AIR A THARRUING AMACH LE MAIGH’STIR BURNS, MINISTIR NA SGIREACHD, AIR IARTAS PRESBITRI, GHLASCHU.
AIR iartas mo bhràith’rean ann an Presbitri Ghlaschu, bheir mi oidhirp air suim a chunntais a thug mi dhoibh aig an coinneamh mu dheireadh, mu’n Dusgadh spioradail a tha dol air adhart ‘san sgireachd so, a chur an sgriobhadh. Agus air tús, theirinn, mur a chaidh cheana chur an cèill, anns an àireamh mu dheireadh do Theachdaire na h-Eaglais am Missionary Record, gu robh comharan r’am faicinn roimh laimh, gu sonruichte o chionn dha no tri bhliadhnaich, air beothachadh spioradail am measg an t-sluaigh so; gidheadh na dheigh sin uile faodaidh sinn a radh, mu’n t-sealladh mhiorthuilleach a chunnaic sin, agus mu’n obair air am bheil sinn an tràth na’r fianuisean gach là, “‘Nuair a thug an Tighearn air ais ar braighdeanas, bha sinn mar dhaoinne a chunnaic aisling.” Tha sinn mar gu bitheamaid air ar dusgadh, an deigh dhuinn bhi ann an suain faisg air cuig-ficheadh bliadhna.
‘Sann gu neo-thoileach tha mi ri tighinn thairis a ris air cuid do na nithibh a’ dh’ainmich mi, air eagal gum bi tuille ‘s a chòir do chudthrom air a leigeil air páirt diubh; ach, cha’n eil e ceadaichte dhomh a bheag sam bith a chumail air ais do na labhair mi an sin, agus tha cuid do nithibh nach robh air an toirt air an aghaidh aig an am sin is fheudar dhomh ‘nis a dheanamh follaiseach.
Bha mi air mo shocrachadh mar mhiniteir na Sgireachd so air an naothamh-là-deug do mhios mu dheireadh an Earraich ‘sa bhliadhna, 1821. Thoisch mi air obair na ministeirealachd “ann an anmhuineachd agus ann an eagal agus am mor chrith.”* Chunnaic mi gleann àluinn rotham, cosmhuil ri gleann Shòdoim, beartach agus air a dheadh uisgeachadh; ach mo thruaighe! bha e tuille is coltach ris, thaobh nithe spioradail agus caithne-beatha a luchd-àiteachaidh. Gidheadh, bha tuille is aon Lot, seadh tuille is aon Iacob ann, a bha ri ùrnuigh, agus “a gleachdadh” airson teachd athbheothachaidh nam measg. Be so gu tric athchuinge a mhiniteir a bha rotham, air chor ‘s gu robh cluasan an t-sluaigh air an cleachdadh ris. Bha iad a’ meas mar onair ainmean, agus uaighean an aithrichean a bhi marso air an togail suas, agus air an deanamh measail, ged nach robh iad fein, mo-thruaighe! a’ gluasad ‘nan ceumannan.
- Be so a cheud steigh-theagaisg o’n do shearmonaich mi mar mhiniteir Khlisyth.
Se am bicheantas, a cheud ni gus an tionndadh miniteir aire, air dha bhi air a shuidheachadh ann an Sgireachd, dol a dh’amharc gach teaghlaich fa-leth. Ann an cuairteachadh an dleanais so, dh’fhisraicht mi moran caoimhneis o gach inbhe dhaoinne, ni a tha tachairt rium o bhliadhna gu bliadhna uath sin. O’n coltas ‘san Eaglais cuideachd, agus an gluasad sòleimte, agus an ùrnuigh-ean air tòraichean, bha mi’n dòchus gu robh tuille diadhaidheachd ‘nam measg na bha mi’n toiseach a baralachadh ; ach, mu choinneamh nan comharan taitneach sin, bha moran moran diùbh nach robh a cleachdadh dol do dh’ait-aoraidh sam bith, agus bha misg is mi-stuama ro-chumanta ; mar-an-ceudna bha na peacanna so tuille is suarrach ann an sùilean mhoran eadhon diùbh-san air an robh coltas na diadhaidheachd. Thug so orm smaoiteachadh air briathran ar Slanuighear, “Do bhrigh gu’m bi an eucoir air a meudachadh, fuaaraichidh gradh mhoran.” Mat. xxiv. 12.
Cha robh thar ceithir no cuig coinneamhan airson ùrnuigh, aig an am so, anns an sgireachd air fad ; bha aon diùbh sin, a bha air a deanamh suas do bhuill an t-seisein a sheas o’ laitheadh an Urramaich Robe.* Anns a bhliadhna 1828, thoisich mi ri feasgar do gach seachduin a chur air leth chnm buidheann do’n oigridh a theagasg (bha Sgoilean Sàbaid ann o 1809), agus tha ceathrar diùbh-san a bha tighinn thugam a dh’ fhaighinn eòlais an sin, nam Foirtich dhileas, eudmhor, agus ro-fheumail aig an am so. Ann an 1826, bha atharrachadh mor air a thoirt mu’n cuairt chum feothais, ann an Sgoilean na Sgireachd : thoisich an Luchd-teagasg ri eòlais spioradail a sparradh le durachd air a ghineal òg cho maith ri eolas aimsireil. Gidheadh ann an 1829, bhris aigdheachd amach air mhodh ro-uamharra agus mi-gnathaithe, a thoisich le tuasaidean misgeach. Air toirt fainear dha so, le mor dhoilgheos, mheas seisean na h-Eaglais feumail la’ a chur air leth airson traig agus urnuigh, agus rinn iad aithnichte do’n t-sluagh an t-aobhar a bh’aca airson so a dheanamh. Bha e gu ro-shòleimte air a thoirt fainear, agus bu ni soilleir, gun do shruth beannachd uath. Anns a bhliadhna 1832, thainig an cholera do’n duthaich. Chunaic sinn neul dubh a briseadh ‘n ar coimhearsnachd air baile Khirkintulloch ; agus bha’n sluagh againn mar gum biodh iad a reusanachadh nam measg fein mar so, “Co aca is ann o ‘n ear no ‘n iar atahà ‘phlaigh so, no, ge be sam bith is mathair-aobhar dhi, faodaidh sinne bhi cinnteach nach seachainn i sinn-fein.” (Gidheadh cha d’thainig i riabh ni b-fhaisge dhuinn.) Bha coinneamhan againn gach seachduin, ‘san am so airson urnuigh, araon ‘sa Bhaile, agus anns an da Baroni, a bha ‘m bicheantas air an domhlachadh le daoine fo churam gu ‘m faodadh am bas breith orra, gun iad a bhi ullaichte air a shon ; agus bha moran a ‘gabhail comhairle mu’n doigh a b’ fhearrr chum an gallar millteach so a chumail uatha. An uine goirid thoisich an iomgain ri traoghadh agus dh’ fhas na coinneamhan urnuigh ni bu tainne. Tha mi ga fhaicinn air a chur sios a’ m’ leabhar-cuimhne air 13 la do cheud mhios an t Samhraid, 1832, “Thugadh fios an diugh gum biodh coinneamh gu goirid air a cumail chum urnuigh a chur suas airson ath-bheothachadh diadhaidheachd.” Bha searmoin air an liuthairt roimh laimh mu ‘n chuis ; agus aig an am so cuideachd, thoisich sinn ri leabhrain a thoirt seachad uair ‘sa mhios, agus bha díchioll air a dheanamh chum stad a chur air misg, agus a thoirt air an t-slugh an adhlaicean a dheanamh gun seirbhís sam bith eile ach urnuigh. An am mios meadhonach an Earraich, 1826, an deigh a chomanachaidh bha coinneamh air a cumail ‘san Eaglais† chum urnuigh, gu h-airid, airson ath-bheothachaidh creidimh n ‘ar measg (bha searmoin air a liuthairt mu’n ni so air an Di-máirt roimhesin) agus an deigh an am so thoisich moran do bhuill na h-Eaglais ri cruinneachadh ann an tighean a cheile airson urnuigh. Car na h-urraid do bhliadhnaichan bha cail-eigin do dhusgadh a dol air adhart fo shearmanachadh na dream ris an abrar Methodists ; agus chuir ministir na Relief, mar-an-ceudna, coinneamhan air an cois mu’n am so airson an aon aobhair. Bha searmoin na uairean air a liuthairt ‘san Eaglais againn air feasgar na Sàbaid, agus tha sinn a cleachdadh so na h-uile Sàbaid o chionn tri bliadhna. Thaing moran do dhaoinn bochd a dh’ eisdeachd ‘san fheasgar nach b’urrainn duinn a thoirt amach aig na h-amannaibh suidhichte ; agus tha cuid ag aideachadh gur e so an rathad anns an robh iad an toiseach air an toirt fo churam. Tha aireamh nach gann, mar-an-ceudna, ag aideachadh gur ann aig na coinneamhan urnuigh, thoisich an Fhitrinn ri drùghadh air an cridhe ; agus tha searmoin a bha air an liuthairt anns a chladh o chionn bliadhna le Maighstir Somerville, minister, Anderson, agus leam fein, gu tric air an ainneachadh mar mheadhonan a bha air am beannachadh chum dùsgaidh agus beothachaidh do mhoran. Gidheadh na dheigh so uile, agus comharan taitneach eile dh’ fhaoduininn ainneachadh, cha b’ann gu Dia-máirt an 23 la’ do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh a bha e soilleir, gun teagamh, gun d’thaing flor-bheothachadh spioradail n’ar measg.
- “San fo mhinstirealachd an duin-uasail so bha an dusgadh ainmeil a thachair ann Kilsytn o cheann fogus do cheud bliadhna.
† Shearmonaich Maighstir Walker, ministear, Mhuthil. Zec. x. 12, ” Agus neartaichidh mi iad,” etc.
Bha an Comanach, mar a b’abhaist, air an treas Sàbaid, agus air an 21 là do’n mhios. Bha fios air a thoirt do’n cho’ thional Di-sathuirne gu robh toil aig a mhinstear labhairt ri ‘mheud dhiubh ‘s a bha fo churam ma’n anmaibh, oir thaing dithis no triuir ga’m ionnsuidh roimh an am sin dhiubh fein. An lorg a chuiridh so, thaing iomadh aon a labhairt rium. Air feasgar Di-luain sheas coinneamh na leth-bhliadn’ do chomunn na Sgìreachd a tha cuideachadh ministearan a chur amach do na cinnich, agus shearmonaich Dr. Burns, aon do mhinstearan Phaisley, o bhrithraibh an Fhaidhe Isaiah, Caib lii. 1, ” Duisg, Duisg, cur umad do neart o Shioin, cur umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusalem, a chathair naomh,” etc. Thugadh fios gu robh Maighstir U. C. Burns, o ganach a shearmonaich uair no dha an am frithealadh an òrdugh le mor-bhuaidh, ri searmoin eile a liuthairt do mhinstir Khilsyth an ath la, a muigh, nam freagaradh an uair. Se bha ‘san amharc, daoine a tharruing amach nach d’ thigeadh a dh’eisdeachd aig na h-amannaibh gnathaichte. Bha e aithnichte, cuideachd, gu robh Maighstir U. C. Burns, air ti an t-áite so fhagail airson Dhundeadh agus gun robh e ag ullachadh gu dol amach gu goirid a shearmonachadh an t-soisgeil do na cinnich. Bha an la dorch agus fluich; gidheadh, bha ‘n cruinneachadh an ionad a mhargaidh mor; agus air dhoibh gairm fhaotuinn gu dol do’n Eaglais, cha b’ada gus an robh i cho lan ‘s a chumadh i, eadhon na stairichean, tiomchioll nan dorsan, agus gach àit anns am faigheadh duine-gach seorsa dhaoin, nan eudach cùmanta. Bha ‘n urnuigh sòleimte agus drùighteach; bha an dara caibdeal do Leabhar Gnomhara nan Abtol air a leughadh; agus b’iad briathran an steigh-theagaisg, “Bithidh do sltuagh ro-thoillean ann an la do chumhachd.” Salm cx. 3. Tre’n t-searmoin uile bha barrachd cùram air a thoirt fainear ‘san luchd-eisdeachd na tha bicheanta ri fhaicinn; ach, sann goirid mu’n d’thainig e ionnsuidh a’ cho’ dhunaidh, air dha bhi ‘g innse mu ‘n dùsgadh spioradail a thachair an di-luain an deigh a chomanaich, ann an sgireachd Eaglais Shotts ‘sa bhlíadhna 1630, an uair a bha cuig ceud air an iompachadh fo shearmonachadh Maighstir Livingston, aon do nàistin Khilsyth, ‘sann an sin nach b’urrainn an sluagh cumail orra fhein ni b’fhaide. Shruth na deoir, ach beag, o shùilean gach aoin a bha ‘san eisd-eachd; agus bha futhar, aca-san aig an robh sealladh na b’fhearr do’n cho’ theanal na bh’ agam-sa, ris a cheart ni a thachair leth-uair mu ‘n do bhris e mach. Air do’n t-searmonaiche steigh-theagaisg Mhaighstir Livingston ainmeachadh, “Bheir mi dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh astigh dhibh,” Esec. xxxvi. 26. Agus air dha a bhi sparradh le dùrachd agus gradh ro-mhor gnòshuicheadh na slainte air a luchd-eisdeachd, a’ guidhe orra, iad a ghabhail ri Criosd, gun dàil, gach aon fa leth air a shon fein—agus a’ cur an ceill cho mor ‘s a bha eagal, air dha bhi deallachduinn riu, gu faodadh e moran dhiùbh fhagail an taobh a mach do Chriosd, agus air dha a thoirt fainear gu robh a bhriathran a’ drùghadh orra, is e ag asluchadh air sean agus òg iad a ghabhail ri Criosd airson slainte—an uair a labhair e na facail “as eugmhais na croise cha sealbhaichear an crùn,” b’ann aig an am so, bu mhò a bhris am faraichduinean amach, agus bha sealladh ri fhaicinn air an gann an urrainnear cunntas a thoirt. Cha ‘n eil an teagamh is lugh agam o’n toradh a tha ri fhaicinn agus o sheirbhis an la’ so bhi air ainmeachadh le moran mar chion-fàth an atharrachaidh mhoir a thainig air an cridhe is an caith’beatha, gu robh moran aig an am so, air mhodh miortbhuilteach agus neo-chumanta, air an toirt gu mothuchadh, agus gu iompachadh le cumhachd an Spioraid Naoimh. Re seal cha b’ urrainear guth an fhir-labhairt a chlùintinn idir: bha Salm air a sheinn leis a chleireach ‘s e air chrith, agus le pàirt de’n luchd eisdeachd, ‘s na deoir a sruthadh gu frasach o shùilean na cuid bu mho dhiubh. Bha mi nis air mo ghairm le aon de na foirfich a dh’ fhaicinn mna a bha ri urnuigh, ‘s i gu mor air a cràdh: bha na h-urrad diubh-san bu mho a bha fulang air an toirt do sheomar an t-seisein, far an do chuireadh suas urnuigh leo, am feadh a bha Dr. Burns a’ labhairt ris an t-sluagh ‘san Eaglais, gan comhairleachadh agus gun seòladh chum obair eiseachdach an Spioraid a leigeil air adhairt ‘san duine an leth stigh, agus gun iad a bhi ‘g earbsadh ris a ghuasad a bha ri fhaicinn an leth a mach.
An deigh dhomh fios a thoirt dhoibh gu bithimid ullamh gu labhairt riusan a bha fo amhghar agus iomgain, agus gu biodh coinneamh ann a ris airson aoraidh aig sè uairean ‘san fheasgar, sgaoil am pobull. Chaidh sinn an sin’ do sheomar an t-seisein a bha cho lan ‘s a b’urrainn e chumail do’n muhintir a bha fo theanntachd anama, agus chuir sinn seachad uine mhaith leo. Fhuair cuid fuasgladh o’n amhghar mu’n do dhealaich sin riu : bha iad sin a’ gluasad mur Chriosdughean roimh an am so, ach, cha robh iad “a deanamh gairdeachais an dòchus.” Dh’ fhan feadhain eile ‘san staid iomagannaich anns an robh iad, airson na h-urraid do làithlean, agus thainig iad thugam a ris ‘s a ris ; ach tha iad anis am bicheantas a’ mealltuinn sith agus dochuis, agus a’ cur an ceill gur e am miann comh-pairt fhaotuinn do shuipeir an Tighearna.
Anns an fheasgar bha ‘n Eaglais a ris cho lan ‘s a chumadh i : Se Maighstir U. C. Burns a shearmonaich, agus ghabh e mar bhonn-teagaisg, Mat. xviii. 3, “Gu firinneach tha mi ag ràdh ribh, Mur iompachear sibh, agus mur bi sibh mar leanabana nach teid sibh a steach do rioghachd Dhe,” agus dhrugh an fhirinn fathast ni bu mhò, ged nach robh na h-urraid do ghuàsad corparra ri fhaicinn : be dùrachd an t-searmonaiche gun rachadh fior obair an Spioraid air adhart (cha b’urrainn e àite a dh’ fhas cho taitneach leis fhàgail, agus chaidh Maighstir Lion, ministear, Bhanton do Dhundeadh air a shon). Na dheigh so thainig moran ionnsuidh an tighe againn, gu labhairt mu ‘n anamaibh : agus b’ fheudar dhuiinn coinneamh a chumail ‘san Eaglais gach feasgar, agus air uairibh ‘s a mhaduinn. Bha moran againn ri dheanamh, ach, bha an obair prìseil, agus gu tric fior-thaitneach. Fhuair, agus tha sinn fhathest a’ faotainn cuideachadh luachmhor o na Foirfich, agus o dhaoin eile a bha ri urnuigh nar measg roimh ‘n am so. Bha esan a fhuair a’ dh’onoir a bhi na mheadhon chum an obair mhor so a dhusgadh gu dian air iarraidh a mach gach aon, agus cha robh na h-urraid againn ri dheanamh gus an deachaidh an obair ni b’fhaide air a h-aghaidh. Air Dir-daoin an 25 là de ‘n mhios, air do ‘n uair bhi fabhorach, bha cruinneachadh again an ionad a mhargaidh ionnsuidh an d’thainig sluagh anabarrach mòr, aig leth-uair an deigh sé. O mhullach staidhreach labhair Maighstir U. C. Burns ri corr is tri mile pearsa o briathraibh Dhaibhidh. Salm lxxi. 16, “Theid mi air m’ aghaidh ann an neart an Tighearna De.” Bha faireachdunean an luchd-eisdeachd ro-gheur, agus ged a bha iad a cumail orra fhein mar a dh’ aodadh iad, gidheadh thainig nis ‘s a ris brùchd do ghuasad-inntinn a mach nach b’urrainn iad a chleith : agus ann an aireamh aodana gun chuntas, bha moran curam agus iomgainn ri fhaicinn. Air an la’n mhàireach, thainig seisear nigheanan òg fo shè-bliàdhn’-deug a dh’ aois ga’m ionnsuidh, dithis diubh nan dìleachdain, a sileadh nan deur, ‘s iad ag iarraidh Chriosd. Bha ‘n sealladh so anabarach druigh- teach ri fhaicinn. Bha Maighstir U. C. Burns a chuid bu mhò’ do’n 26 là, a labhairt ri muinntir a bha fo churam, ann an seomar an t-seisein; agus bha mise agus mo mhac is òige (a tha cur gu bhi na mhinstear) aig an obair cheudna ‘sa Mhanse. Air an ath Shàbaid an 28 là do ‘n mhios, bha ‘n Eaglais air a domhlachadh, agus thugadh fainear nam measg moran do mhnathan gun bhonaitean, ni nach robh ri fhaicinn gus a so, maillte ri fir agus clann nan eudach cumanta. Shearmonaich mi o Eabh. Caib. iv. 15. Agus bha coinneamh againn a rìs aig tri uairean an deigh mheadhon là ‘sa chlath, far an robh, air a chuid bu lugh, ceithir mile air cruinneachadh. Thug Maighstir U. C. Burns dhoibh searmoin fallain agus drughteach o Rom. viii. 1. Chriochnaich e mu chuig uairean; ach, air dha am beannachadh a labhairt dh’ fhan mù thiomchioll an treas cuid diubh, am measg an robh moran do dh’ òigridh, far an robh iad. Thoishich sinn a nis ra’n ceusnachadh, agus ri labhairt gu durachdach riu, gus an robh e soilleir gu robh moran diubh air an tiomachadh ‘nan cridhe, agus cuid fo bhuaireas inntinn nach bu bheag air chor ‘s gu do bhuaic a mis’ agus mo mhac fad a labhairt riu, a seinn Shalm, agus ag urnuigh a ris ‘s a ris, agus an slugh fhathast neo-thoillleach falbh. Bha ceathrar dhaoinne diadhaidh, dithis diubh nam foirfich a’ cuideachadh leinn aig an am so, agus an traths ‘s a ris ag urnuigh, ni a rinn iad air mhodh ro-thaitneach. Cha b’ann le deoin an luchd-eisdeachd a sguir sinn aig leth-uair an deigh ochd uairean, ged a bha’sinn a’ cur romhainn an coinneachadh a ris aig seachd ‘sa mhadtuin ‘san Eaglais. Lean mbran ruinn an uair a bha sinn dol dhaichaidh, agus dh’fhan cuid leinn gus an robh a aon-uair-deug no da-uair- dheug a’ dh’oidhche. An ath là chaidh mi mar a gheall mi ‘sa mhadtuin do’n Eaglais, an deigh dhomh taghalt, air an rathad a dh’ fhaicinn mhna aosda a chuala mi anns an dol seachad ri gul agus bròn airson a peacanna, agus eadhon aig an uair mhoich sin fhuair mi o dha gu tri cheud, nan suidhe gu samhach sòleimte feathreamh rium: chomh-aontaich sinn ann an urnuigh agus aoradh, agus mhinich mi dhoibh a cheud chuid do’n dara caibdeil do Dhàn Sholaimh. Trid an là bha moran seanachais aguin ri feadhainn a thainig thugainn, araon ‘sa Mhanse, agus ann an seomar an t-seasain. Bha ‘n clag air a bhuiladh airson aoraidh aig leth-uair an deigh sè; ach, air do’n Eaglais bi cho lan ‘s a chumadh i roimhe sin, agus urrad eile a cruinneachadh mu na dorsan; b’ fheudar dol do dh-aite a mhargaidh. Shearmonaich Maighstir Somerville, ministear, Anderson, do chomh-theanal domhail a dh’ eisd ris le mor-dhùrachd, be steigh a theagaisg briathran Chriosd ‘san 16 caib, do’n t-soisgeul a reir Eoin aig a 14 rann. Air dha criochnachadh, bha mi air mo ghairm a dh’ fhaicinn truitir no cheathrar a bha fo gheur-theanntachd anna agus ghuidh iad gu buanaicheamid ann an urnuigh. Chaidh iad na dheigh sin a ris don eaglais far an robh cail-eigin do bhuairias inntinn car tamuil air a nochdadh nam measg; ach ann an uime ghoirridh thainig iad gu suidheachadh inntinn foisneach agus ro-shòbleimte, an uair a labhair Maighstir U. C. Burns agus Maighstir Somerville riu, agus a rinn iad urnuigh agus aoradh leo. Air an ath là, aig aon-uair-diag, shearmonaich Maighstir Somerville a ris do chomhtheanal mor’san eaglais. Bha ministear Frangach do ‘n Eaglais athleasaichte comhlaruinn air an là sin, air an do dhrugh an sealladh a chunnaic e gu ro-mhor, agus a dh’earailich an sluagh air mhodh ro-thaitneach.
(Ri leantuin.)