Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1914 » January 1914 » Suípeir an Tighearna: Rivetus

Suípeir an Tighearna: Rivetus

Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan le’m b’àill ‘tighinn gu h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an ullachadh roimh laimh;
LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.

(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
(Air a leantuin o t. d. 26.)

AN SEATHAMH CAIBIDEIL, Anns am beil rannsachadh air a dheanamh mu thimchioll cleachd-amh dligheach na Sacramaid so, agus co iad a bu choir com-pairteachadh dhi.

B U choir gu’m bu leoir ‘na chaidh a radh mar-thà airson an Criosduidh aon-fhillte a theagasg a thaobh fior chiall Sacramaid na Suipeire, mar tha i innte fein. Ach do bhrigh’s nach urrainn i a bhi buannachdail do nach air bith ach do’n neach a ghnathaicheas i gu dligheach, agus a thig gu bord an Tighearna gu h-iomchuidh, feumaidh sinn an aire a thoirt, air eagal gu’n tionndaidh sinn a ni sin ‘bha air a thoirt dhuinn mar mheadhon beatha gu a bhi ‘na phuinnsean marbhtach. Oir direach mar is e an Soisgeul cumhachd Dhe chum slainte do gach neach a chreideas (Rom. i. 16), agus e, ann fhein, ‘na ministreaileachd na fireantachd (2 Cor. iii. 9), agus e ‘na dheagh fhaile Chriosda (2 Cor. ii. 14), agus gidheadh e ‘na fhaile bais do chuid, is amhuil sin na Sacramaidean. Tha iad annta fein ‘nan comharraidhean grais. gidheadh faodaidh iad a bhi air an cleachd-aimh air a leithid de dhoigh, ‘s gur ann a tharruingeas iad diteadh airsan a chleachdas iad air dhoigh neo-iomchuidh, mar a thachradh dhasan a shaltradh fo a chosaibh litrichean grais, agus a chuireadh e fein mar sin ‘an taobh am muigh de dhochas. Is ni cudthrom-ach uime sin e, gu’m faiceamaid ciod e an doigh anns am bu choir duinn ‘tighinn gus a’ bhord naomh so, agus co esan a dh’ fhaodas a lamh a shineadh a mach ionnus ‘s gu’n cuir e ‘na bheul na comharraidhean so a tha air an naomhachadh, agus air am bheil e a’ deanamh greim, agus sin uile air a leithid de dhoigh ‘s nach e a mhain nach bi e a chum a chroin, ach gu’m bi e a chum a bhuanachd.

Shuidhich an Tighearna, mar a ta ‘fhocal a’ deanamh soilleir, da Shacramaid a mhain, agus dhiubh sin tha a ‘cheud aon air a frithealadh gu coitichonn do na h-uile a tha air am meas a bhi ann an comh-cheangal diadhuidh, eadar an do rainig iad an aois aig am furainn iad an reusain a’ chleachdamh, air neo gu bheil iad am fathast ann an staid na leanabaidheachd, ach gidheadh ‘th’ air an toirt suas le creidmhich Chriosduidh anns an eaglais do Dhia, mar le muinntir gu’r h-ann ‘nan comas chuir Dia iad ‘na fhreadsal, eadar iad sud a bhi saor no daor. Ach mu thimchioll na ceud Shacramaid sin, cha’n’eil sinn aig an àm so a’ labhairt, ni mo tha air puinc aig an àm so ag agair gu’n gabhamaid moran gnothuch ris a’ cheud Shacramaid. ‘Sann tha ar gnothuch ris an t-Sacramaid eile, Sacramaid a thaobh am bheil sinn, mar muinntir a tha air n-ar stuireadh a thaobh na puine le reusainean a ta ro shoilleire, gu ladair a’ co-dhunamh nach còir i so a bhi air a frithealadh do nach, ach do na muinntir a chaidh a steach ann an comh-cheangal ri Dia; muinntir a ghabh thuca seula a chomh-cheangail troimh Shacramaid a Bhastaidh, agus a rainig gus an aois sin aig am bheil e comasach dhoibh reusan a thabbhairt seachad airson an creidmh, agus iad fein a’ cheasnachadh, agus a’ dhearbadh, gach neach air a shon fein. Bha gu dearbh moran anns an eaglais o shean a thuit a dh’ ionnsuidh na beachda mearchdaich, eadhon gu’m buineadh, cha’n’e a mhain a ni a ta air a chiallachadh anns an t-Sacramaid so do leanabaidhean, ach gu’m buineadh dhoibh com-pairteachadh dhe an t-Sacramaid fhein, mar ni a bha do-sheachanta a chum an slainte. Ach is cinnteach gu’r beachd i sin airson nach h-uraid reusan ceart air bith a’ thabbhairt seachad, seadh is beachd i an aghaidh am bheil na h-uile reusan ceart a’ cogadh. Agus mar sin thainig an cleachdamh ud gu a bhi air a mheas leis na h-uile a ta ag aideachadh an ainn Chriosduidh mar ni a chaidh as an t-sealladh, ged fhuair i aite ann an laithibh Ciprian, Augustine, agus a’ cheud Innocent; oir, ‘nan laibhibh sud, bha an t-aran, air a thumadh anns an fhion, air a chur ann am beul nan leanabaidhean, mar tha e soilleir o’n sgriobhaidhean-san. Ach a chionn ‘s nach ‘eil neach air bith a nis a’ cuideachadh na beachda ud, seadh a chionn ‘s gu’n d’ thug na Paparaich fhein, d’ur choinnich iad aig Trent, thairis i, cha’n eil aobhar air gu’n caitheamaid cainnte ann a bhi a’ cur ‘na h-aghaidh; agus, gu h-araidh, do bhrigh as ann a bhi a’ labhart an deigh so mu thimchioll an ullachaidh a tha feumail chum com-pairteachaidh de Shacramaid na Suipeire, gu’n dean sinn soilleir gu’m feum iadsan, a dh’ fhaodas com-pairteachadh dhe an t-Sacramaid so, a bhi comasach air feum a’ dheanamh dhe an reusan.

Ach mar a thachair dhoibh sud, ann an linnibh fad air ais, gu’n do bhuaill iad iad fein ann an aghaidh na firinn le iad a bhi ‘dol ro fhada gu aon taobh, agus iad a’ teagasg gu robh e ‘na ni neo-sheachanta feumail chum slainte gun com-pairteachadh na h-uile creutair dhe Sacramaid na Suipeire, mar sin cha’n urrainn sinn leisgeul muinntir eile a tha a’ dol ro fhada air an taobh eile a ghabhail, oir, fo chleòc a bhi ‘nochdamh urram anabarrach dh’an t-Sacramaid so, agus a bhi anabarrach mi-earbsach d’an taobh fein, tha iad a’ dearnad ‘tighinn gu bord an Tighearna, agus ‘ga chur suarach, co fad as ‘tha sin ‘nan comas-san. Or cumaidh iad air falbh o bhord an Tighearna uiread as urrainn iad, agus co fad ‘sas urrainn iad, agus tha iad a’ ceadachadh dh’an chuid is mo dhe am beath a’ dhol seachad mu’m fulaing iad dhoibh fein a bhi air an gluasad le earailean nan Teachdairean, gu’n lan nochdadh iad iad fein mar mbhuinntir a bhuneas do theaghlach Dhe, le iad a bhi a’ com-pairteachadh dhe a Bhord-san. Agus cha’n e an ni sin a ghluais cuid o shean gu dail a’chur ‘nam baisteadh gus a mhionaid mu dheireadh dhe am beath, a tha ‘gan cumail-san air ais; oir bha iad sud dhe an bheachd gu robh am peacaidhean air an glanadh air falbh, agus air am maitheadh a dh’aon bheum, troimh ‘n Bhaisteadh; agus mar sin bha iad a’ smuaineachadh n’am basaicheadh iad gu h-ath-luath an deigh dhoibh a bhi air am baisteadh, nach biodh aobhar eagal tuilleadh dhoibh. A mhain, tha an dà phairtidh mu am bheil sinn a’ labhart a’ co-chordadh ann an aon ni; oir direach mar a b’ abhaist dhoibh sud a bhi a’ smuaineachadh gu robh tuilleadh saorsa aca, roimh dhoibh a bhi air am baisteadh, gu iad a bhi beo beath ni’s neo-churamaich, agus thilleadh air a sin gu robh aca doigh gu eiric a’ thabbhirt seachad airson an neo-churaim, a chionn ‘s gu robh dùil aca iad fein a ghlanadh la-eigin anns an t-soitheadh-ionnlaid naomh: ‘Sann mar sin tha a’ mbhuinntir mu am bheil sinn a nis a’ labhart, tha iad a’ cumail air falbh o ‘n bhord naomh, agus iad a caidreamh na beachda so: nach ‘eil iad air an ceangal le smachd cho cruaidh fhad as tha iad ann an staid muinntir nach do com-pairtich dhe’n t-Suipeir, ach, cho luath as a ghabhas iad thua comharradh an slainte ann an Criosd, gu’m bheil iad a’ tilgeadh air falbh na saorsa so. Mar, gu deimhinn, nach bitheadh am baisteadh ‘gan ceangal gu a bhi caitheamh am beath gu cubhaidh do shoisgeul Criosd, baisteadh leis an robh iad air am baisteadh ‘nan lean-abachd, baisteadh ris am bheil iad fein a’ cur an aonta d’ur tha iad a’ guilan an t-ainm Criosduidh, agus iad ag radh gu bheil na geallaidhean a rinneadh le am parantan agus leis a’ muinntir a thog suas iad ‘nan ainm, daingean. Agus nach bu choir dhoibh mar muinntir a bha air am baisteadh a dhol air aghaidh mar muinntir a bhitheadh a’ cur nai gheadh gus an t-saoghal, agus gach toil-intinn pheacach, “gu bheil e mar fhiachadh orra seirbhis a dheanamh do’n Dia bheo” (Eabh. ix. 14), ma’s e’s gu robh an cogaisean air an glanadh o oibríbh marbha, no gu’n d’adhlaiceadh iad ‘nam baisteadh comhladh ri Criosd chum bais? Oir ma tha iad foghainteach airson nan nithean sud a tha a’ toirt leo fianuis deagh chogais a thaobh Dhe (1 Pead. iii. 21); ma tha a’ dhanachd aca ‘tighinn am fagas Da gu gairm air ainm, aig gach àm anns am bheil eigin air bith g’am brosnachadh thug; nach bu choir dhoibh a smuaineachadh gu bheil an leithid sin de chleachdaidhean ag agair treibhdhireas cridhe, agus glaineachd lamhan? Cionnus idir is urrainn da-san ‘gairm ann am firinn agus o’n chridhe air Dia a tha gu so a’ fantuinn mar gu’m bitheadh eadar dà phàirtidh, a chum as gu’m bi cead aige a chàil fheolmhor a shasachadh, agus e eadhon mar neach a bhitheadh ann an ioma-chomhairle, am bu choir da, air dha cuireadh fhaotainn gu cuirme an Uain, ‘tighinn thun na cuirme, no nach bu choir; agus so uile a’ gabhail aite d’a thaobh a chum gu’m faod e e fein a’ chur saor o smachdachadh, agus gu nochd e e fein mar aon dhuibh sud a tha saoil sinn nach ceangail iad iad fein ri pairtidh dhe ‘n dithis (Criosd no an saoghal)? Nach ‘eil fios aige gur h-e an cuibhronn-san, a bhitheas mar gu’m bitheadh ‘nan seasamh eadar dà pàirtidh, a bhi air am fuathachadh leis an dà thaobh, a chionn ‘s nach ‘eil iad toileach iad fein a thabhairt do dh’ aon de an dithis? Cionnus, uime sin, nach dean Dia iad so’ sgeith a mach as a bheul, do bhrigh ‘s nach ‘eil iad aon chuid fuera no teth? (Taisb. iii. 16).* Ach “cuimhnich,” arsa Glocas, “do Chruith-fhear ann an laithibh d’oige, mu’n tig na droch laithean.” (Ecles. xii. 1.) Ach tha a’ muinntir mu am bheil sinn a labhairt toileach gu’n deanamh iad dàil a’ chur ann a bhi a cuimhneachadh am Fear-saoraiddh, gus an druid na bliadhnaichan riu, anns an abair iad, Cha’n’eil tlachd agam annta; agus laithean a thaobh nach urrainn iad a bhi cinnteach an tig iad gu brath thua, no nach tig. Oir ma ‘se as gu’n dean am bas greim orra ‘nan oige, no goird as deigh sin, ni a tha gu tric a’ tachairt, c’arson a thagraidh iad gu’m bitheadh iad air am faotainn airidh air a’ bheatha mhair eannach ann an lathair Dhe, agus air a’ Chuirm neamhaidh sin, a tha aig bord Suipeire an Uain, agus e soilleir, gu’n do mheas iad iad fein, anns a’ bheatha so, neo-airidh air bord na Sacramaid. Cuimhnicheadh iad, uime sin, co-samhlachd na muinntir a fhuair cuireadh gus an t-Suipeir mhoir (Luc. xiv. 18, 19), agus a thoisich air sniamh ri cheile lei-sgeulan mu fhearann a cheannaicheadh, agus mu dhaimh a dh’ fheumta a dhearbhadh, agus an leithidean sin. agus ciamar bha iad sud, a bha air an gairm le Dia ach a dhiult ‘tighinn, air am meas airidh air gu’m bitheadh iad air an dúnadh a mach gu brath, muinntir gu’m bi an truaighean agus am mi-shonas gun samhul aca; agus, uime sin, tha an tuilleadh aobhar airson gu’n iarramaid le dichioll gu’n seachnamaid a leithid sin de thruaighean.

* Feumar na briathran so a cho-chur ris a’ chliu a tha a’ dol air thoiseach.
—I. R. M.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice