- THE Free Presbyterian Magazine *And MONTHLY RECORD.
- The New Catechism
- A Letter from Rev. John B. Radasi
- The Memoirs or Spiritual Exercises of Elisabeth West
- The Memoirs or Spiritual Exercises of Elisabeth West. (WRITTEN BY HER OWN HAND.) (Continued from page 29.)
- Boston’s Memoirs
- Patric Macbride
- Notes and Comments
- Church Notes
- The Magazine
- T**HUBHAIRT an Salmadair diadhaidh o cheann fada, “Tha m’ aimsir a d’ làimh-sa, a Dhé:” agus is ion dhuinne gu ’n teagasgiteadh an ní ceudna dhuinn féin, mar anamaibh fa leth, agus mar choimhthionalaibh, agus mar Eaglais. Bha sinn ri gáirdeachas, rè seal, ann an tiodhlacaibh agus ann an comasaibh ar luchdteagasg, agus ann an cuid dhiubh gu sònruichte, a bha mar chinn-iùil, ann an eud diadhaidh, agus ann an gràdh do anamaibh dhaoinne. Tha, air a’ mhios so, naidheachd ro dhubhach, agus ro dheuchainneach, do mhòran d’ ar luchd-leughaidh, r’ a chur an céill. Tha an Tighearn air tighinn a mach ann ar measg; agus eadar gur h-ann ann am breithneas, chithear fathast. Tha fear do mhiniteiribh na h-Eaglais Saoire, a bha cumhachdach, eudmhor, díleas, saothrachail, thar, iomadh,—seadh, thar chàch gu mòr, ann an ceàrnaibh fa leth do ’n Ghàidhealtachd, air a ghairm o a shaothairibh air thalamh, agus ìonad air fhàgail falamh ’n ar n-Eaglais,—Mr. Pàraig MacBhrìde, á baile Bhòid!