Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1912 » September 1912 » Contents

Contents

| | PAGE. |
|——————————————————————–|——-|
| “IRISH PROTESTANTS AND THE FEAR OF PERSECUTION,” | 165 |
| A SERMON. By the Rev. D. Macfarlane, Dingwall, | 169 |
| MEMOIRS OF THE LIFE AND EXPERIENCE OF MARION LAIRD OF
GREENOCK, | 178 |
| A NOTE ON CONTROVERSY, | 182 |
| EASTER. Is the Word “Easter” in the Scriptures? | 183 |
| THE PREACHING OF THE REV. DR. MACDONALD, FERINTOSH, | 184 |
| INDUCTION AT KAMES, KYLES OF BUTE, | 188 |
| THE ASCENSION OF CHRIST. By the late J. C. PHILPOT, M.A., | 189 |
| EACHDRAIDH EAGLAIS NA H-ALBA, | 191 |
| NOTICE OF A DAY OF HUMILIATION AND PRAYER, | 197 |
| NOTES AND COMMENTS, | 198 |
| CHURCH NOTES, | 201 |
| THE MAGAZINE, | 204 |

N. ADSHEAD & SON,

Printers and Bookbinders,

11 and 92 UNION STREET, GLASGOW.

Decorative border element

Decorative border element

Decorative border element

Decorative border element

PRICE TWOPENCE

THE Free Presbyterian Magazine And MONTHLY RECORD.

VOL. XVII.

SEPTEMBER, 1912.

No. 5.

“Irish Protestants and the Fear of Persecution.”

Memoirs of the Life and Experience of Marion Laird of Greenock.

(Continued from page 105.)

Eachdraidh Eaglais na h-Alba.

CHA chomasach a rannsuchadh a mach a nis fuidh dhearbhadh
diongmhalta ‘s am bith, air mhodh Eachdraidh chinntich,
c’ uin chaidh an creidimh Criosduidh a thoirt a stigh do Alba air
tùs. Cha bhiodh e ach ‘n a dhionhanas dhunin ar taic a leagadh
‘s a’ ghnothuch so air sgeulachdaibh faoine ach beag, a chaidh a
sgriobhadh o chionn fada le cuid do shean luchd-Eachdraidh ar
Rioghachd. Tha e ro-shoilleir nach robh aig a’ chuid mhòr
dhiubh sin, làn-dearbhadh ‘s am bith mu fhirinn gach iomraidh
a rinneadh leo.

Dh’ fheudtadh gur h-e an ceud iomradh mu thimchioll so, ris
am feud sinn amharc mar ni dearbhta, agus tha a’ nochdadh gu ‘n
d’ thàinig an soigeul a stigh co moch d’ ar Tìr—ni a chuireadh
air chuibhne le ùghdair àraidh Ròmhanach, Tertullian. Tha esan
a’ sgriobhadh mar so—”Na h-earrannan do ‘n eilean Bhreatannach
a dh’ionnsuidh nach d’ fhuair armailtean cogaidh nan Ròmhanach
tighinn a stigh, tha nà càrnann sin air tighinn gu bhi ùmhal do
Chriosd.” Tha fhis againn gur h-e Alba, agus gu h-àraid Gael-
tachd na h-Alba, na h-earrannan sònruichte sin do ‘n Eilean
Bhreatannach, a dh’ionnsuidh nach d’ fhuair feachdan cogaidh na
Ròimhe ‘s na linnibh ud tighinn a stigh. Dh’ fhairtlich an
gnothuch sin orra, a dh’ aindeoin an cruadail. Cha ‘n e dìreach
Eachdraidh tha an t-ùghdair so Tertullian a’ sgriobhadh. Agus
cha ‘n fheud sinn gu cothromach an ni tha e ag ainmeachadh a
chur an suim mar Eachdraidh làn-dhearbhta. Ach ‘n uair smuain-
icheas sinn air luathas iongantach agus farsuingeachd a’ chomais
ruithe sin a fhuair focal firinn an t-soisgeil tre fhad agus tre leud
Impireachd na Ròimhe, ann an làithibh nan Abstol, no ‘s a’ cheud
linn sin, cha ‘n eil e idir neo-choslash nach d’ ràinig e air Breatan,
agus nach d’ fhuair e eadhon tighinn a stigh a measg bheanntan
agus ghleanntan na h-Alba, mu thoiseach an dara Ceud bliadhna
an deigh am breth an Fhir-Shaoraidh air talamh.

Tha fios, rè thri cheud bliadhna ach beag, an deigh do Chriosd
dol suas, gu ‘n robh geur-lean-mhuinnean uamhasach an aghaidh
nan creidmheach a’ briseadh a mach, cha mhòr gun sgrur, air feadh
Impireachd na Ròimhe o iomall gu h-iomall. Agus bha crìochan
na h-Impireachd sin, ‘s na linnibh ud a’ ruigsinn gu maith dlùth
air Breatan. Bha luchd-leanmhuinn Chriosd ‘s na linnibh ud, a
reir na h-àithne a thugadh dhoibh, a’ teicheadh o ionad gu
h-ionad: agus is ann gu mòr air a’ mhodh so, tre àrd-uachdaran-
achd a’ ghliocais shiorruidh tha ag òrduchadh agus a’ ceadachadh
gach ni—a bha an Soisgeul glòrmhor a’ faotainn comais ruithe.
Tha làn-fhis, gu ‘n robh, mar so, an Soisgeul air a chur an ceill
an taobh a mach do iomallaibh Impireachd na Ròimhe, ann an
iomadh càrna do n’ t-saoghail, nach do ghéill idir do ‘n Impireachd
mhòir sin. Agus cha chruaidh idir r’ a smuaineachadh, gu ‘m
feudadh cuid dhiubh sud bha air an geur-leanmhuinn, ‘s a theich,
dion agus fasgadh o ‘n luchd-tòireachd an-iochdmhor, fhaotainn,

araon an Alba’s an Eirinn. Agus cha ruig sinn a leas bhi ann an teagamh air bith—ge b’ e ionad no càrna’s am faigheadh iad fasgadh, nach oidhirpicheadh iad bhi a’ cur na Firinn an ceill, ‘s bhi ‘g a deanamh aithnichte do gach dream agus fine a measg an d’ fhuaireadh dion agus fasgadh leo. Eadhon rè linntean am buirbe, bha aoidhealachd agus caoimhneas do choigrich ‘n an subhaicibh aig sean shinnsireachd ar Dùthcha. Agus cha mhi-choslach idir, an lorg na fialachd nàdurrà so, air a nochdadh do chloinn rioghachd nan gràs, nach d’ fhuair iomadh do luchd-àiteachaidh ar Tire, eadhon ‘s na h-aimsiribh ud, mar ni a dh’ òrduicheadh ann an riaghladh an t-saoir ghràis, eòlas air an fhirinn mar tha i sin ann an Iosa Criosd.

Ciod na dòighean fa leth’s an do thòisich na coigrich bhochd agus bheannaicht’ ud air teagasg a thoirt do ‘n dream mar so a measg an do chomharraicheadh an crannchur dhoibh ann an gliocas Dhé—is ni so, air nach ‘eil dearbh-shoilleireachd chinn-teach air bith againn ann an Eachdraidh. Bhiodh iad, gun teagamh, a’ deanamh mar tha’s an là an diugh féin, an luchd-teagaig, no na “Missionaries” tha air a cur a mach leis an Eaglais, a measg fhineachan borba, tha ‘n an luchd-iodhol-aoraidh. Tha cuid do Luchd-eachdraidh a’ cumail a mach, gu ‘n deachaidh a’ chuid mhòr do na coigrich dhiadhaidh ud a null a dh’ Eirinn :—gu ‘n do chruinnich buidheann dhiubh an ceann a chéile’s an Tìr sin, ‘s gu ‘n do shuidhicheadha Eaglais leo an Eirinn, a reir an dòigh-riaghlaidh, teagaig, agus oilein a chleachd iad, roimh dhoibh bhi air am fògradh tre gheur-leanmhuinn as an càrnaibh agus an dùthchannaibh féin. Ged nach ‘eil sinn a’ faicinn gu ‘m bheil làn-bharantas Eachdraidh a’ giùlan so :—tha, gidheadh, caochladh nithe mu thimchioll nan cùisean so air an cur air chuimbne, ann an sean Eachdraidhibh tha air an aideachadh leis na h-uile bhi a giùlan coslais na fìrinn co dhiubh. Agus, an uair a tha buidheann agus buidheann ag iarruidh, ann an rannsuchadh nan nithe so, cuideachadh a tharruing o shean eachdraidhibh, d’ am beachdaibh sònruichte féin ; tha e ro-fheumail gu stiùirteadh sinn, ann an iomradh a dheanamh orra, gu cothromach, agus go neo-leth-bhreitheach.

Chriosd, ‘n am meadhonaibh, an Soisgeul bhi air a chraobhsgaoileadh, ni ‘s mò agus ni ‘s mò.

Cha ‘n ‘eil, gidheadh, lán-bharantas againn o Eachdraidh air bith, gu ‘n d’ oidhirpich an dream leis an d’thugadh a stigh an Soisgeul do Alba agus do Eirinn air tús—an am dhoibh tòiseachadh ri a chur an céill—gu’n d’ oidhirpich iad Riaghlaidh Eaglais air dòigh fhaicsinnich no fharsuing ‘s am bith chur air chois. ‘S e tha air a nochdadh le sean eachdraidhibh mu ‘n timchioll, co fad ‘s a dh’ fheudar fhaicinn leinn, gu ‘n do chòmhnuich iad thall ‘s a bhos air feadh na Tire, ann an tomhas mòr gu h uaigneach agus air leth; gach neach dhiubh ag oidhirpeachadh a réir a chomais ‘s a thiodhlacan, bhi a’ cur na fhrinn an céill do ‘n dream mu ‘n cuairt da féin mar choimhearsnaichibh, agus mar fhuair gach neach, ann am matheas Dhé eisdeachd, o luchd-àiteachaidh nan dùthchannan ‘s an robh iad a nis air chuaire.

leanmhuinn—cùl-sleamhnachadh farsuing o ‘n chreidimh. ‘S ann mu ‘n am sin, a thòisich a nis duine a’ pheacaidh bhi air a nochdadh. Thòisich cumhachd na Pàpanachd. Ghlac Easbuig na Ròimhe ain-tighearnas os ceann nan Eaglaisean air feadh taobh an Iar na h-Impireachd fharsuing ud; agus o cheum gu ceum, shoirbich leis ‘n a chomhairlibh agus ‘n a as-innleachdaibh truailidh. ‘S e dh’ iarr, a nis, Easbuig na Ròimhe gu ‘m biodh e fèin air ‘aideachadh ‘n a Cheann do ‘n Eaglais fhaicsinnich air feadh an t-saoghail gu léir. Cia mar a thàinig so gu bhi a’ buadhachadh; cia mar a fhuaireadh daoiné air an glacadh ann an ribbh a’ mhillidh eagalaich so, cha ruigeadh ar cothrom, ann an gèarr-iomradh ‘s am bith mar so, a chur gu farsuing an ceill. Ach feudaidh sinn, direach a thoirt fainear, gu ‘n d’ fhuaireadh, eadhon ‘s na h-amannaibh ud, mar gheibhear anns gach linn do ‘n t-saoghail, ach a mhàin mar bhacar tre ghràs e—gràdh an t-saoghail a ta làthair, a’ rioghachadh ann an aignibh luchd-aideachaidh na fhrinn o’n leth muigh; mar Luchd-dreuchd agus mar bhuill Eaglais, agus mar luchd-riaghlaidh ann an inbhibh saoghalta. Dh’ éirich, mar so, cumhachd na Pàpanachd; agus cha b’ fhada gus an do mhothaicheadh an cumhachd truailidh so, eadhon an Alba, air feadh Bhreatainn, agus na h-Eirinn.

A réir Eachdraidh àraid, a sgrìobhadh leis an àrd-Easbuig Usher—(duine diadhaidh, ro-fhoghlumte an Eirinn), chuir Easbuig na Ròimhe teachdair, no duine mòr, d’ am b’ ainm Palladius, “a dh’ ionnsuidh luchd-àiteachaidh na h-Alba a bha creidsinn ann an Criost,” ‘s a’ bliadhna o bhreith an t-Slànughir, 431.—Tha cuid do luchd-Eachdraidh a’ cumail a mach, gur h-ann do Eirinn a mhain, a chuireadh an duine so le Easbuig na Ròimhe: agus gur h-ann a chuireadh e gu bhi ‘n a Ard-Easbuig air Eaglais na h-Eirinn. Tha e dearbhta co dhiubh gu ‘n d’ thàinig an duine ceudna do Alba; agus gu ‘n do bhàsaich e aig Fordun, air Ghalldachd, dlùth air siorramachd Abair-eadhoin. Ged nach ‘eil làn-shoilleireachd Eachdraidh againn air na croichaibh àraid bha aig Easbuig na Ròimbe ‘n a amharc, ‘s an duine so a chur air theachdaireachd do Eirinn agus do Alba; tha ni ‘s leòir air a leigeil ris dhuinn, gu a nochdadh gu ‘n robh aon ni àraid ‘n a amharc: agus ‘s e sin, Eaglaisean na h-Alba agus na h-Eirinn a thoirt mar dh’ fheudadh e, gus an aon ghnè shuidheachaidh agus riaghailt ‘s a bha a nis Easbuig na Ròimhe ag iarruidh gu ‘n géilleadh gach aon Eaglais ‘s am bith dhoibh. Cha robh, fathast an t-ainm Pàpa, air a thoirt do Easbuig na Ròimhe ‘s an là ud. Tha e soilleir gur h-e so a’ cheud ghnothuch a bha eadar Easbuig na Ròimhe agus Eaglaisean na h-Alba ‘s na h-Eirinn.

a’ chreidimh. Ach, tha làn-dearbhaidhean againn ann an Eachdraidhibh eile an aghaidh so. Cha ‘n ‘eil dearbhaidhean air bith againn ann an aon Eachdraidh, càirdeas no gnothuch idir bhi eadar an duine so agus Eaglais na Ròimhe. Tha na h-uile h-aobhair bhi a’ creidsinn gur h-ann a mach á Alba chaidh an duine so; agus an teagasg a thug e seachad an Eirinn, gu ‘n d’ fhoghlum e fein e an Alba. Agus ciod e am fonnsuidheachaidh agus riaghlaidh-Eaglais a chuir e air chois; tha so air a dheanamh aithnichte ni ‘s leòir, le Eachdraidh an duine fhoghlumte urramach sin a dh’ainmich sinn cheana, an t-àrd-Easbuig Usher. “Tha sinn a’leughadh,”—deir e, “ann an eachdraidh Nennuis, gu ‘n do shuidhich an Naomh Pàdruig an Eirinn Trì cheud trì fichead ‘s a’ cuig Eaglais; agus gu ‘n do choisrig, no gu’n do chuireadh air leth leis a chum na dreuchd, Trì cheud trì fichead ‘s a’ cuig Easbuig, a thilleadh air Trì mile fear-cléire,” (no seanair). A nis, ma ‘s e ‘s gu ‘n robh Easbuig fa choinneamh gach Eaglais; agus ma ‘s e agus gu ‘n robh a leithid sud do àireamh luchd-cléire, air an cur air leth; mu ochdnar do gach easbuig; tha so ‘g a fhágail làn-shoilleir dhuinn, nach b’ i an Eaglais Easbuigeach a chuireadh air chois an Eirinn idir leis an Naomh Pàdruig. Tha fios gur h-e suidheachadh agus dòigh na h-Eaglais sin, eadhon o shean, na h-Easbuigean bhi ‘n an daoinibh mòra, aig am bheil tighearnas os ceann iomadh Eaglais fa leth. Agus a leithid sud a dh’ àireamh luchd-cléire, no sheanairean bhi anns gach aon Eaglais, no anns gach coimhthional; so ni nach ‘eil idir air ‘òrduchadh no air a cheadachadh, ann an Eaglais nan Easbuig. Agus ‘n uair tha sinn a’ coinneachadh an duin’ urramach sin Usher, a bha e féin do ‘n Eaglais Easbuigeach, ag aideachadh gu’ m b’ e sud suidheachadh na h-Eaglais ann an Eirinn a chuireadh air chois leis an Naomh Pàdruig—tha so ‘n a dhearbhadh nach beag dhuinn, nach b’ i an Eaglais Easbuigeach, a chunncas leis an Naomh Pàdruig an Alba; ach an t-aon suidheachadh ceudna agus an dòigh-riaghlaidh Eaglais ‘s a tha a nis, eadhon fathast, air ‘eideachadh ann an Alba, o ‘n leth muigh. B’ i Eaglais nan Easbuig dòigh-riaghlaidh Eaglais na Ròimhe o a tùs, ‘s a tha fathast air a chumail suas innte sin, mar ann an Eaglais Shasuinn. Agus ge b’ e mar shoirbhich le Palladius a theachdaireachd-sa, an Alba no ‘n Eirinn, agus gur h-ann an déigh a là-sa, chaidh an Naomh Pàdruig a null do Eirinn; tha e soilleir, nach do chinnich le Palladius an Eaglais a bha ‘n uair sin an Alba, a thoirt gu dòigh-riaghlaidh no frithealaidh Eaglais na Ròimhe aideachadh no a chleachdamh.

Agus tha sinn ag ainmeachadh so uile, do bhrigh agus gu ‘m faighear araon Pàpanaich agus luchd-Eaglais Shasuinn a ghnath dian ni ‘s leoir ‘n am beachdaibh féin, a’ cumail a mach gu ‘n do thòisich dòigh-riaghlaidh Eaglais na h-Alba a mhàin an làithibh Knox, agus aig àm an Ath-leasachaidh. Ma tha an dòigh-riaghlaidh a réir nan Sgriobtur, is e sin an gnothuch a ‘s mò, ge b’ e àm no meadhanan tre an do shuidhnicheadh e. Ach, ged ‘eil

iomradh agus Eachdraidhean cheud linnean an t-Soisgeil ‘n ar Tir, neo-iomlan gun teagamh; gidheadh, tha ni ‘s leòir anns na h-eachdraidhibh sin, gu a leigeil ris dhuinn, nach b’ e dòigh Eaglais nan Easbuig, an ceud suidheachadh, no dòigh-riaghlaidh Eaglais a bhuadhaich ann an Alba; ach gu ‘n robh am Fear-teagaig agus an Seisinn, no an cuid seanar féin, aig gach coimhthional fa leth, anns gach càrna, eadhon ‘s na linnibh ud, far an do ghabh an sluagh ri teaeasgaibh an t-Soisgeil.

Ach thig sinn a nis air aghaidh, gu bhi deanamh iomraidh aithghearr air aimsribh, agus air cuisibh mu ‘m bheil tuilleadh do sholus Eachdraidh mar chuideachadh againn.

Dh’ ainmich sinn cheana, gu ‘m b’ ann le daoinibh bha air am fògradh tre gheur-leanmhuinn a mach thar iomallan Impireachd na Ròimhe, bha an Soisgeul air tús, air a shearmonachadh, no air a shuideachadh a measg luchd-àiteachaidh na h-Alba, agus gu h-àraid ann an criochaibh Gàidhealtachd na h-Alba; càrnann nach d’fhuair cumhachd cogaidh agus ceannsachaidh nan Ròmhanach an toirt fuidh chìs dhoibh féin. Tha làn-shoilleireachd againn eadhon o eachdraidhibh nan Ròmhanach féin, gu ‘m b’ iad na h-earrannan so gu h-àraid—Gàidhealtachd na h-Alba. Tha e aithnichte gu ‘n robh an luchd-teagaig ud, a thàinig do Alba, air an sloinneadh le luchd-eachdraidh fuidh ainn àraid—’s e sin, na Cùil-dé-ich; no mar sgriobhar ‘s a’ Bheurla e, “Culdees.” Tha iomadh mineachadh air oidhirpeachadh air an ainn féin. Tha cuid a their gu ‘m bheil an t-ainm air a tharruing o dhà fhocal ‘s an Laidinn—Cultores Dei—’s e sin, Luchd-aoraiddh Dhé. Their cuid eile, gu ‘m bheil an t-ainm air a tharruing o dha fhocal ‘n ar cànain féin—Gille Dé—no seirbhiseach Dhé: agus cuid eile a their, gu ‘m bheil e o aon fhocal eile ‘n ar cànain—Cùildich, o ‘n fhocal Cùil, no Ceal, a’ ciallachadh, mar is aithne dhuinn, ionad uaigneach, no aonaranach. Tha e gu maith coslach gu ‘n d’ éirich an t-ainm, no ‘n sloinneadh o ‘n dà aobhar maraon—an comh-nuidh bhi aca mar bu trice ann an ionadaibh uaigneach na dùthcha; agus mar an ceudna gu ‘n d’ aidicheadh leis na h-uile iad bhi ‘n an luchdseirbhis Dhé, ‘n an caithe-beatha diadhaidh, mar le an teagasg.

Tha fios gu ‘n do ghabh iad seilbh gu moch ann an Eilean I, no I-Challum-cille, mar shloinnear gu coitichonn. B’ e an t-eilean sin an t-ionad ‘s an do shuidhich iad an ceud chòmhnuidh, no anns an robh aca an àrd-ionad-teagaig agus riaghlaidh. Tha iomadh ni ris am feudadh sinn amharc gu cothromach mar aobharaibh dh’ fheudadh an treòrachadh chum an eilein bhig ud. Cha mhi-choslaich idir nach d’ thàinig iomadh cruaidh-chàs ‘n an caraibh, an déigh dhoibh an toiseach tighinn a dh’ Alba. Cha ‘n urrainn sinn smuaineachadh nach robh an sluagh a measg an d’ thàinig iad, ‘s na làithibh ud, ann an tomhas mòr, borb agus mi-riaghailteach. B’ e cogaidhean, aimhreit, agus connsachaidhean, cleachdamh na dùthcha. Bu mhaith leis na Cùil-dé-ich, agus cha b’ iongnadh e, ionad bhi aca, a dh’ionnsuidh am feudadh iad

teicheadh, ann an amaibh trioblaideach. Bha, anns na linnibh ud, dlùth-chomunn air iomadh dòigh eadar Eirinn agus Alba. ‘S ann a mach á Eirinn a thàinig sluagh àraid, a bha ‘n uair sin air an còmhnuidh a ghabhail ‘s an Earraghaidheal, agus taobh an iar Gaidhealtachd na h-Alba ach beag air fad. Bha an t-eilean so, I-Challum-cille, co-ionnan freagarrach ach beag, araon do Eirinn agus do Alba. Bha e furasda dhoibh dol nò tighinn do gach aon d’ an dà thir. Mar so, ghabh iad an còmhnuidh ann; agus is ann an sin air tùs, tha aobhar againn a chreidsinn a chuireadh air chois an dòigh-riaghlaidh Eaglais sin, an dara cuid a dh’fhogh-lumadh leo anns na h-Eaglaisibh, no anns na càrnaibh as an d’fhògradh a mach iad le geur leanmhuinn, no mar a theagaig-eadh an Soisgeul e féin do dhaoibh simplidh, aon-chridheach, agus aon-fhillte ann an eòlas na Fìrinn, a chur air chois.

An Fhianuis.

Upcoming Events (DV)

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Paul’s desire to be found in Christ (1) 26 Jul 2026
  • The Judgement Day 26 Jul 2026
  • The blessing of the all-powerful God 19 Jul 2026
  • Justification and peace 19 Jul 2026
  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010
  • Destroy it not for a blessing is in it. 27 Sep 2010
  • Proclaiming the kingdom of God 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice