LE MR. Eoin UELSH.
“Ach ma tha ar soisgeuine folaichte, is ann doibhsan a ta caillte, a tha e folaichte: Anns an do dhall Dia an t-saoighail so inntinn an droinge nach ‘eil na’n creidmhich, air eagal gu’n desirachheadh orra solus soisgeil gloirmhoir Chriosd neach is e iomhaigh Dhia.”—2 CORINT. iv. 3, 4.
THA da ni fathasd gu bhi air an labhairt a chum fiosrachadh a thabbairt do choguis gach neach, aig a’ bheil inntinn a dhol air an aghaidh a dh’ionnsuidh na rioghachd neamhaidh sin, chuala sibh cia mar bu chòir duibh aimsir bhr cuairt ann an so a chaitheadh, agus ciod iad na bunaitean bu chòir dhuibh a shuidheachadh, air am feud sibh bhr tigh a thogail; sin ri radh.
-
Creideamh anns an Tighearn Iosa, agus ann an uile fhirinnibh Dhe.
-
Cridhe glan agus air ath-nuadhachadh, agus buanachadh do ghnà’ ann an aoradh Dhe a dh’ionnsuidh na criche.
-
Na cuidichidhean a thug Dhia dhuibh, chuala sibh iad, agus fhuair fein-fhiosrachadh na’n uile naoimh iad gu bhi na’n cumhachd Dhe a chum slàinte.
-
Chuala sibh cia mar bu chòir duibh gach aon là a chaitheadh, agus cia mar bu chòir duibh rùn a bhi oirbh, ‘nuair a luidheas sibh sios, eadhon an uair a tha sibh a’ luidh sios gu’m feud e a bhi na fhear-faire os bhr ceann ré na h-oidche; agus ‘nuair a dhùisgeas sibh sa mhaduinn, gu’m bi e dhuibh na chomhairleach ré an lá gu h-iomlain: feumaidh bhr creidimh bhi cumail greim air gealladh na slàinte, agus ré an là uile feumaidh sibh a bhi a’ feitheamh air teachd Chriosd anns na neulaibh, agus feumaidh eagal Dhe a bhi do ghnàth fa chomhar bhr cridhibh, agus feumaidh gràdh Dhe bhr comh-éigneachadh a chum gach uile dheadh obair, agus feumaidh sibh seirbhis a thabbairt dà as eugmha is eagail rè uile laithibh ‘ur beatha, agus gu’m bi a ghloir-san na chùram sónraichte dhuibh, agus an t-aon ni a bhios sibh
ag iarraidh. ‘Nis, ni so sibh ullamh gu Dia a thoileachadh ‘sna h-uile nithe, agus cuiridh e faire air bhuir cridhe agus air bhuir beul nach d’thoir sibh oilbheum do Dhia. Tha fios agam nach faigh sibh na nithe so deanta ann an tiotadh, ach gidheadh feumaidh sibh eolas fhaotainn orra, agus feumaidh sibh strì a dheanamh gu’n chleachdadh; agus an giùlan glòirmhoir so, ge nach urrain sibh fhaotainn ann an iomlanachd, gidheachd ma ni sibh strì gu fhaotinn, ni an dearbh spàirn so sibhse gloir-mhoir ann an sealladh Dhe, agus bheir e air muinntir eile Dia a ghloireachadh, ‘nuair a chi iad gu’m bheil a leithid do chumhachd gloirmhoir anns an t-soisgeil, air doigh ‘s gur urrainn e na h’uile a chreideas ann a thearnadh.
‘Siad an dá ni, tha mi ag radh, a tha ri bhi air an labhairt,
Air tús, A leagail fhaicinn duibh ciod iad na h-amlaidhean a bhitheas air an tilgeadh ann bhuir cridheachan le sàtan, gu bhuir cùrsa a bhacadh anns a chreidimh Chriosduidh.
Agus anns an ath àit, Gu leagail fhaicinn duibh ciod iad na còirichean gloir-mhoir a th’ agaibh, na’m b’e ‘sgu’m b’aithne dhuibh ciod a tha ann an inntinn an Tighearn a thabhairt dhuibh, gu’n ruitheadh sibh bhuir réis le gairdeachas agus sòlas, agus bheireadh so oirbh, leis na h’uile dánachd agus seasmhaileachd, buanachadh a dh’ionnsuidh na criche.
Mar air son a cheudh ni, Thagh mi an t-àite so a chum fhosgladh suas, agus a chum’s gur fearr a thug eas sibh e, aithrisidh mi dhuibh cuid do nithe. Anns a chaibdeil air thoiseach, tha e ag innseadh ciod e a mhinisteir’lachd anns an robh e air a chuir, ministeir’lachd a tha tabhairt beatha do anam marbh, ministeir’lachd a tha ‘fosgladh sùilean a pheacaich dhail a chum iomhaigh ghloir-mhoir Mhic Dhe; agus tha e aig innseadh, anns an earrainn air thoiseach, cia mar a ghnàthaich e a mhinisteir-lachd. ‘Nis, anns an treas rann tha e freagradh cuis-ghearan; oir dh’fheadadh cuid a radh, ma ‘se is gu’m bheil do mhinisteir’lachd co gloir-mhoir, ciod e an t-aobhar gu’m bheil e air fholach air co iomadh? Tha e a freagradh, “Ma tha ar soisgeil-ne folaichte, is ann dhoibh-san a tha caillte a tha e folaichte.” Mar gu’n abradh e, ‘Bheil sibh a’ feoireach c’air son a tha e air fholach? Freagram, Ma tha e air fholach, cha e air fholach air an duine no air a bhean sin a tha air an órduchadh a chum sgrios; ach ma tha thusa do’n àireamh a bhios air an tearnadh, feumaidh en soisgeil so dealradh an do chridhe.
An deigh sin, anns a cheithreamh rann, tha e ag innseadh ciod is aobhar da so; tha e ag radh, “anns an dhal Dhia an t-saoghail so sùilean agus inntinnean na dream nach ‘eil na’n creidmhich, air eagal gu’n dealraicheadh orta solus soisgeil gloir-mhor Chriosd;” Dia an t-saoghail so, agus cha’n e an saoghal ri teachd? Tha so na ni iongantach, gur e an diabhul Dia na dream sin dha bheil an soisgeil air fholach; agus gidheadh tha so fior; oir tha e annta, agus tha e a’ rioghachadh agus a riaghladh annta. Tha so na ni eagalach, gu bheil an diabhul a’ rioghachadh anns cho lion agaibh
‘s air nach do dhealraich an soisgeil, agus tha e a’ dalladh do shuilean, a chum’s nach faic thu gloir Dhia air fhoillseachadd anns an t-soisgeil; agus tha dá sheòrs dhaoine agus mhnathan anns an t-saoghail ris a’ bheil e a’ buntainn mar sin, agus mar-aon air caochalaiddh do dhoighibh, An leithid agus nach ‘eil air an ath-nuadhachadh tha e aig strì gu’n cumail mar sin, a chum’s nach d’thoir iad an cridhe gu brath le’n toil a dheanamh seirbhis do Dhia; agus mur urrainn e do ghairm a bhacadh, cuiridh e amalaidean agus cip thuisliadh ‘san t-slighe gu do chùrsa a bhacadh: uime sin an leithid agaibh’s nach robh riamh air an ath-nuadhachadh, agus air nach do dhealraich an soisgeil so riamh, agus nach faca riamh ‘ur truaighe, no luach na fola sin, no dochas na gloir sin, biodh fhios agaibh gu bheil an diabhul ‘na sheasamh ann bhur rathad, a chum ‘ur cumail o’n t-slighe air am bheil sibh fhaicin, a chum’s nach faic sibh gu brath an truaighe gun chriche sin a dh’ionnsuidh am bheil sibh a’ dol; gus an tig an t-àm anns an tuit sibh ann.
A mheud agaibh a tha mar sin, cha’n ‘eil fhios agam-sa cia fhad a bhitheas sibh mar sin; ach tha mi ‘g ‘ur fágail do’n Tighearn: a mhàin so tha mi ag radh ribh: Na foisichibh gu socrach, faicibh nach gabh sibh fois gus am bi sibh cinnteach a bhi air taobh steach cuirt fuil Iosa Crìosd; oir cha mhair àm na’n gras fada, uime sin na caillibh slainte shiorruidh air son toilintinnibh ùin ghoirid. C’air son a bhiodh a h-aon agaibh air an druideadh a mach o dhorsaibh na flaithenaais, agus a bhi faicinn muinntir eile dol a steach? Uime sin bu chòir duibh uile an aire thabhairt dhuibh fein, oir is ni cudthromach dhuibh e, agus tha’n diabhul a’ dalladh inntinnean mòran agaibh a chum’s nach amhairceadh sibh gu brath ris an aoibhneas shiorruidh sin, no fathasd ris na piantaibh shiorruidh sin, gus an caill sibh an dara h-aon, agus an tuit sibh anns an aon eile, sin tha mi ag radh, gu bheil feum agaibh an aire thoirt dhuibh fein:
Agus ann an so tha mi ag àithneadh dhuibh ann am fianuis Dhe, agus ann an làthair a Mhic Iosa Crìosd, a reubas na neamha’, agus a thig a nuas maille ri ainglibh cumhachdach, ann an teine lasrach, agus a shuidheas air a righ-chaithir, agus a bheir breith mar-aon air na beò agus àir na mairbh, na gabhaibh fois gus am faigh sibh an creidimb beò agus fior so, a bheir troimh sibh anns an latha mhòr sin; agus a mheud agaibh ‘s a fhuair e, agus a tha air bhur n-ath-nuadhachadh, Feumaidh mi innseadh dhuibh mu na clachan ‘s na cip-thuisliadh, a tha na’n luidhe ‘n’ur rathad chum ‘ur bacadh a nis ann bhur turrus, a chum’s gur aithne dhuibh iad ‘nuair a chi sibh iad, agus nach tuislich sibh orra, ach gu’n leum sibh thairis orra. Tha fios agam gu’n robh moran agaibh air am bacadh ‘o chreidsinn, agus cha’n ‘eil fhios agaibh ciod e a bhac sibh, agus ma ‘s aithne dhuibh iad, cha do chuir sibh na’n aghaidh; rinn mòran agaibh ruintean sgiambach a chuir oirbh, ach cha do choimhid sibh iad, do bhrigh ‘sgu’n d’fhuair sibh amlaidhean ‘san t-slighe, agus cha’n ‘eil fhios agaibh co a
chuir ann ‘ur rathad iad; air an aobhar sin bhiodh e gu maith air bhur son fhios a bhi agaibh co a bhac sibh ‘o chreidimh. Co a tha deanamh so, a shaoileas sibhse? Eadhon an diabhul ‘ur namhaid, dia an t-soaghaill so, a rinn cómhnadh ri do phairt neo’-nuadhaichte; uime sin cha’n’eil amaladh a tha air a chuir ann do rathad, nach fheidh thu a radh, tha fios agam gur e neach gamhlasach a chuir so ann mo rathad. O! ‘siad so buairidhean an t-satain, uime sin cuiridh mi mi fein fa’ armachd na’n aghaidh. Mar sin ma ta, air doigh sonruichte, feumaidh sibh da ni a bhi agaibh, ‘se sin, creidimh anns an Tighearn Iosa Criosd, agus aithrèachas a thaobh Dhe. Labhraidh sinn mu na buairidhean a tha bacadh iad so mar-aon.
Agus, anns a cheud aitè, Gu bhi bacadh bhur creideamh, bheir e a chreidsinn air cuid agaibh, gu’m bhèil e do dheanta dhuibh creideamh fhaotainn; agus tha e a’ deanamh cuid eile co mi-chúramach, ‘snach ‘eil ann am flaithanas no’n ifrinn doibh ach faoin bharacl: agus ma gheibh sibh dearsaidhean agus boisgidhean leis an fhocal, tha e toirt a chreidsinn orra gur leoir sin, agus mar sin cha leig e leo gu bràth an cridheachan a rannsachadh, a dh’fhaicinn am bheil iad air an suidheachadh ann an Criosd no nach ‘eil. Agus air do shonsa a fhuair creidimh ann an Criosd, tha e saothrathadh gu a thabhairt ort a chreidsinn nach robh e agad riamh ann am firinn, no, ma bha e agad aon uair, gu’n do chaill thu nis e; ach deansa thu fein cinnteach, ma fhuair thus riamh Criosd ann do Cridhe, agus ag oibreachadh sith agus gairdeachas an ad’ anam, trid gealladh na trócair agus na sláinte, agus gu’m bheil do chridhe air ath-nuadhachadh leis a ghealladh cheudna, feudaidh tu do ghreim a chumail deth, agus cha bhi e gu bràth air a thabhairt uait: “Oir tha tiodhlacan agus ghairm Dhia gun aithreachas”; air an aobhar sin socraich air, agus gluais suas do chreidimh a ris, agus gràs Dhia annad; uime sin na mealladh e thu anns a phuing so. An robh do chridhe riamh air irioslachadh? An robh do chridhe riamh air a thilgeadh sios le mothachadh agus sealladh air do thruaighe? An d’fhuair thu riamh comhfhurtachd ann am fuil Iosa? An do mhothaich thu riamh ath’rachadh air oibreachadh ann do chridhe trid na fola sin? Ann an sin ma ta cuimhnich gu’m bheil do chreidimh a’ socraichadh air an fhuil sin, agus nach sguir an fhuil sin gu bràth do labhairt air do shon, uime sin, ma bha thu aon uair air do shuidheachadh gu ceart ann an Criosd, cha bhi thu gu siorruidh air do spionadh a mach as.
A ris, ‘nuair nach urrainn e thabhairt ort aontachadh gu a radh, nach d’fhuair thu riamh an tiodhlac luachmhoir sin a bhi creidsinn, o’n innleachd sin theid e dh’ionnsuidh aon eile, agus their e riut, Tha thu ad leanabh do Dhia, agus tha thu air do thagadh a chum na beatha siorruidh, tha thu air do shaoradh le fuil Chriosd, agus fhuair thu creidimh agus sláinte, agus ciod e tuilleadh a b’ail leat fhaotainn? Gabh do shaorsainn anns a pheacadh so, no anns a pheacadh ud eile; ciod a ruigeas tu leas a bhi ga do-
phianadh fein tuille le ùrnuigh, agus breith-buidheachais, no ann am faire no’n eisdeachd an fhocail? Cha’n’eil annad ach amadan ann a so a dheanamh; agus mar sin b’ail leis a thabbhairt ort an t-srian a leagadh fuasgailt do na pheacadh, a chum’s gu’n gabhadh tu do thoilintinn, a chum’s gu’m faigh e thu ann a ghreim; air an aobhar sin bi air t-fhaicill, nach buadhaichd e a’d’ aghaidh ann an so, agus nach abair thu buanaichidh sinn anns a pheacadh, “do bhrigh’s gu’n deach gràs Dhia am mèud; na’r leagadh Dia”; ach gu ma fearr leat smuaineachadh leat fein, air dhomh fhaicinn gu’n d’ fhuair mi gràs, bithidh mi nis mo dhùrachdaich’ ann an ùrnuigh, ann am breith-buidheachais, ann am faire, ann an eisdeachd an fhocail, na bha mi riamh. Mar sin tha mi ‘g radh, na mealladh e thu anns a cheud phong, ach bi cinnteach nach fàilnich do chreideamh gu bràth thu; oir ge’ nach gluais an leanabh ann am broinn a mhàthair, fathasd feudaidh e bhi beò; eadhon mar sin, ge nach ‘eil thus a’ faotainn Chriosd a’ gluasad, gidheadh faodaidh e bhi beò annad.
A ris, na buadhaicheadh e gu bràth a’d’ aghaidh anns an dara pong, nach smuainich thu gu h-an-dana mu ghràs, ach saothraich gu aoidheachd a thoirt do Chriosd air tòiseachadh annad, le bhi deanamh feum de’ na meadhonaibh.
‘San treas àite, Mur urrainn e buaidh fhaotainn ann a bheag do’n dà nì so, iarraidh se ort suidh sios agus fois a ghabhail air firinn geallaidh Dhia, agus thu fein a thoileachadh leis an t-sòlas agus an dòchas air lathair, a fhuair thu leis na meadhonaibh anns a mhaduinn, a chum’s nach d’thugadh tu aoradh rè an là uile do’n Dia ghràsmhoir a th’air a ghineamhuinn ann do chridhe, gu’n d’thoir thu àite dhà, a chum’s gu’m fàs e annad, agus gu’m fàs thus ann-san, agus feumaidh tu do chreidimh ath-nuadh-achadh gach là, agus feumaidh tu gach là beathachadh air fhèoil agus air fhuil, agus feumaidh tu tràth as ùir fhaotainn deth gach aon là, agus feumaidh tu fas’ o chreidimh gu creidimh, agus o neart gu neart, gus an taisbean thu ann an lathair an Tighearn ann an Sion; oir ma bhacas e thu ‘o theachd air d’aghaidh ann do chreidimh, caillidh tu do shòlas, agus lughaichidh do chreidimh; oir tha do chreideamh aon-chuid a’ meudachadh no a’ lughdachadh. Mar so tha mi ‘g radh, bi air t-fhaicill roimh na buairidhean so gu léir a tha’n diabhul a’ cuir ann an rathad do chreidimh. So air son a cheud phuing air an do ghabh mi os lamh labhairt.
‘Nis an dara pong cha dean mi ach beantainn rithe: Ciod iad na buairidhean a ta aige gu do bhacadh ann do ghiùlan Chriosd-ugh, agus anns an aithreachas so a thaobh Dhe? Tha trì seòrsa aige dhiubh.
‘Sa cheud àite, Feuchaidh e ri do chumail air ais o dheanamh a mhaith sin leis am biodh Dia air a ghloireachadh, agus d’anam fein air a shòlasachadh.
‘San ath àite, Saothraichidh e gu do chridhe a chumail sios le aon pheacadh no peacadh eile a chum ‘s gu’m bac e thu o sheirbhis a thabbhairt do Dhia le gairdeachas.
Agus, 3, Feuchaidh e ma’s urrainn e thabbharrt ort meadhoinnean gle laghail a ghnathachadh gu bhi na’n rib dhuit.
‘Nis, ‘siad na nithe maith o’m b’aill leis do chumail, ceithir nithe: Tha mi a’ labharrt so a chum na criche so. Air tus, gu bhi leagail ris na frith-ròidean air am b’aill le satan clann De a dhol a steach, a chum ‘s nach rachadh iad an rathad ceart a dh’ionnsuidh neamh le sólas, a chum ‘s nach dealraicheadh iad mar lòchranai bh soluis anns an t-saoghail, a chum ‘s air do dhaoinne a bhi faicinn an “deagh oibre, gu’n d’thugadh iad glòir do’n Athair a ta air neamh.”
Agus, anns an ath aite, a bhi leagail fhaicinn duibh an t-slighe cheart, a chum’s gu’m feud sibh a radh, ‘si so an t-slighe, agus siubhlaidh sinn innte. Thugaibh an aire do na ceithir nithe so:
‘Sa cheud aite, Feuchaidh e ma’s urrainn e thoirt ort a bhi fuasgailt anns an diadhachd, a chum’s gu’m bac e thu air doigh ‘s nach oidhearpaich thu gach aon la ‘sna h-uile nithe Dia a thoileachadh; mar so, ge b’e ám nach bi agad run gu Dia a thoileachadh gach aon lá, ‘san ám sin tha thu air do bhacadh leis an diabhul; uime sin co liugha lá nach ‘eil thu cuir seachad le gairdeachas agus sìth maille ri Dia, co liugha lá is sin tha’n diabhul a’ faotainn an cothrom ort; oir tha farmad aige ri do ghardeachas agus ri do shith: air an aobhar sin bu choir duit runachadh mar is mò a b’aill leis do bhacadh o Dhia a thoileachadh, gur ann a’s mò a thoillicheas tus e. So air son a cheud nì.
‘Se ‘n dara ni maith o’m b’aill leis do bhacadh, gradh Dhia, aon-chuid ann do cheud ghairm no an deigh do ghairm. Feudaidh tu a chall an deigh dhuit fhaotainn, agus mar sin feudaidh tu a bhi air do chumail fuidh le teagamh fad uile laithean do bheatha; air an aobhar sin, ma thaisich Dia ri amh do chridhe lè mothachadh air a ghràdh sin, ‘an sin cum gu teann an greim, agus na leig leis a bhogha lasachadh, na leig air son aon uair; agus an uair a chailleas tu do mhothachadh air a ghràdh-san, ruith a dh’ionnsuidh an tobar a ris; oir tha aig an Tighearn a cheart urrad, agus cho ullamh gu thabbharrt dhuit ‘sa bha e aig a cheud ám an d’fhuaire thu eolas air, agus is urrainn e na h-oibre deireanach a dheanamh na’s mò na nà ceud oibre. Mar sin feumaidh tu a dheanamh mar ni duine a chaill maoin mhoir, a thoisicheas a phac le beagan do bhathar, agus mar sin a theid air aghaidh lion ceum is ceum, gus am meudaichear a shaoibhreas agus gu’m bi e air a dhùblachadh; eadhon mar sin dean thus ‘nuair a chailleas tu mothachadh air gràdh Dhe, tòisich le nithe beaga, agus rach air d’aghaidh agus faigh saoibhreas gus am bi e air a dhùblachadh dhuit.
‘San treas aite, saothraichidh e gu do bhacadh o aoradh diomhar agus follaiseach Dhe, no ‘o fheum a dheanamh do aon mheadhon no mheadhon eile, a chum a’s mar sin gu’n dean thu dearmad air do dhleasdanas do Dhia, agus le sin a dheanamh gu’m buair e do shith.
‘San aite fa’ dheireadh, Ni e na grasan a tha ann am muinntir
eil na chlaidheamh gu do chridhe tholladh, agus gu d’anam a lot, air doigh ‘s ‘nuair a chi thu an creidimhsa, an seamhalachd cridhe, an aithreachas, an diadhachdsa, gu’n abair thus, gu cinnteach cha d’rainig mise riamh oirbhse, agus uime sin tha mi faicinn nach ‘eil gràs Dhe annam-sa ach ann an diomhanas; agus gidheadh iadsan aig am bheil na h-uile ni tha thus a’ faicinn, ‘s aithne dhoibh an uireasbhuidhean fein, agus tha iad air an tilgeadh sios co maith riut-sa; uime sin, an uair a chi thu so, aidich an tomhas a’s lugha a tha do ghràs Dhia annad fein, agus bi taingeil air a shon, agus dean urnuigh air son gu’m meudaich-eadh e agus gu’m fàsadh e gach lá. An uibhir so air son a mhaith o’m b’áill leis do chumail.
‘Nis, an t-olc anns am b’áill leis do chumail, a chum ‘s gu’n cum e sios do chridhe le aon pheacadh no le peacadh eile, tha iad deth dha ghné.
‘Sa cheud áite, Saothraichidh e gu aignidhean neo-nuadhaichte do chridhe a chumail do ghnàth. Ciod iad sin? ‘Sa cheud áite, eagal tráilleil. (2) Ardan spioradail, agus beachd uaibhreach air beannachdan Dhe. (3) Leisg agus lúnadaireachd ann an seirbhís Dhia. Agus ‘sa (4), Na h-uile h-aigne’ saoghalta ‘san taobh a stigh dhiot, an leithid as árdan, fearg, farmad, gamhlas, gearrain, monmhr, agus a chuid eile dhiubh so gu leir. ‘Nis, tha e deanamh so uile gu bhi dorchnachadh solus Spioraid Dhe, a chum ‘s nach dealraich e ann do chridhe. ‘Nis, na seorsa uile eile a tha e saothrachadh gu chumail maillle riut, is iad na h-anamiana’ saoghalta so mu’m bheil an t-Abstol Eoin a’ labhairt ann a cheud litir, ii. 16. Mar, “anamiann na feola, agus anamiann na súil, agus uabhar na beatha.” Agus so tha a deanamh aon chuid gu do chridhe a thruailleadh le neo-ghloine (oir tha e na namhaid neoghlann) no gu do bhròsnachadh gu glòir dhiomhain, agus toilintinn an t-saoghail so. ‘Nis, ‘se ‘n ath sheorsa buairidh gu bacadh a chuir air a chaith’-beatha Chriosd-uidh, nithe laghail na beatha so a dheanamh na’n rib dhuit; mar gràdh saoibhreis, no do ni sam bith eile a tha laghail aunta fein. Ma ghoideas e air falbh do chridhe, agus mu shuidhicheas e t-aignidhean air saoibhreas an t-saoghail so, cha’n’eil e so-dheanta nach tuit thu ann am buairidhean. ‘Nis, cha chan mi tuilleadh aig an ám, ach a bhi ‘g-earbsa na bha air a radh ri beannachadh Dhia ann an Iosa Criosd; dha-san gu’n robh glòir ‘o so a mach agus gu siorruidh. Amen.
THE pious Rev. James Durham, when on his death-bed, was for some time under considerable darkness respecting his spiritual state, and said to his friend, Mr. Carstairs, “After all that I have preached or written, there is but one Scripture I can remember, or dare grip; tell me if I dare lay the weight of my salvation upon it: ‘Whosoever cometh unto me, I will in no wise cast out.'” Mr. Carstairs very properly answered: “You may depend upon it if you had a thousand salvations at hazard.”