PAPANACH EIRIONNACH; AGUS M’AN CHO’-CHAINNT A BH’ EADAR
E FÉIN AGUS AN SAGART.1
“Iarradh iad chum an lagha agus chum na fianuis: mar labhair iad a réir
an fhocail so, ‘s ann a chionn nach ‘eil solus annta.”—ISAIAH viii. 20.
CAIB. V.
Tha teaghlaich Sheumais Nòlain air an iompachadh, etc.
A CHIONN gun d’amhuis Seumas air an nèamhnuid ro-
luachmhor, bha e ro-dheonach gum biodh còir aig a
theaghlach air an t-sochair cheudna. Uime sin dh’ earalaich e
iad gu dol maille ris do thigh Aindrea, aig an àm shuidhichte.
Dhiult iad rè seal dol ann, ag ràdh, gum bu chiatach a shealladh
e iadsan a dhol gu ùrnuigh fir a thuirt an Sagart nach bu mheas
an companach an deamhan féin na e. Gidheadh cha’n fhaodadh
iad gun a thoirt fainear an t-atharracha mòr a thainig air Seumas.
Cha robh e ni b’ fhaide gu misgeach tuasaideach mar bu ghnà
leis, ach a’ fuireach aig an tigh, ag oirpeachadh sonas a theagh-
laich. Cha b’ urrainn doibh àicheadh nach d’rinn Aindrea ann
am beagan sheachdhuinean tuille mùghaidh air Seumas (oir cha do
thuig iad gur e gràs De a rinn e), na b’urrainn an Sagart a
dheanamh rè fichead bliadhna, le shearmoinibh, le phonasaibh,
agus le uisge coisrigte. Cha robh iad a’ tuigsinn so; agus air leo
gun rachadh iad a dh’ aon-obair chum tighe Aindrea. Chaidh
iad ann, agus bha ùrnuigh Aindrea gu dùrachdach, drùighteach,
agus cha robh stiùir thioram san éisdeachd. Dh’ aontaich iad uile
ann am moladh Aindrea ‘nuair a chaidh iad dachaidh; agus air
an ath-oidhche cha d’fheumadh iad earrail sam bith a dhol ann, ach ‘s
ann a bha iad a’ gabhail fadail gus an d’thainig an t-àm. Gun
tuille seanachais a ràdh m’an chùis, cha b’fhad’ a gus an do
mhothaich teaghlach Sheumais cumhachd na fior dhiadhachd air
an anam, le’m peacaidh a thréiginn, agus teannadh ri nuadhachd
beatha. Bha so na mhòr aobhar mhisnich agus bhuidheachais do
1 Air athleasachadh le L. Mac-Illean—1840.
Aindrea. Bha nis de thoileachadh aige gun dh’iompaicheadh a nighean bu shine, chum na firinn ; ionnas gun robh an aonachd bu bhannaiche na theaghlach beag. Air làithibh na Sàbaide, bu ghnà leo-san agus le teaghlach Sheumais coinneachadh mochthrà agus feasgar chum aoraidh, agus bha an gnàthachadh air an dòigh so. An déigh do Aindrea ùrnuigh ghoirid a chur suas, ag as-ghuidheadh beannachadh air an saothair, leughadh aon diubh caibdeal as a Bhiobull ; agus dheanadh Aindrea caileiginn de mhìneachadh air a chuid a b’àraidh dheth, agus chàireadh e riu féin iad chum an creidimh a neartachadh, agus an caithe-beatha a leasachadh. ‘Nuair a bhiodh crìoch air sin, dheanadh iad an ath-ùrnuigh, ‘s an déigh sin sgaoilteadh iad. Cha robh aig an dà theaghlach sin, c’ar tamull, de bhaitheis na dhùraigeadh bhi sònraichte san àite ; a chuir cùl ri riaghailtean faoine, agus ri deas-ghnàthaibh gun seadh anns an d’araicheadh iad. Bha sgàth air muinntir eile aontachadh leo, air eagal buaidh-ghuidheachain an t-Sagairt, agus bha iad buailteach do ioma beum agus tuaileas sgainnileach arson an toil a bh’ aca gu deanamh a réir focal De. Ach an déigh de’n cheud othail mu bhagraidh an t-sagairt dol seachad, thòisich cuid ri smaointeachadh air an atharracha shoilleir a thainig air teaghlach Aindrea agus Sheumais. Cha’n fhaodadh iad gun a thoirt fainear co caoimhneil chàirdeil ‘sa bha iad r’a chéile, seach mar bha teaghlaichean eile : bha iongantais orra cuideachd ris mar bha soirbheachadh leo ann an nithibh aimsireil. Shaoil leo, leis mar thuirt an sagart, gun nochdadh Dia, ann an cùrsa a fhreadail, a chorruich an aghaidh Aindrea arson ana-creidimh. Ach an àite sin a thachairt, ‘s ann a shoirbhich le Aindrea gu mòr ni b’fhearr na le aon neach a bha ‘n co’-inbh ris féin. Cha robh iongantas air bith ann an so. Thionndaidh fior chreidimh a mach dha-san na ghnothach tarbhach a thaobh na beatha so, co math ris an ath-bheatha ; oir dh’fhàs a bhean agus a chlann a nis gu deanadach dichiollach, ged a bha iad roimhe gu leisg lunndach ; agus bha nis an t-àm a b’abhaist doibh a bhuileachadh ann am faoin-eachd agus an diomhanas air a chosg ri gniomh feumail mathasach. Cheannaich iad innealan snìomh, agus fhuair iad lìon a snìomh agus a reic iad le sàr-bhuannachd : am feadh a bha e féin ag obair aig an Uachdaran, bha a mhac ag àiteachadh a bheagan fhearainn a bh’ aca, agus bha a bhean agus a nigheanan a’ snìomh gu sùr-dail. Leis na nithe sin fhacinn, bha ‘m barail mu Aindrea a’ fàs ni’s fhearr ; agus ghlac cuid diubh de mhisnich na rachadh air maduinn na Sàbaid chum tighe Aindrea a dh’aontachadh leo nan aoradh ; agus bha cuid eile fo fhiamh leis na thuirt an sagart, nach deanadh ach éisdeachd taobh muigh an doruis gun a dhànadas a ghabhail na rachadh a stigh ; ach an ceann ùine bheag rachadh impidh orra dol ann. Leis mar bha Aindrea gun bhi gabhail air féin ach focal De a leughadh, agus ro-bheagan mìneachaidh a dheanamh air, agus a sheòladh dhoibhsan a thigeadh ga éisdeachd iad a ghabhail nan Scriobtuirean mar riaghailt beatha agus beusan ; mhothaicheadh e gun robh f’a shaothair air am beann-
achadh, agus nach robh a shaothair lag an dìomhain. Shoilleirich e dhoibh nach robh esan ag oirpeachadh teagasg ùr sam bith a mholadh dhoibh, ach dìreach a nochdadh dhoibh na bha air a chuir sìos ann am focal De; agus gum bu chòir dhoibh am focal sin a leughadh, agus fòghlum a ghabhail uaithe, agus nan deanadh iad sin, gum faigheadh iad ann gach nì a bhiodh feumail do shlàinte shiorruidh an anama.
Fhuair Aindrea m’an àm so leabhar Shalm agus Laoidhean, a mheas e bhi ro-luachmhor; agus dh’ionnsaich e cuid de na fuinn a bha iomchuidh gu’n seinn, agus chuir e seinn shalm ris a chuid eile d’a aoradh. Mheas e gun robh so a réir nan seòlaidhean a thug an t-Abstol Pòl seachad. Eph. v. 19. Bliadhna no dhà ro’n àm so b’abhuist do Aindrea agus d’a theaghlach a bhi air thoiseach gach coinneamh, a’ seinn òrain dhràsd; nithean, mar a tha’n t-Abstol ag ràdh, nach robh air an seinn le gràs ‘nan cridheachaibh do’n Tighearna, ach g’an seinn air dòigh peacach do’n droch-spiorad. Mhothaich iad a nis co cunnartach ‘s a bha na nithe sin; agus le bhi cuimhneachadh mar a b’abhuist doibh a bhi, thigeadh deòir air an sùilibh, le taingealachd arson gun do shaoradh o sin iad le maithis shònraichte Dhe.
Bu toil le Dia, air impidh lag Aindrea, muinntir eile a bhrosnachadh suas o’n neo-chùram, agus an aomadh chum ‘fhocal beannuichte a leughadh. Bha iad fo iongantas an toiseach, agus an ùine ghearr thuig iad gur briathra firinneach a bh’ annta; sguir an anamhruis m’an timchioll; agus bha gnàthachas taitneach aig Aindrea, le ceistean cuid-eiginn a fhreagradh, misneach a thoirt do dhream eile, agus le aontachadh dlùthachadh le muinntir eile ann an cliùthachadh am Fear-saoraidh a ghairm iad o dhorchadas gu solus iongantach a Shoisgeil. Nach iongantach slighean Dhé, theireadh e, a ghnàthaich cnuimh mar mise ann an obair co glòrmhor! Ach air dha na briathra so a chuimhneachadh, I Cor. i. 27. Ròghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail so, chum gu’n cuireadh e nàire air na daoine glice; agus ròghnaich Dia nithe anmhanna an t-saoghail, chum gu’n cuireadh e gu nàire na nithe cumhachdach; theireadh e, Air an dòigh so, ‘s ann do Dhia a bhios a ghlòir; gu ma h-amhuil a bhitheas e; do Dhia biodh cliù siorruidh agus urram. Bha nis tigh Aindrea air a lìonadh moch agus anamoch gach là Sàbaid; agus ge nach robh an t-aoradh a rinn iad aon chuid rìomhach no mòr-chuiseach o’n leth a muigh, bha e measail aig Dia, ann an spiorad agus ann am firinn; agus mhothaich iadsan a choinnich ann, o’m fiosrachadh taitneach, nach ‘eil meas aig Dia air ionadan, ni’s mò na air pearsaibh. ‘Nuair a sguireadh seirbhis na maidne, chruinnicheadh iad beagan a tuarasdal na seachdain; agus ‘s ann an earbsa ri Aindrea agus ri Seumas a bha’n tabhartas, chum a riarachadh air na feumaich: agus leis mar bha gach neach toileach na dh’ fhaodadh iad a thoirt seachad, rinn e ioma feum sa choimhearsnachd. Bha iad frithailteach air uireasbhuidh nam bochd, agus air dol a dh’ fhaicinn nan daoine tinne. Air an dòigh so, bha ‘n solus a’ deal-
radh an làthair dhaoinibh, agus dhearbh iad nach ann an cainnt, no ‘an cur am fachaibh a bha’n aidmheil-san, ach ann an creidimh a dh’ oibrícheas tre ghràdh.
Aidhmichidh mi cùis bheag a thachair m’an àm so. Bha duine bochd air a thuras tre’n dùthaich sin a thuit ann am fiabhras. Co luath ‘s a thuig muinntir an tighe san robh e gur e sin galar a bh’ air, chuir iad rompa gu’n cuireadh iad a mach e. Chual’ Aindrea an sgeul, dh’ fhalbh e chum an tighe san robh an duine tinn, agus a mhac maille ris. Bha iad ullamh gu ‘chuireadh a mach; agus an déigh dha an-oige an rùn a leigeil ris doibh, thug e féin agus a mhac leo air ghiùlan e chum an tighe féin, far an do fhritheil iad d’a ùireasbhuidh co math ‘s a dh’ fhaod iad. Cha ‘n e mhàin gun do bhuilich iad air na bha feumail d’a chorp; ach leughadh Aindrea dha earrannan as a Bhiobull, agus dheanadh e ùrnuigh ri taobh a leapach. Bha’n duine, trìd beannachadh Dhé, air aiseag ‘an ùine iomchuidh chum a shlàinte; agus theireadh e, Gu cinnteach ma tha aon Chriosdaidh san tìr so, tha iad san fhràdoich so; thug iad a stigh mi ‘nuair bha mi tinn gun cobhair; agus le ‘m beatha féin a chuir an cunnart, thug iad a stigh mi, agus ghabh iad cùram dhiom. Ge b’e mac, no bràthair dhoibh mi, cha b’ urrainn doibh a bhi ni bu chaoimhneile riumsa. ‘Nuair chunnaic Aindrea gun robh e co mothachail air an caoimhneas, ghabh e’n cothrom sin air cùram an anama a mholadh dha, agus trìd beannachadh Dhé cha robh a shaothair caillte. Air an dòigh so chaidh an duine ud a thoirt chum eòlais na fìrinn; ‘s an uair a ràinig e thigh féin, cha mhòr nach robh e co dealasach as leth na fìrinn, agus co buadhmhor na choimhearsnachd féin, ‘s a bha Aindrea na sgìreachd-san.
M’an àm so, chual’ Aindrea gun robh an Sagart air leabaidh a bhàis. Agus an déigh iomad teagamh, chuir e roimhe dol g’a fhaicinn: agus an uair a thuig an luchd-frithealaidh cò bh’ ann, dh’innseadh iad do’n t-sagart e, a’ barailigeadh gur ann a thainig e a dh’iarraidh maitheanais air an t-sagart m’am faigheadh e bàs. Chaidh Aindrea a leigeadh stigh, agus chuir mar chunnaic e an Sagart mòr dhuilichinn air. ‘Nuair a chunnaic e Aindrea, dh’éigh e mach, Och, Aindrea! tha mise a dol a éug, ach cha’n e sin cùis is cruaidhe; tha eagal orm gu bheil m’ anam caillte gu siorruidh! Na h-abruibh sin, a deir Aindrea, fo mhòr iomaguin, am feadh a tha Focal Dé ag ràdh, gu’n glan fuil Chriosd o gach peacadh. Och, Aindrea! nan gabhainnse mu d’ chomhairle dhìleas an là a bha sinn a’ co’-riasaunachadh r’a chéile aig do thigh, dh’fhaodadh a’ chùis a bhi gu math. Dh’innis thu dhomh, gum bu ghnothach cudthromach cùram an anama; tha mi nis a’ tuigsinn gur e sin a th’ ann; is goirt an cuntas a tha agamsa r’a thoirt seachad aig cathair breitheanais Dé arson call anama a chaidh a dhìth le m’ neo-chùram agus le m’ aineolas. Och, ‘s eagallach an ni tuiteam ann an làmhaibh an Dé bheò! ‘Nuair thuirt e sin, thainig easan ‘na chliabh agus laigsinn air, leis an d’ fhàs e neo-mhothachail, agus an ùine ghearr thug e suas an deò. Dh’
fhalbh Aindrea dhachaidh cho luath ‘s a dh’ fhaodadh e, a’ sileadh nan deur mar bha e ‘g imeachd, a’ smaointeachadh air staid eagallach na muinntir a chuireas dàil ann an ullachadh airson siorruidheachd, gus an d’ thig tinneas a bhàis orra! Thug e buidheachas do Dhia ‘na chridhe, gun do mhosgail e o neo-chùram, agus o staid neo-iompaichte; agus bha a smuaintean air an roinn eadar a bhi duilich airson an t-sagairt, agus taingeil do Dhia airson na staid bheannuichte san robh e féin.
Cuiridh mi crìoch air an eachdruidh so le cunntas m’an staid shònraichte air an deachaidh Seumas Nòlan gu bàs, nì nach do thachair gu ceann dà bhliadhna ‘an déigh an àm so. Thainig fios aon oidhche a dh’ionnsuidh Aindrea gun robh Seumas gu tinn, agus gun robh toil aige fhaicinn. Fhreagair e an teachdaireachd gu luath, agus an uair a chaidh e stéach do thigh a charaid euslaintich, labhair e ris air a mhodh so. Aindrea, tha mi g’a m’ fhaireachdainn féin gu ro-thinn, ach tha m’ anam làn sòlais. Cha’n fhios domh am bi no nach bi an galar so gu bàs, ach is aithne do m’ Fhear-saoraidh e, agus is leòir sin. ‘S ann chum glòir Dhé a bha, o cheann tamull, mi a’ caitheamh mo bheatha; agus ma chuireas mo bhàs am barrachd glòir air seach na ni mo bheatha, b’fhearr leam dol a éug na bhi beò. Bha aiteas mòr air Aindrea sin a chluinntinn, agus ghabh a leis gu neo-chealgach ann am moladh gràdh an Fhir-shaoraidh. O! a deir Seumas, is prìseil do m’ chridhe, geallana sòlasach an t-Soisgeil! Is caomh leam ainm Iosa! Anns an t-suidheachadh inntinn so bhuan e rè seal. Cha chuireadh Aindrea stad air a sheanachas, ach an uair a stad e, thuirt e gu’n cuireadh e suas ùrnuigh, agus gun leughadh e earrann de fhocal Dé. O dean, a deir Seumas, Leig leam guth m’ Fhir-shaoraidh a chluinntinn; is esan a tha labhairt; tha m’ anam ro-fhurachair. Leugh Aindrea, 1 Cor. xv., ‘s an sin chaidh e air a dhà ghlùn ri taobh na leapach, agus thòisich e mach ‘anam le buidheachas dùrachdach do Dhia airson a mhaithis d’a charaid, agus dh’asluich e gràs chum a ghnàth chumail suas. Phill e’n sin dhachaidh; ach chaidh e gu moch air maduinn an ath-là a dh’fhaicinn Sheumais. Fhuair e a chorp ni bu laige, ach làidir ‘na spiorad. Bha e soilleir gun robh a thinneas a’ meudachadh, agus bha e féin agus na bha mu’n timchioll a’ mothachadh gun robh e gun dàil gu dol air imrich do ionad-còmhnuidh nan ionraic. Beagan mu’n do chaochail e, bhris e mach ann an gàir éibhinn, ‘s a’ cantuinn na rannan is deireannaich a th’anns a’ chaibideil a chaidh leughadh an raoir. O a bhàis, thuirt e, c’ait a’ bheil do ghath? O uaigh! c’ait a’ bheil do bhuaidh? Buidheachas do Dhia, a thug dhuinne a’ bhuaidh trìd ar Tighearn Iosa Crìosd. Seadh, a deir e, thug mo Shlànuighear le bhàs buaidh air an nàmhaid dheireannach, agus tha e ceadachadh dhomhs’ am faobhar a thogail. Air dha fhaicinn gun robh a theaghlach a’ caoineadh, thuirt e, Na deanaibh bròn air mo shonsa, a mhuinntir chridhe; ach deanaibh gairdeachas leam, agus cuidichibh mi ann an cliùthachadh ainm an FHIR-SHAORAIDH. Tha mise a’ dol far am faic mi e
dìreach mar tha e, agus bithidh mi gu siorruidh maille ris. Och, an cudthrom anabarrach de ghlòir shiorruidh, air a bheil m’ anam saorta a’ dol a dh’fhaighinn co’-roinn! Cha robh toil, no comas aig aon neach stad a chuir air le focal a ràdh; bha iad uile ‘nan tosd le iongantas ri ro-òirdheirceas gràs Dhé, a neartaicheadh cnuimh dhìblidh bhochd gu gairdeachas a dheanamh ‘an dùil bheachd air a bhàs, agus le nàmhaid co cumhachdach a dhì-armachadh gun chomas aige dochair a dheanamh air. Na smuaintichibh, a bhean mo ghaoil, agus a chlann mo ghràidh, theireadh e, gur nì faoin leam-sa am bàs; is fad a ghabh e uaith sin. Tha mi g’a mheas ‘na chùis ro-eagallach: ach am feadh is urrainn domh amharc air CRÌOSD tre chreidimh, cha’n ion domh eagal a bhi orm roimh’n bhàs; agus is ion domh fathast a bhi agam ris gach àgh le mi dh’fhàgail an t-saoghail so, chum na staid bheannuichte sin a chaidh a chosnadh agus a sholair dhomh an taobh thall de’n uaigh. Bha neart a sior fhàs ni bu laige; ach bha anam a’ sealbhachadh am beachd a b’àghmhoire air sonas. Air dha bhi tamull beag ‘na thosd, ghlaodh e. Haleluia! beannachd, agus urram, agus glòir, gun robh do’n Uan gu siorruidh! B’iad sin na briathra ma dheireadh a labhair e; ach bha ‘n fheithe-ghàire nèamhaidh a bh’ air a ghnùis a’ leigeil ris do gach neach a bha mu’n cuairt da gun robh sìth ‘na inntinn; agus bha ‘n dòigh shònraichte air an togadh e suas a shùilean agus a làmhan ri nèamh, ‘nuair nach robh e ‘na urrainn labhairt, ‘na làn dearbhachd gun robh a cheud-fàithean ann am fonn cràbhach, agus gun robh a bhuaidh air a bhàs iomlan. Ann an ùine ro-bheag, bha a spiorad sona air a ghiùlan gu pàrras Dé. Gum faigh sinn bàs an ionraic, agus gun robh ar crìoch dheireannach mar a chrìoch-san! Air. xxiii. 10.
(Ri leantainn.)