Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1919 » December 1919 » Alir Diteadh an’ Ana-Creid’ich: “Oir cha do chuir Dia a Mhac do’n t’saoghal, chum gu’n diteadh e’n saoghal ach a chum gu’m biodh an saoghal air a shaoradh tridsan.—EOIN iii. 17.”

Alir Diteadh an’ Ana-Creid’ich: “Oir cha do chuir Dia a Mhac do’n t’saoghal, chum gu’n diteadh e’n saoghal ach a chum gu’m biodh an saoghal air a shaoradh tridsan.—EOIN iii. 17.”

LE MR. EOIN UELSH.

THA tri nithe ann, a dh’fheumas gach aon agaibh, leis am b’aill a bhi sealtainn air son beatha shiorruidh, agus a bhi air bhur saoradh o dhiteadh, a chreidsinn. ‘Se a cheud ni dhuibh, gu’m feum sibh eolas fhaotainn air gu’m bheil a leithid do dh’eigin air a chuir oirbh, agus “mur bi sibh air bhur breith a ris,” agus mur dean an Spiorad Naomh bhur n-anama’ ath-nuadhachadh, nach fhaic sibh gu siorruidh rioghachd Dhe, agus mur bi agad ach an cridhe cloiche sin an uair a tha thu a’ dol a dh’ionnsuidh na h-uighe, a bha agad an uair a thainig thu dh’ionnsuidh an t-saoghail so, agus gu’m bàsaich thu anns a chor sin, cha d’theid thu gu siorruidh a steach air geataichean rioghachd neimh.

  1. Feumaidh sibh eolas fhaotainn air nach ‘eil rathad eile gu bhur cridheachan fhaotainn air an glanadh, ach a mhàin trid creidsinn ann am Mac Dhe; ma tha am Mac agad cha’n urrainn thu a bhi air do sgrìos.

  2. Feumaidh tu a chreidsinn ann do chridhe gu’m bheil diteadh air a rùnachadh, agus dioghaltas gun leasadh, a’ feitheamh air an anam sin nach creid ann am Mac Dhe. Feudaidh tu ith’ agus òl, agus codal, agus luidh sios le dubhachas agus bron, oir tha thu a’ dol mu’n cuairt le do dhiteadh air do dhruim. Tha tri puingean, a dh’fhoillsich an deagh bhuachaill do Nicodemus agus tha e’ga ghabbail a steach a dh’ionnsuidh a sgoil, agus a’ tabhairt so dha mar a cheud leasan, nach d’theid thusa, no duine sam bith eile, mur bhi thu air do bhreith a ris, gu bràth a steach air dorus na flaitheanais. ‘Se’n dara leasan a tha e tabhairt da so, Tha na flaithenas air an druideadh air na h-uile peacach, cionnas a gheibh thusa ma ‘seadh a steach? Is mise an t-slighe reub mise na neamhan aig mo theachd na nuas; agus reubaidh mi na neamhan aig mo dhol suas; thig am ionnsuidh-sa, agus treòraichidh mi a steach thu. An treas leasan a tha air àithneadh dhuinn a dheanamh is e so e, “Esan nach ‘eil a’ creidsinn tha e air a dheath a cheana; tha’n taod mu a muinneal. Tha’n diteadh air a thoirt a mach, tha bhinn air dol thairis, rúnaich Dia, agus bithidh e air a chuir an gniomh; agus ‘se so is aobhar do’n diteadh gu’n do “ghràdhaich daoiné an dorchadas ní’s mo na’n solus.”

Air an là mu dheireadh chuala sibh, có air bith nach creid gu’n sgriosar e. Ciod e sin a bhi air an sgrios? A bhi air an tilgeadh air falbh o Dhia, o’n iarmailt, agus o’n talamh, agus a bhi air an tilgeadh a dh’ionnsuidh doimhneachd an dorchadais iomalaich sin, far nach’eil a bheag ach gul agus giogsain fhiaclan, agus a dh’ionnsuidh teine nach cuir siorruidheachd do dh’uin crioch air. Mar is beò an Tighearn, tha sgrios gun chrioch a’ feitheadh air daoiné agus air mnathan: “Tha mi a’ labhairt na firinn ann an Criosd, nior dheanam breug.” Tha iomadh millionan do dh’an-amaibh treigte ‘glaodhaich a mach as an dorchadas shiorruidh sin; agus mar a ta sgrios siorruidh ann, tha beatha shiorruidh ann mar an ceudna; ach tha mi a’ fagail so. Tha tri nithe anns na briathra’ so.

