Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1919 » November 1919 » Air Sochair a Chreidimh by Mr. Eoin Uelsh: “Oir is ann mar sin a ghradhaich Dia an saoghal gu’n d’thug e aon ghin Mhic fein, chum’s ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a bheatha shiorruidh aige.” (Eoin iii. 16, 17.)

Air Sochair a Chreidimh by Mr. Eoin Uelsh: “Oir is ann mar sin a ghradhaich Dia an saoghal gu’n d’thug e aon ghin Mhic fein, chum’s ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a bheatha shiorruidh aige.” (Eoin iii. 16, 17.)

D’H’FHOILL.SICHEADH gràdh agus cùram an Tighearn do’r taobhne air iomadh doigh, agus air doigh sònruichte anns a phuing so, gu’n do thoilich an Tighearn, an comh-labhairt diomhair so ri Nicodemus, air an do labhradh aig an àm so ar son ar comhfurtachd-ne, e bhi air a chuir suas ann an cuimhne, a chum’s gu’m biodh e na shòlas do mhòran, agus ge do bha e uaigneach agus ann an oidche, gidheadh b’e toil an Spiorad Naomh fianuis a thabbhairt air, a chum’s gu’m bi aig na h-uile chreid’mhich, gu deireadh an t-saoghal, an comhfurtachd ann. ‘Nis anns na rainn so a leughadh tha, ‘sa cheud àite, tobair ar slainte, ni is e “gradh Dhé.” (2) ‘Se so na meadhoinean leis an do chuir e a ghràdh ‘an cèill, an ni is e, trid cuir a Mhic féin a chum a bhi air irioslachadh agus air a ghlòireachadh’. (3) An doigh a chum Criosd fhaotainn, ‘se sin, trid creidimh a mhàin’. (4) Sochair agus buaidh ar creidimh, an ni ‘se slainte. ‘Sann a chum na criche so a ghràdhaich an t-Athar sinn, a chum’s gu’n saoradh e sinn, agus gu’n d’thugadh e dhuinn a bheatha mhair-eanach, air son an aobhar so thainig am Mac a’ nuas o neamh; agus air son an aobhar so bha e air irioslachadh agus air a ghlòireachadh; agus air son an aobhar so chaidh e a dh’ionnsuidh na neimh a chum is gu’n tugadh e dhuiinn a bheatha shiorruidh; agus is ann air son an aobhar so a tha’n t-Athair a’ tabhairt oirne creidsinn, agus is e so toradh agus crioch a chreidimh, sin ri radh a bheath bhith-bhuan. Mar so dh’fhagadh gu bhi air innseadh ciod iad na sochairean a tha’n creid’mhach gu fhaotainn anns a Mhac. ‘Nis ann a bhi a’ fágail na h-uile a bha air a labhairt mu thimchioll diomhaireachd so a chreidimh, mar air son an t-sochair a tha’n creidimh a’ faotainn, ann an aon fhocal, ni e thu a’d’ fheòil de fheòil-san, agus a’d’ chnaimh de’ chnamha-san; bheir e’ ort gu’n suidh thu maile ris air neamh; ni e do cheusadh maile ri Criosd; ni e d’fhireanachadh ann an Criosd; gheibh e dhuit maitheanas ann a fhuil-san; agus glanaidh e do chridhe; oir is e am bad hisop sin e a chrathas an fhuil sin air d’anam (Ecsod. xii. 22), Creidimh, ann an aon fhocal, bheir e ort a bhi beò ann an sith mu dheireadh, agus cuiridh e thu ann an sealbh shìth’chail air a ghloir gun chrièche sin. Mur faigh thu na ceud sochairean cha’n fhaigh thu na sochairean deireanach; agus an uair a gheibh thu na sochairean deireanach’an sin sguiridh do chreideamh; mar so, mur bi an t-aonadh air a dheanamh eadar d’anam agus Criosd leis an Spiorad Naomh, agus mar faigh thu spiorad na h-uchd-mhacachd, cha d’thoir creideamh gu siorruidh thu a dh’ionnsuidh a phuing mu dheireadh; agus ma bheir e thu a dh’ionnsuidh na ceud phuing, bheir se thu a dh’ionnsuidh na puing mu dheireadh. Mar sin tha creidimh a’ tòiseachadh anns a bheatha so, ach cha’n’eil e a’ deanamh a bheag iomlaim gus an d’thig an as-eiridh, ‘nuair a bhios anam agus corp air an togail suas anns na neulaibh; mar sin amhairc ciod e a tha creidimh ag oibreachadh ann do chridhe, oir mur bi aig do chreidimh beò obair ghràs ann an so ann a d’anam, cha bhi obair ghloir aige gu siorruidh an deidh so.

‘Nis an ni fa’ dheireadh a bheir creidimh leis is e slàinte. Tha e a comb-sheasamh ann an dà phuing:

‘Sa cheud aite, Ann am fuasgladh agus ann an saoradh o sgrios. (2) Ann am mealtainn agus ann an sealbh air a bheatha shiorruidh, agus tha iad so mar-aon againn ann an so. ‘Nis innsidh mi dhuibh ciod iad so mar-aon; ciod an t-aobhar a tha tabhairt air an t-saoghal co beag do mheas a bhi aca air Criosd, agus air gaoil Dhia ann an Criosd? Is e so e, cha’n’eil fhios ac’ ciod e sin a bhi air an sgrios gu siorruidh, agus ciod e sin a bhi beò gu siorruidh suthainn; mar sin, na’m b’aithne dhuibh so, chuireadh sibh na bu mho do mheas air Criosd, agus air gràdh Dhé, no a rinn sibh riamh. “Co air bith a chreideas cha sgriosar e”; ‘an sin ma ta tha e cinnteach, gu’m bheil sgrios ann, gu’m bheil ifrinn ann, anns am bheil sgrios siorruidh. “Co air bith a chreideas cha sgriosar e”; tha beatha ann an deigh so, tha neamh agus ifrinn ann, ciod sam bith mar a ta e gu’n do dhall dia an t-saoghal so a mhòr-chuid, agus gu’n do chuir an diabhul druidheachd air daoine agus air mnathan, gidheadh tha e cinnteach gu’m bheil Dia ann, gu’m bheil ifrinn agus leir-sgrios ann, air an doigh cheudna tha e cinnteach gu’m bheil beatha siorruidh ann.

Na ginealaichean a bha romhainn, na’m b’urra’ sinne an cluinninn, dh’innseadh iad dhuibh so gu leir, cuid dhuibh ann an sonas siorruidh, agus cuid eile ann am piantan gun chrioch; oir tha iad uile air dol romhaibh gu a bhi na’n luchd-searmoin-eachaidh dhuibh.

‘Nis, c’äite am bheil an sgrios agus an dol a’ mugha so a’ comh-sheasamh, ‘se sin a cheud phuing a tha’ run orm innseadh dhuibh. (2) C’äite am bheil gach uile bheatha’ comh-sheasamh.

Mar air son a cheud phuing, tha trì nithe ann; ‘sa cheud àite, easbhuidh gairdeachas. (2) Lathaireachd a phian. (3) Siorruidh-eachd do chall air aoibhneis, agus siorruidheachd do lathaireachd a phein; smuainichibh orra so uile.

‘Sa cheud àite, ‘se sin call lathaireachd Dhe, a tha aig na naoimh agus na h-anglibh ‘s na neamhaibh, air taobh steach “geataibh an nuadh Ierusalem.” Cha’n fheud thu itheadh do chroabh na beatha, cha’n fheud thu ol de’ dh’amhainn uisge na beatha; cha’n fheud thu ol ‘sa chuideachd sin do naoimh agus do dh’anglibh, thusa nach do chreid ann am Mac Dhia’san t-saoghal so: mar sin ge nach biodh ifrinn eile ann ach call comuinn bheannaichte naoimh agus ainglean air an gloireachadh maille ri Dia, bhiodh e na ifrinn na bu leoir.

  1. Thoir fa’near nach bi leisgeul air a ghabhail ‘san la sin; cha dean càirdeas feum dhuit; cha dean faistneachd no searmon-achadh maith sam bith dhuit ‘san la sin. Is e an ni eile a tha ‘ga mheudachadh, is e sin, call an t-sonais. Cha d’thoir sochair neo-aithnichte ‘nuair a ta e air a chall mor phein leis; ach sochair a ta air fhaicinn gairdeachas a dh’fhaodadh tu fhaotainn, na’m b’urrainn thu creidsinn, meudaichidh so am pein gu h-iongantach; mar nach biodh pein an duine shaibhir co mòr; mur faiceadh e Lásarus ann an uchd Abrahaím; mar so ‘se fogradh air falbh agus druideadh a gheata air a’ mhi-chreideach, mar-aon air an anam agus air a chlosaich gu siorruidh tuilleadh, ‘se so a cheud phuing anns an sgrios; uime sin feumaidh a chaithir bhreitheanais a bhi anns an athar, oir cha’n fhaigh thu gu siorruidh a steach air geata na rioghachd sin; agus ge nach biodh piantan tuilleadh ann, ach a bhi as eugmhais na h-aoibhneis so air neamh gu siorruidh suthainn, bhiodh e na phian na bu leoir: ach, mur biodh tuilleadh ann, ciod an claoichd a th’ann a bhi dh’easbhuidh a ghairdeachais so uile, agus an reubadh ‘san dealachadh ‘araon air anam agus corp ‘o lathaireachd Dhia agus a naoimh, anns am bheil gach uile ghairdeachas iomlann? Cia doilghiosach a bhitheas sin dhuit?

Cia mi-thoileach a bha Peadar air a theachd a’ nuas o’n a bheinn an saoil sibhse? Shaoileadh sibh e cruaidh a bhi air bhu dealachadh agus air bhu sgaradh o chairid, ach na’s mo gu mhor o ‘ur clann fein. O! ach ciod e sin ann an coimeas ri a bhi air ‘ur dealachadh ri Dia a tha cho làn do ghràdh. Ach cha’n e so a mhain na h-uile, a bhi air bhu druideadh a mach ‘o aoibhneas gun chrioch; a nis bu chòir do na so a thabhairt oirbh eolas a bhi agaibh air feumalachd creidsinn. Ach, a thuilè’ air a so, tha siorruidheachd do phian ann. Tha neamh a chall na chùis mhoir, ach tha thu a bhi air do thilgeadh do dh’iffrinn na chuis na’s mò; tha e na chùis mhoir a bhi as eugmhais na lúchairt, ach tha thu a bhi air do thilgeadh ‘am priosan na’s mò; taitneas na flaithheanais a chall, tha so na chùis mhoir, ach thu a bhi air do thilgeadh anns an loch theine agus phronnase, far nach básaich a chnuimh gu siorruidh, agus nach d’theid an teine gu bràth a chuir as, a dh’ionnsuidh a leithid do theine is gu’m bheil a dhian-theas co mòr, is nach urrar a ghiulain, or tha e co mòr is co pianail, agus ge do bhiodh agad deich mile saoghail, gu’n d’thugadh tu iad uile air son aon bhoinne do dh’uisge fuar gu do theangaidh fhuarachadh, teine nach múchar a chaoidh, oir bithidh e losgadh co fhad ‘s is beo Dia. A ris, cha dean an teine sin a chlosach agus an t-anam a chaitheamh as, ach is fùirneis e a loisgeas gu siorruidh suthainn, agus cha bhi neach agad gus na lasraichean sin a chumail ‘e do choguis agus ‘o do chloisaich, agus bidh fearg Dhia, agus soithichean a choruich air an doirteadh a mach gu siorruidh air d’anam, air doigh ‘s nach faigh thu cead gu siorruidh sealltuinn air son trocair, agus cuiridh tu uait gach dochas ri comhnadh’ no ri croich a theachd air a phein sin. Thuilleadh air a so, na coirean sonruichte so a tha meudachadh na leir-sgrios so cha’n’eil a bheag ann an sin ach teine dian-loisgeach, cha’n’eil cuideachd an sin ach diabhlan, gun solus air bith ach priosan ann an dorchadas, ceangailte eadar lamhan agus chasan, am bàs do ghnath a’ tòiseachadh, ach gu siorruidh gun chrioch a theachd air, cruimh a chagnas gu siorruidh do choguis. A ris, bhiodh e na ni-eigm do lughdachadh na’m biodh earrann sam bith de’n anam no de’ na chorp saor o phian, ach cha bhi earrann sam bith de’ do chorp gu siorruidh saor o phiantaibh, agus cha bhi buadh dheth d’anam aig nach bi am piantaibh fein, do shùil nach b’aill leat fhosgladh a chum amharc air gloir Dhé, bithidh si air a comb-éigneachadh gu amharc air an t-sealladh uamhasach sin; do chluas, nach b’aill leat aomadh gu focal Dé éisdeachd, bithidh si air a comb-éigneachadh a chum éisdeachd ri ulfhartaich agus toibheum na’n diabhluibh agus na’m muinntir a chuireadh air cùl, d’inntinn agus do thuisge, a rinn thu a mhi-ghnàthachadh anns an t-saoghail so, bithidh aca-san am piantan féin.

  1. Tha siorruidheachd do phéin, siorruidheachd do chàll ann. Tha fhios agaibh, ge air bith co sgìth ‘sa dh’fheudas am fear turuis no an seòladair a bhi, gidheadh bheir dùil ri croich an turuis sòlas dhoibh; ach ann an so cha’n’eil dùil ri croich; air an aobhar sin cha’n urrainn sòlas a bhi ann; ach ‘nuair a tha fhios aca gu’m bheil am pian gun chrioch, agus ‘nuair a chuimhnicheas iad air ùin na siorruidheachd, agus gu’m bheil fhios aca co fad ‘sa tha Dia beò gu’m mair am pìantan; tha so ‘gan creach’ de’ na h’uile solas.

‘Se an ath phuing, Ciod e sin beatha shiorruidh fhaotainn, agus co ann a ta e a’ comh-sheasamh. Tha e ann am briathra’ goirid a comh-sheasamh ann an tri nithe. Tha fios agam gur nì e nach urra bhi air thuigsinn, cha’n urrainn a h-aon sam bith glòir na rioghachd sin, agus aoibhneas na beatha sin a thomhas; oir esan a bha air a thogail suas agus a chunnaic e, thubhairt e gu’m fac e nithe do-labhairt. Tha tri nithe ann do ghnàth:

‘Sa cheud àite, glòir an àite, “Cha’ ne tigh a rinneadh le làmhan’, ach an ‘nuadh Ierusalem sin,’ aig am bheil dà gheata-dheug a tha do ‘chlachan ro-luachmhor,’ aig am bheil a shràidean do òr fiorghlan, agus ‘se Dia féin is teampull innte.

  1. A’ mealtuinn, se sin a bhi ‘mealtuinn Dhia féin, a bhios na h-uile anns na h-uile dhuit; agus mar a chi sibh togsaid do dh’fhion air a measgadh le drop do dh’uisge, gu’m mill e a bhlas; mar sin air do ar laigsinn gu lèir ruith ann an cuan glòir Dhia, bithidh iad gu lèir air an slugadh suas.

  2. Agus anns an àite mu dheireadh, tha sith do-labhairt ann agus gairdeachas gu siorruidh suthainn: cha bhi peacadh an sin gu siorruidh tuilleadh; no trioblaid tuilleadh, no deoir tuilleadh; ach beachd-smuainteachadh agus gairdeachas gu siorruidh tuille, agus thusa air do chleachdadh ann a bhi ag amhar air Dia gu bith-bhuan, agus a’ ruith a dh’ionnsuidh tobair gaoil an Dia bheannaichte sin, agus a’ gabhail iongantais ris troimh ‘n uile bhith-bhuantachd.

‘Nis tha sibh a’ faicinn a cheud sochair a gheibh sibh troimh chreidsinn:—

‘Sa cheud àite, Saorsa o dhol a’ mugha gu siorruidh.

  1. Mealtuinn na beatha siorruidh.

A chrioch air son an do labhair mi a’ an dà phuing so is e so e.

‘Sa cheud àite. A chum’s gu’m faiceadh sibh an eigin a ta air a chuir oirbh gu creidsinn, agus sibhse, nach creid gu’m feud sibh, sibh fein a sgaradh o na bheatha shiorruidh, agus sibh fein a dheasachadh air son na’m piantan siorruidh sin.

  1. A chum a chuir fa’r comhair cia mòr am meas bu choir dhuib a chuir air Mac Dhe, an uair nach robh a ni sam bith ann a b’urrainn do shaoradh o ifinn, a bheireadh neamh a mach le bhuaidh air do shon, ach fhuil-san a mháin, agus a chum’s gu’m biodh eolas agad-sa air ciod e bu chóir dhuit a mheas mu ghràdh Dhia dhuit fein, a chuir aon gin Mic gu basachadh air do shon.

‘Nis ni mi feum cleachdaidh do’n teagasg, agus mar sin crioch-naichidh mi aig an ám; c’arson a dheanadh focal no gniomh, cumanta ne neo-chumanta, c’ar son a rachadh e a dh’ionnsuidh bhur cridheachan; oir na’n deanadh nithe na bu lugha an gnothach, bhidh e deanta? Tha fios agam gu’m bheil an Tighearn trocaireach, agus neo-thoileach an ni a thog e fein a sgrios, agus na planntan a phlanntaich a lamhan fein a spionadh suas; mar sin. na’n deanadh am focal e, cha biodh an obair air a dheanamh: cha’n e a mháin gu’m bheil na nithe so a tharladh a mach na’n rabbhaidhean dhuibh, ach tha iad na’n rabbhaidhean a chum tabhairt oirbh creidsinn, agus uime sin na smuainichibh gu’n robh iad na’m peacaich na’s mo na sibh fein; “ach, mur gabh sibh-se aithreachas, theid sibh am mugha mar an ceudna leis a bhreith-eanas cheudna.”

Cha’n’eil ùin agam a’ nis gu innsead dhuibh cia lion nithe a runaich mi dhuibh. O’n uair ‘sa thainig mi ann an so, chuir Dhia ri fhocal féin air son ar n-imeachd-ne, cha’n fhad an uin o nach robh tigh ann bhr meag, anns nach robh nach-eigin air a leabaiddh, agus bha cuid agaibh air an aisig o’n dhearbh bhàs a ris; agus tha fhios agam gu’m b’fhearr le cuid agaibh ‘ur beatha féin a leagadh sios na’n giùlain a dh’ionnsuidh na h-uighe. ‘Nis, mar is mò a bhios so air innseadh, fathast cha’n ann is lugha a chuis. Ciod an t-uir-easbhuidh anns an robh sibh, ‘nuair a bhiodh sibh toilichte bhr maoin uile thabhairt seachadh air son lòn aon leth-bhliadhna?

Tha mi a’ fágail so do’r coguisibh fein. Mar an ceudna mar a dhion an Tighearn sibhse air gach taobh mu’n cuairt, agus mar a thug e áithn do na phlàigh gun teachd am fagus do’r geataibh, an uair a sgap e i ann am meag comh-thionaillih eile, agus a thug e air daoine agus air mnaithean eigheachd a mach, cha’n’eil agam ach ceud marc, gabh e uile agus thoir cead dhombh lán na h-ada do dh’uisg fhaetainn; feudaidh an cuid bùird . . . agus an cuid truinnsearan . . . ann an Glasco agus ann an Dunéidin, flanuis a thabhairt dhuibh. Tha fhios agam gu ro mhaith gu’n robh sibhse n’ur peacaich ann am bitheantas air bhr cleachdadh ‘an striopachais co mòr riu-san. ‘Na nithe neo-chumant eile a tharladh, cha’n aill leam innseadh dhuibh; ach na’m foillsichinn dhuibh e, theireadh sibh, caomhnaidh e neach agus nochdaidh e cruas do neach eile; agus, ge nach biodh tuille ann ach a bhean air chuthach sin, dh’fheudadh i a bhi na searmaich dhuinn uile. Nach fheud Dia ann an ùin ghearr ar creach deth ar ciall, agus ar deanamh mar ainmhidhean, mar a rinn se air Nebuchadnesar? Agus an da ghniomh so a tharladh air an t-seachdain so fein, a h-aon diubh air an oidche, agus an aon eile air a mheadhon latha, is áill leis iad so gu leir glaodhaich ribhse, gu’m bu chòir dhuibh-se glaodhaich ris an Tighearn, agus a rath, a Thighearn, gleidh mise agus mo chlann o dhùsgadh dubhach fhaotainn; feudaidh tu eiridh anns a mhaduinn, ach co is urrainn innseadh ciod e an cridhe brònach leis am feud thu luidh sios ‘san oidche, a chum’s gu’m bi aithne agaibh air ciod e am feum a ta agaibh air dion. Cha’n urrainn domh innseadh ciod is ciall do na rabbhaidhean dluth-brosnachaidh so; tha fhios agam gu maith gu’m bheil rabbhaidh aig Dia air bhr son ‘sa anns a cho-thional so agus anns a bhaile so, co maith agus air son bhr coimhearsnaich is fhaigse: mar so tha mi a’ faicinn gur àill le Dia sinn a bhi air ar n-ath-nuadhachadh d’a ionnsuidh fein le fior aithreachas ann an tràth, air neo gu’m bi. a chùis gu h-iomlan dochair maille ruinn.

‘Nis, guidheam oirbh, thugaibh aire mhaith gu’m bi sibh fein agus bhur clann air bhur deanamh reidh ri Dia mu’n luidh sibh sios, agus na rachadh iad a mach air na dorsaibh ‘sa mhaduinn, gus an earb sibh sibh-fein agus iadsan ri Dia; nach eil fhios agaibh gu’m bheil iad so na’m rabhaidhean eagalach do na mhàthair a rug iad, agus do’n Athair a ghin iad; agus mar a ta iad na’n luchd-searmonaich eagalach dhoibh-san, mar sin biodh iad dhuibh-se mar an ceudna; agus tha mis’ a’ cuir an eigin so air gach aon agaibh, gu’n cum sibh suas bhur lamhan ri Dia gach maduinn agus gach feasgair.

‘Nis, dha-san a tha comasach air bhur dion do thaobh anam agus corp, do’n Athair, do na Mhac, agus do na Spiorad Naomb, gu’n robh gach uile mholadh, urram, agus glòir, uath so a mach agus gu siorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice