CAIBIDEAL XXI.
Mu aoradh Cràbhach, agus mu choimhead là na Sàbaid.
I. Tha solus nàduir a’ taisbeanadh gu bheil Dia ann aig am bheil àrd-Thighearnas, agus uachdranachd os cionn nan uile; gu bheil e maith, agus a’ dèanamh maith do na h-uile; agus uime sin gur còir ‘eagal-san a bhi oirnn; a ghràdhachadh, a mholadh, gairm air, earbsadh ann, agus seirbhise a dhèanamh dha leis a’ chridhe uile agus leis an anam uile, agus leis an neart uile. Ach tha ‘m modh taitneach a chum aoradh a dhèanamh do ‘n Dia fhior, air ‘òrduchadh le Dia féin, agus tha chrìochan air an suidheachadh, le ‘thoil fhoillsichte féin, air ‘s nach feudar aoradh a dhèanamh dha do réir breithneachaidh agus cumadaireachd dhaoinne, no le cogarsaich Shatain, fuidh shamhladh faicsinneach ‘s am bith, no air mhodh air bith eile, nach ‘eil òrduichte anns na Sgriobtuiribh naomha.
II. Is còir aoradh cràbhaidh a thabhairt do Dhia, an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh; agus dha-san a mhàin; cha ‘n ann do Ainglibh, do naomhaibh, no do chreutair air bith eile: agus, o thuiteam an duine, cha ‘n ann as eugmhais Eadar-mheadhonair; no trid eadar-mheadhonaireachd neach air bith eile, ach Iosa Crìosd ‘n a aonar.
III. Air do ùrnuigh maillle ri breth-bhuidheachais a bhi ‘n a cuid àraid do ‘n aoradh chràbhach, tha Dia ga h-iarruidh air na h-uile dhaoinibh, agus a chum gu ‘m biodh i taitneach, tha i gu bhi air a dèanamh an ainm a Mhic, le còmhnadh an Spioraid, do réir a thoile, le tuigse, urram, irosachd, dùrachd, creidimh, gràdh, agus buan-mhaireachdainn, agus ann an cainnt a thugear, ma ‘s ùrnuigh, le guth a bhios ann.
IV. Is còir ùrnuigh a dhèanamh air son nithe laghal, agus air son gach uile dhaoinne, a tha beò, no bhios beo an deigh so: ach cha chóir air son nam marbh, no air son na muintir mu ‘m bheil fios, gun do pheacach iad, am peacadh a tha chum bàis.
V. Leughadh nan Sgriobtur le h-eagal diadhuidh, Searmonachadh fallain, agus eisdeachd choguiseach an ‘thocail, le tuigse, creidimh, agus urram; seinn shalm le gràs ‘s a’ chridhe; agus mar an ceudna, frithealadh iomchuidh, agus gabhail dhligheach nan Sacramainte a dh’ òrduich Crìosd; tha iad so uile ‘n an cuid do aoradh cràbhach, gnàthach Dhé; a thulleadh air mionmaibh, agus boidean cràbhach, trasgadh suidhichte, agus buidheachas air amannaibh sònruichte, a ta ‘n an aimsirbh agus ‘n an amannaibh féin ri bhi air an gnàthachadh air mhodh naomha, agus chràbhch.
VI. Cha ‘n ‘eil ùrnuigh no aon chuid eile do ‘n aoradh chràbrach air a cheangal a nis fuidh ‘n t-soisgeul ri àit air bith. anns am bheil e air a dhèanamh, no gus am bheil e air a stiùradh, is cha mhò a tha e air a dhèanamh ni ‘s taitneichte d’ a thaobh; ach tha aoradh ri bhi air a dhèanamh do Dhia anns gach àit, ann an spiorad agus ann am firinn; mar ann an teaghlachibh, gach là; agus ann an diomhaireachd le gach aon fa leth leis féin; mar sin tha e r’ a dhèanamh le subhachas mòr anns na co-thionalaibh folluiseach, agus cha chòir dhuinn iad so a dhi-chuimhneachadh no thréigsinn gu toileil, ‘n uair a tha Dia le ‘fhocal no le ‘fhréasdal ‘g ar gairm d’ an ionnsuidh.
VII. Mar a tha o lagh nàduir, gum bi, gu coitchionn cuibhrionn iomchuidh do aimsir air a cur air leth, chum aoraidh Dhé; mar sin, ‘n a fhocal, le àithne chinnteach, mhodhanail, bhuam-mhaireannach, a ta ceangal nan uile dhaoinne, anns gach linn, dh’ òrduich gu sònruichte, aon là ann an seachd, mar shàbaid, gu bhi air a choimhead naomh dha féin; agus b’ e so o thoiseach an t-saoghail gu aiseirigh Chrìosd, latha deireannach na seachdùin: agus o aiseirigh Chrìosd bha e air ‘atharrachadh gus a’ cheud latha do ‘n t-seachdùin d’ an goirear ‘s an Sgriobtur là an Tighearna, agus tha e ri maireachdùinn gu deireadh an t-saoghail, mar an t-sàbaid Chrìosduibh.
VIII. Tha ‘n t-sàbaid so, uime sin, air a coimhead naomh do ‘n Tighearna, ‘n uair a tha daoine, an déigh dhoibh roimh làimh deasachadh iomchuidh a dhèanamh air an eridheachan, agus an gnothuiche saoghalta chur an riaghailt, cha ‘n e a mhàin a’ gabhail tàimh naoimh, rè fad an latha o ‘n oibrìbh, o ‘m briathraibh, agus o ‘n smuaintibh féin, mu thimchioll an gnothuichibh saoghalta agus an aighear; ach mar an ceudna, a’ caithemh na h-ùine sin gu h-ionlan ann an gnìomharaibh aoraidh fholluiseach agus dhìomhair Dhé, agus an dleasdanasaibh na h-eiginn agus na trocair.
Is e gnothach mhor cairdean an Fhir-nuadh-phosda iadsan a ta muigh, a thoirt a stigh. Fhear a, sibhse a ta muigh, tha sibh far nach bu choir dhuibh a bhì; tha sibh air talamh teirmeasgta. B’ail leinn sibh a bhì stigh, b’ail leinn bhuir foirt gu Crìosd, gu sibh aonadh ris, ‘le creidsinn ann, is gabhail ris n a uile oifigean.—Boston.