CHA robh moran a dh’ Ughdairean Urramach a rugadh ann am Breatuinn aig an robh tuilleadh buaidh ann a bhi stuireadh inntinnan Dhiadhraean anns an Fhirinn, air feadh na Rinn-Eorpa, na ‘bh’aig Uilleam Ames, agus gidheadh tha iad tearc an diugh aig am bheil mor eolas air a sgiobhaidhean. Rugadh e ann an Ipswich, Suffolk a’ Sasuinn, anns a’ bhliadhna 1576. An deigh dha foghluim maith ‘thogail ‘n Ipswich, chaidh e do’n Ard-sgoil ann an Cambridge. Bha buadhan iongantach inntinn gu nadurrach aige, agus bha e fein ro dhichiollach ann am foghluim a thogail, ach cha robh e air bhi ro fheumail ann an Eaglais Dhe mar bitheadh mar a choinnich gras Dhe ris d’ur bha e ann an Cambridge. Bha Teachdair air leth buadhach troimhghras Chriosd ann an Cambridge aig an am, b’e sin an t-Urr. Uilleam Perkins. ‘Sann’g eisdeachd Mhr. Perkins chual Ames an soisgeul mar bhriathra na beatha maireannaich. Thainig Ames e fein gu bhi na shearmonaiche comharrachtae ann an Cambridge; ach d’ur nach robh e fathast ach òg dhuig naimhdeas ‘na aghaidh, agus gu h-araidh o’n mhuinntir sin anns an Eaglais Shasuinneach a bha ‘giarraidh a bhi cur suas trusganan Papanach. Choisinn sin do Uilleam Ames gu’m b’eigin da teicheadh do’n Olaind. Bha e iongantach mar thainig Ames an toiseach gu bhi aithnichte do chairdean na firinn anns an Olaind. Oir aig an àm ‘san d’rainig Ames an tir sin, bha deasboidean anabarrach diana eadar na Calvinich agus na h-Arminianish. Air an dearbh là air an d’ruig Ames gu Rotterdam bha coinneamh mhor ann an talla eigin ‘sa bhaile, mu thimchioll nam puincean creidimh so. Bha leithid de èud ann am Ames airson na firinn, agus ged nach robh air ach trusgan iasgair, leis an d’fhag e Sasuinn ann am bàta eigin chum agus, mar so, nach tugadh an luchd-riaghlaidh ann an Sasuinn an aire dha, d’ur thuig e gu robh an fhirinn ri ‘seasamh anns a bhaile an là sin, chaidh e deireach mar bha e do’n choinneamh. Labhair fear, Grevincovius, ann an òraid glé chumhachdach airson beachd nan Arminianach, ionnus agus nach robh neach a lathair a bha ullamh gu eirigh agus freagradh thoirt seachad dha. D’ur chunnaic Ames sin, dh’iarra e, agus e ‘geiridh ann an trusgan iasgair, ann am mheadhon an talla, gu’m faighaidh e cothrom air Grevincovius a fhreagairt. Air dha cead ‘fhaotainn thug e seachad òraid ann an Laidinn na’n lathair uile a dh’fhag an t-Arminianach gun chas aige air an seasamh e. Riabh o’n là sin cha robh Ames gu’n cairdean anns an Olaind. Bha e air aon de na Diadhraean a riun suas an Seanadh urramach a choinnich ann an Dort, ‘san O’laind, anns a bhliadhna 1618. Anns a ‘bhliadhna 1822 rinneadh e ‘na Professor ann am Franeker. Chaochail e ‘san O’laind anns a’ bhliadhna 1633.
Sgriobh Ames moran leabhraichean, tha uile ro phriseil, ach, a chionn gu’n do chaith e cho mòr de bheatha air tir mor na Rinn-Eorpa, ‘sann anns a’ chainnte Laidinn. Sgriobh e Leugh-aidhean gle bhrìagh air na h-uile h-aon de’n cheud agus leth-cheud Salm. Shaoil sinn gu’m faodadh e bhi buanachdail do leughd-airean a Mhagazine na’n tugamaid seachad beagan de theagsg an duine urramaich so ann an Gaelig. Tha sinn, mar sin, a’ tois-eachadh leis ‘na sgriobh e air an aon Salm deug thar dà fhichead.
ROIMH-RADH DH’AN T-SALM.
ANN an Ceann-sgriobhaidh an t-sailm so tha, cha-n e a mhain an t-ughdar agus an t-àm, ach, mar an ceudna, an t-aobhar airson an robh an salm air a chur ri cheile air innseadh dhuinn. B’e sin cogais a’ diteadh Dhaibhidh air son cionta mor. B’e, mar an ceudna, priomh aobhar na cogais chiontaiche so, peacadh ro throm adhaltrannais le bean Uriah, ni a tha air aideachadh. Ach is e a dhuisg suas a’ chogais, mar a chuir Natan, am Faidh, an ceill do Dhaibhidh a pheacadh, agus an ciont a shruth o’n pheacadh. Anns na h-aobhairean so, faodaidh sinn staid Dhaibhidh, gus an d’ thainig e troimh dha peacachadh, fhaicinn. Agus cha-n urrainn sinn an salm a thuigsinn dealaichte ris an staidso.
MINEACHADH.
“Do’n ard fhearr-chuil, Salm le Daibhidh, ‘nuair a thainig Natan, am faidh, d’a ionnsuidh, an deigh dha dol a steach gu, Bat-seba. Bi grasmhor dhomh, a Dhe, a reir do choimhneis graidh; A reir lionmhoireachd do chaomh-throcairean, dubh as m’ eusaontas.”—A.M.S.S.—SALM li. 1.
‘Se ‘tha ann an rùn Dhaibhidh anns an t salm so a’ bhi ‘g iarraidh gu’m bitheadh a pheacadh mor, a tha e ‘g aideachadh, air a dhubhadh a mach, ‘se sin, gu’m bitheadh, fhada agus a dh’ fhaodadh sin a bhi, na h-uilc sin uile a shruth o a pheacadh air an cur air falbh. Agus do bhrigh agus gu’n robh na h-uilc so ag amharc air aon ris fein, agus ri Israel mar shluagh—oir bha e ceangailte riu ionnus agus gu’n robh a mhaith agus olc coitichionn dhasan agus dhoibhsan—iomadh sin tha e, sios gus an fhichead rann, ‘tagair air a shon fein, agus an deigh sin air son an t-sluagh uile. D’a thaobh fein, do bhrigh gu’n robh e modhachail air dà olc gu h-àraidh, b’iad sin, ciont, agus treigsinn spioradail, iomadh sin tha e anns a cheud aite, o’n cheud gus an dara rann deug, ag iarraidh gu’n tugtdadh air falbh a chiont, no gu’m faigheadh e maithenas peacaidhean; agus an deigh sin, o’n dara gus a chuigeamh rann deug, tha e ag iarraidh aisig Spioraid, no ath-nuadhachadh cridhe. Anns a’ cheud ath-chuinge mu thimchioll maithenas, ni gu’r h-e bunait nam beannachdan eile uile, tha e a rithist agus a rithist (mar is gnath do mhuinntir aig am bheil an cridhe a’ cur thairis le iarntus dhurachdach, a’ tagradh, agus ag ath-chuinge, agus a’ cleachdadh mhoran argumaidean. Tha an ath-chuinge, iomadh sin, an toiseach air a taisbeanadh ann an simplidheachd cainnte, mar ath-chuinge air son grais, agus a rithist tha e a’ deanamh feum de shamhladh, ‘nuair tha e a’ canntuinn; “Dubh as m’ eusaontas. Gu h-iomlan ionnail mi o mo lochd, agus glan mi o mo pheacadh.” R. i. 2. Ann am a briathan an da’ rann so, tha bunait na h-iarrtuis agus fior aobhar a’ mhaith-eanais air an nochdadh, ‘se sin gras, deadhghean, agus trocairean saoibhir Dhe. Anns an 3, 4, 5, 6, rr, tha an ath-chuinge cheudna air a tagradh le argumaid cuidichidh, se sin an t-aideachadh iriosa agus diadhaidh ‘tha e a’ deanamh, cha-n e mhain air peacaidhean gniomh, araon folaichte agus aithnichte, ach mar an ceudna air tobar nam peacaidhean sin, peacadh gin. Agus tha an t-aideachadh dol fathast ni’s domhainne, do bhrigh agus mar bha a pheacadh cho calg-dhireach an aghaidh toil Dhe, air an robh eolas aige “Feuch, is ionmhuinn leat an fhirinn ‘s an taobh a stigh,” r. 6: agus ‘se gloir Dhe ‘th’aig ann an amharc ann a bhi a’ deanamh an aideachaidh so: “Air chor as gu’m fireanaichear thusa ‘nuair a labhra’s tu, gu’m bi thu glan ‘nuair a bheir thu breth.” Anns an 7, 8, 9, rr, tha an ath-chuinge cheudna air a taisbeanadh, agus solus air a chur oirre, ann a bhi ag ainmeachadh aobhar an fhuasglaidh, le samhladh air a tharrfing o lagh nan deas-ghnathan: “Glan mi le hiosop, agus bithidh mi glan,” agus mar an ceudna le a bhi a’ cur an ceill na toraidhean beannaichte a shruthadh o’n sin, eadhon gloinead o chiont, mar an sneachd, agus tionndaidh anama dha fein o bhron ro shearb gu gairdeachas ro mhor. Agus ‘thaobh an doigh anns an robh an t-atharrachadh so gu bhi air a sheilbheachadh leis, ‘sann bha sin anns an diomba a bha e a’ faicinn ann an Dia a bhi air a teanntaidh air falbh rr. 8, 9.
Tha an dara h-athchuinge, ‘tha mu thiomcholl ath-nuadhachaidh spioraid, air a tagradh agus air a soilleireachadh ann an iomadh doigh, an toiseach, thaobh an ni ‘bha gu bhi air a thoirt seachad dha, ni a thaobh a ghne ris am bheil e a’ canntuinn, “cridhe glân” “spiorad ceart,” agus a thaobh an doigh anns an robh e gu ruigsinn air, b’e sin cumhachd eifeachdach Dhe, “cruthachadh,” “ath-nuadhachadh,” “cumail suas,” agus a thaobh nan toraidhean a bhitheadh leantuin na nithean sin, ann fhein, “Gairdeachas ann an slainte Dhe.” Tha an dà ath-chuinge so moran ceudna air an tagradh a rithist o na toraidhean a shruthadh uatha; ‘siad sin, togail suas na h-eaglais, r. 18, agus moladh Dhe, r. 19.
A’ cheud Leasan.—Faodaidh na creidmhich fein, a tha rogh-radhaichte le Dia, agus aig am bheil fior fhuath do’n pheacadh, bhi air amaibh air an toirt a stigh ann am peacaidhean trom. Faic an Ceann-sgriobhaidh.
Aobhar. 1.—A chionn nach ‘eil iad fathast, ach ann an tomhas neo-iomlan, air an ath-nuadhachadh ann am beatha spioradail, agus tha aca annta an fheoil a’ miannachadh agus a’ cogadh gun sguir a’n aghaidh an Spioraid.
Aobhar. 2.—Tha iad a ghnath a’ gluasad a measg ribeachan an t-saoghail, ‘siad sin anamianna na feola, agus nan sul, agus uabhar na beatha i Eoin ii. 16, agus air son neach a bhi air a shaoradh asda ‘se th’ ann an sin beannachd shonruichte o Dhia. Eoin xvii. 15.
Aobhar. 3.—Tha iarntas aig an t-Satan iad so a chriathradh mar Chriothnachd ni’s mo na muinntir eile.
Aobhar. 4.—Tha Dia aig amaibh a’ ceadachadh agus ag ord-achadh so chum a’ ghloire fein, agus air son maith dhoibhsan.
‘Sann mar so thainig Peadar, agus e a’ deanamh beagan cuis uaill as fhein, gu aithne a bhi aige air anmhuinneachd fein; agus mar sin cheadaich Dia gu’n aicheadh e a Thighearn troimh eagal bais. Mar sin mar an ceudna cheadaich e do Dhaibhidh, air dha a nis a bhi ro-mhi-churamach, tuitean anns a pheacadh uamhasach so, chum agus an deigh so gu’m bitheadh e ni bu chuthromaiche ma dheighinn fein; gu’n coaineadh e os ceann a pheacaidh mar eisimpleir do mhuinntir eile, agus gu’m bitheadh e na chomh-arradh agus ‘na eisimpleir iongantach air irioslachadh agus air aithreachas, agus chum gu’m faigheadh e aiseirigh ni bu ghlormhor os ceann a pheacaidh.
Feum: Earail da’n taobhsan ‘tha ‘nan seasamh, gu’n tugadh iad fainear nach tuiteadh iad. 1 Cor. x. 12. ‘Se sin gu’m bitheadh iad ri faire agus urnuigh chum nach tuiteadh iad ann am buair-eadh. Matt. xxvi. 41.
(Ri leantuinn.)