A tha chum dearbaidh nan nithean a bha air an cur an ceill anns
a’ chaibideil air thoiseach air so, agus a chum freagraidh do
cheist mu thimchioll an doigh anns am faod an ni a ta sinn
a’ canntuinn a bhi a’ gabhail aite.
BHA an ni a chuir sinn an ceill (anns a’ chaibideil air thoiseach
air so) o shean air a chumail a mach, mar ann an sgaile,
leis na h-iobairtibh ud a bha a’ samhlachadh na h-aoin iobairte, “troimh an d’ rinn Criosd a chaoidh foirfe iadsan a ta air an
naomhachadh.” Oir is cinnteach an ni, nach robh neach comas-
ach air ni air bith itheadh aig a’ chuirm a b’ abhaist a bhi air a deasachadh o na nithean a bha air an teirgsinn ann an iobairt,
agus mar so a bhi air a dheanamh ‘na fhear compairt de’n altair,
mar bitheadh an toiseach na creutairean beo a bha airson iobairte
air am marbhadh, agus ‘sann mar bha na h-aimmhidhean ud a’ fantuinn marbh bhatar ag itheadh dhiubh. Leis a sud, is e a bha
air a chiallachadh nach ‘eil neach air bith comasach a bhi ‘n a fhear compairt de chorp agus de fhuil Chriosd ach direach mar
bha Criosd air a theirgsinn air ar son-ne ann an iobairt, agus mar troimh ‘n bhas bha E air a bhriseadh sios. Cha robh e ‘an comas
chloinn Israel cuirm agus feisd na caisge a choimhead a dh’
easbhuidh air gu’m bitheadh an t-uain caisge air a mharbhadh an toiseach, agus ‘sann direach mar bha an t-uain air iobradh agus air
a dheasachadh chum bidh bha iad a’ compairteachadh dheth.
‘Sann ris a so tha briathran an Abstoil (Eabhra xiii. 10) ag amharc
d’ur tha e ag radh: “Tha altair againn dhe nach ‘eil còir acasan
a bheag itheadh a tha a’ deanamh seirbhis do’n phailiunn.” Oir,
gu’n itheadh neach de ‘n altair, cha ‘n ni eile sin ach gu’n itheadh
neach cuid de ‘n fheoil a bha air am marbhadh agus a bha air an altair. Air an aobhair so bha a’ mheud ‘sa bha ag itheadh ‘nan
luchd compairt de ‘n altair, agus de cho-chomunn ris-san d’am
buineadh an altair; ‘se sin ri radh, ris-san d’an robh na h-iobairtean
air an teirgsinn air an altair. Fo’n bheachd so air a’ chuis tha an t-Abtol a’ cur an ceill gu’n robh iadsan a bha ‘nan luchd com-
pairt de na h-iobairibh a bha air am marbhadh airson nan iodhal,
ag aideachadh gu’n robh co-chomunn aca ris na h-iodhalaibh.
Air an laimh eile, bha clann Israel ag aideachadh an co-chomunn-
san a’ bhi ri Dia a chionn gu robh compairt aca dhe na h-iobairtean
a bha air an teirgsinn do Dhia, iobairtean gu’r h-ann dhiubh agus
leo bha an cuirmean air an deasachadh. Mar sin mar an ceudna air dha Criosd a bhi aon uair air iobradh suas air altair a’ chroinn-cheusaidh do Dhia an t-Athair air ar son-ne, ‘nuair tha sinn air mhodh spioradail ag itheadh na feola a bha air a teirgsinn air an altair, agus ag ol na fola a bha air a doirteadh a mach, tha co-chomunn againn ri Dia an t-Athair agus ri a Mhac Iosa Criosd—co-chomunn, mar tha an t-Abtol a’ tabhairt fianuis, nach h-urrainn a bhi aca-san ‘tha am fathast a’ deanamh seirbhis do cheud thòisichean an t-saoghail so. ‘Sann a bhuineas an t-shochair so a mhain dhoibhsan a ta a’ togail suas an inntinnean a dh’ionnsuidh na h-ionaid naoimh anns na neamhaibh, agus mar tha iad a’ gabhail ri Criosd a bha air a theirgsinn ann an iobairt, agus direach mar bha E air a mharbhadh airson iobairte.
Bha na nithean so air an aideachadh agus air an mineachadh leis na diadhairean a bha ann o shean. Tha Chrysostom (in Mat. hom. 82) ag radh: “Se an diomhaireachd so fulangas agus crann-ceusaidh Iosa Criosd.” Agus tha Augustine (in Psalm xxi.) ag radh: “Cho tric agus a bha a’ chaisg air a frithealadh, am bheil Criosd cho tric as sin a’ faighail a’ bhais? Ni h-eadh, ach tha a’ chuimhneachan bhlidhnail so a’ cumail a mach f’ar comhair-ne an ni a ghabh aite o cheann fhada, agus mar sin tha i ‘gar n-earalachadh mar gu’m bitheamaid a’ faicinn an Tighearna ‘na chrochadh ris a’ chrann-ceusaidh.”
Air dha na nithean sin a bhi mar sin dearbhta, tuigeamaid a nis, ged nach h’urrainn do corp Criosd, mar tha e ann fein, a nis ni ‘s mo a bhi air a bhriseadh, no ‘fhuil a bhi air a doirteadh, gidheadh gu’m bu choir duinn, ann an cleachdadh na Sacramaid so, a bhi air n-ar deanamh ‘nar luchd compairt de Criosd direach mar bha E air a mharbhadh, agus ‘se so rùn agus croich Sacramaid na Suipeire eadchon gu’n troiricheadh i sinn gu bàs Criosd, oir is ni e mu nach h-urrainn amharus a bhi gu’n dubhairt E fein: “Gabhaibh, ithibh, ‘se so mo chorpsa,” “Olaibh uile dhe’n chupan so, ‘Se so m’fhuilsa,” agus, cuideachd, gu’n do chuir E na briathran a leanas riu sud: “‘tha air a bhriseadh,” “‘tha air a doirteadh air bhur son-se.” Na’m feumamaid gun ag ‘cumail ris an litir lom, agus n’am feumamaid na briathran a ghabhail gun samhladh idir a bhi air a tuigsinn, ‘sann thigeadh oirnn an corp a bha air a bhriseadh itheadh, agus an fhuil a bha air a doirteadh ol, le beul a’ chuirp, oir is e sin am ball de’n chorp leis am beil sinn gun amharus ag itheadh agus ag ol nithean a ta na suilean a’ feuchainn a bhi ‘nan aran agus ‘nam fion, nithean a ta a bblas ag innseadh dhuinn nach ni eile iad ach aran agus fion, nithean a ta faireachadh ar lamh ag innseadh dhuinn aon chuid gu’r h-ann o’n chruithneachd a dheasaicheadh e, air neo gu’r h-ann as na fion-dhearcas a bha e air a fhasgadh a mach, nithean a ta an fhaile, fhad as a ta an fhaile comasach air a bhi a’ tabhairt breith, a’ nochdadh a bhi nan aran agus ‘nam fion, ‘nam fior nadur. Ach gu dearbh tha e ‘na ni fiosraichte gu’n do ghabh Criosd fior aran agus aran cumanta, agus fior fhion, agus air dha, le buidheachas a thabhairt,
an t-aran agus an cúpan a’ bheannachadh, thug E an t-aran sin, agus am fion sin d’a dheisciobluibh, agus thubhairt E mu thimchioll an arain sin: “‘se so mo chorpsa,” agus mu thimchioll a’ chúpain sin: “‘Se so m’ fhuilsa.” Le so agus so tha e eucomasach gu’n tuigeamaid ni eile ach an dearbh aran agus an dearbh fhion a ghlac agus a thug E seachad. ‘Sann mar sin a bu ghnath leis na diadhairean a bh’ann o shean a’ chantuinn gu’m b’e an t-aran, a ghlac E, corp Chriosd. A nis do bhrigh ‘s gu’r h-iad nithean a ta gu tur ag eadar-dhealachadh ‘th’ann an aran agus ann an corp Chriosd, agus gu’r h-iad nithean a ta gu tur ag eadar-dhealachadh ‘th’ann am fion agus ann am fuil Chriosd, feumaidh sinn a thuisinn nach i an aon doigh anns am bheil aran gu a bhi air itheadh as a tha corp Chriosd gu a bhi air itheadh, agus mar an ceudna nach i an aon doigh anns am bheil fion gu a bhi air ol as a tha fuil Chriosd gu a bhi air a h-ol. Mar sin d’ur tha Criosd ag radh: “‘Se so mo chorpsa,” “‘Si so m’ fhuilsa,” ‘sann a dh’ fheumas sinn a bhi a’ tuigsinn Chriosd mar neach tha a’ labhairt ann an rathad samhlachail. Ach do bhrigh as nach gabh a mheud ‘s tha ag eadar-dhealachadh uainn anns a’ phuinc so ris a mhineachadh so, ‘sann is eigin doibh gu’n smuainich iad nithean ro-fhaoin agus ro-fhalamh mu dheighinn ciall nan riochd-fhocail ud, so agus so, air eagal ‘s gu’n gabhadh daoine iad mar bhriathran nach robh a’ ciallachadh ach aran agus fion.
Ach ma ‘se, mar tha iad sud a’ soilsinn, air neo ag aideachadh a bhi a’ creidsinn, aon chuid, gu’m bheil brigh an arain agus an fhiona air a tionndaidh gu brigh cuirp Chriosd, air dha blas, cudthrom agus faile an arain agus an fhiona a bhi a’ fantuinn mar bha iad roimh [beachd nam Papanach], air neo, air dha brigh an arain agus an fhiona a bhi a’ fantuinn mar bha e, gu’m bheil corp Chriosd gu firinneach air aonadh ris an aran agus ris an fhion ionnus ‘s gu’m bitheadh e air itheadh le beul a’ chuirp comhladh riu sud [beachd nan Lutheranach], is eigin doibh aon chuid creideamh a dhiultadh do fhocal Dhe, air neo briathran Chriosd a thuisinn, ann an cuid, ann an rathad samhlachail, air neo cuid d’a bhriathran ‘ghearradh air falbh. Oir ma bhitheas na briathran le’n robh an t-Sacramaid air a suidheachadh air an cumail slan, feumaidh na Papanach a chreidsinn gu bheil Criosd, fo an ni ‘tha ag amharc mar aran, air iobradh gu ruig so, gu bheil a dhearbh chorp aig an àm so air a bhriseadh, agus a dhearbh fhuil aig an àm so air a doirteadh. Feumaidh na Lutheranach a chreidsinn gu bheil an corp sin a tha iad ag aideachadh a bhi ag itheadh le beul a’ chuirp comhladh ris an aran do rireadh marbh, do rireadh briste, agus an fhuil anns an fhion do rireadh air a doirteadh, eadhon gu ruig so, a mach as a chuislean—beachdan a ta a’ gabhail stigh annta nithean ‘tha calg-dhireach an aghaidh an creidimh-san mar an aghaidh ar creidimh-ne, agus ‘an aghaidh firinn a’ chuspair mu am bheil sinn a’ labhairt, nach urrainn E basachadh ni’s mo, do bhrigh “gu bheil Criosd beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air ar son-ne.”
Ann an so, uime sin, do bhrigh gu bheil sinn, air ar dunadh a stigh le da fhirinn a ta air an aideachadh leis na h-uile, eadhon, air an aon laimh, gu bheil Criosd ‘ga thabhairt fein dhuinn anns an t-Sacramaid mar a’ chairbh ‘dh’ ionnsuidh am bheil na h-iolairean spioradail uile a’ cruinneachadh, agus, air an laimh eile nach h-urrainn Criosd basachadh ni’s mo, agus gu bheil an dà ni ‘th’ann an sin fior, is eigin aon chuid gu’m bi sinn air n-ar glacadh ann an tilleadh-focail soilleir, air neo gu’m minicheamaid na nithean so air dhoigh eile as mar tha na Papanaich no na Lutheranaich a’ deanamh. Feumaidh sinn doigh a leantuinn troimh an tuig sinn gu bheil Criosd eadhon a nis ‘ga thabhairt fhein dhuinn mar bha E air a cheusadh, ni, d’ur nach h-urrainn da, ann an dearbh fhirinn na cuis, mar their na sinnshirean, a bhi mar sin ach a mhain ann an diomhaireachd aig am bheil ciall, ‘sann a dh’ ionnsuidh na diomhaireachd a dh’ fheumas sinn a teicheadh, agus ‘se so tha sinn a’ deanamh d’ur tha sinn ag aideachadh gu bheil corp Chriosd a bha air a thoirt thairis air ar son-ne, agus fuil Chriosd a bha air a doirteadh air ar son-ne air an tabhirt dhuinn, mar chuir sinn an ceill mar tha, ann an Sacramaid cuimhneachaidh.
(Ri leantuinn.)