Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1916 » March 1916 » La Bhreathanais

La Bhreathanais

(Air a leantuin o t. d. 397.)

ACH, ged is ann tre ghràs amhàin a ta peacaich air an tearnadh, do reir an t-soisgeul, gidheadh tha mòr-chionta ‘na dhiùltadh. “An ti a chreideas ann cha dìtear e; ach an ti nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, ‘chionn nach do chreid e an ainm aon-ghin-Mic Dhé. Agus is e so an dìteadh, gun d’thàinig an solus do’n t-saoghal, agus gu’n do ghràdhaich daoine an dorchadas nis mò no’n solus, chionn gun robh an gniomharan olc.”

Cha ‘n ‘eil àite ‘m faighear creidmheach ann an Criosd nach freagair a chaithe-beatha do’n bhiathas a ta e toirt orra air là Bhreathanais: oir cha ‘n ‘eil e comasach gur fior chreidmheach ann an Criosd nach ‘eil gràdh dha, agus cha ‘n urrainn gu bheil gràdh aig nach dha mar ‘eil e umhail dha, agus a’ deanamh a riar gu toileach. “Am bheil gràdh agad dhomhsa,” deir Iosa ris gach aon againne. “An ti a ghràdhaicheas athair, no ni’s mò na mise, cha’n airidh orm e.”—”Ma tha neach sam bith,” ars’ aon d’a Abstoil, “nach gràdhaich an Tighearn’ Iosa Criosd, biodh e na Anatema Maranata,” “se sin mallaichte aig a theachd” (1 Cor. xvi. 22). Am bheil thusa toirt gràdh do Iosa Criosd ann an treibhdhreas do chridhe —le t-uile chridhe—mar Slànu’ear neamhaidh, agus mar an t-aon Slànu’ear? Ma ta, ni thu a riar. “Ma ghràdhaicheas neach mise coimheadaidh e’m fhocal—An ti nach gràdhaich mise cha choimhead e mo bhriathra” (1 Eoin ii. 15). Cha ‘n ‘eil ann an aidmheil ach dìomhanas mar ‘eil gràdh Chriosd gad, “cho-éigneachadh teachd beò dh’asan a bhàsaich airson pheacach, agus a dheirich a rìs.” Ma tha thu toirt speis do pheacadh—ma ‘s e’n saoghal so tha ‘n uachdar nad’ chridhe, cha bhuin thu dh’asan. Their e ribh air an là ud “cha b’aithne dhomh riamh sibh.” Oir, “ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal cha ‘n ‘eil gràdh an Athar ann,” agus far nach ‘eil gràdh an Athar cha mhò tha gràdh a Mhic.

Far am bheil gràdh do Chriosd, chithear e gu soilleir ann a bhi toirt gràdh d’a shluagh. “Is i so m’àithne, gun gràdhaich sibhse ‘chéile, mar a ghràdhaich mise sibhse.—Aithne nuadh bheiream dhuibh, gun gràdhaich sibh a chéile, mar a ghràdhaich mise sibhse” (Eoin xv. 12; xiii. 34, 35).—”Ge be ghràdhaicheas an ti a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an ti a ghineadh leis” (1 Eoin v. 1).

Am bheil gràdh agadsa mata do phobull Iosa? Theagamh gur toigh leibh cuid dhiu, do bhrìgh gu bheil daimh aca ribh: ach cha ‘n e so an gràdh do na briathraibh leis am “bheil fios aig Criosdaidhean gun deachaidh iad thairis o bhàs gu beatha” (1 Eoin iii. 14). Am bheil gràdh agad dhoibh mar Chriosdaidhean—a chionn gur le Criosd iad, agus gu bheil iomhaigh Chriosd orra? (Marc ix. 41). Am bheil do ghràdh a co-sheasamh ann am briathraibh amhàin, no ann an gniomh agus am fìrinn?

Ceasnaich thu fein leis na comharaibh so, agus freagair a cheist, “nam faighinn bàs a nis co an laimh air an seasainn air là ‘bhreathanais?” Leig sinn fhaicinn cheana gun d’théid iadsan aig am bheil eòlas air an t-Slànu’ear—iadsan a ta creidsinn ann, a ta umhal, agus a toirt gràdh dh’a chur air làimh dheis na tròcair: am feadh a théid iadsan a ta gun eòlas air Iosa—a ta gun chreidimh ann, agus nach ‘eil a’ toirt gràdh agus umhlachd dh’a ‘chur a chum na làimhe clì, a dh’ fhaotainn binn eagalach na feirge! “Imichidh iadsan chum peanais shìorruidh: ach na fireana chum na beatha mhaireannaich” (Matt. xxv. 46). Iarram d’aire re tamuil bhig eile chum crìoch sholaimte agus chudromach an là mhòir so a sparradh ort.

Tha’n dà staid air an inntrinn an dà sheòrsa dhaoine air an tarruing ann am binn a’ Bhreitheamh. “Thigibh a dhaoine beannaichte m’ Atharsa, sealbhuichibh mar oighreachd an rìoghachd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain.”—”Imichibh uam a shluagh mallaichte, dh’ionnsuidh an teine shiorruidh a dh’ullaicheadh do’n diabhol agus d’a ainglibh.” Tha so a’leigeadh ris dhuinn.

‘Sa cheud àite.

Gu meal na naoimh comunn Iosa, ach gun téid na h-aingidh fhuadach air falbh uaithe. “Thigibh,” ars’ esan, riusan air a dheas—”Imichibh uam” riusan air a làimh chlì. Cia solasach an cuireadh! Ach, O! cia h-eagalach an deal-achadh! Tha uile shonas nam flaitheanas, air uairibh, air fhillte a steach ann a bhi maille ri Criosd. “Athair, is aill leam an dream thug thu dhomh gum bi iad maille rium, far am bheil mi; agus gum faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh, oir ghràdhaich thusa mi mun do leagadh bunaitean an domhain” (Eoin xvii. 24).—”Tha mi dol a dh’ullachadh àite dhuibh: Agus ma théid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi rìs, agus gabhaidh mi sibh do m’ionnsuidh fein, chum far am bheil mise gum bi sibhse mar an ceudna” (Eoin xiv. 2, 3). Ma ni neach air bith seirbhis dhomhsa, leanadh e mi; agus ge be àite am bi mise, an sin bithidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma ni neach seirbhis dhomhsa bheir m’ Athair onoir dha” (Eoin xii. 26). “Oir thig an Tighearna fein a nuas o nèamh le àrd-iolaich, agus le guth an àrd aingeil, agus le trompaid Dhé; agus èiridh na mairbh ann an Criosd air tùs, an deigh sin sinne, bhios beò agus a dh’ fhàgar, tògar suas sinn maille riusan anns na neulaibh, an còdhail an Tighearna ‘san athar: agus mar sin bithidh sin gu siorruidh maille ris an Tighearna” (1 Thess. iv. 17). Tha so filleadh a steach ann a bhi cosmhuil ri Criosd. “A ta fhios againn, ‘nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhuil ris; oir chi sinn e mar a ta e” (1 Eoin iii. 2).

Ach, Imichibh uam! Cia cruaidh agus muladach an smuain! neach a bhi air fhuadach air falbh o ghnùis Tighearna na beatha—o ghnùis an t-Slànu’ear ionmhuinn, chaoimh agus bheannaichte! Neach a bhi, cha’n e amhàin air a dhruideadh a-mach o shonas agus o ghlòir an Uain; ach mar an ceudna air iomainn gu duibhre dorchadais, far nach ruig “dealradh a ghnùis!”

‘Son dàra àite.

Tha binn a’ Bhreitheamh a’ filleadh a steach innte beannachd Dhé air an làimh eile—”Thigibhse’ dhaoine beannaichte m’Atharsa.”—”Imichibh uam a shluagh mhallaichte.” ‘S e Dia tobar gach uile shòlais. Cha ‘n ‘eil am boillsgeadh is lugha do shòlus no do shòlas air fad no farsuingeachd na Cruitheachd nach ann uaithesan a ta e teachd. ‘Na fhàbhor tha beatha agus dochas. Ach ‘s e ifrinn agus eu-dòchas a dhìomb! Co ‘s urrainn a chur an céill—co ‘s urrainn a bheithneachadh na tha air fhillte ann am beannachd an Dhé a ta neo-chrìochnach ann am Maithreas, an tròcair, agus an naomhachd—an Dia uile-chumhachdach agus neo-chaochlaideach! Agus O! ciod an cridhe is urrainn a thuigsinn—ciod an inntinn nach fàilnich ri smuineachadh air mallachd an Dhé so! Cha ‘n eil ni tha eagallach—cha ‘n eil ni tha uamhasach nach eil air fhillte anns na briathraibh, “CORR-RUICH DHÉ.”—”Co d’an aithne neart a chorruich?”—Mallachd an Dhé naomha, a ta toirt fuath do pheacadh, le fuath neo-chrìochnach!—An Dhé Uile-chumhachdaich, aig am bheil comas peacadh a pheanasachadh a reir ‘fhuatha dha.—An Dhé tròcairich, a ni ‘throcair a chur an suarachas pianta ifrinn ceud uair nis do-iomchair!—An Dhé neo-chaochlaidich, nach sguir gu siorruidh do fhuath a thoirt do pheacadh, agus nach lùghdaich gu bràth ann bhi deanamh peanais air!—“Is ni eagalach tuiteam ann an làmhaibh an Dhé bheò!” (Eabh. x. 31).

‘San treas àite.

Tha sinn a’ faicinn an so beatha agus truaighe; —“an rìoghachd a dh’ullaicheadh le Dia roimh leagadh bunaitean an domhain air a sealbhachadh mar oighreachd; agus an teine ‘dh’ulluicheadh do’n diabhol agus d’a chuid ainglibh.” Tha beatha a’ ciallachadh a bhi beò ann an staid shona. “‘S e tiodhlac Dhé, beatha mhaireannach.” Uaithe so thig ri truaighe na’n aingidh bàs—an dàra bàs.—”‘S e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs.” —“Ge be air bith nach d’ fhuaradh sgrìobhta ann an leabhar na beatha tilgeadh e ‘san loch theine: Is e so an dàra bàs” (Tais. xx. 14, 15).

Bu dìomhain an oidheirp a bhi leudachadh air nàdur agus meud peanais na’n aingidh: cha bhuin e dhuinn. Cha’n ‘eil Focal Dhé ‘g ràdh mòran m’a thimchioll, ach am beagan a ta e’g ràdh cha’n ‘eil e gun seadh: ma dh’ fhoghnas gur e diabhoil, agus droch dhaoine ann an staid thruaighe, is companaich dhoibh; agus gu bheil am fulangais, ciod air bith iad, mar an ni is do-iomchair do’n fheoil, “loch teine, a lasadh le pronnasc.”—Air an laimh eile, iadsan a gheibh beannachd Chriosd, agus ‘Athair “sealbhuichidh iad an rìoghachd” maille ri Righ neimhe, r’a ainglibh beannaichte, agus ri naoimh a chaidh a shaoradh o’n talamh.

‘Sa cheathramh àite.

Tha’n dà staid siorruidh. ‘S e cheart fhocal a ta air a ghnathachadh a chur an céill a’ mhaireannachd, air chor ‘s ma chreideas sinn bith-bhuanachd staid na glòire gum feum sinn bith-bhuanachd staid na truaighe chreidsinn. ‘S iad na ceart bhriathran ‘ta air an cleachdadh a chur an céill maireanachd pianta ifrinn agus maireanachd bith Dhé féin. Tha bhinn a gheibh iad, i fein, a nochdadh nach eil atharrachadh ri tighinn air an cor. ‘Nuair a théid na fireana fhàilteachadh do fhlaitheanas bithidh iad air neart gach nàmhaid a chuireadh bruaillean orra: Agus ‘nuair a dhruideas Esan “aig am bheil iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis” prìosun ifrinn, cha chomasach do neach, gu bràth, fhosgladh.

Cia solaimte ‘n smuain! Tha saorsa o mhallachd an Lagha air a taigse, trid Iosa Criosd, anns an t-soisgeul: ach o “fheirg an Uain,”—o mhallachd an aon Fhir-shaoraidh cha ‘n ‘eil saorsa—cha ‘n ‘eil e comasach gum bi! Ah! a charaid, ma tha thusa a’ mìodal riut féin, ged’ rachadh tu do ifrinn, nach cumar ann gu bràth thu, amhairc air Sliabh Chalbhari, agus faic cia meallta do dhochas. Faic sgrìobhta air a chrann-cheusaidh, ann am fuil Mhic Dhé, “cha bhàsaich an cnuimh agus cha téid an teine as.” Ma dh’ fhuiling Mac Dhé airson peacaidh ‘s eigin gur h-e bàs siorruidh duais peacaidh: mar h-e, cha ‘n ‘eil coimeas eadar an éiric, agus an t-saorsa chaidh a chosnadh. Carson a ta daoine co toileach creidsinn ann an sonas siorruidh, ach co neo-thoileach creidsinn ann an truaighe shiorruidh? Nach ann a chionn gur h-ann mar so bu mhiann leis an inntinn choirbte ‘chùis a bhi?—a chionn gur fuathach leis na h-ain-diadhaidh ceartas Dhé—a’ saoil-sinn gu bheil an t-Uilechumhachdach mar iad féin, ‘s e sin, ged nach toigh leis am peacanna gum bi e toilichte le peanas cuimseach a dheanamh orra? Nach ann o bheachd neo-chubhaidh air naomhachd Dhé, agus air duaichneachd peacaidh, agus o rùn fasgadh a thoirt do anamianna, coirbte, agus saoghalta a’ chridhe tha ‘n dòchas faoin so ‘g éiridh? Thoir fainear ciod a thachair ‘nuair a thug ar ceud sinnsir cluas do bhréig an diabhol, “gu cinnteach cha’n fhaigh sibh bàs.” Tha gach truaighe agus bàs a thainig air an t-saoghail uaithe sin, na dhearbhadh gu leoir gum bu bhreug so. Gach uair a chi thu co-chreutair ga charadh ‘san uaigh tha thu faicinn aon earrann de’n mhallachd air a coimhlionadh; agus tha co eagnaidh ‘sa tha Dia ann an coimhlionadh na h-earrainn so ‘nochdadh gun cuir e’n gniomh gus an litir, gach ni a bhagair e.

Na meallaibh sibh féin le’r truacantas bréige, ‘s e dh’ fheudas mi ràdh ris truacantas mì-naomha. Am bheil sibhse nis truacanta na bha’n Slànu’ear beannaichte? Nach robh a chridhe-san a’ cur thairis le iochd? gidheadh labhair eadhon Iosa—an t-Iosa iochd-mhòr—labhair eadhon esan mu “damnaidh ifrinn” (Matt. xxiii. 33).—”Mu’n chnuimh nach bàsaich, agus mu’n teine nach mùchar a chaoidh” (Marc ix. 43-48).—Mu “ghul agus mu ghiosg an fhiacall” (Mat. xiii. 42), cha’n ann gus ‘ur pìanadh rìmh ‘n àm a ta na nithe so air an cur an céill, ach o iochd d’ur n-anamaibh—gus ‘ur treòrachadh chum dòchas an t-soisgeul. “Mar is beò mise, deir an Tighearna Dia, cha ‘n ‘eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh, ach gum pilleadh an t-aingidh o ‘shlighe agus gum biodh e beò: pillibh, pillibh o’r droch shlighibh, c’arson a bhàsaicheas sibh o thigh Israeil” (Esec. xxxiii. 11).—”Creid anns an Tighearn’ Iosa Criosd agus saorar thu” (Gniomh. xvi. 31).—”An ti a chreideas anns a Mhac tha beatha mhaireannach aige: ach an ti nach eil a’ creidsinn anns a Mhac, cha’n fhaic e beatha; ach a ta fearg Dhé a’ gabhail còmhnuidh air” (Eoin iii. 36).

Memoir of the Rev. Hector M’Phail of Resolis.—
Booklet.—We have issued a number of copies of this very interesting Memoir by the late Rev. R. Macdougall, Resolis (now appearing in Magazine), in neat booklet form. The price is 2d. per copy; postage, single copies ½d., three copies 1d.; twelve copies, post free.

The booklet may be had from Messrs. N. ADSHEAD & SON, 11 Union Street, Glasgow; or from the Editor of The Free Presbyterian Magazine, 248 Kenmure Street, Pollokshields, Glasgow.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice