Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1916 » April 1916 » An t-Uisge Beo. Searmoin Leis An Urr. Lachlan M’Coinnich

An t-Uisge Beo. Searmoin Leis An Urr. Lachlan M’Coinnich

“Oir doirtidh mi mach uisge air an tartmhor, agus tuilte air an fhearann chruaidh ; doirtidh mi mach mo Spiorad air do shliocht, agus mo bheannachd air do ghineil : Agus fasaidh iad suas mar anns an fhear ; mar gheugaibh seilich ri taobh nan sruth-chlaisean. Their am fear so, Is leis an Tighearna mise ; agus ainmichear fear eile air ainn Iacobj ; agus scriobhaidh fear eile le ‘laimh do’n Tighearna, agus sloinnidh se e fein air ainn Israeil.”—ISAIAH xlv. 3, 4, 5.

Tha fior phobull an Tighearna nam pobull meath-chridhach ; ‘se sin, tha iad buailteach do laigse creidimh, a dhain-deoin na tha Dia gach là a’ deanamh air an son. Ach ged tha iad gealtach agus meath-chridheach nuair nach faic iad cuideachadh am fagus, tha iad treun mar an leomhann fuidh cheannard na Slainte ! ‘Se ‘s aobhar d’an smuainntibh ana-creideach am mothachadh a th’aca air cruas agus feòlhmhorachd an cridhe—cha’n’cil iad a’ faotainn ni maith air bith annta fein. Is ann, uime sin, a chum cridheachan a phobuill a neartachadh a sgap Dia a gheallaidhean sios agus suas feadh ‘Fhocail. Tha earrainn luachmhor a chaidh an ceart-uair a leughadh làn do shòlas agus do aoibhneas dhoibhsan a ta ri bròn ann an Sion—dhoibhsan a ta gluasad an dorchas agus nach eil a’ faicinn soluis—dhoibhsan a ta ‘faicinn am feum air an neamhnuidh luachmhoir sin ris an abra’r gràs. Ann an so tha geallaidhean da-rìreadh luachmhor agus solasach. Cha’n’cil iad, tha e fior, arson muinntir a ta air an seideadh suas le’n leithide so ‘san leithide sud de bhuaidhean nadurra—air an leithid so do mhuintir bhiadh iad air an tilgeadh air falbh—cha’n’cil iad a’ faicinn feum ac’orra ; ach do’n dream air am bheil iotadh—dhoibhsan a ta air an coimeas ri fearann tartmhor, agus a ta air an aobhar sin a’ faicinn am feum air Crìosd, dhoibhsan tha iad luachmhor.

Ann bhi labhairt nis faide o’n cheann-teagaisg so, bheir mi, le comhnadh Dhe fainear.

I.—Co iad d’am buin na geallaidhean so.

II.—Minichidh mi na geallaidhean fein, mar chaidh an leughadh.

III.—Nochdaidh mi an toradh a ta sruthadh uatha anns an dream aig am bheil còir orra : agus

‘San aite ma dheireadh, Ni mi co-dhunadh aithghearr.

I.—Nochdaidh mi co iad d’am buin na geallaidhean.

Tha na geallaidhean uile a’ coinneachadh a chèile ann an Crìosd. “Oir geallana Dhé uile annsan is seadh iad, agus annsan is amen iad, chum gloire Dhe.”—2 Cor. i. 20.

Tha geallaidhean ann a chaidh a thoirt do Chriosd amhàin geallaidhean eile do Chriosd agus do’n eagluis ; agus cuid do’n eaglais amhàin : agus gun eolas slainteil—gun solus spioradail cha’n’eil e furasda eadar dheelachadh a chur eatorra. Ach thugamaid fainear, ged a bhuineas na geallaidhean a ta air an toirt do Chriosd amhàin dh’a fein anns an t-seadh is àirde, gum buin iad ann an seadh eile d’a eagluis agus d’a phobull.

Ged tha Chriosd, mar thug mi cheanna fainear, air a gabhail a steach anns gach gealladh, labhraidh mi umpa anns an àite so mar bhuineas iad do’n eagluis: Dh’ise tha ‘n Tighearn’ a’ tairgse comh-fhurtachd ann am briathraibh ar teagaisg fuidh ‘n ainm Jacob agus Israel. Tha’n tainm Jacob a ciallachadh annmhuanachd ach an tainm Israel, cumhachd no aon a fhuair buaidh. Thuirt Esau mu Iacob gur maith a bhaisteadh e, do bhri gu’n tug e’n car da uair as, an tuis mu thimchioll a chòir-bhreith, agus a ris mu thimchioll a bheannachaidh. ‘Sann ‘nuair bha’n gleachd aige ris an aingeil agus a thug e buaidh a fhuair ‘n tainm Israel.

Air a’ fagail dh’i fein cha’n’eil an eagluis ach lag agus amhunn, gun chomas air bith; ach ‘nuair, tre chreidimh ‘na Fear Saoraidh Glormhor, a ni i greim air Dia, bheir i daonan buaidh, cha’n’e amhàin sin, ach, “bheir sinn tuilleadh is buaidh tridsan a ghràdh-ach sinn.”

Ma thui geas sinn na geallanna so, mar air an toirt do Chriosd, tha iad a feuchaid dhuinn staid a ghleachdaidh agus fhulangais agus mar an ceudna a bhuaidh a thug e mach air a naimhdibh fein agus ar naimhdibh fein agus ar naimhdibhne; agus air lorg sin gu’n dhfhuair e ainm oscionn na h-uile ainm araoon air neamh agus air talamh.

II.—Se’a dara ni ‘rùnaich mi na geallaidhean luachmhor a chaidh a leughadh a mhineachadh dhuibh.

‘Se’n ceud aon diubh so, “Doirtidh mi mach uisge air an tartmhor.”—Leis an “uisge” tha sinn r’a thuisgeanns anns an àite so feartan buadhach an Spioraid Naomh, a dhoirteas e’mach air an anam a tha’n teinn—a tha mothachadh fheum air Criosd mar Shlanuif’-ear. Mar bheir uisge fionnarachadh do’n fhear-thuruis a ta sgith agus fann leis an teas, sa chridhe ‘ploscartaich le iotadh; mar sin tha soisgeul na slainte do anam a pheacaich. Tha gràs na ni ro luachmhor, agus ‘nuair bhios a mhiann air an Tighearn’ a bhuileachadh cuiridh e na tuis iarrtas laidir anns an anam, air a shon.

Is meur do ghràs eadhon an dian-iarrtas so-fein, agus gach neach a dhiarras ann an treibhdhreas a chridhe, gu cinnteach gheibh e. ‘Se tart no iotadh is treise agus is mi-fhoighidh’niche d’ar miannaibh uile. Tha e gun nàire gun fhoighidinn, mar gum beadh; feumaidh e bhi air a shàsuchadh. Tha e cosmhuil ri Rachel mu shìochd, “Thoir dhomh clann ar neo gheibh mi bàs.” Their an tart spiorodail an ni ceudna mu Chriosd, “Thoir dhomh Criosd ar neo cha bheò dhomh.” Cha tug Dia togadh air bith dhuinn an diomhain. Cha’n’eil a h-aon dhuibh nach do chruthaich e lòn d’a reir; chruthaich e leinn togadh arson bidh is dibhe, agus mar h-ullaicheadh e biadh is deoch ‘dan réir cha bhiadh e ach a fochaidh air a chreutairnean. Feudaidh ar miannaibh nàdorra air uairibh a bhi fuidh dhroch stiùradh, agus ‘smnic a tha; ‘nuair tha chuis mar so cha’n’eil e mar fhiachaibh air Dia an sásuchadh: ach do thaobh ar n’ iarrtas spioradail cha’n’eil iad air toirt an diamhan uair air bith’s eigin gu’n sasuchear iadsan. Cluineamaid ciod a ta ar Tighearn’ e fein ag ràdh mu’n tart spioradail so. “Ma tha tart air neach air bith thigeadh e do’m ionnsuidhsa agus òladh e.”—Eoin vii. 37. Agus a ris, Agus a deir an Spiorad agus a bhean-nuachd-phosda, Thig. Agus abradh an ti a chluineas, Thig. Agus thigeadh an neach air am bheil tart. Agus ge be neach leis an àill gabhadh e uisge na beatha gu saor.—Tais. xxii. 17.

‘S’en dara cuid de’n ghealladh—Agus tuilte air an fhearann thartmhòr. Feudaidh an t-anam cha-ne ‘màin a bhi tartmhòr, ach eadhon mar mhèir do fhearann air a losgadh leis an teas, Feudaidh, cha-n’e mhàin mothachadh agus mor-mhòthachadh bhi aig air fheum air gràs, ach mar an ceudna faireachadh air mòr-thruaighe. Bha staid righ Daibhi ann an fàsach Iuda an càileigin mar so. Tha e ‘coimeas staid ‘anama ri cor an àite anns an robh e. “Tha tart air m’ anam a d’ dheigh, tha m’ fheoil a’ togradh a t-ionnsuidh ann an tir thioraim agus thartmhòir as eugmhas uisge.”—Salm lxiii. 1. Bha righ Daibhi anns an am so air a dhruideadh suas o mheadhona nan gràs; ach feudaidh e bith gu bheil an crìosdaidh a’ mealtainn nam meadhona agus, gidheadh, gu bheil e mar fhearann cruaidh agus tartmhòr fodhpa. Ma’s e so do staid a chriosdaidh, co-chuir riut fein an gealladh; ge cruaidh da-rìreadh do staid bha muinntir eile na leithid romhadsa, agus fhuair iad furtachd o’n ghealladh so. Ciod i cànan an anama a ta na leithid so do staid? O! ars ‘esan cha’n’eil sràd do gh’ràs agam! Ma’sann mar so tha, thig ‘dhnionn-suidh Chriosd. Ach ars’ an t-anam, Tha mo chridhe cruaidh—cha’n’urrainn mi urnuigh’ dheanamh—nam faighinn saorsa chum urnuigh’ dheanamh—nam b’urrainn mi deur a shileadh—nam b’urrainn mi mo chridhe fhosgladh dòm Dhia bhithinn sona! An i so da-rìreadh do staid? ‘Anaim bhochd! ‘S tus’ an ceart duiine arson an d’rinneadh an gealladh, agus ris an bheil briath-raibh mo chin-teagaisg a’ labhairt. Tha do chridhe ‘na fhàsach tartmhòr gun fhaireachadh. Eisde ris a ghealladh a chaidh a thoirt do muinntir ann ad’ staid-sa: “Oir anns an fhàsach brisdh uisgeachan a mach, agus sruthana anns an dithreabh: Fasaidh am fearannt tioram ‘na linne, agus am fearannt tartmhòr ‘na thobraichibh uisge.”—Isa. xxv. 6, 7. Ni-headh, tha dòchas do thaobh neach a’s measa cor na thusa: “‘Nuair a bhitheas am bochd agus an t-ainnis ag iarruidh uisge nach bi e ann; agus a bhitheas an teanga air tiormachadh le tart, mise Iehobhah freagram iad; Dia Israeil is mi nach treig iad. Fosgalaidh mi aibhnichean anns na h-ionadaibh àrda, agus tobraichean ann am meanhon nan gleann; ni mi ‘m fàsach na linne uisge; agus am fearannt tioram na shruthaibh uisge.”—Isa. xli., 17, 18. Theagamh nach urrain duit urnuigh a dheanamh—that thu mothachadh gu bheil do chridhe cruaidh, agus cha’n’eil fhios agad ciod a their thu. ‘Stu an ceart duine a tha aig mo cheann-teagaisg ‘san amharc. Bu mhian leat urnuigh a dheanamh, ach cha-n urrainn thu. Bheir esan dhuit, cha-ne mhàin deoch a chasg d’ iotaidh, ach doirtidh e tuiltean ort. Cha’n aon fhras a dh’ fhoghas dhuit —bha do thiomachd ro fhad: Frasaidh e ‘nuas gu pailt— doirtidh e ‘mach tuil ort. ‘Nuair thig furtachd, ciod air bith an t-àm, cha bhi do shòlas gann—cha bhi do shith diombuan. ‘Nuair bhios oighreachd an Tighearna sgith, sìlidh e ‘nuas uisge gu pailt. Ri linn na tiormachd so, theagamh gu’n do ghlac peacadh neart san anam —’theagamh gu bheil smuaintintibh uamhasach ag eiridh suas anns a chridhe. Tha’n Tighearna uime sin ‘gealltainn gu’n leighis e so mar an ceudna; oir ars’ esan, “doirtidh mi mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.”

Tha’n comh-fhurtair an Spiorad naomh air a ghealltain do uile phobull De. Se a dhreuchd-san, cha’n e ambain géur-mhoothachadh a thoirt dhuinn air ar peacaidhean, ach mar an ceudna an t-anam a neartachadh. ‘Se maithneas peacaidh am mòr-bheannachadh a cheannaich am Fear-saoraidh arson a phobuill; agus tha’n Spiorad a’ cur an ceill na beannachd so gu h-uaignidheach ann an cluais na coguis, trid an Fhocail. Tha’m Focal a’ labhairt sìth ris gach neach a threigeas peacadh, agus a philleas ri Dia. Ach feudaidh sinn a bhi ann an staid réite ri Dia, agus feudaidh am Focal sìth a labhairt gun an t-sìth sin bhi air a cluinninn ‘sa choguis. B’ dh eagal air an fhior-chriosduidh roimh sìth bhréige, agus cha’n fhois dha gus am fair e ‘bharrantas ann am focal Dhé. Dealraidh an Spioraid, air a ghealladh, agus bheir e air cuspair a ghràis gum faic e gum buin e dha. Brisidh e sios cumbachd an ana-creidimh agus le dearbh-bheachd a thoirt do’n choguis air firinn a gheallaidh, mar thug e roimhe air firinn a bhagraidh. Their an lach ris a choguis, Is tusa am peacach.—Their an Spiorad Naomh, trid an Fhocail, Thainig Iosa Criosd a chum an t-saoghail a shàbhalaadh pheacach a bha caillte. S ann air a leithid so do dhoigh a tha an spiorad beannuichte labhairt sìth ris an anam.

Thigeadh do’n pheacach gun meadhana nan gràs a mhi-bhuileachadh no dearmad a dheanamh air féin-cheasnachadh, mar ‘eil a chridhe mar bu mhath leis, cha-n urrainn e àicheadh: co dhiù, nach ‘eil an Slanu’ear comasach air a chumbachd a dhearbadh air. Ma’s e, an àite naomhachd nach ‘eil e ‘faotainn ann fein ach luibhre pheacaidh, feudaidh e dol a chum an t-Sleanu’ear le briathraibh an lobhair roimhe. A Thighearna, ma’s àill leat ‘s comasach thu air mise ghlanaidh. Ma tha e’ faotainn a chridhe cruaidh agus neo-aitheachail feudaidh e innse da Shlanu’ear gu’n cual e uime gu’n robh e air àrduchadh mar Phrionns’ agus mar Shlanu’ear a thoirt aitheachas do chloinn Israeil agus maithneas peacaidh. Ma tha e faireachadh ana-creidimh ag oibreachadh feudaidh e ‘ràdh, A Thighearna, bu mhiann leam creidsinn, cuidich thusa mo mhi-creidimh. Ciod sam bith truaillichdeachd a tha g oibreachadh anns an leth stigh, dheanadh beantuin re cumhachd Chriosd a leigeas.

Uime sin. Thugamaid amhain oidharp air creidsin oir dhoib-san a chreideas, tha na huile nithibh comasach.

III.—’S e’n treas nì’chuir sinn romhain an toradh a ta sruthadh o na geallaidhean so anns an dream aig am bheil còir orra ‘nochdadh. Fàsaidh iad suas mar anns an fhear, mar ghéugatbh seilidh ri taobh nan sruth-chlaisean.

Cha’n’eil ni ann a’s luaith e dh’ fhàsas na m’ féar, ri am uisge agus drùchd, agus cha’n’eil craobh no preas ‘sa choill a’s luaith dh’ fhàsas nan seillearach ri taobh nan sruth-chlaisean. Is amhuil a bhios fàs an fhìor-chriosduidh ‘nuair a theid ‘anam a bheothachadh le drùchd agus frasaibh nan gràs. “Mar an t-arbhar bidh e air athbheothachadh; agas fàsaidh e mar an fhionain, agus bithidh a bholadh mar fhion Lebanoín.” Tha e nàdurr do ghràs a bhì fàs, ach cosmuil ris gach pòr eile, iarraidh e ‘uisgeachadh o’n aird; agus mar faigh e so seargaidh, agus cromaidh e ‘cheann; ach ‘nuair thùirlingeas an dealta neamhaidh, “brisidh e ‘mach, agus thig e fo’ bhlàth mar an ròs.” Agus mar ann an Nàdur ‘s amhuil mar an ceudna ann an gràs: tuitidh an drùchd air uairibh agus beothachidh e gach fèar agus luibh, gidheadh cha chluinn a chluas a’s fearr claisteachd e—cha’n fhaic an t-sùil a’s geire seallaidh e. Air uairibh eile thig an t-uisge ‘nuas na bhoinibh tlà, air uairibh na fhrasaibh trom agus air uairibh le stoirm agus le buaireas gailbheach: ach ciod air bith modh air an tuit an tuisge ‘s ann a chum math na talmhainn. Air a mhodh cheudna tha cuid do dhaoine air an toirt o dhorcha das gu solus, uidh a’s uidh, air mhodh nach urrainn neach a chomharachadh—theagamh, trid beannachadh Dhé air oilean diadhaidh; tha cuid air an tionndadh o pheacadh gu fireantachd ‘nan òige, gun mhòr dheuchainn inntinn; tha cuid eile ris air an toirt gu sliabh Shinai—that tairmeanach agus dealanaich an lagha air an leigeadh fuasgailt air an coguis, mu’n dlùthaich iad ri Criosd anns a ghealladh. Ach ciod air bith mar thig iad, is sona iadsan a ta ann an Criosd: fàsaidh iad suas mar am fèar—mar an seillearach ri taobh nan sruth-chlaisean—fàsaidh iad ann an gràs, agus theid iad air an aghaidh o neart gu neart, gus an nochdar iad coimhionta an lathair an Dé ann an Sion. An sin dearbhaidh iad mar dh’fhàs iad ann an gràs.

Their am fear so is leis an Tighearna mise. ‘Se sin tagraidh e’ chòir air Criosd—Thig e chum an Fhir-shaoraidh, agus dlùthaichidh e ris trid creidimh an t-soisgeul. Thig e gu Criosd agus cha tilgear a mach e. Mar urrainn e ‘ràdh gur leis Criosd, bheir e air a char a’s lugh oidheirp air a ràdh gur le Criosd esan. Ged nach urrainn e ‘ràdh le muinghininn gu bheil gràdh aig Criosd dh’a, ‘s urrainn e’ ràdh le Peadair gu bheil gràdh aigesan do Chriosd—mar urrainn e ‘ràdh gu’n do tharruing Criosd e, ‘s urrainn e, le irioslachd, a ràdh tarruing mi agus ruithidh mi ‘nad dheidh. B’đh e tagradh ris an Tighearna gur Dia tròcaireach e, ‘s ged dhiultas se e ‘gidheadh leanaidh se e cosmhuil ris a mhnaoi o Chanaan. Cha b’ urrain do’n mhnaoi bheannuichte sin a rádh san ‘am, Is leamsa Críosd ; gidheadh thagair i a cùis ; rinn i, mar gum beadh, deasbad ris, agus le buanachadh mar so fhuair i a ‘miann. Feumaidh an t-anam an ni ceudna a’ dheanamh—feumaidh e bhi do ghnà ag amharc ris an t-Slànúear—do ghnà ga thilgeadh fein aig a chosaibh—do ghna a’ gleachd an aghaidh ana-creidimh, agus gun sgur gus am faigh e buaidh. Bheir an Tighearna beannachadh da leanamh fein ; ach feumaidh an leanabh a spionadh, mar gu’m beadh, à lamhaibh Athar. Tha’n Tighearna gu dearbh a’ gealltainn gu’n crath e uisge glan air a phobull—gu’n toir e dhoibh cridhe nuadh, agus gu’n toir e air falbh an cridhe cloiche, ach ‘s àill leis gum fiosrachaich e do thaobh an ni so, le tigh Israeil. Is furasd’ an ni briathraibh steidh mo theigisg aithris. Is leis an Tighearna mise ; ach creid thusa mise, cha’n’eil e cho furasd an creidsinn, agus an aithris tre chreidimh. Tha cuid de dhaoinn am barail nach eil ann an creidimh ach ni furasd. Air mo shonsa dhetb, tha mi, le Pòl, de atharachadh sin do bharail. Theirear cogadh ris, agus ‘s math a thoillean e’n t-ainm. Cha ghniomh furasd greim fhaotainn air Críosd agus an greim so a chumail le féin-fhiosrachadh. ‘Si so cainnt an scriob-tuir agus mothachadh pobull Dhé mu’n chuis.

Agus ainmichear fear eile air ainm Iacoih.—Ceanglaidh se e fein ri eaglais agus ri sluagh Dhé. ‘S ann de mhòr shonas gach fior Israelaich gum feud e aoradh a dheanamh do Dhia maille r’a phobull, ann an spiorad agus ann an firinn. Cha’n’eil anns an ainm Israelaich agus neach a bhi na bhall de’n fhior-eagluis ach an t-aon ni. ‘Sín eagluis corp diamhair Chríosd, agus ‘s e creidimh an ainm a ni neach na fhior bhall dhi.

Agus scriobhadh fear eile le ‘laimh dón Tighearna, agus sloinnidh se e fein air ainm Israeil.—’Nuair a dhaontaicheas neach le cùmhnant no le còrdadh cuiridh e a lamb-sgiobh ris. Tha neach a scriobhadh le ‘laimh dón Tighearna a’ ciallachadh gu’n aontach e leis a chumnant’ shiorruidh. ‘Nuair a phòsas bean gabhaidh i dhi fein sloinneadh a fir-posda. Air an doigh cheudna ‘nuar bheir an t-anam e fein do Chríosd gairmear e air ‘ainm. Far am bheil an tomhas is lugha de ghràs tha e ag aontachadh leis a, “Chumhnant’ a ta air a shuidheachadh anns gach ni agus a choimh-dear.”—2 Sam. xxiii. 5.

Feumaidh sinn ar toil a thoirt suas do Dhia, agus leigeadh leis-san a thoil fein a dheanamh ruinn. ‘S ann de bhriathraibh a chumhant ris am feum sinn ar lamb a chur ma theid sinn air seachran gu smachdaich Esan sinn leis an t-slat. Feumaidh sinn an t-slat a phògadh—sinn fein irisleachadh, agus scriobhadh le’r laimh dón Tighearna : ‘s e sin, feumaidh sinn a bhi naomha mar tha Esan naomha, oir as eugmhais so cha’n’eil e comasach dhuinn a mhealtuinn aon chuid ‘s a bheatha so, no ‘s a bheatha ri teachd. Is aithne do’n Tighearna iadsan a’s leis fein agus se comhara cho soilleir ‘sa ta nam biuthas gu’n do threig iad aing’eachd. Tha sinn do thaobh naduir a dheasbhuiddh naomhachd, agus, uimesin neochoimasach aon dleasnas a dheanamh air mhodh taitneach dh’asan. Le scriobhadh le’r laimh do’n Tighearna, tha sinn ga’r toirt fein thairis dh’a a chum ‘s gu naomhaich e sinn. Feumaidh sinn dol a mach asainn fein gu tur, agus gabhail ri gràs anns a staid inntinn is irosaile. Ach an deigh gach ni is urrainn sinn a dheanamh gheibh sinn mach nach ‘eil ar naomhachd ach fada o bhi coimh-lionta.

Tha na h-uile flor-chriosduidh coimh-lionta ‘na ‘mhiannn—’na run—’na oidheirp. A dh’aon fhocal, bhiódh e coimh-lionta nam b’ urrainn e.

A nis, do bhri nach urrainn sinn an lagh a riarachadh arson ‘na tha seachad d’ar beatha, a thaobh gu bheil ar cridhe truaillidh, agus gu bheil peacadh air a mheasgadh le’r dleasnais is fearr, tha aobhar againn Dia ‘bheannachadh gu bheil ann an cumhant nan gràs fireantachd air a h-ullachadh. Ris an fhireantachd so feumaidh sinn ar lamh-scriobhaidh a chur, agus sinn fein a nochdadh an lathair ar Dé ann an éideadh deallrach umhlachd an Fhir-shaoraidh. ‘Nam bu mhiannn leinn am beannachadh fhaotainn feumaidh sin truscan ar bràthar is sinne ‘chur oirnn. ‘S e naomhachd amhàin a ni neach iomchuidh arson nèimhe; ach ‘s i umhlach Chriosd amhàin tha toirt còir dhuinn oirr’. A ràdh gu foghainn ùmhlachd Chriosd gun naomhachd caithe-beatha, cha’n eil an so ach amaideas. Cha’n’eil neach a ta cur luach air fireantachd Chriosd da-ríreadh nach eil le ‘uile anam an deigh air naomhachd beatha. Cha’n fhan mì’n traths’ ri dhearbhaidh co ac tha truscan na bainnse ‘cialluchadh gràs anns an am, no fireantachd Chriosd air a cur air an amam: feudaidh, do reir mo bheachdsa, an da chuid a bhi air a chiallachadh; air mo shonsa dheth cha’n urrainn mì’n sgaradh na’m inntinn. ‘S e ar dleasnas creidimh—aitrechas—irosslachd—gràdh agus gràsan eile an spioraid a bhi againn: agus ged bhiódh iad so uile againn, cha b’ urrainn dhuinn an tagradh mar am bonn air an gabhadh Dia ruinn. Feudaidh, air uairibh, neul eiridh air an inntinn:—feudaidh dorchas agus marbhalachd—caoin-shuaricheas agus cruas seilbh a ghabhail air a chridhe. ‘Na leithid so do staid thugamaid aire nach tuit sinn ann anearbsa—amhairceamaid ri fireantachd Chriosd. Ged a chailleas fear-fearrannn a phaipirean, ma tha’ chòraichean ann an leabhrachibh an righ, tha a staid tearuinte. Leanamaid naomhachd le’r n’ uile chridhe, ach na caileamaid gu bràth sealladh air umhlachd an t-Slànú’ear. ‘S esan carraig nan linntean—’Se ùmhlachd a choisinn an Spiorad naomh dhuinn—’S e’n Spiorad naomh ughdar ar naomhachd, agus ‘s e naomhachd an tobar anns a’m bheil ar sonas a co-sheasamh.

“An ni a cheangail Dia, na sgaradh duine”: gun suil a chumail air fireantachd Chriosd tha e e-comasach do neach a bhi naomha: agus ciod am feum a ta air Criosd, ma tha ar n’ ùmhlachd fein iomlan — mar biodh ar fireantachd fein mar bhroinneagaibh salach. Nam faiceamaid sin fein direach mar tha sinn, agus mar tha Dia ‘gar faicinn, bhiodh ar cridheachan a’ ploscartaich an deigh naomhachd, mar shlainte spioradail ar n’ anama—agus an deigh fireantachd Chriosd mar stéidh ar dòchais agus ar sonais.

Ma thuigeas sinn gu cubhaidh na firinnibh luachmhor so, chithear gu soilleir an toradh ‘nar giulan. ‘Se Criosd ar LEIGH, se NAOMHACHD ar SLAINTÉ: An abair sinn gur h-i ar slainte choisinn ar n’ oighreachd dhuinn? A dh’aon fhocal, feumaidh sinn teachd gu Criosd mar pheacaich, agus sgriobhadh lèr laimh dò’n Tighearna:—feumaidh sinn a leigeadh fhaicinn gu’n d’rinn sinn so ann an treibhdhireas ar cridhe le caith-beatha stuama cothromach agus diadhaidh—a deanamh deadh-sgeul ar soisgeul an Iosa a shaor sinn.

IV.—Ni mi nis, anns an àite ma dheireadh, tilleadh ris na chaidh a rádh, a chun gu’n deanamaid cò-chur.

Chuala sinn gum feud pobull an Tighearna ‘bhi gearan air cruas cridhe, agus sin eadthon fuidh mheadhonaibh nan gràs: ceasnaicheamaid sinn fein a chum an taobhar fhaotainn a mach: theagamh gu bheil sinn a’ toirt fasgaidh do pheacadh eigin ged tha ar coguis ag innse gur peacadh e. Bheir so cruas-cridhe ‘na lorg—fuadaichinh e’n Spiorad air falbh. Biomaid air ar faicill roimhe so, agus eisdeamaid ri cògar na coguis a chuir Dia ‘nar taobh stigh.

Ach, theagamh gu’n do cheadaich Dia ‘na àird-uachdranachd, cruas-cridhe a leigeadh oirnn, a chum ar creidimh agus ar faighidinn fheuchain, mar rinn e air Iob naomha roimhe. Cha’n’eil ar coguis ag innse dhuinn gu bheil sinn a’ toirt fasgadh do pheacadh air bith, nì’s mo no bha ‘choguis san. Ma’s ann mar so tha, feitheadhmaid air Dia, agus rachamaid lèr cridhe cloiche dhionnsuidh Chriosd. Ni esan a thaiseachadh, agus bheir e air gach ni oibreachadh a chum ar math.

Theagamh gu bheil thu gad fhaireachadh fein falamh. ‘Anaim bhochd! tha thu cruaidh agus tioram—tha thu salach agus neo-ghlan—tha t-anam air a thruailleadh le luibhre a pheacaidh! Thigsa mata gu sruthanaibh an ionaid naomha a .dh’ fhion-araicheas! Thig gu uisge na beatha! thig gu Criosd anns a chumhnant, ceart mar tha thu! gabh ris na gheibh thu agus bi taingeil.

Cia mar tha thu gad mhothachadh fein? Peacach? Abair gu bheil thu peacach, tha Slanu’ear an so agad. Theagamh nach eil thu cho maoth-chridheach ‘s bu mhaith leat: thig a chum an uisge so, taisichidh agus naomhaichidh e thu. Tha Dia a’ gealltainn aithreachas a thoirt, bi cinnteach gu’n coimhlion e ‘fhocal. Am bheil thu salach agus truaillidh? ‘Se do bheatha teachd gu Criosd: glanaidh fhuilsan thu: Tha e sineadh a laimhe is àille dhuit: sin thusa mach do lamh a ta dubh—salach truaillidh, agus cha diult e breith oirre. Am bheil eagal ort nach eil so fior? ‘Stu nach ruig a leis. Tha e air fhocal—tha e air a mhionn gabhail riut. Ciod air bith is galar dhuit tha leigheas aigesan dhuit; ciod air bith do leion, tha aigesan pailteas; Thig air t-aghaidh, thig mar tha thu—thig gu Criosd agus ‘se do bheatha. Ge be thig air an doigh cheart cha teid a thilgeadh a mach; gabhadh e de uisge na beatha gu saor. Tha gach, ni ullamh, thigibh a chum a phòsaidh; Thigibh, arsa Glíocas Dé, ithibh dom aransa agus oluibh de’n fhion a mheasg mi.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice