Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » March 1923 » Searmoinean leis an Urramach Eonghas MacMhaolain

Searmoinean leis an Urramach Eonghas MacMhaolain

Searmoin III. Eoin, I. Caib., 29 Rann. “Feuch Uain Dé, a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghal.”

(Air a leantuinm o t.-d. 313)

3. Tha e iomechuidh dhuinn a bhi sealltuinn ri Uan Dé, le iroslachd agus bròn diadhaidh.

An uair a dh’fhag Criosd uchd an Athar, thainig e dh’ionmsuidh saoghal na lochdainn agus na trioblaid, agus bha e na dhuine dolghiosach agus eólach air bròn rè astar a bheatha anns an fhàs ach so. Bha e, cha ’n e mhain eólach air bròn ach bha ’bhròn ro-mhòr, thug a bhròn barrachd air bròn gach neach eile bha riamh air thalamh. Dh’fheudadh e le firinn a rádh, “O, sibhse uile tha gabhail a rathaid, amhaircibh, agus faicibh am bheil bròn air bith cosmhuiil ri mo bhrònsa.” Seallamaid ris ann an gàradh Ghetsemane, a dorthadh a mach ’deòir, agus fuil, agus guidhe ghéur, seadh agus anam féin gu bàs, fo uallach trom na feirg a thoill peacanna a phobuill. Gluinneamaid e air a chrann-cheusaidh, ag éigheach a mach, “Mo Dhia, mo Dhia, car son a chréig thu mi?” agus smuainicheamaid a nis, an robh bròn air bith cosmhuiil r’ a bhròn-san. Ach ’s e dleasdanas deiscibuil Chriosd comh-fhulangas a bhi aca r’ am Maighistir ann a amhgharaibh, a bhi bròn maille risean a bha ri bròn, a bhi sealltuinn risean a bha air a lot air an son, le h-irioslachd agus bròn diadhaidh.

Nam biodh neach air bith do ’m luchd-eisdeachd, d’ am bheil Criosd luachmhòr, am fagus da anns a ghàradh, agus na fhanuis air athchuingean agus àrd-èigheach maille ri déuraibh, nach biodh anam air a chràdh? nach biodh e ullamh gu bhi gul maille r’ a Fhear-saoraiddh, gu bhi a’ measgadh a dhéuraibh le déuraibh Chriosd? Nam biodh tu dlùth dha ’n uair a bha e dol a mach a baile Ierusalem gu Calbhari, agus gu ’m faiceadh tu an t-Uan naomha, neochiontach so, ullamh gu fannachadh, fo uallach trom a chroinn-cheusaidh, O, mach biodh tu ullamh gu bhi taisbeanadh do chomh-fhulangas, le bhi togail a chroinn-cheusaidh na dheigh, agus ga leantuinm? Nam biodh tu dlùth dha ’n uair a bha e air a chrann, agus gu ’n cluimtheadh tu ’n glao dh’ard, agus goirt leis an do ghearrain e mar rinn an t-Athair a thréigsinn, nach ruigeadh an glao dh’ud do chridhe? nach fhosglaidh e tobar a bhròm dhiadhaidh, agus nach amhairceadh tu air-san a bha air a lot, a caoidh, mar a chaoidheas duine air son aon ghin mhic? ‘S ann le bròn diadhaidh a thigeadh do chloinn Dé a bhi sealltuinn ri Criosd gach là, do bhrigh gur ann air an son-san a dh’ iroslaich se e féin, agus a dh’ fhuiling e péin agus bàs. B’ e eu-ceartan a phobuill, aobhar gach cradh agus amh-ghar a dh’ fhuiling e, na anam agus na chorp, rè aimsir a chuairt air an talamh. “Lotadh e air son am peacanna, bhruthadh e air son am aingidheachdan,” bha lamh gach aon dhiubh trom air, an uair a thug se e féin suas mar iobairt gun smal do Dhia. O, nach iomchuidh, uime sin, gu ‘m biodh an cridheachan a leaghadh, agus an suilean mar tòobar dhéar, gach uair a sheallas iad ri crann-ceus-aidh an Tighearn Iosa Criosd. ‘S ann le bhi sealltuinn ri Criosd, le creidimh agus iroslaichd, a tha comh-chomunn aig a dheisciobuil maillé ris ann a fhulangas, agus air an cuir ann an coslas cruth r’ a bhàs.

4. Anns an àite mu dheireadh, tha iomchuidh gu ‘m bithseamaid a sealltuinn ri Uan Dé, le mòr thaignealachd cridhe.

Nam biodh duine bochd anns an duthaich so ann an teanntachd, agus ann an uireasbhuidh ro-mhòr, agus gu ‘n tigeadh caraid saoibhir na rathad a ghabbadh truas de dh, agus a bhiadh toileach a shaoradh o a theanntachd, fhiachan a phaigheadh, agus uireasbhuidh a leasachadh, seadh, agus roinn co pailt d’ a stòras féin a thoirt da, ‘s a bu leòir chum a dheanamh saoibhir agus sona rè aimsir a bheatha, nach biodh aobhar mòr aig an duine bhochd sin a bhi taingeil d’ a charaid? Ach nan tuiteadh an duine bochd ann an laimh namhaid a bhiadh a rùnachadh a bheatha thoirt air falbh, agus gu ‘n cuireadh a charaid saoibhir e féin ann an gàbhadh agus cumart bàis chum a theasaigin o laimh a namhaid, nach biodh aobhar a thaing-ealachd gu mòr air a mheudachadh? nach ann le cridhe a leaghadh le gràdh, agus a lasadh le taingealachd, a thigeadh dha bhi smuaineachadh, ‘s ag iomradh air a charaid a rinn nithbh co mòr agus tròcaireach air a shon? Ach O a chreidimhich bhochd agus uireasbhuidheach, thoirt fa’-near meud na nithbh a rinn agus a dh’ fhuiling Criosd air do shon-sa. Nach do ghabh e truas dhiot an uair a bha thu ann a t-fhuil, ann do staid chaillte? Nach d’ fhad e uchd an Àthar, agus nach d’ thainig e dh’ionnsuidh am t-saoghail thruailidh so chum do thearmadh? Nach d’ iroslaich se e féin chum thusa àrdachadh? Nach d’ rinn se e féin bochd, chum thusa dheanamh saoibhir? Nach do leag e sios a bheatha féin chum do thoirt gu sealbh air bheatha mhaireannach? Nach do ghairm e thu o dhorchadas gu solus, an uair a ghabh e seachad air muinntir eile? Nach do phaighe e d’ fhiachan? Nach do leasaich e t-uirc-easbhuidh? Nach d’ thug e dhuit còir air beannachdaibh spioradail an nuadh choimh-cheangail? Seadh, nach d’ rinn e na nithne so uile chum do thoirte gu sealbh air saorsa ghlormhór cloinne Dhé? O nach mór a ta thu ann an comain an t-Slànughear so air son lionmhoireachd a thrócairibh? “Ciod a dh’ icaas tu dha air son na rinn e dhuit do mhaith?” Tha e soilleir nach bi thu choidhich comasach air ath-dhiol a thoirt da air son na trócair a dheomaich e cheana dhuit, an uair a thug e thu gu staid slàinte. Ach ciod air bith a rinn e cheana air do shon, tha e toileach tuille dheanamh, tha e toileach tuille do ghràs, do chomhfhurtachd, agus do cho-chomunn maille ris féin a dheònachadh dhuit; tha e toileach do ghlanadh, do maomhachadh, agus do threòrachadh air an t-slighe gu Sion; do ghiùlan gu tearuinte troimh ghleann dorchà sgàil a bhàis, agus do nochdadh fa-dheoidh an làthair Athair gun smal gun lochd. O cia mór a ta thu, uime sin, ann an comain an Uain so? ‘S ann le crìdhe leaghadh le gràdh, agus a lasadh le taing-ealachd, a thigeadh dhuit a bhi sealltuiinn ris, agus ga leant-uinn o là gu là.

1. Anns a cheud àite, feudaiddh sinn floghlum o ‘n teagasg so, gur ann o a fhior ghean-maith féin a dh’ ullaich Dia an t-Uan a bha ri peacaidh an t-saoghal a thoirt air falbh.

Thug an leagadh an cinneadh-daoine uile gu staid peacaidh agus truaighe, agus dh’ fheudadh Dia gu ceart-bhreitheach am fagail gu dol a dhith anns an staid so. Cha robh e fo chomain air bith dhoibh, cha robh e fo na fiach-aibh a bu lugha do neach air bith do shliochd ciontach Adhamh; dh’ fheudadh e, uime sin, an t-iomlan diubh fhagail gu bhi caillte gu slorruidh, gun smal air bith a thoirt air glòir a bhuaiddhibh, na air onair a mhòrachd féin. Gidheadh, cha d’ fhag e ‘n cinneadh-daoine uile gu bhi caillte anns an staid thruagh so; oir thagh e cuid diubh o shlorruidheachd, chum na beatha maireamhaich, agus chuir e Mhac féin a dh’ ionnsuidh an t-saoghail chum an raoradh o chionta agus o thruaighe. ‘S e ‘m peacadh an eucail is eaglais agus is milltich a rinn greim a riamh air luchd-àiteachaidh an t-saoghail so, agus cha ‘n eil ioc-shlaint, na leigh sam bith air thalamh, a tha comasach an eucail so a leigheas; ach tha feartan ann am fùil an Uain, tha ioc-shlaint a sruthadh o lotaibh Chriosd, a tha leòir-fhoghainteach chum an eucail so a leigheas, agus chum fois anama thoirt do na h-uile a ta fo uallach spioraid leòinte. Ach ‘s ann o a fhior ghean-maith féin a dh’ ullaich Dia an ioc-shlaint so a leigheas gach truaighe thug am peacadh air an duine.

2. Tha fuil na h-iobairt a thug an Tighearn Iosa Críosd suas, leoir-fhoghainteach chum am peacadh is truime dath a glanadh as, agus am peacadh is mo dheanamh réith ri Dia.

Cha robh fuil tharbh na ghabhar a riamh leòir-fhoghainteach chum peacadh a thoirt air falbh, agus cha ‘m fheud nithe truailidh, mar a ta airgid agus òr, saorsa o ‘n pheacadh a cheannach do neach air bith, ni mo tha éifeachd ann an deòir an aithreachais, na ann an deadh oibríbh dhaoinne, chum an glanadh o pheacadh agus o neoghloine; cha ‘n ‘eil ni air bith air fhoillseachadh dhuinne fo neamh, a tha glanadh o gach peacadh, ach fuil an Tighearn Iosa Críosd. ‘S ann trid fuil Chríosd a tha a dheiseicboul uile air an ionnlaid, air am fireanachadh, agus air an naomhachadh; ‘s ann le fuil an leigh a tha iad air an leigheas, agus ‘s ann trid feartaibh na h-iobairt a bha gun smal, a bhios iad uile fa-dheoidh air an nochdadh an lèthair Dhé gun smal.

3. Cha ‘n ‘eil buannachd spioradail, na saorsa a cheannach Críosd, aig neach sam bith, co fhad ‘s a tha e beò ann an gràdh, ‘s ann an cleachdamh a pheacaidh, agus cha bhi buannachd na saorsa so am feasd, aig neach air bith a tha bàsachadh anns a pheacadh.

Tha mòran ann an ifrinn d’ an robh saorsa an t-soisgeil aon uair air a taigse; ach cha bhi buannachd na saorsa so choidhich, aig neach air bith a chaidh cheana sios do ‘n t-slochd. Cha ‘n ‘eil buannachd na saorsa so aig neach sam bith do phobull taghta Dhé, co fhad ‘s a tha e buanachadh na staid neo-iompaichte. Bha Pòl na shoitheach taghta, agus bha Peadar na shoitheach taghta; ach fhad ‘s a bhuaich iad as eugmhais gràs iompachaidh, bha iad le cheile nan cloinn feirg, eadhon mar chàch. ‘S ann le bhi air an iompachadh, a tha peacachd air an deanamh nan luchd-compairt do ‘n t-saorsa ‘cheannach Críosd. ‘S ann a nis a tha iad air an saoradh o chionta pheacaidh, agus o mhallachadh an lagha; ‘s ann a nis a tha iad air an aisig gu sìth, agus réite maille ri Dia; ‘s ann a nis a tha ‘n deadh obair a tòiseachadh anns an anam, a bhios air a crochnachadh ann am beatha mhaireannach. Uime sin, tha e ro fheumail dhuinne bhi ceasnachadh, an robh sinn féin air ar dùsgadh, air ar soillseachadh, air ar breith o ‘n Spiorad, air ar deanamh nar luchd-compairt do n t-saorsa so, ni as eugmhais nach fhaic sinn rioghachd neimh.

4. ‘S e dleasdanas an dream a fhuair eòlas spioradail air Críosd, a bhi gu tric a sealltuinn ris tre chreidimh.

Thoir oidheirp O chreidmhich, air a bhi dlùthachadh gu tric ri crann-ceusaidh Críosd, agus a sealltuinn ris an Uan a bha air iobradh, chum do pheacaidh a thoirt air falbh. Am beil thu fo mhothachadh géur air ole a pheacaidh? Seall ri fuil Chriosd, a tha glanadh o gach peacadh. Am bheil thu fo agartas coguis, agus fo eagal feirg? Seall risean a dhoirt thuil chum fearg Dhé a chosg, agus chum a choguis chiontach a ghlanadh o oibríbh marbh. Am bheil thu caoidh tha cruadhas do chridhe, thar truailidheachd do náduir? Seall ri lotaibh Chriosd, a ‘m bheil ioc-shlaint a sruthadh, chum an cridhe cruaidh a leaghadh, agus an t-anam leóinte a leigheas. Am bheil thu fo dhiobhail mis-nich tre iomad buaireadh? Seall risean a tha guidhe nach diobradh do chreidimh thu, agus gheibh thu spionnadh nuadh.

(Ri leantuinm.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice