BHA duine bochd ann am baile Lunnin, do ‘m b’ ainm Joseph, leth-amadan, a b’ abhaist bhi ruith air ghnoth-aichibh agus ag giulan eallaichean feadh a’ bhaile. Là do Joseph ag gabhail na sràide, agus pocan snàthà air a ghalainn, thachair dha bhi dol seachad air eaglais; cluinnear sailm ‘g an seinn, agus rachar asteach a dh’ fheuchainn ciod a chitheadh no chluinneadh e. Chunnaic e minsteir ‘s a’ Chrannaig, agus co ‘thional de dh’ uaislibh, urramach uigheamail ‘n an suidheadh ‘n a fhochair. Sheall gach fear is té a dh’ fhaicinn an duine bochd luideagaich a thainig a steach air an dorus: ach dh’ amhairc, Joseph gu geur air a’ mhinsteir, ag eisdeachd ciod a theireadh e. B’e ‘n ceann teagaig a leugh e na briathra brioghmhor blasda ta an, i Tim. i. 15, “Is fior an ràdh so, agus is fù e air gach aon chor gabhail ris, gun d’thainig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach, d’am mise an ceud fhear.” Shearmonaich am minsteir, gu glan soilleir, fior theagasg an t-Soisgeil, mar a rinn na h-Abstoil o shean, a taisbeanadh gu bheil slàinte shiorruidh ann do na peacach a’s gràineile, tre thoilteanas Iosa Criosd amhain, neach is e an Dia mòr a rinn na h-uile nithe. “Cha n iomadh duine glic a thaobh na feola, cha n iomadh duine urramach, a ta air a ghairm,” mar a deir an t-Abstol, “ach roghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghal so, chum gu n cuireadh e nàir air na daoibh glic” (1 Cor. i. 26, 27).
An uair a bha na h-uaislean ag cluinntinn briathra fallain na Searmoin le beag suim, bha fear nan luideagan a toirt geur aire do gach focal; agus gus an do sguir am minsteir, cha do thog Joseph a shùil dheth. Sgaoil càch mar a chrunnich iad, gun umhail gun chuimhne air na chualadh; ach bha cridhe Joseph làn, agus e ‘g imeachd dhachaidh ag comhradh ris fein; “Cha chual Joseph sud riamh roimhe; Iosa Criosd—an Dia a rinn na h-uile nithe—gun d’thainig e do’n t-saoghal a thearnadh pheacach truagh mar Joseph; agus gu bheil so gle fhior, agus gur cinnteach am focal e.”
Goirid ‘n a dheigh sud, dh’ fhàs Joseph tinn, agus bha e ri h-uchd bàis. “Na luidhe ‘g a charuch’ air a leabaich, b’i so an comhnuidh bu chainnt da, “Se Joseph ceann-cinnidh nam peacach; ach thainig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach; agus is ro chaomh leamsa Criosd air a shon sin.”” Bu mhòr iongantas nan coimhearsnach a thainig g’ a shealltainn, ag cluinntinn an fhocail ud an cœmhnuidh ’n a bheul. Thubhairt cuid bu mhò foghluim na chéile ris, “Ach ciod do bharail mu do chridhe, Joseph? Am faic thu comharan iompachaidh ort fein, a dhuine bhochd? An d’fhuair thu cridhe naomha? Am bheil creideamh fior agad? An do dhùin thu ri Criosd? An aithne dhuit sin a dheanamh, a thruaghain?” “Och! ars’ esan, cha n aithne do Joseph ni sam bith a dheanamh. Cha n aithne dhomh ach so, gur mi fein ceann-cinnidh nam peacach; ach ma ’s fior am focal agus is deimhin leam gur fior, gu n d’thainig Criosd do’n t-saoghail a thearnadh pheacach, c’uime nach feud Joseph bhi air a thearnadh leis?”
An sin dh’ fhiosraich iad c’ait an cual e an teagasg, a bha co thaitneach dha; agus an uair a fhuair iad brath, chuir iad fios dh’ ionnsuidh a’ mhinisteir ag iarraidh gu n tigeadh e a shealltainn Joseph. Thainig esan air ball, ach bha ’n duine tinn air fàs co lag gu m bu ghann a bheireadh e an aire do ni. Thòisich am ministeir air labhairt, agus cha bu luaithe a chual Joseph a ghuth na dh’ eirich e gu grad air uilinn, rug e air a laimh, agus thubhairt e le guth fann, “O Ghaolaich, is tusa caraid an Tighearna Iosa; is toigh leam gu bràth thu air son mar a dh’ innis thu an deadh naidheachd mu Criosd: is mise ceann-feadhna nam peacach ach is fior am focal so, gu n d’thainig Criosd do’n t-saoghail a thearnadh pheacach, agus c’uime nach tearnadh e Joseph? O dean thusa ùrnuigh air mo shon; guidh gu n saoradh Criosd mise; abair ris gur mòr, air leam, mo ghràdh dha, air son gu n d’thainig e do’n t saoghail a thearnadh pheacach mar mise.” Rinn am ministeir ùrnuigh. Air dha sguir, thug Joseph buidheachas dha o’ chridhe. An sin, chuir e a lamh fo’n chluasaig, agus thug e as sin sean chlùdan anns an robh aige cuig Ginidhean ceangailte. Chuir e sud an laimh a’ mhinisteir. “So dhuitse, arsa Joseph, an t-airgid a bha mise tasgaidh fa chomhair feum na séan aoise. Ach cha n fhaic Joseph gu bràth sean aois. Gabh thus e, agus roinn e am measg chàirdean bochda an Tighearna Iosa; abair riu gu n d’fhàg Joseph sud aca air sgàth an Fhirsaoraidh a thainig do’n t-saoghail a thearnadh pheacach, seadh a thearnadh ceann-feadhna nam peacach, ’s e sin Joseph.”—Leis an t-sàruchadh a bha air ag labhairt dh’fhalbh a lùgh, dh’ fhannaich a chridhe, leag e a cheann ris an adhart, agus thug e suas an deò.
A leughadair, ciod i do bharail mu sgeul Joseph?
1. Nach fhaic thu an so àrd uachdranachd agus saor ghràs an Tighearna?
Bha an co-thional ud uile a chual an t-searmoin ’n am peacaich co mhat ri Joseph; bha iad uile ciontach ann an sealladh Dhe, a ’s glaine sùil na gu n amhairc e air peacadh ach le fuath agus gràin; bha iad uile feumach air an t-sainte mhòir sin a chuireadh an céill doibh anns t-soisgeul. Ach am feadh a bha an co-chruinnneach ag cluinntinn an teagaig gun umhail gun sgoinn, thainig am focal le cumhachd an Spioraid gu cridhe Joseph, agus dh’ fhairich e a bhrigh. Ciod a b’ adhbhar air so, ach saor ghràs tabhachdach an Ti sin a ni tròcair air an dream air an dean e tròcair; neach a dh’ fholach na nithe sin o dhaoinibh eagnaidh agus tuigseach, agus a dh’ fhoillsich do leanabaidh iad; neach a thagh bochdan an t-saoghail so gu bhi saibhir ann an creideamh, agus ‘n an oighreachaibh air an rioghachd a gheall e dhoibhsan aig am bheil gràdh dba. A chum gu faicte cia saor agus cumhachdach Gràs De tha an t-Abstol ag innseadh gu n do roghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail, chum gu n cuireadh e nàire air na daoinibh glice; agus nithe anmhunn an t-saoghail, chum gu n cuireadh e gu nàire na nithe laidir; agus gu n d’rinn e mar sin chum na ceart criche so, nach deanadh feoil sam bith uaill ‘n a fhianais, ach esan a ni uaill gu n deanadh e uaill anns an Tighearn, 1 Cor. i. 27-31.
Cha n ionann so agus barail ioma duine. Mar is trice, nuair a bheirear duine fuidh fhaireachdainn pheacaidh, ‘s an bu mhath leis ni eigin a dheanamh leis an tugadh e as e fein o fheirg Dhe, agus leis an cosnad e a dheadh-ghean. Is iomadh iad a ta ‘g iarraidh am fireantachd fein a chur air bonn, gun stroichdadh do fhireantachd Dhe; agus muinntir eile ag iarraidh an cridhe leasachadh le ‘n dichill fein agus a chur am fonn gu gabhail ri Criosd. Cha b’ i sin idir barail a bha aig Joseph mu shlighe na slàinte.
2. A leughadair, nach fhaic thu an so gur e toradh an t-Soisgeil gràdh do Dhia agus d’ a phobull?
Ghabh Joseph ris an fhocal a chual e, cha b’ ann mar fhocal dhaoine ach mar fhocal Dhe; ghabh am focal sin freumh ‘n a chridhe tre creideamh; agus an sin dh’ fhàs e suas gu tarbhach. Fhuaradh ann an cridhe Joseph an gràdh do Chriosd mu’n do labhair an t-Abstol Eoin, “Tha gràdh againn dha-san do bhrigh gu n do ghràdhaich esan sinne an toiseach” (1 Eoin iv. 12). “O dean ùrnuigh,” arsa Joseph ris a’ mhinisteir, “air mo shon; guidh gu n saor Criosd mise. Abair ris gur toigh le Joseph e air son gu n d’thainig e do’n t-saoghail a thearnadh pheacach mar Joseph.” Ged dhlighear mor ghràdh agus urram do Dhia mar a ta e ann fein, iomlan ‘na uile fheartaibh glormhor; gidheadh b’ e gràdh Dhe ann a mhac ionmhuinn a thabbairt thairis air son pheacach; b’ e gràdh Chriosd ann a theachd a shireadh agus a shaoradh pheacach truagh caillte; b’e so an ceud ni a bhean ri cridhe Joseph, a dhuig ‘Thaireachdainn, agus a bhuing a ghràdh.
Is ann mar sin a tharlas a thaobh gach anama a chosnar le saor ghràs. ‘Se gràdh Chriosd, air a sgaol-eadh feadh a’ chridhe leis an Spiorad naomh, a bheothaicheas gràdh ann an cridhe a’ pheacach. Taisbeanaidh an gràdh so e fein le umhlachd do uile aithntibh an Tighearna, agus an dichioll air “teagasg an Tighearna sgeadachadh,” agus maisé chur air aidmheil no diadhaidheachd, le deadh bheus agus caithe beatha do reir an t-Soisgeil. Cha b’ urrainn Joseph, air adhart a’ bhais, a ghradh do Dhia a thaisbeanadh le a chaithe-beatha; ach nochd e durachd a chridhe ‘n a dheadh rùn d’ a phobull air son gu b’ iad cairdean Criosd. Co luath ‘s a chual e guth a’ mhinisteir aig oir a leapa, ghlaodh e “O is tusa caraid an Tighearna; is maith a dh’innis thu m’ a thimchioll; is toigh leam gu bràth thu air son mar a labhair thu mu Chriosd; is ionmhuin leam gach aon leis an ionmhuin Criosd.” Agus dhearbh e gu m b’ fhiar mar thubhairt, nuair a thug e na bh’ ‘aige ‘s an t-saoghal do chàirdibh bochda an Tighearna Iosa.
3. Nach fhaic thu an so rithist, gur e Creideamh an t-Soisgeil an t-aon ni a chumas suas misneach duine, nuair a chi e am bàs teann a air?
Cha b’ ann a ghlac Joseph misneach, ri àm bàis, a chionn gun robh a pheacan beag no tearc. Cha dubhairt e “tha ioma fear a ‘s miosa na Joseph anns an t-saoghal; tha Dia tròcaireach, agus tha mi ‘g earbsadh nach cunart domh; bu mhath do’ ioma fear mur biodh r’a agairt air ach na tha air Joseph bochd.” Cha b’ i so idir bu chainnt da. B’ i iobairt Chriosd an t-aon bhonn air an do leag e a thaic agus air an do thog e a dhòchas, an uair a bha e mar cheum do’n bhàs; an uair a bha breitheanas agus bithbhuantachd làn shoilleir ‘n a bheachd. Air fhireanachadh tre chreideamh, bha sith aige ri Dia trid an Tighearna Iosa Criosd, agus rinn e gairdeachas ann an dochas glòire Dhe.