Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » April 1923 » Buadhan Feumail Chum Beatha Naomh leis an Urramach Bhatair Marshall

Buadhan Feumail Chum Beatha Naomh leis an Urramach Bhatair Marshall

THA buadhan sonruichte feumail a chum an t-anam a chur ann am fonn agus an staid naomha. Leis na buadhan sin tha an t-anam air ullachadh agus air a dheanamh comasach lagh Dhè a chur an cleachdadh air ball, agus sin, cha ‘n ann a mhàin a chum tòiseachadh ach a chum buannachadh ann. Bha buadhan oirdhearc air ann buileachadh air a’ cheud Adhamh a chum a bhi beò ann an cleachdadh naomh; agus bha buadhan na bu ro-birdhearc air am buileachadh air an dara Adhamh a chum ùmhlachd a thoirt ann an càs bu chruaidhe. Agus a chionn gu bheil ùmhlachd a nise air fàs cho duilich dhùinne, tre gach buaireadh dh’a bheil sinn buailteach an long tuiteam Adhaimh, tha feum againn air buadhan sonruichte, ma tha sinn gu bhi ‘n ar luchd-leanmhuiinn air Chriosd, buadhan a bhios a dh’aoi chuid cho maith, no na’s fhear, ‘s bha aig Adamh, agus sinn ann an càs na’s cruaidhe na bha esan.

Anns a’ cheud àite, tha feum againn air cridhe a bhios so-aomaidh ri dleasdanasan an lagha, a chum ar cur ann am fonn agus ar deanamh comasach an cleachdadh air ball.

Tha dleasdanasan an lagha de leithid a nàdur ‘s nach urrainn iad a bhi air an deanamh ma tha gràinn aig a’ chridhe orra, no ma tha an cridhe fuar, agus gun iarrtus air bith ann a chum an deanamh. Oir is e a’ cheud àithne, an Tighearna a ghràdhachadh le ar n-uile chridhe neart agus anam—gu ‘n gràdhaich sinn gach nì a tha ann an Dia—gu ‘n gràdhaich sinn a thoil agus a shlighean, agus gu ‘n gabh’ sinn tlachd annta mar nithean a tha maith. Feumaidh gach dleasdanas a bhi air a dheanamh fo bhuaidh a’ ghràidh so. Feumaidh sinn tlachd a ghabhail ann an toil Dhé—feumaidh e bhi na ‘s milse dhuinn na a’ mhil, na cir-mheala. Agus feumaidh an gràdh agus an tlachd so, am miann agus a’ mhilseachd so, buanachadh gus a’ chrioch: agus feumaidh a’ cheud ghlusad gu ana-miann a bhi air a thoirt fo riaghladh gràdh do Dhia agus do ar coimhearsnach. Feumaidh gràdh do Dhia a thighinn bho chridhe glan (1 Tim. i. 5)—cridhe air a ghlanadh bho mhiann agus bho ghlusad a chum uile. Tha reuson fhéin ag innseadh dhuinn nach urrainnear a’ cheud ghlusad gu ana-miann, nach ‘oil air a roghnachtdh le sùlean fosgailte, a sheachnadh mur a bi an cridhe air a shuidheachadh air rùn a bhi naomh.

Anns an darna h-àite, feumaidh tomhais de dhearbh chinnt a bhi againn air sinn a bhi air ar deanamh réidh ri Dia a chum gu ‘m bi sinn comasach air naomhachd a chur an cleachdadh.

Tha Dia air a dheanamh soilleir gu leòr dhuinn ‘n a Fhacal gur e an dòigh air daoine a thoirt bho pheacadh gu naomhachd fios a thoirt dhaibh, anns a’ cheud àite, gu bheil gràdh aige dhaibh, agus gu bheil am peacaidhean air an dubhadh a mach.

Is e an treas ni a tha ro fheumail, a chum ar deanamh comasach air naomhachd a chleachdadh, gu ‘m biodh tomhais de dhearbhachd air a thoirt dhuinn air sonas siorruidh air néimh.

Biodh so ‘n a mheadhon cumhachdach air ar cur ann am fon, agus air ar tarruing gu bhi beò, beatha na naomhachd.

Dh’fhuiling Criosd—eisimpleir mhòr na naomhachd—air son an aoibhnis a chuireadh roimhe, an Crann-ceusaidh, a’ cur na ‘naire an neo-shuim (Eabh. xii. 2). Cha do dh’fhannaich na h-Abstoil anns an àmhghair, a chionn gu ‘n robh fios aca gu ‘n robh e “ag oibreachadh (dhaibh) trom chudthrom glòire” (1 Cor. iv. 16, 17). Is e an dòigh air sinn fhìn a chumail ann an gràdh Dhé, sùil a bhi againn ri tròcair ar Tighearna Iosa Criosd chum na beatha maireannaich.

Is e ullachadh eile a tha ro fheumail a chum na cricn cheudna, tomhais de dhearbhadh a bhi againn air neart iomchuidh, araon a chum toil agus gniomh, a dheanamh ar dleasdanais ann an dòigh a bhios taitneach, gus an ruig sinn air seilbh ann t-sonais néamhaidh.

Tha iadsan a tha smaoineachadh gu bheil e ‘n a ni furasd ùmhlachd choitchiomm a thoirt do ‘n lagh a’ seall-tuinn nach ‘eil aithne aca aona chuid orra fhéin no air an lagh. Tha mi ag aideachadh gu bheil seirbhis Dhé furasd agus taitneach dhaibh-san air an do bhuilich Dia buadhan sonruichte air a shon, ach tha iadsan a tha a’ meas gu bheil e furasda do ‘n duine nàdurach a’ seall-tuinn gu bheil iad aineolach ann a bhi dol an aghaidh féin-fhiosrachadh chriosduidhean agus fhineachan.

Bha gliocas Dhé a riamh a’ buileachadh air daoine deagh mhiseachd gu faigheadh iad neart iomchuidh—araon an toil agus an gniomh—chum an dleasdanas a dheanamh. Bha an neart sin air a thoirt do ‘n cheud Adhamh. Cha ‘n ‘eil teagamh nach robh mothachadh aig an Tighearna Iosa air cumhachd neo-chriocnach a dhiadhadh a chum a dheanamh comasach coinneachadh ris na bha aige ri fhulang agus ri dheanamh ‘n ar nàdur. Bha fhios aig gu ‘m b’ e an Tighearna Iehobhah fhear-cuideachaidh, agus air an aobhar sin nach biodh e air a chur gu amhluadh (Isa. 1, 7.)

Tha an Sgriobtur a’ nochdadh an dcarbh chinnt air neart a thug Dia do Mhaois do Iosua do Ghideon an uair a ghairm e iad gu seirbhis mhór, agus do na h-Israelich an uair a ghairm e iad gu tir Chanaain a chearnsachadh. Thug Pòl misneachd do chreidmhich a bhi beò beatha na naomhachd le bhi cur am eòil dhaibh nach fhaigheadh peacadh buaidh no uachdranachd tlairis orra, a chion nach robh iad fo ‘n lagh ach fo ghràs (Rom. vi. 13-14). Thug e earail dhaibh a bhi làidir anns an Tighearna agus ann an neart a chumhachd-san, a chum gu ‘m biodh iad comasach air seasamh an aghaidh cuilbheartan an diabhuil. Tha Eoin a’ toirt comhairle air creidmhich gun iad a ghràdhachadh an t-saoighail no na nithean a tha ‘s an t-saoighal, a chìonn gu ‘n robh iad làidir agus gu ‘n d’thug iad buaidh air an droch aon (I. Eoin ii. 14-15.) Bha iadsan a ghairm Dia roimhe so gu miorbhuilean a dheanamh. air an cur ann an seilbh an toiseach air a’ chumhachd a bha feumail chum na h-oibrbh iongantach sin a dheanamh. Mar sin, an uair a tha daoine a tha marbh ann am peacadh air an gairm gu bhi deanamh oibrbh beatha na naomhachd—nitlean a tha ‘n am miorbhuilean mòra anna fhéin—tha e foillseachadh dhaibh ticdhlac a’ chumhachd a chum am misneachadh ann an dòigh reusanta oidhirp cho iongantach a ghabbail os làimh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice