LE MR. EOIN UELSH.
(Air a leantuinm o t. d. 91.)
ROMH. viii. 1, 2, 3, 4, 18, 38.
THOIR fainear ma ta: innis thusa dhómh-sa, ciod e d’aon chomhfhurtachd a mháin anns a bheatha so? An e naigh-eachd na beatha siorruidh, agus nach bi thu gu bráth air do dhideadh, is aon aobhar do d’chomhfhurtachd? Tha so na chomharadh cinnteach gur leanabh do Dhia thusa. Ach ma bhitheas tu toilichte air son naigheachdan a chluinntinn mu thimchioll staid na cüirt agus comunn gnothaichean na dúthcha, no mu nithe a bhuineas do d’ghairm aimsireil fein, agus nach feoraich thu idir focal mu thimchioll staid na h-eaglais, no mu d’anam fein: Tha so na chomharradh nach robh thu riamh ann an Criosd, agus cha’n’eil a bheag ach diteadh air do shonsa, mur bi thu air d’atharrachadh, agus air do dheanamh ad’ chreutair nuadh. Ach tha mi fagail so.
Be’n ath ni a chuala sibh an dream do’m buineadh an comhfhurtachd so. Dh’fheudadh so a bhi na naigheachd aoibhneach
do’n t-saoghal na’m buineadh e dhoibh uile; oir an sin dh’fheudadh iad a radh, ciod an umhail a th’ann ciod an caithemh beatha a bhitheas agam, a’ faicinn nach ‘eil diteadh air bith dhomh. Ni-headh, ni-headh, tha comharan agus croichan air an cuir sios, agus tha comharan orra-san do’m buin an comhfhurtachd so, agus iadsan a tha as eugmhais na’n comharan so, agus a tha air taobh a mach nan croichan, feudaiddh iad deanamh air son corruich Dhia; agus ma bhàsaicheas iad mar sin, tha iad air an diteadh a cheana; oir tha àireamh mhòir air an roimh orduchadh a chum diteadh. Agus am bheil dúil agaibh-sa ma ‘seadh a dhol a dh’ionnsuidh neamh cho socrach? Ni-headh bithidh sibh air bhur mealladh; oir ma tha caoraich ann, mar sin tha gabhradh; mar a ta soithichean onair ann, mar sin tha soithichean easonair ann, agus mar a tha soithichean tròcair ann, mar sin tha soithichean feirge ann: mar a tha cruithneachd ann, mar sin tha moll ann; agus mar bhitheas a bheannachd air a thabhairt do chuid; mar sin bithidh a mhallachd air a tabhairt do chuid eile. ‘Nis, ‘siad an dream da’m buin e, iad-san a tha ann an Iosa Críosd. Mar sin ma ta, mur ‘eil thu ann an Críosd, agus air taobh a steach cuairte na fola sin, agus a’d’ bhali do’n chorp sin, a bha air a mharbhadh air a chrann, agus anns a chridhe sin a bha air a lotadh le sleagh, agus anns an fheoil sin a ghiùlain mallachd an lagha air a chrann; mur ‘eil thu air do thabhairt a mach a staid naduir, agus air d’atharrachadh a mach a stoc bròite Adhaimh, agus air do shuidheachadh ann am Mac Dhe, Críosd Iosa; air doigh’s gum bheil fhuil-san gach là ‘ga do ghlanadh o do chuid peacanna, agus a’ beathachadh d’anam, agus a’ casgadh t-iotadh, mur ‘eil na nithe so agad, ‘an sin cha’n’eil a bheag sam bith ach diteadh air do shon-sa; ach ma tha thu ann an Críosd, ‘an sin feumaidh a chuid eile gu leir leantuin, agus tha lagh air a thabhairt a mach o chaithir Dhe, nach ‘eil diteadh air do shon-sa. Ach cia mar a dh’aitnichneas tu ma tha thu ann an Críosd? Dh’innis mi dhuibh gu’n aithnich sibh so leis an Spiorad a tha ‘g’ur treorachadh. Thus a ta ann an Críosd, tha agad-sa Spiorad Chríosd ‘ga do threorachadh: air an laimh eile, thusa nach ‘eil ann an Críosd, cha’n’eil agad-sa Spiorad Chríosd, agus iadsan nach ‘eil ann an Críosd, cha’n’eil fear-ituil aca ach an fheoil a mhàin, agus tha iad-san a’ leantuin an fhir-ituil sin. ‘Nis, ma tha thu air do threorachadh leis an fheoil, cha threoraich i gu siorruidh a dh’ionnsuidh neamh thu, cha sheol i gu brath thu a dh’ionnsuidh caithir cheartais Dhe, cha threoraich i gu brath thu a dh’ionnsuidh sealladh air do pheacanna, ni mò a threoraicheas i gu brath thu a dh’ionnsuidh fùil Mhic Dhe, a chum do pheacanna a ghlanadh air falbh, ni mò a threoraicheas i gu brath thu a dh’ionnsuidh Spiorad Iosa a chum do comhfhurtachadh; oir an fheoil (mar a ta i ‘an taobh a stigh dhuit) cha treoraich i gu brath thu a mach asad fein, no a dh’ionnsuidh slighe na naomachd. Mar sin bithidh fhios agad le so, co-dhiubh a tha thu ann an Críosd no nach ‘eil; eadhon so, ma tha thu ann an Críosd, tha Spiorad Chríosd agad.
Agus, c’ia mar a dh’aithnichneas tu Spiorad Chriosd? Innseam dhuit c’ia mar a ta sin. Gabbaidh se thu, agus bheir e thu a dh’ionnsuidh tuigse shoilleir a’d’ thimchioll fein; agus feuchaidh e dhuit, do thaobh náduir gu’m bheil thu a’d’ chaora chailte, agus a’d’ mhac seachranach; air doigh’s gu’n abair thu, Gheibh mí bás mur d’theid mi dhachaidh a dh’ionnsuidh m’Athair, agus theid mi am mugha, mur faigh mi iocshlainte mhilis fuil Chriosd, a chum lot básmhór m’anam a leigheas. O nach comharrachtaeadh gach neach obair an Spioraid an uair a theid e ‘steach a dh’ionnsuidh an cridheachan; oir, co a thug thu a dh’ionnsuidh sealladh ort fein? Agus co a leig ris dhuit do staid through do thaobh naduir? Cha do leig a h-aon ach Spiorad Chriosd, a chuir an t-Athair a’d’ ionnsuidh leis an úghdarras so, aig radh, Bris a steach, agus fosgail stílean a phaeachadh dhoill so, agus leig ris da co e, mar a ta e do ríreadh. ‘Se so ceud chomharradh an Spioraid.
‘San ath áite, treoraichidh se thu a mach asad fein, agus bheir e thu a dh’ionnsuidh Chriosd, agus bheir e ort luidh sios aig a chosaibh, agus glaothaich a mach, “Dean tròcair orm, thus a Mhic an Dia bheo.” Mar so, an robh thu riamh air do threorachadh leis an Spiorad le anam leòinte a dh’ionnsuidh fuil Chriosd, agus gu tobair na beatha? Co a threoraich an sin thu ach Spiorad Chriosd? Agus an robh thu riamh air do threorachadh a dh’ionnsuidh crò chaorach Chriosd? Co a threoraich an sin thu ach Spiorad Iosa? Ciod e tuille?
‘San treas áite, an uair a threoraicheas e thu a dh’ionnsuidh na fola, an sin treoraichidh e mach thu troimh na flaithneas, agus trid na fola, agus a steach troimh na h-uile a dh’ionnsuidh gaol an Athair, an ní is e an tobair, agus a dh’ionnsuidh gaol Dhia, agus ann an sin chi thu an t-Athair ‘ga do ghrádhachadh, air sgáth a Mhic fein, mu’n d’rinneadh an saoghal riamh. ‘An sin chi thu am Mac ‘ga do ghrádhachadh gu saor, do bhrigh’s gu’n d’rin an t-Athair roghainn dhiot, agus gu’n d’thug e thairis thu dha-san. An sin chi thu, g’un do chuir an t-Athair a Mhac fein gu bás fhaotainn air do shon, eadhon an uair a bha thu a’d’ namhaid dá, agus gu’n d’rin se reidh ris fein thu trid bás a Mhic; agus uime sin tha thus a’ comhdhunadh: “oir ma ‘se air dhuinn a bhi ‘n-ar naimhde, gu’n d’rinneadh reidh ri Dia sinn tre bhás a Mhic; is mòr is mò air dhuinn a bhi air ar deanamh reidh, a shaorar tre a bheatha sin” (Romh. v. 10). Agus air an aobhar sin cha’n eil d’teath air bith dhomb-sa. O! C’ia aobhneach ‘sa dh’fheudas tu a bhi, a fhuair so air a sheuladh do d’chridhe, nach ‘eil d’teath sam bith dhuit, do bhrigh’s gu’m bheil thu ann an Criosd.
‘Sa cheithreamh aite, Bithidh aithne agad air an Spiorad le toraidhean agus eifeachdan an Spioraid? ‘Nis, ciod iad toraidhean an Spioraid? Tha iad air an cuir sios dhuibh anns a chuigeamh caibdeil do’n litir a dh’ionnsuidh nan Galatianach, 22 and 23 rann.
‘Se a cheud aon, grádh, Agus co a ghluais thu a chum grádh a thabhairt do Dhia agus do chuid naoimh, ach Spiorad a ghraídh e fein?
‘Se’n ath aon aoibhneas. An d’fhuair thu riamh ma ta aoibhneas do-labhairt ann ad’ anam? Co a b’urra dò threorachadh d’a ionnsuidh, ach spiorad an aoibhneis, an Comhfurtair e fein?
‘Se’n treas toradh sìth. Mar so an d’fhuair thu riamh sìth ann do choguis, an t-sìth sin a tha dol thar na h-uile tuigse? ‘An sin b’e Spiorad Iosa a threoraich thu d’a h-ionnsuidh.
‘Se’n ceithreamh, fad-fhulangas. Mar sin an do ghiulan thu riamh a chrois gu foighidneach? Agus an robh thu riamh toileach fulang air son ainn-san? Agus an do mheas thu riamh masladh Chriosd na shaobhreas na’s mo na ionmhas na h-Eiphit? Co a b’urrainn gràs a thabhairt dhuit gu so a dheanamh, ach esan an tì ‘se Spiorad na’n uile ghràs?
‘Se’n cuigeamh caomhalachd. Co a rinn mìn agus iriosal thu ann ad’ inntinn, air doigh ‘s gu’r urrainn thu do mhuineal a chuir gu toileach fuidh chuing Chriosd? Cha d’rinn a h-aon ach esan is e Spiorad na macantachd e fein.
‘Se’n seathamh maithreas. Co a ghluais thu gus a mhaith a dheanamh agus an t-olc a sheachnadadh, agus a bhi ullamh, a chum gach uile dheadh obair a dheanamh? Cha do ghluais a h-aon ach Spiorad Iosa, an tì ‘se maithreas e fein.
‘Se’n t-seachdamh creidimh. Mar sin co a thug dhuit creidsinn ann am bàs agus ann an ais-eiridh Chriosd? Cha dh’thug a h-aon ach Spiorad Chriosd a thog suas Iosa o na mairbh.
‘Se’n t-ochdamh macantas, agus ‘se’n naodhamh stuaimeachd. Co a thug na gràsan so dhuit, ach Spiorad Iosa, an tì ‘se ughdar na’n uile ghràs! Mar so aithnichidh sibh an Spiorad le toraidhean an Spioraid. ‘Nis do bhrigh’s gu’n d’fhag an ùin mi, air an aobhar sin cha dean mi ach a chuid eile fhosgladh suas dhuibh, agus mar sin comb-dhùnadadh.
Tha sibh a’ faicinn co iadsan do nach ‘eil diteadh; tha sibh a’ faicinn gur e an comharradh a tha aca Spiorad Chriosd; agus tha sibh a’ faicinn, gur e obair an Spioraid an t’us achmhasan a thabhairt; agus anns an ath àite, do threorachadh a mach asad fein a dh’ionnsuidh an Eadar-mheadhonair, agus a dh’ionnsuidh fhola-san.
‘San treas àite, Gu do leideachadh trid na fola sin a dh’ionnsuidh gaol an Athair, agus a dh’ionnsuidh run siorruidh do thaghaidh agus do shaoraidh.
‘Sa cheithreamh àite, is e obair an Spioraid a tha tabhairt a mach na’n toraidhean so annad, an leithid agus gràdh, aoibhneas, sith, fad-fhulangas, caomhalachd, maithreas, creidimh, macantas, stuaim. Ach treoraichidh an fheoil thu a dh’ionnsuidh adhaltranas, striopachais, neoghloine, macnus, iodhal-aoraidh, druidheachd, connsachadh, naimhdeas, comhfharpuis, fearg, comh-stri, aimhrèite, saobh-chreidimh, farmad, mort, misg, ruidhteireachd, agus an leithide sin: agus mar sin, leis na toraidhean, bithidh fhios agad co dhe’n dithis so a tha ga do threorachadh, co-dhiùbh ‘se an fheoil no an Spiorad. Ach their thus’, aig cuid do dh’amaibh
bha agam grádh, agus aoibhneas, agus síth, agus foighidin, agus caomhalachd, agus creidimh, agus a chuid eile gu leir; ach tric do dh’uairean tha mi a’ faotainn, aig an fheòil an lamh a’s airdé annam, agus tha mi air m’éigheachadh gu a leantainn.
Freagram thu, Cha bhiodh feum agad air a chomhfurtachtachd so; na’m bitheadh tu saor o’n fheòil, ach do bhrigh’s nach bi thu saor uath co fhad ‘sa bhios tu anns an t-saoghal so, oir luidhidh i do ghnath ann ad’ uchd, gu do bhacadh o mhaith a dheanamh an uair a b’áill leat a dheanamh; uime sin, tha’n comhfurtachtachd so air a chuir ad’ ionnsuidh-sa tha cogadh ann an aghaidh na feòla; mar sin, mar ‘eil thu a’ leantainn na feòla, tha thu a’ leantainn an Spiorad mar t-aon fhear-iùil. Tha so na chomharradh nach ‘eil diteadh dhuit-sa.
‘Nis, do bhrigh’s g’um bheil e co doilbh so a dhaingneachadh ann an chridhe duine, a tha co buailteach do mhi-chreidimh; agus do bhrigh thus’, a tha ad’ leanabh do Dhia, ge nach biodh ach aon iarrtas air a dheonachadh dhuit anns an t-saoghal so, tha mi an dtil, gu’m builicheadh tu air a so i, gu’m biodh agad an comhfurtachtachd so air a dhaingneachadh agus air a shuidheachadh ann do chridhe; air an aobhar sin, tha’n t-Abstol, anns an 2 rann, ‘ga chomh-chuir ris fein, mar an uair a tha e labhairt mu thimchioll a thròcair fein, tha e a’ labhairt uime ann a’ phearsa fein; mar an ceudna an uair a tha e labhairt mu thimchioll a shaorsa, tha e a’ labhairt uime ann a phearsa fein mar an ceudna. Eadhon mar sin thus’, a tha a’d’ leanabh do Dhia, ‘s urrainn thu labhairt air an dà ni so; is urrainn thu labhairt air daorsa agus traillileachd a pheacaiddh a rinn do thabhairt ann am braighdeanas d’a ionnsuidh; agus is urrainn thu labhairt mu shaorsan an Spioraid, a thug saorsa dhuit; ‘s urrainn thn innseadh gu’n robh agad grabhan, is eagal, agus pian coguis, agus is urrainn thu innseadh gu’n d’fhuair thu a leithid do dh’aoibhneas agus a leithid do shith choguis, air doigh’s gu’m b’urraadh dhuit a dhol a mach leis, agus do bheath a ghabhail ann do lamb, agus a dhol a dh’ionnsuidh na h-uaghe, agus b’urrainn thu a radh le Simeon, “Thighearn, nis tha thu a’ leigeil do d’ sheirbhiseach triall ann an sith; or chunnaic mo shúilean do shlainte.” Tha sin na chomhara gur leanabh do Dhia thu.
‘Nis, an Spiorad a tha leigeil fhaicinn d’a a thruaighe, tha’n Spiorad ceudna leigeil fhaicinn d’a a shaorsa; uime sin tha e ag radh, “Oir shaor lagh Spioraid na beatha, a tha ann an Iosa Criosd, mise o lagh a pheacaiddh agus a bháis. Tha lagh na chumhachd a ta toirt ordugh, air a shuidheachadh air ughdarras fear tabhairt an lagh.” Mar so le lagh Spioraid na beatha, tha e a’ ciallachadh buaidh agus cumhachd ar Tighearn a bha air a cheusadh, agus a tha air éiridh a ris, a tha nis beò, agus a’ rioghachadh ann an glòir. Tha e ‘ga ghairm lagh, do bhrigh’s gu’m bheil e tabhairt aithn, agus tha e faotainn umhlachd ann an cridhe clann Dhé, agus tha e ag àithneadh le ughdarras, agus fuidh na phein so, gu’m faigh mi bás mar tabhair mi umhlachd da.
(Rè leantainn.)