SEARMOIN LEIS AN URRAMACH TOMAS BOSTON.
Cunnuil—Ach mo thruaigh cha n’ urrainn mi creidsinn, cha ‘n urrainn mi teachd gu Criosd. Freagram—Chum bhur slighe shoillearachadh anns a chuis so; feuch gun suidhich sibh sibh fein air teachd gu Criosd anns a ghealladh. Tha Criosd air a chumail a mach do pheacaich ann an geallana an t-soisgeul—Isa. lv. 1; Eoin vi. 37; Taisb. iii. 20; agus caib. xxii. 17. Na ‘m b-aill leibh a theachd chum a chaithir-san, thigibh chum na geallana, a ta esan anns a ghuth chaoi chiuin; gheibh sibh an naoidean anns a bhrat-speillidh so. Iadsan tha sealtuim thairis air a ghealladh, agus a feuchainn ri creidsinn agus teachd gu Criosd, tha iad dol air obair san rathad dhochair; tha sin coslach ri boireannach a dh’ aontaicheadh fear a phosadh, nach tug gealladh riamh dhi gu ‘m posadh e i. Ach ‘se gealladh an t-soisgeul a bhann-chordaidh chuireadh a nuas o neamh le ainn an Fhir-nuadh-phosda sgriobhta oirre; gabh thusa agus leubh i, cuir t-ainn rithe, le do chridhe a’ cuir t-aonta rithe; an sin as leatsa Criosd, agus as leisan thusa. Duinibh ri Criosd anns a ghealladh, mar ghealladh saor, mar gun teagamh tha e—Isa. lv. 1; Taisb. xxii. 17. Tha moran a crannadh dorsa gealladh an t-soisgeul le crannaibh de ‘n deanamh fein, agus an sin glaodhaidh, agus gearnaidh iad nach comasach iad air a dhol steach air na dorsan sin. O! their cuid, na ‘m biodh agamsa na h-uiread so do ghradh, do aithreachas, agus do bhriseadh cridhe, an sin b-urrainn mi creidsinn. Ach si mo chomh-airle dhuibh creidsinn, chum ‘s gu ‘m faigh sibh na nithe sin—Sech. xii. 10; Gnriomh. v. 31. Nis, ged is ann anns a Bhiobull a mhain ta an gealladh sgríobhta, tha e co cinn-teach gur e sin aonta Chriosd a bhi do chuídsa, agus ge do thigeadh guth o neamh mu thiomchioll, seadh agus ni ‘s cinntich. Ach their thusa, cha dana dhomh-sa beantuirn ris a ghealladh. Treagram—Mar dana na gabh gnothuich ri Chriosd, ach rach a dhith; oir cha ‘n eil e comasach gnothuich a ghabhail ri Chriosd, ach ann an gealladh an t-soisgeul. Ach e ‘uime a tha duine a ta bathadh co eag-allach, agus nach dana leis greim a dheanamh air a chòrd, eadhon air a chòrd airgiod, a tha air a thilgeadh a mach chum a tharruing gu tir? Ni h-eadh a mhuinntir mo ghraiddh, na bithibh cho amaideach; ged a bhiódh an gealladh ‘nur sealladh-sa mar bha slat Mhaois, air a tionndaidh gu nathair; gidheadh glac air earbull i, agus tionndaidhidh i gu slat ‘na do laimh. Hos. xi. 10, “Criothnaichidh na mic o ‘n aird an iar.” Mür chriothnaich na Israeilich an deigh Shaul, se sin, lean iad e a criothnachadh—1 Sam. xiii. 7. Mar sin feudaidd ceile Chriosd a h-ainm a chuir ris a cheangal posaidh, le laimh air chrith, a Tighearna a ghradhachadh le cridhie air chrith, agus a leantuinn le cosan air chrith. Agus O na ‘n abradh sibh uile, ged a b-ann le guth air chrith, “Feuch tha sinn a teachd do t-ionnsuidh, oir is tu an Tighearn ar Dia.” Na ‘m b-ann mar sin a bhiódh, cha b-ann gu diomhain a cho-eignicheadh sinne sibh gu teachd a steach.