“MO chlann,” ars’ an sean-duine, “éisdibh ri briathraibh deirionnach bhur n’ athar-cha bhi iad ach tearc: ‘Se mo mhiann gu’n drúigheadh iad oirbh.” An sin dheirich e air uilinn anns an leabaídh, mar gum faigheadh e neart úr; agus chaidh e air aghaidh mar so. “Nuair bha ‘ur n’ athair óg cha robh e na choigreach do shochairean priseil an t-soisgeil: cha’ne sin, ach bha e tuilleadh is aon uair fo mhór iomguinn mu staid anama, gu h-áraid nuair bha e ‘dol na shea-bliadhna-deug: Arleam gu robh guth an comhnuidh ag rádh rium, Iarr an Tighearna a nis. Cha robh sith no socair agam; dh’ fhalbh an toilinninn a bábhaist dhomh fhaotainn an cluich agus sùgradh; ach air a shon so cha robh mi toileach dealachadh riu gu h-uile agus umhlachd a thoirt do’n ghuth. Tha cuimhne agam, aon là’ an déigh moran beachd-smuaineach, gu’n do bhòidich mi do Dhia cho luath sa rachadh maduinn na h-oige seachad gu’n toisichinn ri bhi ‘m dhuine cràbhach. Dh’ fhoghainn so san àm—dh’ fhag gach iomguinn mi a thiota—phill mi gum’ lán-aighir, agus cha b’ fhada bha cuimhne air ni air bìth de na thachair!
Nuair ‘rainig mi cuig-bliadhna-fichead chuir mo coinnseas mo ghealladh sòlùimnte do Dhia ‘n ‘am chuimhne, agus thoisich i ‘ris ri sparradh orm cho cudthromach sa tha na nithe a bhuneas do’n t-saoghail shiorruidh. Ged dhi-chuimhnich mi mo ghealladh fad iomadh bliadhna, gidheadh, b’ fheudar aideachadh gu’n robh a leithid ann, ach a cho-ghealladh no choillionadh a nis cha robh e do reir choltais a leth cho furasda sa bha e naoi bliadhna roimhe! Bhòidich mi, an dara h-uair agus le barrachd dùrachd na rinn mi ri amh nuair rachadh cùram teaghlaich òig an lughad gu’n tugainn gun ag mi fèin suas do chràbhadh.
‘Mach a thug mi ‘ris a chothachadh an t-saoghail, agus cha b’ fhada gus an deach’ gach giorag adhlae mar nach biodh bòid no guth-coinnseas ri amh ann! Aig leth-cheud, nuair bha sibhse, mo chlann, cha’ n ann a’ cur ri m’ churam, ach a’ togail uallach an t-saoghail dhìom, bha ni eigin a’ sparradh orm an comhnuidh, “coimhion do ghealladh—Iarr Dia a nis.” Bha fhios aig mo chridhe gun tug mi a leithid do bhòid ach cha robh mi toilichte gu’n deach’ iarraidh orm a h-iocadh cho tràth. Bha mi doilich gu’n do chuir mi dàil idir ‘s an obair, a dh’ aindeoin ùpraid an t-saoghail. Bha mi nis fo mhòr imcheist agus iomguinn inntinn, ach an déigh mòran beachd-smuaineach’ fhuair m’ inntinn fois le bòid a dheanamh do Dhia, an treas uair, ‘nuair rachadh cùram an t-saoghail seachad nach tugadh ni air bith m’ aire bhar ullachadh a dheanamh arson siorruidheadh.
Cha luathe ‘rùnaich mi so na dh’ fhalbh gach cùram gus an tainig eùslain: Ach, a nis, ged bu mhiann leam a bhi cràbhach cha b’ urrainn domh! Tha cràbhadh a nis dhomh cho làn dùibhre agus uamhais ‘s gur th-ann tha e ‘cur gairsinn air m’ anam! Tha mi faireachadh gu bheil mi air mo threigsinn le Dia,
ach cha’n ‘eil e ‘cur gluasad orm—cha’n ‘eil gràdh do Dhia ‘nam chridhe, no tur fhuath do pheacadh—cha’n ‘eil mi faicinn ach eù-dochas romham ‘s am dhèigh!
Ann an staid inntinn so tha bhrur n’ athair a nis air starsaich siorruidheachd. Oh! mo chlann! gabhaibh rabhadh! Mar math leibh siorruidheachd a chaitheamh ann an staid truaighe toisichibh a nis—na cuiribh dàil ann an saorsa an anama gus an’—cha chluinnte a chuid eile—cha’n fhaicte ach a’ bhilean a gluasad—dh’ fhailnich a’ neart e—thuit e air ‘adhart taobh a chuil, agus le ràn mar gum b’ e toiseach nam piantaibh air nach tig crioch e, ghabh an spiorad neo-bhàsmhor a chead de’n chollainn, a dhàitich e dlùth do cheithir fichead bliadhna!
‘Sann bho odha de’n t-seann duine, bho mhinistir, a bha ri taobh na leapach san àm, a fhuair m’n cunntas so. Be’n sealladh uamhasach so bu meadhon e féin agus iomadh eile de shliochd an t-seann duine iompachadh gu Dia agus nuadhachd caithe-beatha. Tri bliadhna mu’n do dhèug an seann duine bha dùsgadh mòr anns a choimhearsnachd, agus a’ measg chàich rinn an Spiorad greim air a mhac leis an robh e ‘fuireach. Rinn an seann duine na burrann dha gu grabadh a chur air cràbhadh a mhic, agus fhad ‘sa bha comas gluasaid aige cha ‘n fhanadh e ‘san t-seòmar an àm ùrnuigh teaghlaich, ‘s cha mho, gu latha bhàis, a dh’ iarr e riamh ùrnuigh ‘chur suas air as a leith!
Bho’n eachdraidh aithghearr agus mhuladaich so fèudaidh sinn a thional. ‘Sa cheud aite—gur h-i’n òige an t-aon àm gus an Tighearna iarraidh. Tha so soilleir bho thuigse nadurra; oir tha gach bliadhna a chaiteas sinn ann an cleachdanna peacach a neartachadh an cumbachd osceann ar n’anama, a’ togail a bhalla ni ‘s àirde, a ta eadar sinn agus neamh, agus ga fhàgail ni ‘s neò-chinntiche co ac’ a theid no nach teid sinn gu bràth a steach air geataibh na h-Ierusalem nuadh! Tha so soilleir bho na scriob-turaibh naomh. Tha anntasan geallaidhean sonraichte, agus aitheantan sonraichte do’n ògraich—”Cuimhnich a nis do Chruith ‘fhear, ann an làithibh d’ òige, m’an tig na droch làithean, agus m’ an dlùthaich na bliadhnaibh anns an abair thu cha’ n ‘eil tlachd agam annta”—”Iadsan a dhiarras mi gu moch, gheibh iad mi.”
Tha, mar an ceudna, fradharc ar sùl ga dhearbhadh. Chunnaic fear-scriobhaidh an leabhrain so iomadh neach a chaidh a dhùsgadh le Spiorad Dhia, agus ‘s eigin da fianuis a thogail gur h-ann ‘nan òige a dhùisgeadh a chuid gu mòr bu mho dhiu. Cha ‘n ‘e so, ach thubharrt ministir eile ris—ministir leis an robh mòr shoirbheachadh anns an fhion lios—nach b’ aithne dha barrachd is aon san t-seachd a chaidh iompachadh an dèigh dhoibh madainn na h-òige ‘fhàgail! ‘Sin òige, uime sin, am feadh a ta an cridhe agus na h-aigndhean maoth, an t-àm an Tighearna iarraidh.
‘San dara h-àite—Tha ‘leithid do staid ann ‘s neach a bhi air a thoirt thairis do chruas cridhe, agus air a chaomhnadh amhàin gus “tomhas aingidheachd a’ lionadh suas.” Agus fuilg thusa
dhomh, a leughadair ionmhuinn, ma tha thu fathast gun fhios agad ciod e dùsgadh spioradail, gum feud gu bheil thusa ni ‘s faigse do’n staid so na tha duil agad! Theagamh nach robh dùsgadh mòr agus farsuing riamh nach robh cuid diubh a rainig an staid eagallach so—muintir, an deigh a bhi fo mhòr imcheist, a thuit air an ais—a’ diultadh gach rabhadh—ga’n cruadhachadh fein ann an neo-shuim, ‘s an olc, agus a suidhe sios deich uairean ni ‘s measa na bha iad riamh! Cha mhòr, a theagamh, a chi, an taobh so de shiorruidheachd, mar a sgrios iad an anama mar chunnaic an seann duine mu’n robh mi ‘g innse: ach ‘sann aigesan a ransaicheas an cridhe tha fios cia lion iad, eadhon ann an tìr so an t-soisgeil, ris an abair Dia na Tròcair, “Gairmaidh iad orm, ach cha fhreagair mise; iarraidh iad mi—ach cha’n fhaigh iad mi!” Nam faiceadh tusa an duine ‘chunnaic ceithir-fichead geamhradh, ‘s e ‘criothnachadh le an-dochas, ‘nuair thainig teachdairè gruamach a bhàis a thoirt air falbh ‘anama a dheoin no dh’ ain deoin, a dh, fhaotainn a bhinn, chitheadh tu cho cud-thromach sa tha focal so na Firinn a tha’ grádh, “Mo thrualghe iad ‘nuair dhìbreaas mise iad.”
Thusa ‘òganaich ionmhuinn, a leugh an eachdraidh aighearr so, an robh riabh imcheist ortsa mu shiorruidheachd? Ma bha fuilingidh tu focal no dha bho charaid d’ anama. Na abair, “eisdidh mi riut ‘nuair thig sean aois,” air eagal ‘nuair thig sean aois gu’n dean eu-dòchas greim ort—air eagal gu’n abair Dia, “Tha e ceangailte ri’ iodhalaibh, leig leis.”
Thusa a leugh an leabhran so, an seann duine thu? Ma se fuiling dhomh a charaid aosda focal no dha a ràdh mu staid d’ anama ma’ fosgail uamhasan an t-soaghail shiorruidh ort.
‘S cuimhne leatsa cuideachd an làtha ‘nuair bha thu fo agradh coinneis—’nuair bha thu fo imcheist mu shlighe na beatha agus mu shlaintne an anama. An d’ fhalbh an latha so? Ma dh’ fhalbh c’ àit an d’ fhuair d’ anam fois? No am bheil thu ‘s do cheann liath a’ d’ sheasamh air starsaich na siorruidheachd gun eagal gun churam? An àm codail so? Dh’ fhalbh an t-àm a b’ fhearr gus an Tighearna iarraidh—dh’ fhalbh ‘s gu bràth cha pill e; cha’n eil àm idir a nis ann ach beagan làithean, ma tha sin féin ann!
Mar h-e cheana marbhantas a bhàis spioradail so a rug air d’ anam cha’n ‘fhadagus an tionndaidh e gu bàs spioradail! Oh! na cuir dàil nis faide! Na h-abair “cha ‘n eil comas air—ciod a ni mi?” “Cha ‘n eil neach an taobh a mach de dhòchas ach iadsan leis nach àill tighinn gu Criosd chum gum biodh beatha aca. “An ti a thig do’m ‘ionnsuidhsa,” ars’ Esan, “cha tilg mi air chor air bith a mach e.” Gu’n tugadh Dia dhuit fhaicinn cia cunnartach an ni dàil a chur ann an aithreachas.—Amen.
Opening of Assemblies.—The Assemblies of the Established, United Free, and Free Churches were opened on Tuesday, 23rd May, Principal Stewart, St. Andrews; Dr. Wells, Pollokshields; and Professor Alexander, Edinburgh, the Moderators, presiding.