Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1927 » January 1927 » Archie Boyle—Raidheachd Ifrinneach

Archie Boyle—Raidheachd Ifrinneach

Bha ann am baile Ghlascchu cor’ us ceud bliadhna air ais buidhean de dhaoine uaisle de’n mhuimntir a b-airde imbhe anns a bhaile sin. Choinnich iad, a reir an aidich, airson cluich chairtean, ach bha iad cho comharaichte le ladurnas agus anabarrachd do mhi-stuamachd ‘s gan deachaidh an “Comunn Ifrinneach” a thoirt mar ainm orra. Rinne iad mor uaill as an ainm so a choisinn iad dhoibh fein, agus cha d’ fhag iad ni a bha nan comas gun deanamh a chum gum biodh iad airidh, air an ainm eagalach so. A bhar air ancoinneamhan oidhcheill agus a seachdainail, ghleidh iad feidh mhór uair sa bhliadhna aig an d’ fheuch gach fear na bha ‘na chomas gu barrachd a thoirt air ni sam bith a sinn e ri amh roimhe le misg, toibheum, agus peacaidhean eile. Cha robh neach naam measg uile a thigeadh a suas ri Archie Boyle anns an aindiadhadh sin. Bha e aig aon am na oganach ro-ghealtanach aig an robh talantan oidhreac agus beusan maiseach. Cha robh puing ann am foghlam air nach gramaicheadh buadhan inntinn; ach mo thruaighe leir, cha robh ni sam bith nach deanadh e airson fein urram. Bha e air altrum le mathair amadaich a thug dha a thoil fein anns na h-uile. Choinnich e gle og ri bull a Chomuinn Ifrinneach. Fada mun robh e coig bliadhna fichead a dh’ aois cha robh ball ‘s a chomunn a bha cho anabarrach mi-bheusach ris. Ciod e neamh, ifrim, na siorrudheacd dhasan? Ach focal anns nach robh brigh sam bith ach airson fanaid agus toibheum da theangaidh salasaich! Cho luath sa dhi-chuimhneachas duine Dia, a mhain as urrain a ghleidheadh, fasaichidh a thugse dorcha, agus ni e gloir anns an ni a tha na naire dha.

Air oidhche araidh, an uair a chadail e an deigh pilltinn dhachaidh bho fheill bhliadhnaill a chomuinn, bbruadair e gum robh e marcachd, mar a b-abhaist dha, air an each dhubh a dol gu thigh fein—bha a thigh air cnoc air a chuartachadh le coille—agus gun do choinnich neach ris nach b-urrain dha anns an dorcha aogasg fhaicinn. Rug an neach so air srian an eich, agus thubhairt e le guth smachdail “feumaidh tu dol maile riumsa.” “Co thusa,” thubhairt Boyle, agus dh’ fheuch e ri srian an eich a thabhairt as a laimh. “Chi thu sin an uine aith-gearr,” fhréagair an guth ceudna le tarcuis agus fanaid a chaidh tre chridhe uaibhreach Bhoyle. Spar e na spuir-ean ann an taobh an eich. Dh’ eirich an t-each air a chosan deiridh, agus chaidh e air aghaidh le luathas na gaoithe; ach gu diomhain, oir bha an tannasg a cumail a gheim air an t-srian agus a cumail ri thaobh. Ann an cruaidh-spairn, le uamhas agus eagal do labhairt, chuir e rithist le uile neart an spuirean an taobh an eich. Dh’ eirich an t-each air a chorraspiod, agus leum e air aghaidh thuit Boyle as an diolaid le duil gam buaileadh e an talamh an tiotan. Ach bhuainaich e a tuiteam le luathas eagalach. Mu dheireadh cha robh e tuiteam cho luath, agus le mor uamhas agus iongantas chunnaic e gun robh an tannasg ud dlu ri thaobh. “C’aite?” ghlaoth e air bhote agus a chridhe ga fhaigil, “C’aite am bheil thu gam thoirt? C’aite am bheil mi? C’aite a bheil mi dol?” “Do dh’ Ifrinn,” fhréugair an tannasg le guth neo-thalmhaidh, agus bho dhoimhneachdan Ifrinn thainig mactalla nam briathran a bha cho tric air teanga Bhoyle thruaigh air ais le fuaim tairneanaich—”Do dh’ Ifrinn.” Air aghaidh chabhaighaich anns an dorchas a bha na bu ro-uamhasach le mothachadh gu fhaigil an tannasg ud aig a thaobh, agus ga threorachadh. Mu dheireadh chunnaic e lasag soluis fad as, ach an uine ghoirid dh’ fhas so na theine mór lasarach. Nuair a thainig iad dluth dha, a bha’ air osnaich sgrathail bha sgiamhail bho chrádh do-labhairt agus eu-dochas mar thaireanaich na chluasan. Bha aig an am cheudna fuaim ruidhtearachd mhi-cheillidh a tighinn gu chluasan. Rainig iad gun dail bogha, mar bhogha drochaid, aig an robh airdé gun tomhas nach robh na togalaichean anns an t-saoghal so ach mur thuill na fath-talanta an coimeas rithe an taobh a stigh dhé; ciod an sealladh! tuilleadh as uamhasach ri innseadh! Mor shluagh a giosgan am fical ann an eu-dochas siorruidh, nuair a bha an cuimhne a gairm air ais na sochairean agus na trocairean air an d’rinn iad di-meas nuair bha iad beo anns an t-saoghal so.

Chunnaic Boyle mu dheireadh gun robh e air a chuartachadh leosan air an robh e eolach anns an t-saoghal, ach a bha o cheann fada marbh, gach aon diubh ann an crádh cridhe tre bhi cuimhneachadh le shearbhatus na nithean diomhain anns an do chaidh iad am beatha agus an uine nuair a bha iad ‘s an t-saoghal-uine a bha air a tabhairt dhoibh gu ullachadh airson siorruidheachd. Thug e fainear gun d’fhalbh an tannasg neo-shaolta a bha ga threorachadh, agus dh’ fhairich e leithid de shaorsa le e dh’ fhalbh ‘s gun do labhairt e ra shean charaid Mrs D—, a chunnaic e na suidhe le suilean suidhichte gu duarachdachd, mar gum biodh i air a slugadh suas ann an cluich chairtean, mar a b’abhaist dhi nuair a bha i air thalamh. “Ha! Mrs D—, tha mi tollichte d’faicim. Am bheil fhios agad gun d’innis an neach a thug mise an so, gur i so Ifrinn. Ha! ha! ma’s i so Ifrinn,” thubhairt e gu fanaideach, ciod an t-aite solasach, tlachdmhor a tha innte! Ha! ha! thig a nis a Mrs D— uasal, airson ‘Auld lang syne’ stad, gabh fois airson mionaid uine, agus treorach mi tre sholasan Ifrinn!” Bha e dol a radh le andamanach ladarna agus mhi-naomha. Ghlaodh ise le sgríach a chaidh troimh anam: “Fois! cha’n eil fois no tamh an Ifrinn.” Agus bho shluic do aireamh Ifrinn thainig guthan mar thaireanaich a cur an ceill a rithist na’m briathran uamhasach—”Cha’n eil fois na tamh an Ifrinn.” Dh’ fhairich Boyle, a bha an Ifrinn a mhain ann an aisling, gu de cho do-labhairt uamhasach ‘s a bha na glaoidh sin seach an sgríachail bu gheire a dh’ aobhraich pian riamh air an talamh. Agus bi so Ifrinn! fealadha fear na fanaid, agus, gnath-fhocal a mhiseir. Thug e fainear nis gu robh an tannasg a threoraich e a ris ra thaobh. “Tabhair mi,” ghlaodh Boyle le sgríach eagalach, “Tabhair mi mach as an aite so! Ann an ainm Dhe—an t-ainm a thoibheimich mi cho tric—that mi guidhe ort, thoir mise mach as an aite so!” “An urrainn thu fathast ainm Dhe ainmeachadh!” labhair an droch spiorad le fochaid mhi shaoghalta ‘n a ghnis: “Falbh an trath so; ach an ceann latha agus bliadhna coinnicidh sinn agus cha dealaich sinn nis mo.” Dhuig Boyle, agus mhothaich e mar gum biodh briathran deir-eanach an droch spiorad air an sgiobhadh le litrichean de theine air a chridhe agus air eanchainn. Rinne e a shuidheachadh na intinn bho’ ‘n oidheche sin a mach gun treigeadh e an Comun Ifrinneach. Chuir e roimhe gu h-araidh nach robh ni air thalamh a bheireadh air a bhi lathair aig an ath choimreamh bhliadhnaill. Gun dail chrúinnich a chompanaich mhi-dhiadhaidh ma thimhiol, agus an nuair a chunnaic iad nach d’fhálbh a mhulad le a shlainte thighinn air ais, agus gum d’eirich a thrioblaid bho aobhar araidh a bha ga dheanamh mi tholach a bhi ‘n an comunn ghabh iad eagal gum cailleadh iad am fear a bha beatha an comunn. Chuir siad iad fein fo mhionnan nach sguireadh iad gus am biodh fios aca gu de a aobhar a mhulaid. Thubhairt aon diobh air dhasam dol a stigh do sheomar Bhoyle, gun fhis da, gum do ghlachd se e leughadh leabhair a dh’ fholach e gu luath agus gum be a bheachd gum be am Biobull a bha aige. An neach a dh’ fholach am Biobull le naire mu’m faiceadh a chompanaich ain-diadhaidh e ‘ga leughadh cha bhiodh e doirbh a thoirt air ais a ris do’n Chomunn Ifrinneach.

An deigh uine araidh leig aon da sheam-chompanaich air gun roghrain aige do chleachdeanain an t-saoghail ach gu h-araidh do chleachdeanain a chomuinn agus an doigh anns an robh iad a catheamh am beatha. Leig e air gum robh e airson a bhi’n cuideach Bhoyle throimh cho-fhulangas do brigh gun robh e fulang ‘na intinn mar a bha e fein. Mar so thuair e le seoltachd chealgaich a mach am bruadar agus an trioblaid a dh-aobhraich e do Bhoyle. Faodar a thuigsinn ciod an toradh a shruthadh uaithe sin. Thuair an comunn a nis a mach bun aobhar a gnothaich; chruinnich iad ‘us rinn iad fanaid air airson e bhi cho-lag-inntinneach ‘us gum biodh e fo bhuaras airson aisling. Tha e so-chreidsinn nach robh e doirbh buaidh a thoirt, le fochaid a chompanach, airson a dh’fholaich’ am Biobull fo naire gum faichte e ga leughadh. Bha crith-oillt air an uair a smuainicheadh e air a choinneamh bhliadhnail. Gidheadh, nuair a thainig an t-àm mun cuairt fhuaradh e na shuidhe aig a bhoird comhla ri each, ni a bhotheidh e mile uair nach robh ni air thalamh a cho-eignicheadh e gu bhi ann! Thainig fuaim eagallach na chluasan agus lion a shuilean nuair a chuail e oraid ceann-suidhe a Chomuinn ag radh: “A dhaoinne uaisle, is i so bhliadhna léim (leap year) agus mar sin tha bliadhna agus latha bho’n do choinnich sinn mar so a bhliadhna a dh’fhalbh.” Thainig crith-oillt air Boyle truagh; air chumhainich e cainnt an droch spioraid—”Latha ‘us bliadhna bho’n duigh coinnichidh sinn agus cha dealaich sinn a chaoithd.” Smuainich e air eiridh agus teicheadh; ach cia mar a b’ urrainn e fochaid na cuideachd a ghiulann! Cia meud an aireamh anns an t-saoghal so a tha coltach ri Boyle bochd, a reic an anama tre eagal roimh fhanaid dhaoinne aingidh, agus a thug orra fein fearg an Dia uile-chumhachdaich agus shiorruidh le eagal roimhe chasadh beil agus sgeig cnuimhean peacach an dusaich?

Bha an oidhche gruamach agus fuar agus bha fuaim thiamhaidh aig osag nan speur, nuair a chaidh Boyle air muin an eich dhuibh gu pilltinn dhachaidh, a thainig a mhaduinn fhuaradh an t-each dubh, le shreim ‘s a dhiollaidh air, ag ionaltadh taobh an rathaid-mhoir, mu leth an astair a dh’ ionnsuidh a thighe; agus beagan shlat uaithe bha corp fuar marbh a mhaighstir!

Dia, as urrainn rabhadh a thoirt da chreutairean, labhair E gu cinnteach anns a bhuadar so ri Archie Boyle truagh; agus troimh a’ bhuadar cheudna tha E labhairt riutsa a leughadair! Tha am bruadar oillteil—da-rirreadh oillteil so—ga d’ ghairm gu ghabhail gud chridhe nach eil ann ach fallas air an uamhas a tha ann an Ifrinn, far am bheil a cnuimh nach basaich agus an teine nach feudar a mhuchadh. Uamhas nach ghabhail a stigh anns an t-saoghal so. Na’n deachaidh am bruadarach truagh leis an fhaireachdaim a bha aige air uamhas Ifrinn direach gu Criosd d’a ionnsuidhsan a bhasaich a chum peacaich a shaoradh bho ‘n fheirg a ta ri teachd, cia cho eadarthealaichte ‘s a bhiódh a chroich aige? Gheibheadh e ann an Criosd Fear Saoraidh bho Ifrinn, oir annsan gheibheadh e aon a bha gun pheacadh E fein, mar sin a bha freagarach chum cuis a pheacaich a ghabhail air fein, agus mar sin diteadh eagalach a phaeacaidh a ghiulan na Phearsa ghloirmhor fein. Is e creidimh an t-soisgeil a bheir sith do’ n choguis, agus a bheir buaidh air a phaeacaidh.

A leughadair, leig leis na tha air a chur fad chomhair an so dol domhain sios ann ad chridhe, ach aig an am cheudna ol a stigh teachdaireachd sholasach na slainte a tha cur an ceill dhuit gun dh’fhuiling Criosd am peanas a bha peacadh a phaeacach a toilltinn, oir: “lotadh E airson ar peacaidh-ne, bhruthadh E airson ar n-agingidheachdan-ne.” Bhasaich Esan, “am Firean airson nan neo-fhirean a chum gun d’thugadh E peacach gu Dia,” am fear ba ghraineile agus a bu mho dhuibh, chum ge be neach a chreideas ann an Criosd nach biodh e air a sgrios ach gu’m bi bheatha shiorruiddh aige. Oh gabh a nise ri tairgse na slainte bho Dhia mun bi e tuilleadh as anmoch!—Eadar-theangaichte le Nial Camshron, Glaschu.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice