Gun do chuir iad cul ri Leabhar Aídmheil a chreidimh leis an Achd Mhinichaidh, agus gur e an ni a cho-dhunadh iad fein ann an cuirtean na h-Eaglais, bho bhlíadhna gu bliadhna, a bhiodh na chreud aca. (5) Gun d’rinn iad laghanna a bha calg-dhireach an aghaidh buinn laghail na h-Eaglaise Saoire, agus a thug iad gu bhi dh’ aon bheachd ris an Eaglais U.P.; agus air an aobhar sin gun do sguir iad do bhi Eaglais Shaoir na h-Alba. So cuid de na h-aobharan air son ar dealachne ris an Eaglais a bha ga sloinneadh fein-an Eaglais Shaoir-anns a bhlíadhna 1893. Ma rinn sinn cionta anns a chuis, is ann le cumail ri teagasgan agus bunaitean Eaglais ath-leasaichte na h-Alba a chiontaich sinn. Tha sinn a diultadh naire ghabhail air son so, ged a tha moran aobharan naire again co-cheangailte ri iomadh teachd gearr ann am fanniss Dhe.
Mar a tha làn fhios aig ar luch-leughaidh dh’fhan an da bhuidheann a tha nis a deanamh urrad de dh’fhuaim air son airdiod agus thighean comhla seachd bliadhna an deigh dhuinne dealachadh riuthe, agus mar bhi an t-aonadh a ghabh aite ann an 1900 bhiodh iad comhla fathast. Tha so fein a deanamh soilleir nach ann air son an aoin aobhair a dhealaich sinne agus a mhuiintir a tha nis air an gairm an Eaglais Shaoir ris na teagasgan mearachdach a bha air an toirt a stigh. Cha robh cionta a ghabhadh deilbh nach robh air a chur as ar leth leo araon. Dh’fheuch iad na bha nan comas ris an t-sluagh, mu dheus agus mu thualh, a chur nar n’aghaigh, agus chaidh so leo ann an tomhas.
Tha cuid—tha iad gle thearc—anns an Eaglais againn a tha de’n bheachd gum bu choir dhuinn aonadh ris an Eaglais Shaoir. Tha sinn de’n bheachd gur ann bho neo-chiontas an intinn fein a tha so ag eiridh. Tha moran aobharan againn air son fuireach mar a tha sinn. Tha duine—aon duine co-dhéudh—aig an Eaglais Shaoir a sgriobh leabhar anns an d’rinn e aithnichte nach eil e fallainn air deachdadh a Bhiobuill, agus cha d’aidich aon chuid an duine sin na ard-chuirt an Eaglaise gun robh aobhar air a thoirt gu cunntas a reir riaghlaidh smachdachaidh na h-Eaglais air son nam beachdan uamhasach a sgriobh e le laimh fein. Tha an duine so a teagasg minstearean oga na h-Eaglais. Nach aobhar gu leoir so. Tha mar an ceudna minstearain air an gabhail a stigh leis an Eaglais sin a thainig da’n ionnsuidh a Eaglaisean eile tha fada o bhi fallain anns a chreidimh a reir riaghailt Leabh-air Aidmheil a Chreidimh. Feumaidh sinn a cho-dhunadh nach dean gun d’ thainig iad do’n Eaglais Shaoir daoine fallain ‘s a chreidimh dhiu. Tha moran de shluagh na h-Eaglaise sin gle mhi-riarachte le cuid da luch-teagaig, agus mar biodh a chuis mar sin bhiadh ioghuadh oirn.
Co aige tha choire gum bheil sluagh—an sluagh a bha comhla anns an Eaglais Shaoir gus a bhliadhna 1893—aig an roinn nan tri buidhnean, gu h-araidh ann an Gaelteachd na h-Alba? Tha an toiseach a choire na laidhe aig dorus na muintir a dhatharr-aich creud na h-Eaglaise Saoire; oir mar biodh a chreud air a hatharrachadh bhiadh sluagh na h-Eaglais uile nan aon, mar bha iad roimhe. Tha so soilleir gu leoir do na h-uile. Tha choire ris aig a chuid de’n t-sluagh a lean na minstearan sin a chaidh air falbh bho fhocal Dhe, agus bho Leabhar Aidmheil a Chreidimh. Feudaidh e bhi gun d’rinn an sluagh so ann an ain-eolas, ach tha coire na laidhe orra a cheann nach d’rinn iad greim deangan air an ni sin bha aca. Bidh an slioichd as an deigh a fulang air son am mi-dhillseachd do aobhar Chriosd.
Nach dh’fhalbh cuid de mhinstearain ar n-Eaglais-ne cheana do’n Eaglais Shaoir? Tha sin fior. Cia air son a dh’fhalbh iad? Cha’n ann a chionn nach do chum sinne ris na h-uile a bhuiendadh do chreud na h-Eaglaise Saoire mar a sheas sin gu an dion aig 1893; oir cha b-urrainn iad ni fhaotum gu’n dion fein uar naghaidh air a cheann sin. An ann a chionn gun robh an Eaglais Shaoir nà bu ghloine, agus a cumail na bu diougmalta ri deachdadh focail Dhe, agus ri teasgasgan Leabhar Aidmheil a Chreideamh? Chan ann, oir bha e soilleir do na h-uile nach robh a chuis mar sin. Cia air son a dh’fhalbh iad ma ta? Tha fios an da chuid aca fein, agus aig cuid de dhaoine eile math gu leoir car son, ach gus am freagair iad fein a cheisd nas fearr na rinn iad fathast cha fhrigair sinne air an son i. Feudaidh na h-uile neach a bharail fein a bhi aige gus a sin. An aill leibhse falbh cuideachd.” N.C.