LE MR. EOIN UELSH.
“Gu’n deoinicheadh e dhuinn, air dhuinn bhi air ‘ar saoradh o lamh ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhis da as eugmhais eagail. Ann an naomhachd agus ann am fireantachd na lathair fein, uile laithean ar beatha.”—LUCAS i. 74, 75.
D’H’IARRAMAID beannachadh Dhe, agus lâthaireachd an Spioraid a bhi air a ghiúlain maillé ri fhocal fein, a dh’ionnsuidh críche gach neach agaibh, a chum feum a dheanamh dheth na meadhonaibh so th’air ann an òrduchadh leis fein, a chum aoidheachd a thabbhairt da lâthaireachd ann bhrunn-anama. ’Nis, a chum so a thuigsinn, bheir sibh fainear, mu fhàistneachd Shechariah, a rinn e fhaidheadaireachd an deigh dha bhi air a bhualadh balbh rè uine naoi miosan, air son a dhith-creideamh.
’Nis, ’nuair a tha’n leanabh air a bhreith, agus a tha e gu a bhi air a bhaisteadh, tha theanga’ air a fuasgaladh, agus, air dha bhi air a lionadh leis an Spiorad Naomh, tha e ag cuir an céill an fhàistneachd so: far am bheil e, air tús a’ briseadh a mach ann am buidheachas do Dhia air son coimhlionaidh a gheallaidh, agus air son cuir a Mhic fein a chum saoradh a shluaigh a bha caillte; agus anns an ath àite, tha e ’g innseadh dhuibh ciod a chrioch air son an robh so air a dheanamh, sin r’a radh, “Air dhuinn, a bhi air bhr saoradh a lamh ’ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhis da as eugmhais eagail, ann an naomhachd agus ann am fireantachd ’na lathair fein, uile làithean ar beatha.”
’Nis, a chum teachd a dh’ionnsuidh a ni a tha anns an rùn, leagaidh mi dhuibh fhaicinn air tús cia mar a ta so an crochadh ris na nithe mu’n do labhradh roimhe.
2. An fhad ’sa thainig sinn air ar n-aghairt, agus sin a tha sinn gu laimhseachadh; agus an deigh sin labhraidh mi focal na dha mu’n a so gu h-ath-ghearr.
Bha ceithir nithe air an teagasg dhuibh, a chum bhr stiureadh a dh’ionnsuidh caitheadh beatha diadhaidh agus chriosduidh, tha an tuigsinn agus an cleachdadh, gu leir feumail, air doigh ’s gu’m feum sibh an deanamh, na’m b’ail leibh Dia a ghloircachadh ann an so, agus bhr cuid a bhi agaibh do’n bheath-shiorruidh an deigh so; feumaidh sibh ’araon eolas fhaotainn orra agus an deanamh, no bithidh bhr saothar gu leir ’san aideachadh ann an diomhanas.
Air tus, Feumaidh sibh an creideamh tearnaidh sin a bhi agaibh a’ deanamh greim air sàbhaladh, a bha air a sheuladh, air a ghealltainn, agus air a nochdadh, ’s air a dhaignheachadh, air a bhuaadhachadh ’s air a cheannach, le fuil Iosa Criosd; agus ’se so am bunait ’sa charraig air am feum sibh bhr tigh a thogail, na’m b’ail leibh e seasamh anns an t-saoghal so agus anns an t-saoghal a ta ri teachd; agus ‘se so a charraig chan e mhain air am feum sibh bhur n-aithreachas a thogail, ach mar an ceudna bhur sàbhaladh, agus a ni as eugmhais gu bheil na h-uile diadhachd ann an diomhanas, oir mur tog thu air a bhunait so, na h-uile togail a ni thu tuitidh e sios, “agus bunait ‘eile cha’n urrainn duine sam bith a shuidheachadh ach am bunait a shuidhichheadh a cheana’, ni ‘se Iosa Chriosd air a ghabhail troimh Chreidimh; ‘se so am bunait air am feum thu do shlàinte a thogail, oir cha’n eil ach saothair chailte gu leir ad’ shaothair ‘san diadhachd, ma ‘se agus gu’ bheil thu fathast ad’ sheasamh eadar dha bharail, agus mur d’fhuair thu fein air do fheumhachadh gu daingean agus air do shuidheachadh ann an Críosd, a chum’s gun d’thoir thu d’ùbhlán do ifrinn, do’n bhàs, do’n uaigh, agus do’n chuid eile do d’ naimhde gu leir; air doigh ‘s gu’m feud thu radh, fhuair mi sàbhaladh ann am fùil Iosa, agus sin air a sgiobhadh ann mo choguis le a Spiorad fein. ‘Se so a cheud ni a dh’fhéumas sibh a bhi agaibh, mu’n urrainn sibh seirbhis a thabhairt do Dhia ann bhur caith’ beatha agus ann bhur giùlain Chriosduidh, agus seirbhis a thabhairt da as-eugmhais eagail; agus uime sin tha agaibh an so, “air dhuinn, a bhi air ar saoradh o laimh ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhis da as-eugmhais eagail.” Cha bhi seirbhis do Dhia, gus an creid thu air tús gu’n do shaor Dia thu a mach a lamhan an diabhuil, a pheacaidh, agus o cheartas Dhia, agus o do naimhde gu léir; cha bhi seirbhis do Dhia, as eugmhais eolas a bhi agad air tus air thu a bhi air do dheanamh ad’ dhuine saor agus ad’ fhear baile do’n nuadh Ierusalem sin: air an aobhar sin ‘se so a cheud stéidh a dh’fheumas sibh a shuidheachadh, creidimh air bhur saoradh, agus bhur fuasgladh as lamhan bhur n-uile naimhde. ‘Se mo bharail nach’eil a h-aon agaibh a shuidhich am bunait so fathast, uime sin guidheam oirbh toisichibh agus suidhichibh a nis e air sgàth Iosa Críosd. C’ar son a bhiodh sibh air bhur tilgeadh air bhur n-ais uaith, ‘nuair a thig e ann a mhor ghloir; agus am bi aithne aig air a bheag, an saoil sibh-se, ach air buill a chuirp féin, a rinn greim air troimh chreidimh?
An coisinn neach air bith a dh’ionnsuidh a bhaile nuadh sin, ach iadsan a thig, le’n trusgana air an glanadh ann am fùil Iosa? Am bidh sith air neamh no air thalamh, no ann an coguis, do neach sa’m bith ach dhoibh-san do’n do cheannaich fhuil-san e, agus gus an creid iad ann? Air an aobhar sin tha mi ‘g radh, toisich agus suidhich so mar a chlach-iuil ann do chridhe, creideamh anns an Tighearn Iosa Críosd.
Bunait eile, dh’innis mi dhuibh, a ni b’e so, creidimh, cha’n ‘e a mhàin gu ruigheachd air geallaidhean na slàinte agus air maitheanas do pheacanna, ach feumaidh tu a chreidsinn mar an ceudna, na h-uile a ta sgiobhta ann am focal De, anns an lagh, agus anns na faidhean, agus anns an Tionnadh-nuadh; feumaidh tu uile àithntean Dhia a chreidsinn; feumaidh tu uile bhagraich-ean a chreidsinn, a gheallaidhean uile, mar-aon anns an t-saoighal so, agus air son an t-saoghail a ta ri teachd; oir ni cùraimean amharusach an t-saoghail do chridhe a ghearradh ann an uin ghoirid, agus do thilgeadh ann an leithid do theagamh, ma ‘se agus nach creid thu geallaidhean Dhe, ‘s gu’m bi e do-dheanta dhuit do shith ri Dia a chumail a bhuneas dhuit anns a bheatha so. Am bheil thu ann an trioblaid? Cuimhnich a ghealladh, “Gairm orm ann an là na trioblaid, agus eisdidh mis riut.” Am bheil thu ann an ro-chùram agus ann am buaireadh-intinn, do bhrigh ‘s nach urrainn thu lagh Dhe fhaotainn air a sgiobhadh ann do chridhe? Cuimhnich a ghealladh; “Agus sgiobhadh mise mo lagh ann do chridhe, agus cuiridh mi m’eagal an taobh a stigh dhìot, a chum ‘s nach imich thu gu bràth air falbh uam.” Am bheil thu fo’ eagal nach buanaich thu a dh’ionnsuidh na criche? Cuimhnich a ghealladh, “Cha d’theid a h-aon deth mo chaoraich-sa am mugh. Bithidh mise maille ribh gu deireadh an t-saoghail. Cuiridh mis an Comhfhurtair do’r n-ionnnsaidh, an Tì, ‘nuair a thig e, a threòiricheas sibh a chum gach uile fhirinn,” Féumaidh tu na bagraichean gu leir a chreidsinn, agus uile mhallachdan an lagh’; agus bheir so ort na’s mo do luach a chuir air fuil Iosa, a rinn do shaoradh bho’n a mhallachd, agus a thug air falbh an “lamb-sgiobhidh, agus a rinn a thairneadh ris a chrann a cheus.” Feumaidh tu a chreidsinn, ma ‘se ‘s gu’n d’theid thu as an t-slighe, gu’n coinnich thu ri drisibh agus droigean ann ad’ thaobh, agus ri iomadh plàighean agus trioblaidean, agus ri croisibh agus buairidhean iomadh-filte; agus cumaidh so do chridhe an comhnuidh fo’ eagal; tha thu ceangailt gu a bhagraichean gu leir a chreidsinn, agus uile mhallachdan, fuidh phein a ni nach lugha na d’teadh siorruidh. Cha’n iongantach ge do tha leithid do dh’ fhuasgailteachd ann bhur n-aidmheil, do bhrigh’s nach ‘eil na bunaitean so gu cinnteach air an suidheachadh ann an cridheachan dhaoine agus mhnathan.
Agus air tus, creid sàbhaladh, a chum’s gu’m feud thu a radh, Thighear, ‘s leat mi, agus is leamsa thusa, tha sinn air ar n-aonadh ri chéile le ceangal an Spioraid, agus cha’n urrainn a bheag sam bith ar dealachadh; agus uime sin ciod sam bith ni a dh’iarra tu orm a dheanamh, ni mis e.
Bheireadh creideamh ‘s na nithe so ort do ghnath ann an tigh ‘s ann an teaghlach Dhia, nach bu dàna leat amharc a mach air an dorus, mur biodh fuil Chriosd ‘ga do chòmhdaich. ‘Se so a cheud stéidh creidimh.
B’e ‘n dara ni a dh’innis mi dhuibh, ath’rachadh a cridhe, bhur n-ath-nuadhachadh, no ar n-ath-ghineamhuinn, no ‘r n-iompachadh, no’r nuadh-bhreith, no ciod sam bith a ghaireas sibh dheth, cha’n eil ann ach an t-aon ni. Feumaidh ath’rachadh iomlain a bhi air a dheanamh air do bheatha ‘s air do ghiúlain; agus ‘se so an ath bhunait a dh’fheumas tu a shuidheachadh, athreachas do thaobh Dhé; oir ‘sann a chum na criche sin a tha sibh glan, agus air bhur n-ionnlaid trid creidimh ann am fuil Chriosd, an ti, “tre na spiorad shiorruidh, a thug e fein suas gun smal do Dhia, eadhon gu bhr coguisean a ghlanadh o oibre marbh, a chum’s gu’n deanadh sibh seirbhis do’n Dia bhéo; oir co fhad ‘s a tha uile-bheistean, agus dràgoinnean, agus dhiabhlleibh ‘gabhail comhnuidh ann do chridhe, agus a’ cumail an tigh ann an sith, bithidh do dhiadhachd uile ann an diomhanas, gus am bi an duine làidir air a chuir a mach le duine na’s treise; agus uime sin feumaidh tu cungaichd-ghlanaidh a bhi air a cuir ann do chridhe, a ni ionnluid agus a ghlanadh, a chum’s gu’n gabh an Spiorad Naomh comhnuidh ann; feumaidh tu oibre na dorchadais a thilgeadh air falb, agus armachd an t-soluis a chuir umad; feumaidh tu a dheanamh mar a ta am Fáidh Isaiah ag radh, (Isa. i. 16,17). “Nighibb, glanaibh, cuiribh air falbh olc bhr deannadais as mo shealladh; sguiribh do’n olc. Foghlumaibh maith a dheanamh; iarraibh breitheanas: deanaibh fuasgladh air an fhear a thà sàraichte; cumaibh còir ris an dilleachdan; tagraibh cuis na bántraich.” Agus mar sin tha do chridhe air a ghlanadh tre chreidimh.
‘Nis, ‘san treas àite, Cha’n e a mhàin gu’m feum thu a dheanamh glan, ach a choimhead glan. ‘Nis, air an aobhar sin, feumaidh tu a tharruing a mach gu tric fa’ chomhar solus focail Dhia, a chum’s gu’m faic thu na nithe truaillidh a tha’n taobh a stigh dhiot, agus gu feum thu a bhi air do shaoradh uatha, oir cha’n e aon chung-aidh-ghlanaidh a ni do ghlanadh, ach feumaidh tu iomadh purgaid-ghlanaidh leis an fhuil; ni mo is aon deoch a ni do ghnothach, ach feumaidh tu bhi gu minig ag ol de’n fhuil sin; do bhrigh ‘s gu’m bheil thù a’ peacachadh gach latha, agus mar sin tha thu a’ truailleadh do chridhe gach là.
Agus 4, Agus anns an àite mu dheireadh, Feumaibh tu sealtainn air lagh Dhe, agus beachd-smuaineachadh air a là agus a dh’oidche, agus na leig leis gu bràth dealachadh o d’ shuillibh.
Air na buainaite so feumaidh tu do thigh a thogaill ann an Dia, agus cha tuit e, agus feudaidh tu clach a shuidheachadh air cloich, oir gabhaidh Dia comhnuidh ann an sin; agus tha e na dheadh thogail air a leithid sin do bhunait. ‘Nis, co air a dh’fheumas tu caith’ beatha a chriosduidh a thogail, doigh beatha a thoilicheas Dia; tha e cruaidh ort a bhi seachnad an uile agus deanamh a mhaith? Freagram, Thus’ a fhuair a bheath shiorruidh air tóiseachabh annad, thus a tha creidsinn na h uile ni a tha sgrìobhte ‘san lagh, agus anns an t-soisgeil, thus a fhuair deoch mhlis do dh’ fhuil Iosa Crisd, agus thus a fhuair an spiorad caoinhneil sin, agus an Spiorad Naomh ‘gad shòlasachadh agus a toirt aoidheachd dhuit. Tha mi cinnteach nach toir thus’ aoidheachd do namhaid follaiseach ann do chridhe gu esan fhogradh a mach, agus tha mi cinnteach gu’n dean thu na tha ‘ad chomas a chum aoidheachd a thabbhairt do’n spiorad mhaith; agus ‘se’n t-aon doigh air a deanamh, le a bhi seachnad an uile agus a’ dheanamh a mhaith. Nochd mi dhuibh am maith bu chòir dhuibh a dheanamh, agus an t-olc nach bu chòir dhuibh a dheanamh. Agus tha so air a chuir sios anns na h-àithntibh. Is subhach a dh’fheudas an t-anam a bhi, air son a lamhan a bhi air an lionadh leir na nithe maith so, a tha’n Tighearn ann a fhocal ag aithneadh dhuit a dheanamh.
B’e ni fa’ dheireadh a dh’innis mi dhuibh, na meadhoinean bu chóir dhuibh a chleachdadh, an doigh caith’beath a b’ail le Dia a bhi agaibh, agus an doigh caith-beath a dh’fheudas sibh fhaotainn ma dh’arras sibh e, agus tha e tabhairt gloir do Dhia agus gairdeachas do bhur n-anama fein. Na di-chuimhnich mór ghloir Dhé, ‘nuair, thus, a bha roimhe ad’ seirbhiseach aig an diabhul, gu bheil thu’ nis a thoirt seirbhis do Dhia; thus a bha air an rathad do dh’ifrin, gu bheil thu ‘nis air an rathad do neamh; thus a bha caillte ann an Adhamh, gu’m bheil thu ‘nis air do thearnadh ann an Criosd, agus nach d’thoir sin mar an ceudna mór ghairdeachas agus shith do t-anam? Air an aobhar sin dh’innis mi dhuibh na caochala’ meadhoinean a thug Dia dhuibh, ma ni sibh feum dhiubh, gu’m feud sibh seirbhis a thoirt da gu diadhaidh.
Agus air tús, lathaireachd ghloirmhor Dhe anns a cho’thional fholliseach, le frithealadh an fhocail agus na sacramainte, a shònruich e fein a mach dhuibh; an sin fa fhuil an tiomnaid-nuaidh, a dhoirt e air son peacanna’ mòran, an sith, am fireantachd-san anns an fhuil sin; agus ann an sin tha na h-uile b’ail leat a bhi agad. Anns an ath àite, dh’òrduich e na meadhoinean uaigneach so do chaithris agus ùrnuigh do ghnàth, aire dhichiollach agus chùramach a thabbairt do d’ chridhe, nach d’theid e thar criochan lagh Dhia; agus a’ beachd-smuaineachadh air nithe spioradal no neamhaidh, a chum agus le sin gu’n suidhich thu do chridhe far am bheil Criosd do Thighearn.
3. Uile armachd Dhe bù chóir dhuibh a chuir oirbh, agus a chleachdadh gach là.
“Seasaibh uime sin air bhi do’r leasraibh air an crioslachadh le firinn, agus uchdeididh na fireantachd umaibh; agus ullachadh soisgeil na sith mar bhrògan agaibh air bhur cosaibh; thar gach uile ni, a’ glacadh chugaibh sgeith a chreidimh, leis am bhi sibh comasach air uile shaigde teinteach an droch spioraid a mhùchadh; agus glacaibh clogaid na slàinte, agus claidheamh an Spioraid, nì a ‘se briathar Dhe; agus deanaibh ùrnuigh a ghnàth leis gach uile ghnè ùrnuigh agus asiachaidh ‘san Spioradh, agus deanaibh faire a chum an ni so fein maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidheadh air son na’n naoimh uile.” Feumaidh tu an armachd so a chuir umad, gun chur dhiot gu bràth tuille, agus ni e do chridhe mar chridhe leomhain, agus bithidh tu ad chùpan puinsean, agus eibhlean teine, agus mar bhalladh umha do d’ uile naimhde; oir mar a ta’n t-Abstol ag radh, “Cha’n e’l ar n-innealaibh choghaidean, feolmhor, ach spioradail, agus cumhachdach, o Dhia, gu bhi tilgeadh sios daighnichean-laidir, agus gach smuain, agus ni àrd a tha ga árdachadh fein ann an agaidh Dhe, no ‘an agaidh eolais De, agus a’ tabhairt am braigdeanas gach smuain a chum umhlachd Chriosd; agus dhioghaltais ullamh againn ann an aghaidh gach uile eas-umhlachd, ‘nuair a chiomhlonar bhuir n-umhlachd-sa.” Mar so cha’n’eil neart dh’an dána cuir ad’ aghaidh, ‘nuair a tha thu air d’éideadh le armachd Dhe. ‘An sin ma ta, ciod am mothachadh tha agad annad fein, air doigh ‘s gu’m feud thu radh, ann an so thuit mi, ann an so dh’eirich mi a ris; ann an so, bha mi air mo thilgeadh sios, agus ann an so bha mi air mo togail suas a ris; ‘an so bha mi fo thrioblaid, agus ‘an so fhuair mi sólas, agus ‘nuair nach b’urra’ mi fein a m’aonar a bheag a dheanamh, ‘an sin labhair mi ri muinntir eile, agus cha bu luaith a thainig am focal as mo bheul, no thainig an Tighearn ann ar measg-ne, agus bhláthaich ar cridheachan leis a mhothuchadh; air doigh’s gu’m feud thu a radh maile ri Iacob, “Bha’n Tighearn anns an áite so, agus cha robb fios agam-sa air.” ‘Nis, bheir do mhothuchadh fein mór shólas dhuit, agus air doigh àraidh ni do mhothuchadh ‘san ám a chaidh seachadh do ghlusad suas, agus do mhisneachadh, air a leithidh do dhoigh ‘s ma dh’ionndraineas tu e air aon sràid, gu’n iarr thu e air sràid eile agus mar sin gu’m faigh thu e. Agus, a thaille air a so aoradh uaigneach Dhe anns an teaghlaich, mar úrnuigh moch agus ammoch, agus a’ comb-labhairt air focal Dhe, agus an t-ordugh sgiamhach sin ann do theaghlach. Agus tha mi cinteach, sibh-se a tha cleachdadh a mheadhon so, gu’n d’fhuair sibh beannachd Dhia ann.
(Ri leantuinm.)