(Air a leantainn.)
C. 159. Cionnus is còir dhoibh-san a tha air an gairm chuiige sin, am focal a shearmonachadh? F. ‘S còir dhoibh-san, a tha air an gairm, a chum saothrachadh ann am ministrealachd an fhocail, teagasg fallain a shearmonachadh, agus sin gu díchiollach, ann an àm, agus á h-àm, gu soilleir, cha ‘n ann am millseachd bhriathar gliocais dhaoine, ach ann an lán-fhoillseachadh dhearbhachd an Spioraid, agus ann an cumhachd, gu tairis, a’ foillseachadh comhairle Dhé, gu h-iomlan, gu h-eagnuidh ‘g an cur féin ri h-uireasbhuidh agus tuigse an luchd-éisdeachd, gu h-eudmhor, le teasghrádh do Dhia, agus do anamaibh a shluaigh, gu tréibhdhireach, a’ cur mar chrìoch rompa, esan a ghlorachadh, iadsan iompachadh, agus an altrum suas, agus an sàbhaladh.
C. 160. Ciod tha air ‘iarruidh orra-san, a tha ‘g éisd-eachd an fhocail, air a shearmonachadh? F. Iarrar orra-san a tha ‘g éisdeachd an fhocail air a shearmonachadh, a bhi feitheamh air le díchioll, ullachadh, agus úrnuigh, an ni a chluinneas iad a rannsachadh leis na sgriobtuirbh, an fhirinn a ghabhail le creidimh, le grádh; le ciùineas, agus inntinn ealamh, mar fhoical Dé; a bhi beachd-smuaineachadh, agus a’ cómhradh air, iad ‘g a fholach ‘n an cridhibh, agus a thoradh a’ thoirt a mach ‘n am beatha.
C. 161. Cionnus a tha na sàcramainte, air an deanamh ‘n am meadhonaibh éifeachdach chum slàinte? F. Tha na sàcramainte, air an deanamh ‘n am meadhonaibh éifeachdach chum slàinte, cha ‘n ann o chumhachd air bith annta féin, no o bhrigh air bith a tha teachd o dhiadhachd, no o rùn, an tì leis am bheil iad air am frithealadh, ach a mhàin trid oibreachadh an Spioraid Naoimh, agus trid bheannachadh Chriosd, leis an d’òrduicheadh iad.
C. 162. Ciod e sin sàcramaint? F. Sàcramaint, is òrdugh naomh e, agus air a shuidheachadh le Chriosd ‘n a eaglais, a chum sochairean na h-eadar-mheadhonaireachd, a chiallachadh a sheulachadh, agus a thabhairt seachad, dhoibh-san a tha ‘n taobh stigh do cho-cheangal nan gràs, a chum an creidimh, agus na huile ghràsa eile, a neartachadh agus a mheudachadh; iadsan a cheangal ri h-ùmhlachd, a chum mar an ceudna an grádh agus an co-chomunn r’ a chéile thaisbeanadh agus altrum, agus eadar-dhealachadh a chur eatorra-san, agus a’ mhuintir a ta ‘n leth muigh.
C. 163. Ciod iad na h-earranan a tha ann an sacramaint? F. Tha dà chuid ann an sacramaint, ‘s e a’ cheud chuid diubh, comhara faicsinneach o ‘n leth muigh, air a ghnàth-achadh do réir òrduigh Chriosd féin, agus is e ‘n dara cuid gràs spioradail, o ‘n leth stigh, air a chiallachadh leis a’ cheud chuid.
C. 164. Cia lion sacramaint a dh’ òrduich Chriosd ‘n a eaglais, fuidh ‘n Tiomnadh Nuadh? F. Dh’ òrduich Chriosd ‘n a eaglais, fuidh ‘n Tiomnadh Nuadh, dà shàramaint a mhàin, am baisteadh agus suip-eir an Tighearna.
C. 165. Ciod e baisteadh? F. Am baisteadh, is sacramaint an Tiomnadh Nuaidh e, anns an d’ òrduich Chriosd, ionnlad le h-uigse, ann an ainn an Athar, a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh, gu bhi ‘n a chomhara agus ‘n a sheula, air ar suidheachadh ann féin, air maitheanas peacaidh trid ‘fhola-sa, agus air ar n-ath-ghineamhuinn trid a Spioraid, air uchd-mhacachd mar an ceudna, agus aiseirigh a chum na beatha maireann-aich; agus leis am bheil a’ mhuintir a bhaistear, air an gabhail air mhodh chràbhaidh a steach do ‘n eaglais fhaicsinneach, agus a’ dol fuidh cheangal follaiseach agus aidichte gur leis an Tighearn iad gu h-ionlan, agus leis-san a mhàin.
C. 166. Cò d’ an còir am baisteadh a fhrithealadh? F. Cha chòir am baisteadh a fhrithealadh, do neach air bith, tha ‘n taobh muigh do ‘n eaglais fhaicsinneach, agus mar sin ‘n an coigrich do cho-cheangal a’ gheallaidh, gus an aidich iad an creidimh ann an Chriosd, agus an ùmhlachd dha; ach naoidheana a’ teachd o phàrantaibh a ta araon, no a mhàin a h-aon duibh ag aideachadh creidimh ann an Chriosd, agus ùmhlachd dha, tha iad d’ a thaobh sin, an taobh stigh do ‘n cho-cheangal, agus is còir am baisteadh.
C. 167. Cionnus is còir dhùinn ar baisteadh a bhuileachdach? F. An dleasdanas feumail sin, ach a tha air a leigeadh gu mòr fo dhearmad, eadhon buileachadh a bhaistidh, is còir a choimhlionadh leinn, rè fad ar beatha gu h-ionlan, gu h-àraid an àm buairidh agus ‘n uair tha sinn a làthair an àm a fhrithealaidh do dhaoibh eile: agus sin le bhi gu d’ùrachdach, agus gu taingeil a’ gabhail a nàduir gu eridhe; agus nan crìoch chum an d’ òrduich Chriosd e; gach còir àraid, agus na sochairean a tha air an tabhairt seachad, agus air an seulachadh leis, agus ar bòid fhollaiseach féin a thug sinn ann; agus le bhi air ar n-irioslachadh air son ar truaillidheachd pheacaich féin, agus ar n-easbhuidh ann an gràs a’ bhaistidh, is a thaobh ar co-cheangail, agus air son ar gluasad ‘n a aghaidh; le bhi fàs suas a chum lan-dearbhadh air maitheanas peacaidh, agus air gach uile bheannachadh eile, a ta air a sheulachadh dhuinn anns an t-sàcramaint so; le bhi tarruing neart o bhàs agus aiseirigh Chriosd, anns am bheil sinn air ar baisteadh, a chum marbhadh a’ pheacaidh, agus a chum beothachadh gràis, agus le bhi déanamh dichill gu ar beatha chaitheamh trid creidimh, agus ar giùlan bhi ann naomhachd, agus ann am fireantachd, mar dhaoinibh thug suas an ainm do Chriosd ann am baisteadh, agus a chum gluasad ann an gràdh bràthaireil, mar dhaoinibh a tha air am baisteadh trid an aoin Spioraid, a chum aon chorp.
C. 168. Ciod i suipeir an Tighearna? F. Suipeir an Tighearna, is sàcramaint an Tiomnaidh Nuaidh i, anns am bheil bàs Chriosd air ‘fhoillseachadh, le h-aran agus fion, a thabhairt agus a ghabhail, do réir òrduigh Iosa Criosd; agus iadsan a tha a’ comunnachadh gu h-iomchuidh, tha iad a’ beathachadh an anama air a chorp-sa, agus air fhuil, a chum an altrùim spioradail. agus am fàs ann an gràs: tha ‘n aonadh’ agus an co-chom-unn ris air an daighneachadh dhoibh, tha iad a’ tais-beanadh, agus ag ath-nuadhachadh am buidheachais, agus an ceangail do Dhia, an gràidh d’ a chéile, agus an caomh chompanas r’ a chéile, mar bhuiil an aoin chuirp dhiomhair cheudna.
C. 169. Cionnus a dh’ òrduich Chriosd, an t-aran agus am fion bhi air an toirt, agus air am gabhail, ann an sàcramaint suipeir an Tighearna? F. Dh’ òrduich Chriosd do mhinisteiribh ‘fhocail, ann am frithealadh sàcramaint suipeir an Tighearna, an t-aran agus am fion a chur air leth o fheumaibh coitchionn, le briathraibh an òrduchaidh; le buidheachas, agus le h-ùrnuigh, an t-aran a ghlacadh agus a bhriseadh, agus an sin an t-aran agus am fion araon a thabhairt do ‘n luchd-comunnachaidh; d’ an còir, a bhrigh an òrduigh cheudna, an t-aran a ghabhail agus ‘itheadh agus am fion òl, mar chuimhneachadh taingeil, gu robh corp Chriosd air a bhriseadh, agus air a thabhairt, agus ‘fhuil air a dòrtadh air an son.
C. 170. Cionnus a tha iadsan a ta comunnachadh gu h-iomchuidh ann an suipeir an Tighearna, a beathachadh air corp agus air fuil Chriosd? F. Mar nach eil corp agus fuil Chriosd, a làthair gu corporra, no gu feòlmhor, fuidh ‘n aran agus fuidh ‘n fhlon, mar nach ‘eil corp agus fuil Chriosd annta, no maillè riu, ann an suipeir an Tighearna, ach gidheadh’ air mhodh spioradail a làthair do chreidimh an neach a ta ‘g an gabh-ail le chreidimh co flor agus co cinnteach, ‘s a tha an t-aran agus am fion féin a lâthair d’ an ceud-fathaibh corp-orra; mar sin, tha iadsan a ta comunnachadh gu h-iomchuidh ann an suipeir an Tighearna, a’ tarruing beatha o chorp agus o fhuill Chriosd, cha ‘n ann air mhodh chorp-orra, no fheòlmhor, ach air mhodh spioradail; gidheadh ‘s ann gu flor agus gu cinnteach a nithear so, am feadh le chreidimh, a tha iadsan a’ gabhail, agus a’ cur riutha féin, Chriosd air a cheusadh, agus uile shochairean a bhàis.
C. 171. Cionnus is còir dhoibh-san a tha gabhail sàcr-amaint suipeir an Tighearna, iad féin ulluchadh mu ‘n tig iad d’ a h-ionnsuidh? F. Is còir dhoibh-san a tha gabhail sàcramaint suipeir an Tighearn, iad féin ulluchadh fa ‘comhair, mu ‘n tig iad, le iad féin a cheasnachadh, mu thimchioll iad féin a bhi ann an Criosd, mu ‘m peacaidhean agus an uireasbhuidhean, mu fhirinn agus mu thomhas an eòlais, an creidimh, an aithreachais, an gràidh do Dhia, agus do na bràithraibh, an seire do na h-uile dhaoinibh, a’ tabhairt maitheanais dhoibh-san a rinn eucoir orra; mu ‘n togradh an déigh Chriosd, agus mu ‘n nuadh-ùmhlachd, agus le bhi ag ath-nuadhachadh gnàthachaidh nan gràsa sin, trid beachd-smuaineachadh dûrachdach, agus ùrnuigh threibhdir-each.
C. 172. An còir do neach air am bheil amharus mu thimchioll e féin a bhi ann an Criosd, no e bhi air ulluchadh gu h-iomchuidh, teachd a dh’ ionnsuidh suipeir an Tighearna? F. Feudaidh neach air am bheil amharus mu thimchioll féin a bhi ann an Criosd, no e bhi air ulluchadh gu h-iomchuidh fa chomhair sàcramaint suipeir an Tighearn, flor chòir a bhi aig’ air Criosd, ged nach ‘eil e fathast dearbhta mu dhéibhinn, agus an am meas Dhé, tha so aige, ma tha a’ bhreithneachadh mu thimchioll féin e bhi dh’ easbhuidh Chriosd ‘g a ruigsinn gu h-iomchuidh; agus e gu neo-chealgach ag iarruidh bhi air ‘fhaotainn ann an Criosd, agus a’ pilleadh o aingidheadh, agus anns a’ chor so (do bhrigh gu bheil geallaidhean air an òrduchadh, a chum furtachd, eadhon do Chriosduidh bhi anmhunn, agus amharus aca mu ‘n staid féin); is còir dha a neo-chreidimh féin a chaoidh, agus saothair a chaitheadh a chum an ni a ta mar cheist air ‘fhuasgladh; agus air dha so a dhèanamh, feudaidh e, agus is còir dha teachd gu suipeir an Tighearna, a chum gu ‘m biodh e ni ‘s mò air a neart-achadh.
C. 173. An còir neach air bith, a tha ‘g aideachadh a’ chreidimh, agus leis am miannach teachd gu suipeir an Tighearn, a chumail air ‘ais uaithe? F. ‘A mhuintir a mhothaichear aineolach, no sgainealach, ged tha iad ag aideachadh a’ chreidimh, agus ag iarruidh teachd gu suipeir an Tighearna, feudar agus is còir an cumail air an ais, o ‘n t-sàcramaint so, trid an ùghdarrais dh’ fhàg Criosd ‘n a eaglais, gus an taisbean iad an leasachadh beatha.
C. 174. Ciod a dh’ iarrar orra-san a ta gabhail sacramaint suipeir an Tighearna, an àm a frithealaiddh? F. Tha air ‘iarruidh orra-san a ta gabhail sàcramaint suipeir an Tighearna, ri àm a frithealaiddh, iad a dh’ fheith-eamh air Dia anns an òrdugh so, le gach uil’ urram agus aire naoimh; iad a thoirt aire gu dichiollach do na samhluidh bhi faicsinneach, agus do na gnomharaibh sàcramainteach; air corp an Tighearna, gu faicilleach; agus iad a bhi a’ beachd-smuaineachadh gu teò-cridheach air a bhàs agus ‘fhulangas, agus trid sin, iad féin a bhrosnuchadh suas, chum an gràsan a bhi ‘g oibreachadh gu beothail, agus fuidh dhoilghios air son peacaiddh, ann an geur-ocras agus tart a bhi orra an déigh Chriosd, a bheathachadh air, tre chreidimh, ag earbsadh as a thoillteanas-sa, a’ dèanamh gairdeachais ‘n a ghràdh, ag ath-nuadhachadh an co-cheangail ri Dia, agus an gràidh do na naomhaibh uile.
C. 175. Ciod e dleasdanas Chriosduidhean an déigh dhoibh sàcramaint suipeir an Tighearn a gabhail? F. Is e is dleasdanas do Chriosduidhean an déigh dhoibh sàcramaint suipeir an Tighearn a gabhail, iad a thoirt fainear gu dûrachadh, ciod an giùlan a bh’ aca ann, agus cionnus a shoirbhich iad, ma tha iad a’ mothachadh beothachaidh agus comhfurtachd, iad a bheannachadh Dhé air a son, a bhi ‘g asluchadh gu maireadh so, faire a dhèanamh, an aghaidh tuiteim air an ais, am bòidean a choimhlionadh, agus misneach a gabhail dhoibh féin a chum feitheimh gu tric air an òrdugh so: ach ma ‘s è ‘s nach mothach iad tairbhe air bith ‘s an àm, iad a gabhail ath-shealladh ni ‘s géire d’ an ullachd féin air chionn na sàcramaint, agus d’ an giùlan aice, agus ma ‘s urradh dhoibh annta so araon, iad féin, is còir dhoibh feitheimh ri a toradh gu àm iomchuidh: ach ma chi iad gu n’ d’fhàilnich iad ann an aon chuid diubh so, is còir dhoibh bhi air an irioslachadh, agus feitheimh air an t-sàcramaint a ris, le tuilleadh cùraim agus dchill.
C. 176. Cia iad na nithe ‘s am bheil sàcramaint a’ bhaistidh agus suipeir an Tighearna cosmhuil r’ a chéile? F. Tha sàcramaint a’ bhaistidh agus suipeir an Tighearna cosmhuil r’ a chéile, anns na nithibh so, eadhon, gur h-e Dia is ùghdair dhoibh araon, gur h-e a’ chuid spioradaill dhiubh araon, Criosd agus a shochairean, gu bheil iad araon an seulaibh air an aon cho-cheangal, gurann le ministeiribh an t-soisgeil as còir am frithealadh, agus nach h-ann le neach air bith eile, agus gur còir an cumail suas ann an eaglais Chriosd, gu ruig a dhara teachd.
C. 177. Cia iad na nithe ‘s am bheil sàcramainte a bhaistidh agus suipeir an Tighearn, neo-chosmhuil r’ a chéile? F. Tha sàcramainte a’ bhaistidh agus suipeir an Tighearna neo-chosmhuil r’ a chéile anns na nithibh so, eadhon, nach còir am baisteadh a fhrithealadh ach aon uair, le huisge mar an ceudna, a chum bhi ‘n a chomhara agus ‘n a sheula air ar n-athghineamhuinn, agus air ar suidheachadh ann an Criosd, agus sin, eadhon do naoideanaibh; ach is còir suipeir an Tighearna fhrithealadh gu tric, le samhluidhibh an arain agus an fhiona chum Chriosd a thaisbeanadh agus a thabhairt seachad, mar bhiadh spioradaill do ‘n anam, agus a chum ar maireachduinn agus ar cineas ann-san, a dhaighmeachadh, agus sin a mhain dhoibh-san a thàinig gu h-aois, agus comas air iad féin a cheasnaichadh.
C. 178. Ciod e ùrnuigh? F. Is e ùrnuigh, bhi cur suas ar n-athehuinge ri Dia, ann an ainm Chriosd, tre chòmhnadh an Spioraid, le aid-eachadh air ar peacaidhibh, agus aideachadh taingeil air a thiodhlacaibh-sa.
C. 179. An ann ri Dia a mhàin is còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh? F. Do bhrigh gur h-e Dia a mhàin a tha comasach air a’ chridhe a rannsachadh, athchuingean éisdeachd, peacaidhean a mhaitheadh, agus iarrtuig gach neach a choimhliionadh, agus a mhàin anns an coir dhuinn creidsinn, agus aoradh a dhèanamh dha le fior chràbhadh, is còir do na h-uile dhaoibh ùrnuigh (ni a tha ‘n a cuid àraid do ‘n aoradh) a dhèanamh ri Dia a mhàin, agus cha ‘n ann ri neach air bith eile.
C. 180. Ciod a ùrnuigh a dhèanamh ann an ainm Chriosd? F. Ùrnuigh a dhèanamh ann an ainm Chriosd, is e sin, ann an ùmhlachd d’ a àithne féin agus le làn-mhuighinn ‘n a gheallanaibh, trocair iarruidh air a sgàthsacha ‘n ann iomradh lom a mhain air ‘ainm, ach le bhi tarruing ar misneich ann an ùrnuigh, agus ar dànachd, ar neirt, agus ar dòchais gu ‘n gabhar ruinn, tre Chriosd agus trid ‘eadarmheadhonaireachd-san.