Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1914 » February 1914 » Suipeir an Tighearna: Rivetus

Suipeir an Tighearna: Rivetus

Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan le’m b’ail ‘tighinn gu
h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an
ullachadh roimh laimh;

LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.

(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
(Air a leantuin o t. d. 356.)

AN SEACHDAMH CAIBIDEIL, ‘Tha a’cur an ceill g’ur coir dhuinn tighinn gus a’ bhord naomh so le ullachadh iomchuidh.

A CHIONN ‘s gu’n robh an t-Ordugh naomh so air a chur air chois leis-san maile ris nach’eil gnuis-bhreith, cha d’iarr E annta-san dha’n d’ thug E an t-Sacramaid so a chum a gnathach-adh mor-ghreadhachas ann an nithean o’n leth muigh, oir ged tha na nithean sin ann am mor mheas a measg dhaoine, gidheadh cha nithean iad a bhuineas gu coitchionn dhoibhsan uile a ta air an gairm ann an so, ni mo is nithean iad anns am bheil tairbh air bith gu ‘cur air aghaidh priomh aobhar na Sacramaid.* ‘Se so an t-aobhar air son am bheil Seumas (ii. 1), ‘gar comhairleachadh is e ‘g radh: “Na bitheadh agaibh creidimh ar Tighearna Iosa Criost; Tighearna na gloire, maile ri gnuis bhreith.” Agus tha Pol a’ faotainn croin dha na Corintianaich airson gu’n robh iad, ‘nan cuirmean graidh, “a’ nàrachadh na muinntir aig nach robh” (I Cor. xi. 22). Cha robh Seumas, mar an ceudna, a’ ceadachadh gu’m bitheadh tuilleadh aite air a thoirt, ann an comh-chruinn-eachadh na h-eaglais, dh’an duine air an robh fainne òir, agus ‘bha ann an eudach dealrach, na a bhitheadh air a thoirt dh’an duine bhochd a bhitheadh ann an eudach suarach, oir ‘se a bhitheadh ann an sin comharradh air breitheamhan a bheireadh breith eucorach. O na nithean sin, ma ta, feumaidh sinn a cho-dhunadh nach’eil Dia ag iarraidh anns a’ muinntir a thig ‘dh’ ionnsuidh a’ bhuidh naoimh, eudach dealrach, no àirneis de mhor luach air a’ chorpa, no neamhnuidean soillseach, no obair ghreis de iomadh dath, direach mar nach robh an t-Abstol Peadar a’ meas gu robh e iomchuidh do mhnathan diadhuidh gu’m “b’i am breaghachd, figheadh an fhuilt, agus a’ cur ðir oirre, agus deagh thrusgan a bhi umpsa, a’ bhreaghachd sin o’n leth-muigh,” ach tha e ag iarraidh uatha gu’m b’ fhearr leo “duine folaichte a’ chridhe, ann an neo-thruaillidheachd spioraid, mhacanta agus chiuin, ni a tha ro-luachmhor ann an sealladh Dhe.” ‘Se a leithid sin de grinneas a tha freagarrach air son nighean an Righ Shiorruidh, “tha uile-ghlormhor a stigh” (Salm xlv. 13), agus is iad a’ muinntir a ta air an gairm ann an so buill a cuirp diomhair, agus is muinntir iad mar sin dh’an dleasdanas e gu’m bitheadh curam orra mu dheighinn ullachadh a’ chridhe, agus cha’n ann mu dheighinn grinneas a’ chuirp, mu dheighinn ath-leasachaidh agus glanaidh anns an taobh a stigh, agus cha’n ann mu dheighinn ath-leasachaidh agus a bhi ‘cur umpsa eudach o’n leth-muigh, air dhoibh a bhi ag amharc air na nithean sin tha luach-mhor ann an sealladh Dhe, agus cha’n ann air na nithean a bhuaileas suilean dhaoine. Ann an so faodaidh am brathair a tha ialsail gairdeachas a dheanamh ‘na ardachadh, mar neach a tha a’ gabhail fois anns gu’n do “thagh Dia bochdan an t-saoghail so, saoibhir ann an creidimh, agus ‘nan oighreachaibh air an rioghachd, a gheall e dhoibhsan a ghradh-aicneas e” (Seumas i. 9; ii. 5). Mar sin cha bu chòir doibh eagal a bhi orra nach téid gabhail riu ma ‘se ‘s gu’m feum iad suidh sios aig a’ bhord so le eudach caithte no reubta; ma ‘se ‘s gu bheil an cridhe reubta le aithreachas, agus gu bheil iad a’ cur umpsa Chriosd tre ath-nuadhachadh an Spioraid, oir mar sin thig iad gu bord an Tighearn air an sgeudachadh gu maiseach ann an sealladh Dhe.

* Bha an “Teagasg” so air a sgiobhadh le Rivetus d’ur bha e ‘na fhear-teagaig do Uilleam II., Prionnsa na H-Olaint.—I. R. M.

Cha’n’eil so ‘n a aobhar gu’m bitheadh neach air bith a’ cumail a mach e fein a bhi ni’s bochda anns an t-saoghal na ‘tha e, no nach bitheadh air neach cùram air bith mu ghlaínead a chuirp, oir tha sinn a’ meas, fhad as ‘tha an cothrom aig neach, gu bheil e iomchuidh gu’m biodh trusgan gach neach freagarrach dh’a innbhe anns an t-saoghal, ach a mhain gu’m bi beusachd air a coimhead, agus gu h-araidh, fhad as ‘tha sin ann an comas neach, gu’m bitheadh ‘eudach air a ghlanaidh agus glan. Ach a mhain, mheas sinn e iomchuidh gu’n cuireamaid an ceill na nithean a ta air an cur sios anns a chaibideil so chum solais na muinntir bhochd agus anmhunn, a tha ‘n an luidh ann an ùir agus ann am mosaiche, a chum gu’n tuigeadh iad gu bheil grinneas a ta ni’s luachmhor na grinneas an t-saoghail so ri fhaotainn, agus gu’m faod iadsan eiridh ann an so os ceann na muinntir aig am bheil barrachd orra ann an nithean an t-saoghail so, ma ‘se is nach amhairc iad sud ach a mhain ri greadhnachas agus luachmhoir-eachd o’n leth muigh.

(Ri leantuininn.)

“THE prayer of all should be, ‘Lord Jesus, as Thou hast got death, and him that hath the power of death, under Thy feet, even so, Lord, put them under ours.’—Romaine.

Upcoming Events (DV)

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Paul’s desire to be found in Christ (1) 26 Jul 2026
  • The Judgement Day 26 Jul 2026
  • The blessing of the all-powerful God 19 Jul 2026
  • Justification and peace 19 Jul 2026
  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010
  • Destroy it not for a blessing is in it. 27 Sep 2010
  • Proclaiming the kingdom of God 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice