Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1924 » May 1924 » Searmoinean leis an Urramach Domhnall MacMhaolain. Searmoin VI. Lucas, vii. Caib., 50 Rann. “Agus thubháirt e ris a mhnaoi, Shlánuich do chreidimh thu, imich an síth.” (Air a leantuin o t.-d. 389)

Searmoinean leis an Urramach Domhnall MacMhaolain. Searmoin VI. Lucas, vii. Caib., 50 Rann. “Agus thubháirt e ris a mhnaoi, Shlánuich do chreidimh thu, imich an síth.” (Air a leantuin o t.-d. 389)

III. Tha mi nis ri bhi labháirt air an treas ceann teagaisg le bhi ‘g ainmeachadh cuid do ‘n toradh a tha sruthadh o chreidimh tearnaidh anns an Tighearn Iosa Criosd.

1. Anns a cheud áite, tha sláinte an anama na thoradh a tha sruthadh o ‘n chreidimh so.

“Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus tearnar thu.” “An ti a chreideas anns a Mhac, tha bheatha mhaireannach aige.” An uair a bha Criosd anns an t-saoghal so, a dol mu ‘n cuairt a deanamh maith, bha mòran, mar thug mi cheana fa’neár, a teachd d’ a ionnsuidh chum a bhi air an leigheas o eucailibh corporra, agus tha e soilleir nach do chaili iad an saothair,—nach d’ iarr iad leigheas gu diomhain,—nach do chuir Criosd aon neach dhiubh falamh air falbh. Cha do dhiult e cabhair a dheanamh air aon neach a riamh a thainig d’ a ionnsuidh trid creidimh. Cha ‘n ann a dh’ iarruidh sláinte cuirp, ach anama, a thainig a bhana-phéacach, air am bheil cunntas againn anns a chaibideil so. Bha i tinn le mothachadh air ole a phéacaidh,—thainig i ‘n láthair Criosd le cridhe briste, le spiorad bruite. ‘S e maitheanas peacaidh, ‘s e trócair d’ a h-anam, an ni sonraichte bha dh’ easbhuidh oirre, agus fluair i a cheart ni a bha h-anam brònach ag iarraidh; fluair i le trócair folach air a cionta, is eas-aontas; agus thainig toiseach sláinte spioradail, agus shiorruidh, a dh’ ionnsuidh a h-anama. Feudar an ni ceudna radh mu thimchioll na muinntir a bha air am biordh ‘nan cridhe air là na cuingis. Bha ‘n coguis air a leòn le mothachadh air an cionta, bha iad air chrith le eagal feirg, bha iad ann an imcheist mhór mu thimchioll staid an anama, agus fo ‘n imcheist so ‘g éigheach a mach, “Fheara agus a bhraithre, ciod a ni sinn?” Tha e soilleir gur saorsa o chionta agus o fheirg, gur sláinte d’ an anamaibh neo-bhásmhor an ni sonruichte bha dh’ easbhuidh orra. Ach co luath ‘s a thilg iad sios an airm chogaidh, agus a phill iad a dh’ ionnsuidh Dhè le fior aithreachas, co luath ‘s a striochd iad do Criosd, agus a ghabh iad ris tre chreidimh, thainig fois, thainig sláinte gun dáil a dh’ ionnsuidh an anamaibh. Thubhairt Criosd riutha, mar gu ‘m b’ ann, “Shlànuiuch bhur creidimh sibh, imichibh an sith.” Air an aon amhuil cheudna, ‘nuair a ghabh Sacheus ris an Tighearn Iosa Criosd gu toileach, thainig sláinte a dh’ ionnsuidh a thighe, thainig tòiseach sláinte shiorruidh dh’ ionnsuidh anama.

2. Tha sith maillle ri Dia, agus sith anama mar an ceudna, nan toradh a tha sruthadh o chreidimh tearnaidd anns an Tighearn Iosa Criosd.

Chruthaich Dia an dune an toiseach, cha ‘n e mhain ann a iomhaigh féin, ach ann an sith, ann an càirdeas, agus comh-chomunn maillle ris féin, agus bhuanaiich e anns air staid shona so, gus an do pheacaich e ‘n aghaidh Dhé, le itheadh do ‘n mheas thoirm-easgte; ach co luath ‘s a dh’ith e do ‘n mheas so, dh’eirich a choguis féin na aghaidh, dhealaich sith ri anam, agus chaill e ‘n comh-chomunn blasda bha aige maillle ri Dia na cheud staid. Chuir am peacadh an creutair agus a Chruith-fhear an aghaidh cheile; lion e cridhe an duine le naimhdeas an aghaidh Dhé, agus bhrosnaich e Dia gu fearg an aghaidh an duine. Dh ‘fhag e ‘n cinneadh daonn’ uile fo dhíom, fo corruich an Uile-chumhachdaich, agus buailteach do thruaighe shiorruidh.

Ach thainig Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail mar theachdaire sith, mar Eadar-mheadhonair, a dheanamh réite eadar Dia agus daoine ceannaireach a thog an sùl na aghaidh. Gidheadh, cha robh e na ni furasda do ‘n Tighearn Iosa Criosd an réite so a dheanamh. Dh’ fhuiling agus chosd e féin mòran chum reite dheanamn air son peacanna a shluagich; ach ghradhaich e a shluagh air a leithid a dhoigh is gu ‘n robh e toileach sith a cheannach dhoibh-san, ciod air bith a chosdadh e dha féin. Uime sin, thug e suas e féin mar iobairt air a chrann-chéusaidh, chum an saoradh o chionta pheacaidh, agus an deanamh réidh ri Dia; agus tha na sgriobtuirean a teagasg dhuinn, gu’n robh an iobairt a thug e suas co taitneach ann an sealladh Dhé an Athar, as gu ‘m bheil e toileach a bhi réidh ris na ceannairceich is mo do shlochd Adhamh, air sgàth na h-iobairt luachmhoir so. Co luath ‘s a tha e faicinn peacach air bith, air son an do dhoirt Criosd fhuil, air irosalachadh, a stròchdadadh da Mhac, agus a gabhail ris tre chreidimh, tha e dubhadh a mach’uil’ eu-ceartan, ga dheanamh réidh ris féin, agus a labhart sith r’ a anam. An uair a thainig am mac struidheach thuige féin agus a phill e le irosalachd a dh’ ionnsuidh athair, ghabh athair ris gu toileach, agus bha ‘n struithear air aisig gu sith, gu rèite, agus co-chomunn maillle ri athair gun dáil. Agus tha e na ni gle chinnteach, gu robh a bhana-pheacach, air am bheil cunntas againn ann am briathraibh ar teagaisg, cha ‘n e mhain air a h-aisig gu sith maille ri Dia, ach mar an ceudna gu sith agus fois anama, ‘n uair a thubhaint Criosd rithe,—“ Tha do pheac-anna air am maitheadh, Shlànach do chreidimh thu, imich air sith.”

3. Tha co-chomunn spioradail maille ri Dia na thoradh a tha sruthadh o chreidimh tearnaidd anns an Tighearn Iosa Criosd.

Tha co-chomunn maille ri Dia na shochar a bhuineas do gach creutair naomha tha anns a chruth-eachd. Tha aingil nam flaithéis, agus spiorada nam fir-eam, a tha air an deanamh foirfe, a ghnath le h-aghaidh gun fholach, a faicinn glòir an Cruith-fhir, am mealtuinn a làthaireachd, agus a deanamh gairdeachais ann an solus a ghnùis. Bha Adhamh na cheud staid naomha, neo-chiontaich, am mealtainn comh-chomunn maille ri Chruith-fhear mar an ceudna. Ach am buin air sochair so do chreutair peacach air bith? Am feud creutair peacach a tha air a chuaireachadh le iomad annuin-eachd, agus truaillidheachd, a bhi mealtuinn comh-chomunn maille ris an Ti a tha do shuilean ni ‘s gioine, na gu ‘m feud e amharc air aingidheachd? Dh’ iunis an t-Abstol Eoin dhuinn gu ‘m feud, an uair a thubhaint e mu thimchioll fein, agus muinntir eile,—“ Gu firinneach tha ar comunn-ne ris an Athair, agus r’ a Mhac Iosa Criosd.” Gidheadh, cha ‘n fheud peacach comh-chomunn a mhealtainn maille ri Dia, gus am bheil iad an t’us air an iompachadh, agus air an deanamh réidh ris trid Iosa Criosd an t-Eadar-mheadhonair. ‘S ann an deigh dhoibh gabhail ri Criosd, agus a bhi air an aonadh ris tre chreidimh, a tha iad air an aisig gu sith agus comh-chomunn spioradail maillé ri Dia. “ Uime sin, air dhuinne ohi air ar fireannachadh tre chreidimh, tha sith againn ri Dia, tre ar Tighearn Iosa Criosd: tre ‘m bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a steach tre chreidimh chum a ghràis so anns am bheil sinn nar seasamh, agus a ta sinn a deanamh gairdeachais an dòchas glòire Dhé?” ‘N uair a tha naimhdeas agus aimhreit eadar coimhearstaich, tha caird-eas agus comh-chomunn graidh air an druideadh amach. ‘N uair tha naimhdeas is cogadh eadar rioghachdan an t-saoighail so, tha iad a druideadh am puit an aghaidh a cheile, agus an àite bhi taisbeanadh deadh-ghean d’ a cheile, ‘s a frithealadh d’ a cheile, ‘s e ‘m miann a bhi teannachadh, a creachadh, agus am milleadh a cheile. Ach an uair a tha ‘n cogadh air a chosg, air a thionndadh gu sith, tha iad a ris a fsgladh am puit, a frithealadh d’ a cheile, agus air an aisig gu càirdeas, agus comh-chomunn, mar nach biodh naimhdeas na cogadh a riambi eat-orra. An uair a tha peacaich a tilgeadh sios an airm-chogaiddh an aghaidh Dhé, a striochedadh d’ a Mhac, agus air an aonadh ris tre chreidimh, tha iad air ball air an aisig gu sith, agus comh-chomunn maille ri Dia, agus air sgàth Chriosd, tha Dia a fosgladh uinneagan neimh, a compartachadh beannachdan spioradaidh gu pailt, a dortadh a ghriaidh ‘nan cridheachaibh, agus ga fhoillseachadh téin doibh, mar nach eil’ e do ‘n t-saoghal.

4. Anns an àite mu dheireadh, tha naomhachd eridhe agus beatha, na thoradh a tha sruthadh o chreidimh anns an Tighearn Iosa Criosd.

Tha’n duine saor o fhireantachd, agus na choigreach do naomhachd, co fhad ‘s a tha e deal-aichte o Chriosd. Co fhad ‘s a tha e dealaichte o Chriosd, cha ‘n ‘eil aon sràd do ghràs, na’n tomhas is lugha do naomhachd a gabhail comhuidh na chridhe; ach co luath ‘s a tha e teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus a gabhail ris, tha e, cha ‘n e mhain, air a sgeadachadh le a fhireantachd, ach mar an ceudna a compartachadh d’ a naomhachd. Tha Criosd air a dheanamh dha le Dia, na ghliòcas, na fhireantachd, na naomhachd, agus na shaorsa. ‘S e Criosd tobar na sláinte,—an tobar o’m bheil sláinte an anama gu h-iomlan a sruthadh; ach ‘s e creidimh inneal-tarruing an anama, ‘s ann tre creidimh a tha e teachd a dh’ ionnsuidh an tobair so, agus a tarruing uisge le h-aobhneas as. Tha e fior, cha ‘n ‘eil lamh sam bith aig creidimh anns an duine bheothachadh, no ann an gràs a chompartachadh ris an anam an toiseach; ‘s e so obair an Spioraid Naoimh a mhain, agus an uair a tha ‘n Spiorad a teachd a dheanamh na h-oibre, tha e faotainn an anama marbh anns a pheacadh, agus tur fhalamh do ghràs, agus do naomhachd. Ach tha ‘n t-anam air a bheothachadh, agus gràs air a chompartachadh anns an ath-ghineamhuinn; agus co luath ‘s a tha gràs tearnaidh air a chompartachadh, tha obair naomhachaidh a toiseachadh, agus ‘s ann a reir mar tha gràs air a mheudachadh, agus air a chumail ann am beò-chleachdadh, a tha ‘n obair so a soirbheachadh, a tha’n duine dol o neart gu neart air an t-slighe gu Sion. Ach tha e soilleir o fhocal Dé, gu bheil gràs air a neartachadh, agus obair naomhachaidh a soirbheachadh, a reir an tomhais anns anns am bheil an t-anam a beachdachadh, agus a beathachadh air an Tighearn Iosa Criosd trid creidimh. ‘S ann le bli’g amharc mar ann an sgathan air glòir Chriosd, a tha e air atharrachadh chum iomhaigh Chriosd, agus air a dheanamh iomchuidh air son oighreachd nan naomh san t-solus. An uair a tha’n duine air fhireanachadh tre chreidimh, tha e faota-inn còir air a bheatha mhaireanaich; ach tha foirfeachd ann an naomhachd gu neo-fhàilnichte feumail chum làn-sheilbh fhaotainn air a bheatha so. “As èugmhais naomh-achd, cha’n fhaic neach air bith an Tighearna.” Ach tha naomhachd cridhe agus beatha, a ghnath a sruthadh o’ bheò-chreidimh anns an Tighearn Iosa Criosd; oir “ma tha neach air bith ann an Iosa Criosd, is creutair nuadh e; chaidh na sean nithe seach, feuch rinneadh na h-uile nithe nuadh.”

1. Anns a cheud áite, feudaidh sinn fhoghluim o’n teag-asg so, gur saor-thiodhlaic o Dhia creidimh tearraidh.

Tha e furasda le daoinne a bhi ga ‘m mealladh féin, le bhi saoil-sinn gu bheil an creidimh, an t-aithreachas, agus an t-ath-leasachadh a tha feumail chum sláinte an anama, nan comas féin; gu ‘m feud iad am peacadh a thréigsinn, agus pilleadh a dh’ ionnsuidh an Tighearna co luath’ sa gheibh iad am iomchuidh air a shon; ach cha’n eil an so ach barail mhearchdach agus mhilleach, a tha cuideachadh daoinne chumail nan codal anns a pheacadh, gus am bheil am bás ga’n dùsgadh, agus ga ‘n toirt an láthair cathair breitheanais. Na deanamh neach air bith miodal ris féin air an doigh so ni ‘s mo; oir tha e soilleir gu bheil creidimh, maille ris gach gràs eile, gu h-iomlan os ceann naduir, agus a teachd a nuas o Athair na soillse, maille ris nach ‘eil atharrachadh, na sgàile tionndaidh. ‘S ann trid an Spiorad Naomha tha Dia a compartachadh a ghràis so ris an anam; agus air an aobhar so, tha creidimh air a ghaorm anns na sgiobtuiribh, mar a ta gràsan tearnaidh eile mar an ceudna, toradh an Spioraid. Tha ‘n fheòil a toirt a mach an toradh a tha chum bàis; “ach ‘s e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhal-achd, maithreas, creidimh.”

2. Tha creidimh na ghràs a tha feumail, agus éifeachd-ach chum an t-anam a tharruing a dh’ ionnsuidh Criosd.

Tha creidimh na shaor-thiodhlac a tha air a chompartachadh leis an Spiorad Naomha, agus tha e air a chompartachadh gu bhi na mheadhoin éifeachdach san leth a stigh, chum an t-anam a threòrachadh a dh’ ionnsuidh Criosd mar Shlànùighear. ‘S e Criosd Slànùighear an anama, an t-aon ainm a thugadh fo neamh, tre ‘m feud peacaich a bhi air an tearnadh. Gidheadh, cha ‘n fheud peacaich a bhi air an tearnadh trid Criosd, co fhad ‘s a tha iad a buanachadh dealaichte uait, agus ‘nan coigreich do bheò-chreidimh. Feumaidh iad teachd d’ a ionnsuidh mar thainig na doill, agus na lobhair o shean,—feumaidh iad beantainn ris, mar rinn a bhean air an robh an dòrtadh fola,—feumaidh siad iad féin a chuir, tre chreidimh io laimh an àrd-Leigh so, agus a bhi ‘g earbsa slàinte ‘n anama ‘mhain ris-an a tha cumhachdach gu tearnadh. ‘S e so obair fior chreidimh. ‘S e dreuchd àraidh a chreidimh a bhi tarruing an anama o gach leigh gun tairbhe, o gach stéidh dòchais mhearachdach, a dh’ ionnsuidh Chriosd, an t-aon bhunait a shuidhich Dia ann an Sion.

3. Tha creidimh na ghràs a tha gu neo-fhàilnichte feum-ail chum sláinte an anama.

Tha eas-creidimh a diultadh ri Criosd, agus a treòrachadh gu sgrios; ach tha fior chreidimh a treòrachadh an anama dh’ ionnsuidh Chriosd, agus fa-dheòidh gu beatha mhaireannach. “An ti a chreideas anns a Mhac, tha a bheatha mhaireannach aige, ach an ti nach ‘eil a creidsinn anns a Mhac, cha ‘n fhaic e beatha, ach a ta fearg Dhé a gabhail comhnuidh air.” Tha uile ghràsan an Spioraid do nadur slànteil. Tha gràdh, aithreachas, agus fìor irioslachd, do nadur slànteil, co maith ri creidimh. Tha na gràsan so uile co-oibreachadh chum sláinte an anama; bha iad uile am beò-chleachd-ainn ann an cridhe na bana-pheacach, ris an do labhair Criosd, ann am briathraibh ar teagaisg. Gidheadh, cha dubhairt Criosd ri the, “Shlàn uich do ghràdh thu,” no “Shlàn uich t-aithreachas thu;” ach, “Shlàn uich do chreidimh thu.” Ged tha gràsan an Spioraid gu h-iomlan do nadur slànteil, gidheadh, cha ‘n ‘eil an oifig, na ‘n dreuchd cheudna aig gach gràs. ‘S e dreuchd a chreidimh gu sonruichte, an t-anam a tharruing a dh’ ionnsuidh Chriosd, tobar na sláinte. ‘S ann tre chreidimh a tha e gabhail ri Criosd, agus air aonadh ris, agus uime sin, tha e soilleir gur ann tre chreidimh a tha e mar an ceudna air fhìreanachadh, agus a teachd fa-dheòidh gu lán sheilbh air beatha mhaireannach anns an t-saoghail anns ri teachd.

4. Tha creidimh anns an Tighearn Iosa Criosd a dean-amh an duine tarbhach ann an deadh oibríbh.

Cha ‘n ‘eil creidimh na ni gun fheum, na ni gun toradh, na ni a tha luidhe seachad marbh anns an anam ghràsmhor, ach na ni a tha beathail, agus gniomhach, a tha cuir an duine ri saothair ann am fion-líos Dé, ga dheanamh eudmhor mu dheadh oibríbh. Mar tha chraobh gun fheum, nach ‘eil a giulan toradh, mar sin tha ‘n creidimh nach ‘eil torach, nach ‘eil tarbhach ann an deadh oibríbh. “Mar tha ‘n corp marbh as eugmhais an Spioraid, mar sin, mar an ceudna, tha creidimh marbh as eugmhais oibre.” Tha ‘n duine air fhìreanachadh, ann am fianuis Dé tre chreidimh as eugmhais oibre; ach tha creidimh an duine air fhìreanachadh, no air a dhearbhadh a bhi fior, agus neo-chealgach, le deadh oibríbh.

5. Anns an àite mu dheireadh, tha e soilleir o ‘n teagasg so, gu bheil an Tighearn Iosa Criosd na Shlàn uigh-ear iochd mhòr, agus tróc aireach, a tha comasach air truas a ghabhail do ‘n aineolach, agus do ‘n dream a chaidh air seacharan.

Ghabh e gu toileach ris na doill, agus ris na lobiair, a ‘chainig d’ a ionnsuidh ag eígheach air son trócair,—cha do dhruid e chluas r’ an glaodh, agus cha do chum e uatha an trócair a bha dh’ easbhuidh orra. Ghabh e gu toileach ris a bhana-peacach mhór, air am bheil cuuntas againn anns a chaibideil so. Cha do dhiult e rithe air son meud a cionta, cha d’ rinn e tair oirre air son lionmhoireachd a lochdan,—cha do bhuin e rithe a reir a toilteanais; ach ann am meadhon na feirg a thoill i, chuimhnich e oirre ann am trócair. Mhaith e a peacanna a bha lionmhor, leigheas e a spiorad leóinte, agus chuir e air falbh i le briathraibh sólasach ar teagaisg,—”Shlànuch do chreidimh thu, imich an sith.”

(Ri leantuinm).

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice