CAIBIDEAL XXVII.
Mu na Sàcramaintibh.
I. Tha na Sàcramainte ‘n an comharaibh agus ‘n an seula naomh air co-cheangal nan gràs, air an òrduchadh le Dia, chum Criosd agus a shoichairean a thaisbeanadh; agus a chum ar còir air, a dhaighneachadh; a chum mar an ceudna eadar-dhealachadh soilleir a chur eadar iadsan a bhuineas do ‘n Eaglais, agus a’ chuid eile do ‘n t-saoghail; agus a chum an ceangal gu cràbhaidh ri seirbhís Dé ann an Criosd, do réir ‘thocail-sa.
II. Tha anns gach Sàcramaint dàimh spioradail, no aonadh sacramainteil eadar an comhara agus an ni a tha air a chomharachadh leis, agus a thaobh so, tha ainmeanna agus toradh an dara aoin, air an ainmeachadh mar gu ‘m buineadh iad d’ an aon eile.
III. An gràs tha air a bhuileachadh trid nan sacramaint, no annta, air an gnàthachadh gu ceart, cha ‘n ‘eil e air a thabhairt dhuinn le chumhachd air bith a tha annta féin; cha mhò tha éifeachd sacramaint an earbsa ri diadhaichd no ri rùn an tì a tha ‘g a frithealadh; ach ri obair an Spioraid, agus ri focal an òrduigh, anns am bheil gealladh air sochair dhoibh-san a ghabhas i gu h-iomchuidh, agus àithne mar an ceudna tha tabhairt ùghdarrais dhuinn an gnàthachadh.
IV. Tha dà shàcramaint a mhàin air an òrduchadh le ar Tighearn Iosa Criosd ‘s an t-soisgeul, eadhon am baisteadh agus suipeir an Tighearna; agus cha chóir a h-aon diubh so a fhrithealadh le neach air bith, ach ministeir an fhocail, a tha gu laghaile air a chur air leth chum na dreuchd.
V. Do thaobh nan nithe spioradail a bha air an ciallachadh agus air an tabhairt le Sàcramaintibh an t-Seann Tiomnaidh, b’ ionnan brìgh dhoibh ‘s do Shàcramaintibh an Tiomnaidh Nuaidh.
CAIBIDEAL XXVIII.
Mu ‘n Bhaisteadh.
I. Am baisteadh is Sàcramaint an Tiomnaidh Nuaidh e, air ‘òrduchadh le Iosa Criosd, cha ‘n e mhàin chum an neach a bhaistear a ghabhail a steach gu folluiseach do ‘n Eaglais fhaicsinneich; ach mar an ceudna gu ‘m biodh e dha ‘n a chomhara agus ‘n a sheula air co-cheangal nan gràs; air e bhi a shuidheachadh ann an Criosd, air an athghineamhuinn, air maitheanas peacaidh; agus an neach a bhaistear bhi air a thabbhaint suas do Dhia trid Iosa Criosd, a chum glusad ann an nuadhachd beatha. Agus tha ‘n t-sácramaint so tre òrdugh Chriosd féin gu bhi air a gnàth-achadh ‘n a Eaglais, gu deireadh an t-saoghail.
II. Is e an comhara o ‘n taobh muigh tha gù bhi air a ghnàthachadh ‘s an t-sácramaint so, an t-uigse; leis am bheil an neach a bhaistear, gu bhi air a bhaisteadh ann an ainnm an Athar, a’ Mhic, agus an Spioraid Naomh, le Ministeir an t-soisgeil air a ghairm gu laghail chum a dhreuchd.
III. Cha ‘n ‘eil e iomchuidh an neach a bhaistear a thumadh ‘s an uigse; ach tha ‘m baisteadh air a fhrith-ealadh gu ceart le uisge dhòrtadh no a chrathadh air.
IV. Cha ‘n iad a mhàin an dream tha cheana ag aideachadh creidimh ann an Criosd, agus an umhlachd dha, is còir a bhaisteadh, ach mar an ceudna naoidheana a thig o phàrantaibh a tha araon, no aon diubh, ag aideachadh a’ chreidhimh.
V. Ged tha e ‘n a pheacadh mòr dimeas no dichuimhn a dhèanamh air an òrdugh so, gidheadh cha ‘n ‘eil gràs agus slàinte co neo-dhealaichte air an ceangal ris, ‘s nach feud neach bhi air ath-ghineamhuinn no air a shàbhaladh as eugmhais; no gu bheil gach neach a bhaistear, gun amharus air an athghineamhuinn.
VI. Cha ‘n ‘eil éifeachd a’ bhaistidh ceangailte ris an àm anns am bheil e air a fhrithealadh, ach gidheadh tre ghnàthachadh ceart an òrduigh so, tha ‘n gràs a bha air a ghealltuinn, cha ‘n e mhàin air a thairgseadh ach do rìreadh air a thabbhaint leis an Spiorad Naomh, dhoibhsan (mu thàinig iad gu h-aois, no ma ‘s naoidheana iad) d’ am buin an gràs sin, do réir comhairle toile Dhé féin, ‘n a àm òrduichte.
VII. Cha ‘n ‘eil Sácramaint a’ bhaistidh gu bhi air a fhrithealadh ach aon uair do neach air bith.
CAIBIDEAL XXIX.
Mu Shuipeir an Tighearna.
I. Dh’ òrduich ar Tighearn Iosa Criosd ‘s an oidhehe anns an do bhrathadh e, Sácramaint a chuirp agus ‘fhola, d’ an goirear Suipeir an Tighearna, bhi air a gnàthachadh ‘n a Eaglais gu deireadh an t-saoghail, chum cuimhne ghnàth-mhaireannach air an iobairt sin deth féin, ‘n a bhàs: chum a h-uile shochoirean a sheulachadh do na fior-chreidmhich; chum am beathachaidh agus an cinneis spior-adail ann-san, chum tuilleadh ceangail orra anns na h-uile dhleasdanasaibh a dhlighear uatha, agus a chum bhi ‘n a bann agus ‘n a geall-daighnich air an co-chomunn ris-san, agus ri càch a chéile, mar bhuill a chuirp dhìomhair-san.
II. Anns an t-sácramaínt so, cha ‘n ‘eil Críosd air a thairgseadh d’ a Athair, no fíor-íobairt air bith air a déanamh idir chum maitheanais peacaidh nam beò no nam marbh; ach a mhàin cuimhneachadh air an aon tabhartas sin deth féin, a thug e leis féin, air a’ chrann-cheusaidh aon uair a mhàin; agus tabhartas spioradail gach uile mholadh a ta ‘n ar comas a’ thoirt do Dhia air a shon sin; air cor ‘s gu bheil íobairt Phàpanach na h-Aifrin (mar a their iad rithé) a’ déanamh eucoir ro uamhasach air aon íobairt Chriosd, an t-aon íobairt-réitich sin, air son uile pheacaidhean-nan daoiné taghta.
III. Anns an òrdugh so, chomharaich an Tigearn Iosa d’ a mhínteiribh, focal an òrdugh a thaisbeanadh d’ a phobull, ùrnuigh a dhèanamh, agus comharaidhean an Arain agus an Fhìona a bheannachadh, agus sin, an eur air leth o fheum gnàthach, gu feum naomh; agus an t-aran a ghlacadh, agus a bhriseadh, an cupan a ghlacadh (iad féin a’ comunnachadh mar an ceudna) iad so araon a thoirt do’ n luchd-comunnachaidh; ach gun an tabhart do neach air bith nach ‘eil an sin a lathair ‘s a’ choimhthional.
IV. Aifrinne diomhair, no gabhail na Sácramaínt so le sagart no le aon neach eile ‘n a aonar, agus mar an ceudna an cupan a chumail air ais o’ n luchd-comunnachaidh, aoradh a dhèanamh do na comharaibh, an togail an àird, no an giùlan mu ‘n cuairt chum aoraidh a dhèanamh dhoibh, agus an tasgaidh a chum feum cràbhach air bith a’ bhios daoiné eur rompa, tha iad so uile an aghaidh nàduir na Sácramaínt so, agus òrduigh Chriosd.
V. Na comharaidhean o’ n taobh muigh ‘s an t-Sácramaínt so, air an eur air leth gu h-iomchuidh air son an fheuma gus an d’ òrduich Críosd iad, tha ‘n dàimh sin aca ris-san air a cheusadh, ‘s gu ‘n ainmichear iad air uairibh, gu fíor, gidheadh ‘s ann gu Sácramaínteil a mhàin, le ainmeannaibh nan nithe a tha iad a’ taisbeanadh, eadhon corp agus fuil Chriosd, ged tha iad do thaobh am brìgn féin a’ fantuinn do ghnàth ‘n an aran agus ‘n am fion a mhàin, agus gu fíor mar bha iad roimhe.
VI. An teagasg sin tha cumail a mach gu bheil brigh an arain agus an fhìona air ‘atharrachadh gu brigh cuirp agus fola Chriosd (ni d’ an goirear gu coitcheom, ‘righ-atharrachadh) tre choisrigeadh Sagairt, no air mhodh ‘s am bith eile, tha e cha ‘n e mhàin an aghaidh an Sgriobtuir, ach mar an ceudna an aghaidh reusoin agus tuigse chumanta, agus a’ cur as do nàdur na Sácramaínt; agus mar an ceudna bha e agus a ta e ‘n a aobhar do iomadh saobh-chràbhaidh agus iodhol-aoradh uamhasach.
VII. Air do luchd-comunnachaidh iomchuidh bhi gabhail o ‘n leth muigh, nan comharaidhean faicsinneach, anns an t-Sàcramaint so, tha iad an sin mar an ceudna o ‘n leth stigh trid creidimh, gu flor agus do rireadh, gidheadh cha ‘n ann gu feòlmhor no gu corporra, ach gu spioradail, a’ gabhail, agus a’ beathachadh an anama air Crìosd agus ‘uile shochairibh a bhàis: air bhi do chorp Crìosd s an àm sin, cha ‘n ann a làthair gu corporra no gu feòlmhor fuidh ‘n aran agus fuidh ‘n fhion, no annta, no maillè riuach gidheadh a làthair do chreidimh nan creidmheach anns an òrdugh so, co flor, ach ‘s ann gu spioradail, ‘s a tha na comharaidhean féin a làthair d ‘an ceud-faithibh corporra o ‘n leth muigh.
VIII. Ged ghabhas daoinne aineolach agus aingidh na comharaidhean a ‘n leth muigh ‘s an t-Sàcramaint so, gidheadh cha ‘n ‘eil iad a’ gabhail an ni a th’ air a chiallachadh leo: ach le ‘n teachd d ‘a h-ionnsuidh gu neo-iomchuidh, tha iad ciontach do chorp agus do fhuil an Tighearna chum am breitheanais féin. Uime sin, mar a tha e neo-iomchuidh do na h-uile dhaoinibh aineolach agus mi-dhiadhuidh comunnachadh ris-san, mar sin tha iad neodhiadhuidh comunnachadh ris-san, mar sin tha iad neo-airidh air bòrd an Tighearna; agus fhad ‘s a mhaireas iad mar sin, cha ‘n fheud iad gun pheacadh mòr an aghaidh Chriosd, co-pàirteachadh do na dìomhaireachdaibh naomha sin, no bhi air an leigeadh d’ an ionnsuidh.
CAIBIDEAL XXX.
Mu Smachdachadh na h-Eaglais.
I. Dh’ òrduich an Tighearn Iosa, mar Rìgh agus Ceann na h-eaglais, uachdranachd, ann an làmhaibh luchd-dreuchd na h-Eaglais eadar-dhealaichte o ‘n Uachdaran Shaoghalta.
II. Ris an luchd-dreuchd so, tha iuchraichean rìoghachd nèimh air an earbsadh: do thaobh so tha comas aca peacaidh a chumail, no am maitheadh, fa leth; an rìoghachd ud a dhruideadh an aghaidh nan daoinne neo-aithreachail, leis an fhoical agus le smachdachadh-eaglais arao; agus a fosgladh do pheacachaibh aithreachail, le minstreileach an t-soisgeil, agus le fuasgladh o smachdachadh Eaglais, mar a dh’ agras a’ chuis,
III. Tha smachdachadh Eaglais feumail a chum braithrean oilbheumach a chosnadh agus a thabhairt air an ais; a chum sgàth chur air muinntir eile o ‘n leithidibh a dh’ oilbheum; a chum an taois ghoirt sin leis am feudar am mèall uile thruailleadh, a ghlanaidh a mach; a chum onoir Chriosd, agus aideachadh naomh an t-soisgeil a shaoradh: a chum fearg Dhé chumail air a h-ais, a dh’ fheudadh tuiteam air an Eaglais, na ‘m fuilingeadh iad d’ a chocheangal-san no do sheula cho-cheangail sin, bhi air a mhi-naomhachadh le luchd-oilbheim fholluiseach agus-cheannaireeach,
IV. Cum gu ruigteadh ni ‘s fearr air na crìochaibh so, tha luchd-dreuchd na h-Eaglais gu dol air an aghaidh le h-eairil, le druideadh a mach o Shàcramaint suipeir an Tighearna ré seal, agus le tilgeadh a mach o cho-chomunn na h-eaglais, do réir nàduir a’ chionta, agus toilltinneis a’ chiontach.