Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1915 » November 1915 » Là na Ceisde ann —

Là na Ceisde ann —

(Air a leantuin o t. d. 239.)

MUR a chaidh a chur an céill air a’ mhios a chaidh seachad, b’ iad na briathran air an robh a’ Cheisd air a bonntachadh: “Ach a nis ann an Iosa Críosd, tha sibhse a bha roimh so fad o làimh, air bhur toirt am fagus tre fhuil Chríosd” (Eph. ii. 13). An déigh do’n ochdnar, o’n d’ thug sinn beagan seachad dhuibh mar a tha, labhairt, chaidh gairm air an Urr. — — gu labhairt. Thubhairt esan:

An là anns an do pheacaich an duine, dh’fhuadaich Dia an cinneadh daoine a mach ás a’ ghàradh, agus shuidhich E claidheamh lasarach, a bha tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craoibhe na beatha.

Thàinig an cinneadh daoine mar so gu bhi fad ás, (1) a thaobh an staide—oir bha iad astar mallachd lagh Dhé air falbh—agus (2) a thaobh an nàduir.

Ach ‘se comharradh sluagh Dhé nach dean iad a’ ghnothuch ás eugmhais Eadar-mheadhonair. D’ur a bha mi o cheann ghoirid ann an Sasuinn a’ searmonachadh dh’ ar saighdairean ‘us dh’ ar seòladairean, bha agam ri ‘bhi ‘coinneachadh, aig a’ gheata a bha treòrachadh thun nam barracks, ri ceathrar dhaoine, a bha a’ seasamh ‘nam aghaidh le’m biodagan suas air gheus. Ciod e a dh’ fheumainn a dheanamh ann an sin air son gu’m faighinn a stigh? Dh’ fheumainn am pass a bha agam o na h-uachdarain a nochdadh, agus, cha bu luaithe a nochdainn am pass, na sud sios na biodagan, agus bha sligh réidh agam gu dol a steach. Bha mi, ma ta, samhlachadh am pass ri fuil Chríosd. O’n fhuair an t-anam a bhi troimh chreideamh a’ socrachadh air fuil Chríosd, ‘sann tha biodagan Ceartais, a bha roimh a’ seasamh ‘na aghaidh, a nis ‘nan dion da.

Ghairmeadh ann an sin air (9) N. M. Thubhairt esan:

Tha comharraidhean air an iarraidh air a’ mhuinntir a bha air an toirt am fagus do Dhia. Tha sinn a’ faicinn gu robh suidheachadh eile aca air thoiseach air sin, agus tha an suidheachadh sin ‘gar gairm gu dhol air ais gu beachdachadh air Adhamh agus Eubha, mar a bha iad air an cruthachadh ann an Iomhaigh Dhé, agus airson gloir Dhé. Cha robh an duine, ann an sin, falamh — ‘sann a bha e a’ glòireachadh a’ Chruithfhir, agus ‘sealbhachadh co-chomuinn ris a’ Chruithfhear. Bha e làn eolais, mar a chruthaich Dia e. Ach thàinig peacadh a stigh, agus, mar a chuir neach àraidh e, thàinig an duine gu bhi cho dorch ris an t-saoghal, d’ur bha dorchas air aghaidh na doimhne. Cha robh leus solais ann an sin aig Adhamh air tròcair, ach bha aige diteadh cogais. Gidheadh bha rathad aig Dia gu an toirt am fagus, agus is i mo bharaill gu robh iad le chéile air an tèarnadh, agus sin troimh an t-searmoinn a shearmaonaich Críosd dhoibh anns a’ ghàradh. Thug E am fagus iad leis a’ cheud ghealladh. Dh’

innis E dhoibh mar a rinn iad gu h-olc, ach chòmhdhaich E iad le còtaichean croicinn, d’ur nach robh feòil fathast air a ceadachadh, ach a mhàin airson iòbairtean. Thuig Eubha gu robh i gu a bhi air a chaomhnadh.

Ach dh’ fheumadh, airson gu’m bitheadh aon pheacach air a thoirt am fagus do Dhia, gu’m biodh, ann an coimh-lionadh na h-aimsir, corp agus anam air an ullachadh airson Mac Dhé. Mar a thubhairt an Dr. Kennedy, bha ann an sud an Diadhachd agus an daonnachd a’ deanamh greim dhe a chéile, chum gu’m bitheadh peacaich air an tèarnadh. Ach a thulleadh air a sin, dh’ fheumadh an Spiorad Naomh ‘tighinn a mach ann an searmonachadh an t-soisgeil, airson gu’m bitheadh peacaich air an toirt am fagus, oir bha iad marbh anns a’ bhàs spioradail, gus an do dhùisg an Spiorad iad. Tha Spiorad a’ toirt dachaidh an lagha, d’ur nach ‘eil eòlas slàinteil aca fathast air Fear-saoraidh. Ach tha an Spiorad ceudna ‘gan toirt a ionnsuidh a’ chruinn-cheusaidh, gu bhi a’ faicinn an Dia-duine air a’ chroinn; agus, d’ur fhuair iad a bhi cleachdadh creidimh air, bha E dhoibh mar gu’m biodh e air a chantuinn riu: “Tha sud air do shon-sa”; seadh, troimh làthaireachd a’ Spioraid, tha an t-anam a’ deanamh gairdeachais anns an Tì a bhàsaich air a shon. Ach cha’n’eil iad ‘nan coigrich dha spiorad daorsa, agus bithidh sin ‘gan cur gu oibre an lagha—dh’ fhaodadh gu slanuighear a dheanamh dhe an ùrnuigh. D’ur nach géillear dha’n bhuaireadh sin, dh’ fhaodadh gu’m bi an t-anam air a ghlacadh ann am buaireadh uamhasach eile—dh’ fhaodadh ag ràdh, nach’eil Dia idir ann, ‘s gu bheil cho maith ‘toirt thairis. Dh’ fhairich cuid am buaireadh uamhasach sin, agus cha d’fhairich iad ni riamh a cho uamhasach ris. B’ aithne dhomh neach, agus bha e air a shàrachadh leis a’ bhuaireadh gu mòr. Air dha a bhi dol an rathaid mhòir la-éigin, bha e air a glacadh leis gu h-uamhasach, agus ‘na éiginn shuidh e sios ri taobh an rathaid mhòir, agus a’ cur na ceisde ris féin, an robh neach riamh a bha air a shàrachadh mar so? Thàinig, ann an sin, na briathran ud: “Le toibheum tha mo chridhe briste.” Chunnaic e ‘an sin gu robh Criosd féin air a bhuaireadh, agus fhuair e fuasgladh ann an sin.

Ach bithidh tràthan sòlasach aca so, agus, ann an sin, bithidh mothachadh aca air ciod e sin, aran na cloinne.

Cha’n’eil iad so mar tha mòran—is urrainn a bhi beò ann an cuideachd air bith. Cha’n ann mar sin tha sluagh Dhé. Bha neach de shluagh Dhé, agus air dha uamhas a ghabhail ri caitheadh-beatha ain-diadaidh gillean nan each, ‘s ann a thionndaidh e sud gu ùrnuigh, agus theireadh e: “Ma chuireas tu a dh’ ifrinn mi, na cuir mi a dh’ ifrinn gillean nan each.”

(10) F. M. Thubhairt esan:

Tha iad so fo chomainean do Chriosd. Bha mi a’ deanamh samhlaidh ‘nam inntinn o sgioba a rachadh gu muir ann am bàta. Dh’ fhaodadh, d’ur a sheòl iad o’n acairsaid, gur h-e ‘bha aca ciùine, ach thàinig stoirm, agus cha robh aca mu dheireadh ach

crann air a cliathaich, agus seòl reubta. ‘Sann bha iad gu bhi air an call, d’ur thàinig brig‘us thug i gu tire iad. Dh’ aideachadh iad uile gur h-e a’ brig a theàruinn iad. ‘Sann mar sin tha fuil Chriosd dha’n mhuinntir ‘th’air an teàrnadh. Bha iad air an toirt dha, mar am Buachaill, mu’n robh an saoghal ann. Cha do shaoil iad iad féin araidh air gu’m bitheadh a leithid de chaoimhneas air a nochdamh dhoibh. Ach fhuair iad pòg maithneas pheacanna, agus sgaol Criosd a ghràdh ‘nan anam. Thainig iad ann an sin gu bhi ag aideachadh am peacaidhean air mhodh soisgeulach. Thuit iad ann an gaol a’s na h-uile ni a bha air ainmeachadh air Criosd. Bha iad uair-eigin fad ás o’n choinnimh-ùrnuigh, fad ás o shluagh Dhé, ach cha’n urrainn iad a nis a bhi toilichte agus iad ag èisdeachd sluagh Dhé air an ruith sios.

(11) I. C. Thubhairt esan:

Fhuair iad so a mach nach pilleadh iad air an ais gu bràth, mur pilleadh an Cruithfhear ru. Bithidh iad air an aithneachadh air an cleachdaidhean, aig a’ bhaile, ‘us bho’ n bhaile.

(12) A. M. Thubhairt esan:

Bha là aca so agus cha robh iad cho fad o’n fhìrinn a’s bu mhaith leo; bha am focal a’ togail fianuis ‘nan aghaidh. Bha iad air an glacadh le uile-fhiosrachd Dhé, ach bha iad fathast a cho ceangalte ris a’ pheacadh a’s bha iad roimh. Mhothaich iad nàimhdeas annta féin ann an aghaidh Dhé. Thàinig iad, mar am mac struidheil, thuca féin. ‘Se bha ann an sin ri an aghaidh ceartas do-luibte Dhé. Cionns a dh’ fhaodas mise a bhi air mo thèarnadh, gun leòn do cheartas? ‘Sann far an d’ fhuair ceartas riarachadh, a fhuair iadsan mar an ceudna riarachadh. Bha iad air an tarruing a dh’ ionnsuidh Chriosd le caoimhneas an gràidh.

Ach tha mothachadh aca tric air cho falamh a’s a tha iad de ghràdh do Chriosd. Bithidh iad mar sin tighinn am fagus da le truaillidheachd an nàduir féin. Tha ceangal aca ris a’ chuid tha dileas dha aobhar Chriosd. Is toigh leo a bhi a’ cluinntinn lagh ‘us soisgeul air an searmonachadh. Cha’n e an cuideachd, luchd nan òran dhiomhan.

(13) D. C. Thubhairt esan:

Dh’ aithnich an neach air am bheil comharradh air iarraidh, ciod a bha ann féin; agus cha b’ann ‘na chodal a fhuair e an t-eòlas sin. Cha’n’eil creutair beò nach’eil aon chuid a muigh fo’n fheirg, air neo a stigh fo’n fhasgadh. Bha na creutairean so air an toirt a stigh an toiseach anns a’ Cheann. Ach bha là aca anns am feumadh iad a bhi air an toirt a stigh air an son féin. ‘Se bha ann an sin obair an Spioraid ghlòr-mhoir. ‘Se obair an Spioraid ‘th’ann gu’m bitheadh céile Chriosd air a toirt a stigh. Bha iad fad às d’ur bha iad anns an uaigh, anns a’ bhàs, anns an t-saoghal. Ach d’ur a thàinig an t-àm gu caoimhneas an nochdamh doibh, b’ éiginn d’an Spiorad a dhòl a mach d’an ionnsuidh, agus cha b’ann ‘nan codal a bha iadsan ‘an sin. Tha an t-anam air a thoirt gu bhi a’ cur a sheula ris an diteadh. Ach cha leòr sin; feumaidh e a bhi a’ cur a sheula ri rathad tèarnaidh Dhé; agus

d’ur a bha an t-anam air a thoirt a stigh do thigh Athar féin, bha cuirm aige ann an sin. Gidheadh thàinig an déigh sin mothachadh air fuachd.

Ach a thaobh chàich, ‘se a bhi a muigh is roghnaiche leo, ach ‘si a’ cheisd. . . .

* A cho-dhùin an t-Urr. — — Thubhairt esan:

(1) Tha briathran na ceisde a’ teagasg dhuinn: gur h-e athar-rachadh mòr a tha a’ gabhail àite, air an talamh, a thaobh na h-uile creutair ‘th’air a thèarnadh. Tha an Spiorad Naomh, ann an àite-eigin, a labhairt air an atharrachadh so mar “dhol thairis o bhàs gu beatha,” agus, ann an àite éile, mar “chruthachadh nuadh,” agus, ann an so, tha E a’ labhairt mu mhuiintir ‘bha uair-eigin fad às-astar mallachd lagh Dhé—ach a tha a nis air an toirt am fagus.

(2) ‘Si fuil Chriosd an aon bhonn air an urrainn do pheacach ‘tighinn dlùth do Dhia.

(3) Feumaidh aonadh ri Criosd a bhi ann.

(4) ‘Se ‘tha leantuin an aonaidh sin (a) fireanachadh, agus (b) seulachadh an Spioraid.

Chaidh, ‘an sin, gairm air I. M. a dhol an ceann na h-ùrnuigh.

Chriochnaicheadh an t-seirbhis le seinn, agus tabhairt a’ bheannachaidh. I. R. M.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice