DHINNIS duine a tha nis aig fhois shiorruidh dhuinn an cuntas a leanas air ceasnachadh a chual e blianachan roimh dhuinne dealachadh ri Eaglais shaor na halba airson i chur cul ri focal Dhe agus Leabhar aidmheil a Chreidimh.
Bha minister araiddh a ceasnachadh ann an iomal na sgire aige. Dhfheoraich e de dhuine bha lathair: Coid i a ghaire eifachadh? Threagair an duine, Is anabharrach mor a cheist a chuir sibh ormsa a mhiniteir, agus tha fior eagal ormsa nach eil aon fhochl agamsa dhi. Tha sin gle narach dhuit ars am miniteir, or is urrainn na balaich bheaga anns an sgire a cheist sin a fhreagairt. F’odaidh sin a bhi, ars an duine, ach tha eagal mor ormsa nach eil focal dhi agamsa. Tha sin gle narach dhuibhse ma ta ors am miniteir. Is i a ghaire eifeachadh obair Spiorad Dhe; agus nach anabharrach mor agus ghloirmhur an obair a ni Easan. Tha fior eagal ormsa nach do shaoraich an spiorad Naomh riamh ann am anamsa, agus gum bheil mi tur
aineolach air an Spiorad agus air obair ‘nam anam. Is anabharrach mor a cheist sibh ormsa. Agus is i a ghairm eifachdach obair spioraidh Dhe leis am bheil E a dearbhadh oirne air peachdaidh agus air truaighe. Tha fior eagal ormsa nach do dhearbh an spiorad Naomh riamh ormsa mo pheacadh agus mo thruaighe; nach do ghabh mi riamh gumchridhe gu de’ ni eagalach a tha ‘n am féarg Dhe agus a mallachdsan an aghaidh peacaidh an duine, agus do brigh sin nach eil aon fhocal agamsa de ‘n ghairm eifachdaich. Tha e cur iongantas mor orm gun do chuir sibh ceist cho ro-chudthromach ormsa. Is i a mhiniteir a ghairm eifachdach obair Spioraidh Dhe leis am bheil E dearbhadh oirne ar peacaidh agus ar truaighe, agus a soillsachadh ar n’ intinn ann an eolas air Criosda. Nach anabarrach mor agus gloirmhor an obair sin? Tha eagal ro-mhor ormsa a mhiniteir nach do shoillsich an spiorad beannaichte m’intinnse riamh ann an eolas air Criosda, oir a reir mo bharaílse ‘s e ni neochumanta à tha’n sin. Duine a dhfhaotinn eolas air Criosda a thaobh gloir a Phearsa-Dia air fhiollseachadh anns an fheoil, agus a thaobh gloir a dhreuchdan mar am faidhe, sagart, agus righ, agus a thaobh gloir na h’obair a chriochnaich E le umhlachd, fhlangais agus a bhas air a chrann mhalaichte, agus a thaobh aiseirigh as an uaigh air an treas la agus a dhol suas chum deas lamh Dhe an Athar gu bhi ri eadar-ghuighde an sin airson pheacach-an uair a smuinticheas mise air gne an eolais sin, agus a bhuaidh a bheir an t-eolas sin air intinn, cridhe agus caith beatha an duine a gheibh e, tha fior eagal orm nach robh m’ intinnse riamh air a soillsceadh ann an eolas air Criosda. Tha mi faireachdunnn nach eil a bhuaidh aig an eolas sin a dol cho domhuim ann am intinn agus am chridhe as bu mhaith leum, agus nach eil e toirt a mach toraidh anam a thaobh fuath do’n pheacadh agus gradh do Dhia agus do naomhachd as bu choir dha, agus a tha mi creidsinn a dheanadh e nam biodh m’intinn air a soillsceadh leis an Spiorad Naomh anns an eolas ghloirmhor sin. Agus a thaobh nan nithean sin, tha iongantas mor orm gun do smuintich sibh a leithid so do cheist a chur orm. Is i a ghairm eifachdach obair Spiorad Dhe leis am bheil E dearbhadh oirne ar peacaidh agus ar truaighe, a soillsceadh ar nintinn agus ag athnuachadh air toil. Feumaidh mi imseadh dhuibhse a mhiniteir nach eil mise a faotuinn na toil nuadh so anam fein. Theid mintinn go toileach air falbh a dhionnsuidh na huile ni toirmisgthe, agus tha mothachadh agam nach urrainn mi cosg a chur oirre. Tha mi creidsinn nam biodh mo theil air a hathnuadachadh gur ann a dhiunusaidd na firiu agus na nithean a bluineas do ghloir Dhe a bhiodh mintinn a dol an comhuidh. Ach no thruaighe mise, chan ann mar sin a tha mimtinnse! Agus is i a ghairm eifachdach obair Spiorad Dhe leis am bheil E dearbhadh oirne air peacaidh agus air truaighe, a soillsceadh ar nintinn ann an eolas air Criosda, agus ag athnuachadh ar toil, agus an long sin gar deanamh deonach agus comasach air Iosa Criosd a dhlu ghabhail thugainn mar a tha E air a thairgse gu saor anns an t-soiseal. Tha mise, a Mhiniteir, bho fhor eagal nach do ghabh mise riamh ri Criosd le creidimh slainteil, ach
gur ann a tha mi fathast ga dhiultadh le m’ chridhe. Is anabarrach mor a cheist a chuir sibh orm, agus a tha mor eagl orm nach eil focal dhi agamsa ann am firinn.
An uair a sguir an duine do labhairt dheirich am ministeir agus thog a lamhan ‘us thug e am beannachd agus leig e an sluagh air falbh. A reir faireachdhuinn an duine a dhinnis dhuinn so cha do mhotaich e ni ri amh cho solainnte ris a cheas nachadh sin. N. C.