(Continued from page 359.)
EAS-ONOIR.
C. 283.—Ciamar a dhearbhias tu a h-eas-onoir, no a h-easionracas?—F.—Tha i a’ ceadachadh ceilt-inntinn, gnùis-mheallaidh, agus bhréugan.
C. 284.—Ciod a tha thu ‘cìallachadh le ceilt-inntinn?—F.—Labhairt dhùbailt, labhairt anns am bheil dà sheadh, no gun a bhi ‘labhairt a-réir a’ bheachd a ta aig neach ‘n a inntinn—cealgaireachd.
C. 285.—Am bheil eaglais na Ròimh ag aontachadh le ceilt-inntinn?—F.—Thà i: tha i ag ràdh gu soilleir gu’m bheil cluineas, no ceilt-inntinn laghail. Dh’ardaich i Liguori gu inbhe nan Naomh aice anns a’ bhliadhna 1839, ag ràdh nach ‘eil “aon fhocal airidh air diteadh” ‘n a chuid leabhraicheadh, agus tha i a, teagasg d’ a pobull a bhi ‘g ùrnuigh gu’m bitheadh iad air an seòladh le earaibh an duine sin, ged tha è ag ràdh gu’m bheil ceilt-iuntinn laghail.
C. 286.—Dearbh sin le briathraibh o leabhraichean an duine féin?—F.—Tha è ag ràdh,—“Air do na nithe sin a bhi air an daingneachadh, is i a bharail choitchionn agus chinnteach ameag nan uile dhiadhairean, gu’m bheil è laghail cluaineas, no ceilt-iuntinn a ghnàthachadh ann an còmhradh cumanta agus a dhaingneachadh le mionnan.” 1
C. 287.—Ciod a tha Liguori a’ teagasg mu ghnùis-mhealladh? —F.—Gu’m bheil è laghail mealladh a dheanamh mu chreidimh nach: gu’m faod Pàpanach, air amaibh àraid, feoil itheadh air làithibh trasgaidh chum mealladh a dheanamh.—(Vol. I., p. 364.)
C. 288.—Ciod a tha è ‘teagasg mu shaoradh o mhionnan?—F.—Gu’m bheil comas aig a’ Phàp neach ‘thuasgldadh o cheangal, no o bhòid nam mionnan, ciod-air-bith cho cudthromach ‘s a bha a’ chùis mu’n robh iad air an toirt.—(Vol. II., p. 146.)
C. 289.—Ciod a thubhàirt còigeamh Comhairle Laterain air a’ chùis so?—F.—Gur mionnan-eithich, agus nach mionnan idir, mionnan a bheirear an aghaidh buannachd na h-eaglais. Tha è follaiseach do na h-uile nach è cleachdadh eaglais na Ròimh firinn, no gealladh a chumail ri eiricich (heretics), no ri daoine nach ‘eil de ‘comunn féin, no nach ‘eil a géilleadh dhi.
C. 290.—Am bheil eaglais na Ròimh a’ ceadachadh olc a dheanamh chum gu’n tigeadh maith às?—F.—Thà i. Tha Liguori ag ràdh, gu soilleir, gu’m “bheil è laghail neach eile eigneachadh gu olc a’s lugha ‘dheanamh chum olc a’s mò a chasgadh.”—(Vol. II., p. 120.)
C. 291.—Am bheil thus’ a’ smuaineachadh gu’m bheil è laghail neach eile eigneachadh gu olc a dheanamh air dòigh sam-bith? —F.—Cha n’eil idir. Is còir dhuinn-ne ar dleasanas a dheanamh. Buinidh a’ bhuil do Dhia.
C. 292.—Cionnus a chithear eas-onoir agus foill eaglais na Ròimh a thaobh leabhraichean?—F.—Thruaill agus mheasg i leabhraichean nan seànn sgrìobhadair, agus clèir-riaghailtean nan comhairlean a bha ànn o shean, a chum a barailean féin a chòmh-dach ‘s a dhion.
C. 293.—Ciod an fhoill a rinn i eadhon mu na deich àithntean naomha?—F.—Ann an iomadh Leabhar-cheist a tha i ‘cur amach ann an dùtchaibh Pàpanach, agus eadhon ann an Eirionn, cha n-fhaicear an Dara Aithn; tha an àithn so air a gearradh amach à Leabhar-cheist na Ròimh anns na h-àitibh sin, chum nach faic an sluagh gu’m bheil aoradh do òmhaighean air a thoirmseag, agus a h-iodhol-aoradh air a dhiteadh le Dia.—Ceist 260-265. (Faic Manual, t. 178.)
C. 294.—An tug i an àithn so às a’ Bhìobull? no às a h-eadar-theangachadh air na Sgrìobtuiribh?—F.—Cha tug: ach cha n’eil i a’ làn ghabhail ris a’ Bhìobull ann an càinnt air-bith, ach a mhàin’s an Laidinn. Dh’aontaich easbuigean àraid le Biobull Dhoidh, no am Biobull Beurladh aice, ach cha tug eaglais na Ròimh a làn ùghdarras riamh dhà.
C. 295.—Am bheil eaglais na Ròimh an aghaidh eòlas air focal Dé a chraobh-sgaoileadh ameasg an t-sluaigh?—F.—Thà i. Agus b’ail leatha, ach beag, gach eòlas eile cuideachd a chumail o’n t-sluaigh. Cha mhòr eòlas a bha coitchionn ameasg an t-sluaigh gus an tàinig an t-Ath-leasachadh.
C. 296.—Cionnus a dhearbbas tu sin?—F.—Le Clàrbacaidh (Index Prohibitory) na Ròimh féin, leis am bheil gach uile leabhar, no earrann de leabhar a tha ag ràdh guth’ an aghaidh tagraidh na Ròimh, air a thoirmseasg.
C. 297.—Am bheil è soilleir o eachdraidh, gun robh eaglais na Ròimh a’ cur an aghaidh cèum an eòlas?—F.—Thà ‘nuair a fhuair an duine ionnsuichte sin Galiléo amach an fhìrinn mhor so, gu’m bheil an talamb, no an cruinne-cé agus na réultan a’ cuairt-imeachd mu’n ghrein, thilg eaglais na Ròimh anns an tigh-phlanaidh è, agus dh’éignich i è gus an fhìrinn so àicheadh, —firinn a ta nis air a h-aideachadh leis na h-uile, eadhon le eaglais na Ròimh féin.
C. 298.—Am bheil daoine ionnsuichte ann an cuideachd eaglais na Ròimh, matà?—F.—Thà gun teagamh; tha mòran dhaoine ionnsuichte anns an àrd chléir aice, gidheadh, tha i an aghaidh a bhi ‘sgaoileadh eòlas ameasg an t-sluaigh uile. Faic an staid through agus an t-aineolas anns am bheil an sluaigh’s an Eadailt, ‘s an Spàinn, ‘am Portugal, agus ann an Eirionn féin. Is è aon de innleachdan na Ròimh cléir ionnsuichte a chumail suas, a chum a cuisean a thagair ameasg dhaoine foghlumte eile; ach an sluaigh ‘fhàgail dàll, aineolach.
C. 299.—Dh’aìnich thu an “Tigh-planaidh.” Am bheil eaglais na Ròimh ag aontachadh leis an tigh so?—F.—Thà i. Chaidh an tigh-planaidh a shuidheachadh gu mion chùramach le òrdugh nam Pàp, agus is è sin cuid de’n chléirlagh aig eaglais na Ròimh.
C. 300.—Ciod a bhàtar a’ deanamh leis an tigh-phlanaidh?—F.—Air an leisgeul, no ‘chasaid ‘bu lugha, rachadh greim a dheanamh air neach sam-bith air an robh amharus gu’n robh taobh aige ris a’ chreidimh Phròtastanach, no neach às leth an robh cìnta sam-bith eile air a chur; an sin rachadh a chur tre sheòrsa deuchainn aig cuirt, ‘s an-deigh sin a thoirt thairis a chum a phlanadh.
C. 301.—Ciod an seòrsa phiantan a bhàtar a’ fulang’s an tigh so?—F.—Bha caochladh seòrsa; a h-uile seòrsa pèin no dòruinn, gu dearbh, a b’ urrainn innleachd ‘fhaotuinn amach, a chum pian agus cràdh a thoirt do choluiinn duine.
C. 302.—Ainnich cuid diubh?—F.—Pianadh leis an roithlean; b’e sin neach a thogail suas air ceann rùip gu mullach an tighe agus cudthrom mòr ceangailte ri ‘chasan; an sin a ghrad leigeil sios, ach beag gu làr—nì a bheireadh tulgadh cho garbh air, ‘s a chuireadh gu buileach ás na h-uilt è. Pianadh an toit-eachain; b’ è sin neach a shìneadh air a dhruim agus teine mäll a chur ri buinn a chasan. Pianadh an ragroth‘; b’ è sin an corp a thoinneadh, ‘s a réubadh ás a chéile. A thuilleadh air sin, bha muintear air an tilgeil gu tric ann an sluic làn bheathaichean snàigeach, gràineil—losganan, dearean-luachrach ‘us nathraichean: cuid air am fàgail gu básachadh leis an ocras, agus cuid eile air an losgadh aig a’ phosta-mharbhaidh anns na lasraichean. Sin anis cuid de na pìantaibh a bhàtar a’ gnàthachadh anns an tigh-phìanaidh, gu thoirt air sluagh an creidimh Pròtastanach àicheadh.—(Faic Marlarach.)
C. 303.—Ciod anns am bheil laghannan na cléire a’ co-sheas-amh?—F.—Ann an cléir-riaghailtean nan comhairlean, achdan nam Pàp, agus ann an ùghdarrasaibh eile.
C. 304.—Agus am bheil nàdur na géur leanmhuinn ànnta sin?—F.—Thà. Thubhàirt mì cheana, gu’n robh an tigh-pìanaidh air a chur suas le òrdugh teànn nam Pàp. Tha cléir-riaghailtean nan comhairlean géur-leanmhuinneach, fuileachdach, mar-an-céudna. Tha an treas cléir-riaghailt de cheathramh comhairle Laterain ag òrduchadh na h-eiricich uile a ghearradh ás.
C. 305.—Ciod è, matà, is toradh do na riaghailtibh sin uile, no ciod a thàinig àsda?—F.—Thàinig an tigh-pìanaidh—teine Smithfield—a’ chasgairt a rinneadh air oidhche Bhartoloméuis, ‘nuair a bha ceud mile Pròtastanach air am mort anns an Fhràing, agus marbhaidh mhuilleanan eile.
C. 306.—Ach nach ‘eil aonachd inntinn mu nithibh a’ chreidimh ann an comunn eaglais na Ròimh, agus nach ‘eil i, an lorg sin, freagarrach gu beachd aon-inntinneach àrach ameasg muintir eile?—F.—Cha n’eil, cha n’eil. Tha a luchd-teagaig a’ dol calg-dhreach an aghaidh a chéile ‘n am barailean mu chaochladh pùngaibh cudthromach; agus tha a h-eachdraidh a’ dearbhadh gu’n robh i gu minig ‘n a màthair-aobhair air cogadh a thogail agus air truaighe a sgaoileadh ameasg sluagh.
C. 307.—Ciod iad na ceistean teagaig air am bheil iad a’ mi-chòrdadh?—F.—Air neo-mhearachdas a’ Phàpa—air cò aca rugadh an Oigh Muire às éugas peacaidh, agus air àrd phùngaibh eile.—Ceist 55-58. (Faic Trachd air Aonachd leis an Urramach Dr. Blakeney.)
C. 308.—Ciamar a bha eaglais na Ròimh ‘n a màthair-aobhair cogaidh agus truaighe?—F.—Air aon àm, bha dha Phàp ànn; air àm eile bha triùir Phàp ànn. Chathaich ‘us chog iad so gu garg ‘s gu fuileachdach an aghaidh a chéile: ghluis còmhrag anns na rioghachdan mu-n-cuairt, cuid a’ seasamh leis an dara Pàp ‘us cuid leis a’ Phàp eile. Anns na caochladh cogaidhean a dh’èirich o aobharaibh eile, chaidh am Pàp, am bitteantas, anns an eadargain air aon dòigh, no dòigh eile, a’ cur connaidh ris an lasair.
C. 309.—Agus am bheil cumhachd aimsireil, marso, ann an eaglais na Ròimh cho maith ri cumhachd spioradail?—F.—Thà gun teagamh. Is è am Pàp righ nan Ròmanach uile. Tha crùn tri-fillt’ air a cheànn, a nochdadh a chumhachd, agus is iad a’ chléir—luchd-dreuchd a rìoghachd, a chuid oifgearan, co dhiubh is eaglaisich, no cràbhaich iad.
C. 310.—Ciod an t-eadar-dhealachadh a tha eadar na h-eaglaisich agus na cràbhaich?—F.—Is iad na h-eaglaisich na daoine sin de’n chléir aig am bheil dùthchan, no sgiireachdan air an comharrachadh amach dhoibh, fo’n cùram: is iad na cràbhaich am buidheann iomadach sin de’n goirear Manaich, Franciscanaich, Dominicanaich, Iesuitich agus feadhain eile a tha ‘n an seòrsa feachd-cuideachaidh ann an seirbhis a’ Phàpa.
C. 311.—Cò iad na Prìomhaich (cardinals)?—F.—Tha eaglaisich àraid anns an Ròimh, aig am bheil comas am Pàp a roghnachadh, air a shuidheachadh; ach trid gach buidhinn agus seòrsa dhiubh sin o’n Phàp féin—an ceànn—anuas gus a’ mhanach a’s ilse, tha aig eaglais na Ròimh cumhachd, mar rìoghachd aim-sireil, ann an rìoghachdan eile, agus tha i cunnartach do na h-uile.
C. 312.—Mar sin, matà, cha n’è cràbhadh amhàin obair eaglais na Ròimh?—F.—Cha n’è idir. Is i a h-obair-se comh-cheann-aicr an aghaidh fior mhaith a’ chinne-daoine. Na’m faigheadh eaglais na Ròimh buaidh mar tha i ag iarraidh, is è am Pàp, an sin, ‘bu righ thairis air an t-saoghail uile, agus bhitheadh gach uile shlùagh ‘n an tràillean aige-féin agus a chuid sagart.
C. 313.—A thuilleadh air peanas corporra, ciod iad na mead-honan eile a tha am Pàp a’ gnàthachadh a chum a rìoghachd a chumail fo smachd?—F.—Ascaoin eaglais, iomsgaradh agus toirmeasg, is è sin ri ràdh, daoine a sgaradh amach o shochairibh na h-eaglais.
C. 314.—Mìnich ciod a tha thu a’ ciallachadh leò sin?—F.—Ma dhiùltas duine, sluagh, no rìgh, ùmhlachd a thoirt do’n Phàp, air b’ail, théid òrdugh ascaoin, no sgaraidh a chur amach an aghaidh an neach a ta eas-umhailt, leis am bheil è air a ghearradh amach bho chomunn ri cho-chréutairean agus o gach òrdugh spioradail; no ann an briathraibh eile, tha è air a “chur fo chàrn.” Ma bhuanicheadas rìgh ann an eas-ùmhlachd, théid a rìoghachd a chur fo thoirmeasg, no fo òrdugh-bacaidh; bithidh è air a sgaradh amach o gach sochair a tha fo chomas a’ Phàpa. Bithidh na h-eoglaisean uile air an dùineadh, stad air a chur air gach seirbhis spioradail, air searmonachadh, air baisteadh, air pòsadh, agus eadhon na maibh air am fàgail gun adhlacadh.
C. 315.—An robh rìoghachd Shasuin ri amh air a cur fo’n toirmeasg so?—F.—Bha i, ri linn Rìgh Iain, ‘nuair a bha an sluagh gun sgoinn, ‘us iad cho tais, fann ‘us gu’n do ghèill iad do smachd a’ Phàpa.
C. 316.—Ciod è nis matà, do dleasanas a thaobh nam Pàpanach?—F.—A bhi ag ùrnuigh air an son, agus saothair a dheanamh chum an iompachadh.