Air tus, Daingneachach cinnteachas na slainte do na h-uile creid’each, tha sin anns an 17 rann; cinnteachas air glòir gun chrioch dhuit-sa a ta creidsinn an am Mac Dhia.

  1. Tha freasgradh do’n ni sin a bha aig an duine ann a chridhe gu a thilgeadh suas air, an ni is e so, ma tha sin fior, gu’n do chuir Dia a Mhac do’n t-saoghal a chum a thearnadh, ciod e an t-aobhar nach’eil an saoghal uile air an saoradh, ach gu’m bheil a mhòr-chuid a’ dol do dh’iffrinn? Thubhairt thu, “Tha mòran air an gairm, ach tearc air an taghadh; is leathan an t-slighe a tha treòrachadh gu sgrios, agus is lionmhor iad-san a tha ‘g imeachd air; is cumhang an t-slighe a tha treòrachadh gu beatha agus is tearc iadsan a tha ag amais air.” Cionnus ma ta a tha e gu’m bheil thu ag radh, “Cha do chuir Dia a Mhac do’n t-saoghal, ach a chum’s gu’n diteadh e an saoghal, ach a chum’s gu’m biodh an saoghal air a shaoradh trid-san?” Tha e a’ freagairt, “Esan a ta creidsinn cha ditear e; ach esan nach’eil a’ creidsinn, tha e air a dhieadh a cheana; agus ‘se so an t-aobhar; gu’n d’thainig an solus do’n t-saoghal, ach gu’n do ghradhaich daoiné an dorchadas na’s mo na’n solus, do bhrigh’s gu’m bheil an oibre olc.” ‘Siad so na cinn theagaig: thig mi air m’ ais agus laimhsichidh mi iad fa’leth. Thubhairt e roimh anns an 16 rann, B’ail leadh gu’n tuigeadh sibh briathra Criosd, a chum’s gu’m biodh na’s mò do cnudthrom aca ann bhur cridheachan, oir tha mi cinnteach gu’m bi iad an dara cuid na’m briathra’ a chum beatha no na’m briathra’ a chum bais duibh. Thubhairt e roimhe, tha mi ag radh, “Gu’n do ghràdhaich Dia an saoghal, air a leithid do dhoigh’s gu’n do chuir e aon ghin Mic fein a dh’ionnsuidh an t-saoghail, a chum’s ge b’e a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu’m bi a bheatha shiorruidh aige.” ‘Nis tha e ag radh, “Oir cha do chuir Dia a Mhac a chum gu’n diteadh e an saoghal, ach a chum’s gu’m biodh an saoghal air shaoradh trid-san.” Nis tha so os-cionn nàdur, agus ann an aghaidh na h-uile solus an taobh a stigh dhiot; bha so na nì do-chreidsinn do dh’ Adhamh ann an staid a neo-chionntais, agus do-chreidsinn do na h-aingliibh, mur cuireadh an Spiorad impidh orra gur urrainn do dh’fhireantachd neach eile neach eile a thabhairt a dh’ionnsuidh neamh. Tha solus nàdur ag innseadh do na h-uile dhaoine, ma’s urrainn mise mo chuid fiachaibh fein a dhioladh, bithidh mi saor o na phriosan; ach tha so os-cionn nàdur, agus tha so na dhiomhaireachd nach urrainn nàdur a thuiqsinn no idir a chreidsinn; ach esan a tha air a theagsg o Dhia creididh e gu’n gabh an t-Athair fireantachd a Mhic, agus gu’m meas e dhuit’sa e a chreideas, agus gu’n gabh e an fhuil sin air son eiric iomlan air son co iomadh agus a ruitheas a dh’ionnsuidh a Mhic. Tha so doilbh dhuinn, a tha peacachadh gach là, a chreidsinn; gu’m faigh an leithide sin do pheacachaibh, trid creidsinn, a bheatha shiorruidh; uime sin tha e a’ daing-neachadh so, agus a’ gabhail an steidh o rùn Dhia: “Oir cha do chuir e a Mhac a chum gu’n diteadh e an saoghal, ach a chum’s gu’m biodh an saoghal trid-san air a thearnadh”.

Oh! na’m b e rùn Dhia an saoghal so a dhitheadh, cha chuireadh e riamh a Mhac; ach thusa, a tha a’d’ mhadadh mi-naomh, air eagal ‘s gun gabh thu do chothrom fein air na briathra’ so, bheir mi an sgail so uait, air doigh ‘s nach d’theid thu do dh’fhrinn ach le coguis ga d’ agairt; mur ath-leasaich thu bithidh tu air do dhiteadh; ach thus a tha creidsinn cha bhi thu gu bràth air do dhiteadh, deir an Slànuighear. Tha e labhairt ann an so mu chreid’each aig am bheil anam air ionnlad ann am fuil Iosa, a tha ceadachadh dha fein a bhi air a threorachadh le Spiorad Iosa, agus a tha leigeil da ‘fhòcal a chridhe ath-nuadh-achadh gach aon là; is ann mu leithid sin do chreid’each a ta e ann an so a’ labhairt, agus cha’n ann riutsa a ta a’d’ luidh do ghnàth ann do pheacanna, agus a tha ag radh fathast, gu’m bheil thu a’ creidsinn ann am fuil Iosa Chriosd. Tha’n argumaid air a’ gabhail o na Mhac a bhi air a chur. Comharaich an so, tha am Mac na Fhear-saoraidh air a chuir, bha ùghdarras an Athair aige, agus cha d’thainig e gus an robh e air a chuir: “Se so toil an ti a chuir mi.” Feudaidh so a thabhairt air do choguis a bhi aig sith, gu’m bheil am Mac na Shlànuighear air a chuir, gu’m bheil ùghdarras aig o’n Athair, cha’n fhaigh thu comhfhurtachd na’s leòir trid creidsinn, ach feumaidh tu amharc air-san mar Fhear Saoraidh air a chuir, air òrduchadh leis an Athair agus leis an Spiorad Naomh. “Tha Spiorad an Tighearn orm,” tha’n Tighearn fein ag radh. Tha e air a chuir gu bhi na Shlànuighear dhuit-sa ta creidsinn, ‘nis na’m biodh a rùn air Dia peacach a chreideas a dhiteadh, cha chuireadh e riamh a Mhac a dh’ionnsuidh an t-saoghal; cha b’e sin rùn Dhia an saoghal a dhiteadh; ach ‘se so a rùn, na h-uile thearnadh a chreideas ann.

Mar so air son cinnteachas an ni so, nach d’theid thus’ a ta creidsinn gu siorruidh am mugha, ‘se so do bharrant; cha chuireadh Dia a Mhac riabh a dh’ionnsuidh an t-saoghal, a chum t-fheoil agus t-fhuil-sa a ghabhail, agus a bhi air irioslachadh a dh’ionnsuidh dearbh bhàs a chrainne-cheus, na’m biodh a rùn air creid’each a dhiteadh, ach ‘se an t-aobhar mu am bheil mi a’ labhairt so. nach ‘eil na Papanach a’ teagasg firinn Dhe. Tha thus’ a’d’ bhreugair leis am b’ail an creid’mhach agus an sluagh a theagasg, nach ‘eil e so-dheanta gur urrainn do dhuine, a bhi cinnteach, anns a bheatha so, nach sgriosar am feasd e; tha thus’ a’d’ bhreugair, oir tha’n creid’each co cinnteach nach sgriosar am feasd e, is a ta na h-ainlean ann an gloir nach sgriosar iad gu siorruidh. Tha fios aig Dia, na’m biodh an coguisean air an dùsgadh gu a bhi a’ faicinn Dhia a’ tilgeadh naoidheana’ do dh’ifirinn air son am peacaidh gin, nach biodh sith no aoibhneas aca gu bràth, gus am biodh iad cinnteach, nach rachadh iad gu bràth am mugha. Fàgaidh mi iadsan, agus labhraidh mi ribhse. Ciod e an argumaid bu. mhò a b’urrainn Dia a thabhairt duibh, air cinnteachas na slàinte, na a Mhac a chuir a dh’ionnsuidh an t-saoghail, agus ar nàdur a ghabhail, agus a theachd gu a bhi na bràthair dhuibh, agus a bhi umhail do thoil Athair eadhon a dh’ionnsuidh dearbh bhàs a chrainne-cheusaidh, agus a bhi co fad air isleachadh’s a bhi air a chuir anns an uaigh? Mar sin feudaidh so do dheanamh cinnteach, nach d’theidh tu gu siorruidh am mugha a tha creidsinn anns a Mhac.

‘Nis ‘se’n ath phuing freagrach do’n choire. Ma tha so fior gur e so rùn an Athair, saoghal a thearnadh, ciod e an t-aobhar ma ta gu’m bheil co iomadh air an diteadh, agus gu’m bhéil co iomadh air an gairm, ach tearc air an taghadh?

Tha mi a’ ceadachadh gu’m bi mòran air an saoradh; chunnaic mi sluagh mòr na’n seasamh le pailmibh ann an làmhan, air an eideadh le trusgana’ fada geala, agus a’glaodhaich le guth mòr, ag ràdh, “Slainte d’or Dia-ne a ta na shuidhe air an righ-chaithir, agus do’n Uan,” Taish vii. Mar sin tha mi a ceadachadh gu’m bheil àireamh nach urra a bhi air an innseadh, coimeas iad riù fein, esan aig am bheil an diomhreachd ann an àireamh, thubhairt e, “Gur farsuinn an t-slighe a tha treòrachadh gu sgrios, agus gur iomadh iad a tha dol a steach ann; ach gur ainhleathan an t-slighe a tha treòrachadh gu beatha agus gur tearc iadsan a tha dol a steach air,” Ciod e an t-aobhar ma ta gu’m bheil co iomadh air an sgrios? Tha e a freagairt, nach ‘eil an t-aobhar ann-san, ach gur ann ann an daoine fein a tha a choire; oir nach deachaidh creid’mhach riam fathast am mugha. So gloir Abrahaím agus na’n athraichean, chreid sinne, agus tha sinn air ar tearnadh. Tha e ag ràdh, “esan a ta creidsinn cha ditear e.” Cionnus a ta sin? Nach feud e a bhi air a dhiteadh: cha’n fheid; oir anns an dearbh mhòmaint ‘sam bheil e a’ creidsinn, tha e air a shaoradh o uile pheacanta, agus anns an dearbh àm anns am bheil e a beantainn ri fuil a Mhic, tha’n t-Athair ‘ga shaoradh; air an aobhar sin tha’n t-Abstol ag ràdh, ‘Nis uime sin cha’n’eil diteadh dhoibh-san a ta ann an Iosa Criosd, nach ‘eil aig imeachd a réir na feòla, ach réir an Spioraid. Mar sin ‘se so comhara’ na dream a chaidh seachad air na h-uile cunnart a bhi air an diteadh, cha’n’eil iad ag imeachd do réir na feòla, ach do réir an Spioraid. Tha e ag radh “Cha’n’eil esan a ta creidsinn air a dhiteadh;” tha e a’ labhairt anns an àm a ta làthair; cha’n’eil e ag radh, cha bhi e air a dhiteadh, ach cha’n’eil e air a dhiteadh. Mar sin tha maithbeanas anns an àm a th’air làthair, fireanachadh ‘san àm air làthair, saoradh ‘san àm air làthair, dhuit-sa a tha creidsinn. Tha do naomhachadh air oibreachadh a mach lion ceum is ceum, tha do ghairm a lion ceum is ceum, tha do ghloir a lion ceum is ceum, ach tha t-fhireanachadh deanta ann an tiota; air an aobhair sin tha e ag radh, esan a ta creidsinn, cha’n’eil e air a dhiteadh, oir tha e air dol thar cunnart, oir cha’n urrainn geatan na h-ifrinn buadhachadh na aghaidh-san a ta anns a Mhac; cha’n’eil dol am mugha air do shon-sa ta ann an cró Iehobhain. “Cha bhi a h-aon deth mo chaoraich so air an sgrios,” deir es-an, C’arson? Chuir an Tighearn Iosa thu ann an clach luachmhor, agus tha e ‘ga do chaitheamh air a chridhe; agus cha’n e sin a mhàin, ach than t-Athair ‘ga do ghabhail ann a lamh fein; uime sin tha a e ag ùrnuigh, “Athair coimhid iad.” Mar sin thus a ta ann an Criosd, cha’n e ‘mhàin gu’m bheil agad am Mac gu bhi na bhuaichaill dhuit, ach mar an ceudna an t-Aehair gu bhi na fhear gleidhidh ort.

‘Nis, a ris tha e ag radh, “Ach esan nach ‘eil a’ creidsinn tha e air a dhiteadh a cheana.” Comharrachd na briathra’ a tha anns an dá earrann so; cha ruig mi leas so aithris a ris, ach feudaidh mi a chuir an céill na fhirinn na’s cinntiche no’n coim-cheangal ri Noah, ann an so tha mi a’ cuir an céill an creid’each, aig am bheil a chridhe air ionnluid ann am fuil a Mhic, gu’m bheil fhireanachadh cho cinnteach, ‘sa ta na neamhan ann; agus nach ‘eil so-dheantachd air gur urrainn da a dhol am mugha; ach na sealladh neach air bith ri a bhi air a shaoradh ach creid’each; mar air son an ana-creid’ich, tha e a cheana ‘giúlain diteadh ann a chògus, air a sheuladh suas ann a chridhe fein, mar sin am bheil thu aig ith, am bheil thu ag òl, feudaid tu iomadh tràth bhrònach a ghabhail, oir thus’ nach creid e, tha do bhinn air a tabhairt a mach, cha’n fhaic thu gu siorruidh neamh; uime sin mur creid thu dean thu fein deas air son an diabhuil agus a chuid ainglean, oir beatha cha’n fheud thu fhaicinn le do shuillean, chuir am maor an córd mu do mhuinneal, leis an dean e do chrochadh; chomhdaich maor a phriosan a cheana d’aghaidh a chum’s nach faiceadh tu a ghrian, no solus De gu bràth tuilleadh, agus tha thu ullamh gu básachadh gu siorruidh suthainn. C’arson? Faiceamaid, tha e ag radh, cha’n ann do bhrigh’s gu’n do bhris thu an lagh; ach tha e ag radh (tha e fior gu’m bi thu air do thilgeadh do dh’ifrinn air son do pheacanna) ach is e so an t-aobhar sònruichte air a shon, nach b’ail leat leigeil leis an t-soisgeil do chridhe athnuadhachadh. Tha mi a faicinn, do’m uile pheacanna gu’r e so peacadh a’s mò, tàir a dheanamh air an t-soisgeil, agus am mi-chreideamh so, nach d’thoir thu creideas do dh’fhirinn an t-soisgeil. Tha mi a’ faicinn nach ‘eil peacadh ann an aghaidh an lagha gu h-iomlain, air fhoillseachadh ‘o n’ bheinn, agus ‘am meadhon an teine uamhasaich, a tha gu bhi air a choimeas ri di-mheas no tàir air an t-soisgeil. C’ar-son? Ann am briseadh an lagh tha thu a’ briseadh dà sholus, agus aon bhann; ach ann am briseadh an t-soisgeil, tha thu a’ deanamh dochainn air tri soillsibh, agus air dà bhann. Ann am briseadh an lagh’, tha thu a’ deanamh dochainn air solus nádur agus air solus an lagha, ach cha’n’eil thu a’ briseadh ach aon bhann eadar Dia agus thu fein, mar a’s e do Chruith’ear; ach ann an solus an t-soisgeil, tha thu a’ deanamh dochair air solus eile, an ni a’s e solus feumail an t-soisgeil, air teachd o’n Athair; agus mar a ta thu a’ briseadh an t-soluis a’s mó, tha thu a’ briseadh an ceangal a’s mó, tha thu a’ saltairt fudth chois ful Iosa, tha thu a’ deanamh tàir air Spiorad na’n gràs, a a dheanadh do chridhe ath-nuadhachadh, agus cha’n àill leat gabhail ris. ‘Se ‘n soisgeil so cumhachd Dhia a chum peach air philltin, mar sin tha thusa nach creid, a cathachadh agus a’ cuir ann an aghaidh an Spioraid Naoimh leis am b’àill do chridhe ath-nuadhachadh. Gu’n teagaig an Tighearn mise cionnus, agus ciod an doigh gu labhairt ribh. Tha mi guidhe air Dia mise agus sibhse a ghleidheadh o’n ni eagalach sin; tha mi ro fhad ann an toiseachadh ri innseadh dhuibh, ach cha dàna leam dearmad a leigeil air gu h-iomlain. Tna sibh air tachairt ann an lànachd na h-aimsir, anns nach eile e na dhiteadh an solus so a ghràdhachadh, agus gu’m bheil e na dhiteadh an dorchas a ghràdhachaidh; their mi ann an so an làthair mo Dhia, tha sibh air tachairt anns an aimsir so, mur dean an solus so bhu leigheas, agus bhu n-iompachadh, agus beo a chuir annaibh, smuainichibh air an ni a tha mi gu innseadh dhuibh, bheir cuir suarrach an t-soluis so air bhu damnadh a dhòl o’s cionn damnaidh na h-uile linn a bha romhaibh. Damnadh Chàin, ‘an t-seann saoghail, Shodoim agus Ghomoraibh, agus na’n Iudhach a cheus Criosd, damnadh na’n Turcaich agus na’n Barbarianaich, agus na’n Americaich thruailidh, cha bhi an damnadh-san gu leir ach mar neo ni ann an coimeas ri do dhannadh-sa. Tha fios agam nach robh an comb-thional sin riamh ann, nach robh cuid ann a bha air an roimh-òrduchadh a chum ditidh, mar a dh’fheumas a bhi ann an so mar an ceudna; co iad, tha mi fàgail sin do’n Tighearn, ach, co-dhiubh tha’n solus air a ehuir suarach no nach ‘eil. Ruitheadh gach aon a dh’ionnsuidh a chridhe fein, biodh bhu n-oibre maile ribh an dara cuid gu’r fircanachadh no gu bhu diteadh; tha mi-chúram air tuiteam oirrne, codal trom basmhor (agus tha mi ag aideachadh do’n Tighearna gu’m bheil mo mhi-chùram-sa agus bhu mi-chùram-sa a’ dol cuideachd mar-aon, agus tha so a nis air tuiteam oirnn uile) agur mur seid an Tighearn an eibhle a ris, agus mur cuir e a lamh fein ris, agus ar dúsgadh suas, cha’n fheud mi ladhairt air na h-uile ni air am bheil dearbhachd agam a ta gu teachd; tho mi a’ faicinn dorchadas eagalach, agus sgáil bás a’ tarruing am fagus air gach anam, ciod a their sinn mu thimchioll na mallachd so a tha air a cuir an ceill.

Tha fios aig an Tighearn gu’n do chum mi suas na lamhan so agam ri Dia, nach fuilingeadh e do a rioghachd fein tuiteam sios ann ar measg-ne, agus gu’m biodh speis aige do ghloir ainme fein.

‘Nis, ‘se’n dara ní a b’áill leam a radh, co iomadh agaibh a’s a sguir de’caithris an dara h-aon os-cionn an aon eile, dh’earailchinn, agus ghuidhinn oirbh, air sgath an Tighearn Iosa, gu’m fosgaileadh sibh bhur súlean, agus gu’n deanadh sibh faire os-cionn a cheile.

‘San ath aite, tha mi a’ cuir an ceill mallachd Dhia orra-san nach ‘eil a’ cleachdadh aoradh Dhia ann an tighibh ‘sa mhadauinn agus air tráth-feasgair, agus nach ‘eil beò do réir an t-soisgeil so, agus mar dhoine, agus mar mhnathan a tha ‘gan aideachadh fein a bhi air an ceannach le fuil Iosa, á chum’s nach d’thoir iad droch ainm air tigh Dhe. Ciod am fios a ta agam-sa, nach ‘eil cuid agaibh a tabhairt aoidheadh do striopachas uaigneach ann ‘ur tighibh; chaill cuid agaibh bhur n-úghdarras, cha’n ‘eil sibh cosmhail ri daoine leis an dàna àithn a thabhairt do na pheacadh a dhol a mach as bhur tighean; am bi magadh air a dheanamh air seirbhis Dhe a nis leis na nithe so? Tha e doilbh ri thuisinn nach tuit na dearbh bhreitheanasan follaiseach air an closaichibh, agus do bhrigh’s nach ‘eil e ann an diomhanas gairm air Dia, biodh so na aon de’ bhur n-ath-chuingibh, gu’m foillsicheadh Dia fear na gniomh so, gu’n deanadh Dia aithnichte thu aon chuid ann an tròcair, ma,s leis-san thu, no ann am breitheanas anns an t-saoghal so, gu’n deanadh an Tighearn aithnichte thu, a ris, sibhse a ta na’r nigheana oga, n’ur suidh fuidh staigheachaibh cuideachd, agus bhur comhradh diomhain r’a cheile an uair a chomhlaicheas sibh, bu chòir duibh a bhi seinn sailm maille ri cheile ‘nuair a choinnicheas sibh, no a bhi labhairt mu fhocal a ghràis maille ri cheile; oir feudaidh e bhi gur e bhur coinneachadh is aobhar da so. Air falbh leibh-se a tha deanamh fearas-chuideachd do dh’aoradh Dhe. ‘Siad so an dà nì a tha mi ag agradh oirbh; tha fios aig Dia gu’m bheil aobhar tuirigh ‘n’ur measg. An e so am buidheachas a tha Dia aig iarraidh oirbh? Ciod an iomairt a bha oirbh leis a chainnt thruailidh sinn an bhur measg-ne? Na nithe a tha Dia ag agairt oirne, gu cinnteach, tha mi a’ smuaineachadh gu’m b’áill le Dia sinn a dh’ath-nuadhachadh ar n-aithreachais; air an aobhar sin feumaidh sibh tòiseachadh a ris, agus feumaidh mise tòiseachadh a ris, oir tha mi a faicinn air sheòl eile nach fheud fearg Dhe a bhi air a tionndaich air falbh.

‘Se’n ath nì a tha mi a guidhe oirbh, gun leigeadh sibh dhibh le’r cuthach, corruich, agus striopachas, le’m b’áill am baile, agus an t-aite so a thruailleadh, dh’asluichinn oirbh gu’m biodh sibhbeò na’s stuama agus na’s diadhaidh, agus gu’n ath-nuadhaicheadh sibh aoradh Dhe’sa mhaduinn agus mu fhuasgair ann bhr tighean, agus nach fuiling sibh do dh’olc sam bith a bhi ann bhr measg, oir bu choir do naomhachd a bhi sgriobhta air na dearbh nighean-agaibh a tha aig cuir a mach na luathre, agus a’ cuir ‘ur tighean ann an uidheam. Cha chan mi na’s mò aig an ám; ach tha mi a’ guidhe air Dia gu an lesaich e bhr n-uile mhearaachdan, agus gu’n leighis e bhr n-uile lochdan, air sgàth Iosa Criosd a Mhac fein; dha san, maille ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, gu’n robh gach uile mholadh uaithe so’ a mach agus gu siorruidh. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice