Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1928 » April 1928 » Bartimeus An Dall

Bartimeus An Dall

II. (Air a leantainn).

Chunnaic mi aig aon àm duine ‘coiseachd air bile creige moire mar gu’m bitheadh e na chomhnard reidh. Fhad ‘sa b’fhiosrach esan, bha e na chomhnard tearuinte. Bha e gun iomaguin, agus neo-sgathach, cha’n ann a chionn agus nach robh e ann an cunnart, ach do bhrigh gu’n robh e dall. Agus cho nis nach fheud a thugisinn cionnus a’s urrainn daoine tha co glic, co curamach ann am moran do nithibh, imeachd air aghaidh co foiseil, co neo-churamach, eadhon co aighireach, mar gu’m bitheadh na h-uile ni tearuinte air son na siorruidheachd, am feadh ‘s a tha ribeachan agus sluic fholuichte mu’n cuairt dhoibh air gach taobh, agus feudaiddh e bhi am bàs fein aig laimh, agus gu’n tilg an ath cheum iad do’n t-slochd gun grunn. Mo thruaighe! tha sinn a faicinn an aobhair gu soilleir—that iad dall.

Tha duine dall a saoilsinn barrachd dhe’n ni tha aige na laimh, na do na beanntaibh, an cuan, a ghrian, no na reultaibh. Tha na nithibh so aige ‘na ghlaic, ach ris na nithibh ‘ud eile tha e neo-chomasach beantuinn, agus cha leir dha iad. Agus tha e nis soilleir ciod uime tha daoine neo iompaichte a cur teagasgan steidhichte an t-soisgeil an suarachas, ag radh, “gur coma ciod e a chreideas neach, mu tha a chridhe ceart”—”gu’m bheil aon chumadh teagaig co maith ri cumadh teagaig sam bith” agus, “nach ‘eil aca mu dheibhinn searmonachadh far am bheil puincean creidimh air an sparradh air sluagh.” Na truaghain bhochda! durragan dalla, a labhairt gu fanoideach mu nithibh diomhair agus eagsamhla gloirmhoir focail Dé, far a mhain am feud sinn fhoghlum ciod tha sinn gu chreidsinn mu thimchioll Dhia, agus an dleasdanas tha Dia ag iarruidh air an duine. Tha e soilleir, mar an ceudna, ciod uime nach ‘eil iad a’ faicinn luachmhoireachd anns na geallaidean, no gloir ann an Críosd, no moralachd ann an obair an t-saoraidh, ciod uime tha iad a’ deanamh fanoid do pheacadh, a deanamh tair air bagraidhean Dhe, gu h-an-dàna dol an coinneamh fheirge, a meas mar ni suarach fuil Chríosd, a labhairt gu h-eutrom mu’n bhas, agus a dian-rúith a dh’ionnsuidh sgrios cinn teach. Tha iad dall. Tha na Sgriobtuirean ‘cur sin an ceill. Tha daoine dalla ann, aig am bheil suilean (Isa. xliii. 8); aig am bheil an tuigse air a’ dorchachadh, nan coimhich do bheatha Dhe thaobh an aineolas a tha annta tre dhoille an cridhe. Tha mar sin ma ta doille cridhe ann, co cunteach agus a dh’fheudas suilean a chuirp bhi dall. Bithidh daoine neo-iompaichte ag rath gu tric, “Ma tha na nithibh sin mar sin, mu tha iad co soilleir, agus co mor, ciod uime nach urrainn dhuinne am faicinn?” Agus chan ‘eil freagrath eile ri thoirt dha so ach—Tha sibh dall. “Ach” their cuid “tha sinn ag iarruidh am faicinn ma tha gnothuch againne riu mar tha agaibh fein. Nach truagh nach d’thigeadh scarmonaiche aig am bitheadh comas sinne thabhairt chum am faicinn.” Anamaibh bochda, cha’n eil a leithid sin do shearmonuiche ann, agus cha ruig sibh a leas bhi, feitheamh ris. Tionaileadh e ri cheile solus Dhe mar is aill leis, ‘s e tha mhain an comas an t-searmonaiche an solus sin a dhortadh a mach air suilean dalla. Tha gloineachan ann a thionalas gathanna na greine a dh’ ionnsuidh aon aite coinneachaidh, agus am bitheadh suil dhall air a cur ann an sin gus am bitheadh i air a losgadh, cha bu leir dhi ni sam bith. Atharraichidh solus dorchadas, ach cha’n atharrachd e doille. Agus cha leoir dhuil comasan laidir tuigse bhi agad. Chaidh an duine ainmeil sin Iarla Chatham maille ri caraidd diadhaiddh a dh’ eisdeachd Maighstir Cecil, ministeir urramach a bha ann an Lunnuinn. Bha an t-searmoin mu obair an Spioraid ann an cridheachaibh nan creidmheach. Dh’aidich am fear-riaghlaiddh mor so, agus iad a pilleadh bho’n eaglais, nach do thuig e idir an teagasg ris an robh e ag eisdeachd, agus dh’fhiosraich e dhe a charaid an robh e smuaineachadh an robh aon neach bha lathair comasach air a thuigsinn. Fhreagair esan, Bha iomadh bean bhochd gun fhoghlum, agus cuid do chloinn san eisdeachd a thuig na h-uile focal dhe’n teagasg, agus a dh’eisd ris le aobhmeas. Ah! anamaibh bochda, tha sibh a gearan an aghaidh an t-soisgeil gum bheil e foluichte uaibh, mar gum b’e sin a choire-san. Agus feumaidh mi nis earrann eaglach dh’fhocal Dé ainmeachadh a tha mineachadh aobhair ‘ur neochomais air a thuigsinn. Och! is focal eagalach e dh’am bu choir gaoin a chur ‘n ar cluasan, agus a thoirt air ‘ur cridheachan bhi lan uamhuiinn le chluimtinn. “Ach ma tha air soisgeul-ne folaithe, is ann ðhoibhsan a ta cailte tha e folaithe: anns an do dhall dia an t-saoghail so inntinn na dream nach ‘eil ‘nan creidmhich air eagal gu’n dealraicheadh orra solus soisgeil ghloirmhoir Chriosd, neach a’s e iomhaigh Dhe” (2 Cor. iv. 3, 4.) Tha an soisgeul na fhirinn agus gloirmhor, agus tha e ghmath a’ dealrachadh ‘na shoilise dhiadhaidh fein; ach tha sibhse dall. Dhall Satan an sean bhreugaire agus mhortair sibh air eagal gu’m faiceadh sibh an soisgeul beannaichte so, agus gu’m bitheadh sibh air ‘ur tearnadh. Agus tha sibh cailte, cailte a nis. ‘Se sin ‘ur suidheachadh eagalach, agus air an aobhar sin cha’n urrainn dhuibh an soisgeul a tnuigsinn. Na bitheadh iongantas ni’s mo air sluagh Dhé ri monmhor luchd Dia-aicheadhaidh an aghaidh nan Sgriobtuirean. An d’thugadh tu eisdeachd do dhuine dall a’ faotaoinn coire do dhealbhan maiseach, no air a chuthach, a dimoladh speuran an t-samhraidh. Ma dh’aicheadheas e gu’m bheil soilleireachd ‘s a ghrein, no airde ‘s na beanntaibh, an creid thu e? Agus nan abradh ceud duine dall, le aon ghuth, nach urrainn dhoibh na rionnagan fhaicinn, agus gu’n reusonaicheadh iad le samhladh gliocais nach ‘eil rionnagan idir ann agus gu’n toisicheadh iad air fanoid a dheanadh oirbh mar speuradairibh, am bitheadh, air an aobhar sin gloir neamhan a mheadhoin oidhche, ni’s lugha ‘n ar beachd. ‘N uair thug na daoine iad dearbhbadh cho soilleir air an doille fein, nach gabhadh tusa gidheadh tlachd ann a bhi ‘beachdachadh air oibrith cumhachdach Dhé? Nach taisbeanadh oibrith-san dhuit a ghloir, agus nach nochdadh iad gniomh a lamh? (Ps. xix. 1). Agus an cuirear tuilleadh earbsa amta-san tha dall gu spioradail? An gabhar iadsan ‘n an luchd-iuil spioradail? Cha ghabhar, feudaidh an creidmheach a’s annmhuinne a bhlais gu’m bheil an Tighearna grasmhor (Ps. xxxiv. 8), a chumhaic luachmhoireachd sam bith ‘s na geallaidhean, maise sam bith ann an Criosd, gloir sam bith ‘s na Sgriobtuirean, dluth-leanntamn ri dhochas a dh’aideoin fianuis agus reusonachaidhean faoin dheich mile do luchd Dia-aicheadha. Dh’fhosgaileadh ‘ur suilean-sa. Dhall an Satan an suileansan. Tha ‘ur fianuis-sa timchioll air ni is aithne dhuibh. Tha am fianuis-san mu ni nach aithne dhoibh, agus air an aobhar sin gun luach. Ma leanar a mhuinntir so, gheibhear iad nan luchd-iul dhall nan dall, agus tuitidh iad araon anns an t-slochd (Matt. xv. 14).

II.—A BHOCHDUINN.

Faic a nis toradh bronach a dhoille—fior bhochduinn. Ann an so mar an ceudna tha Bartimeus na iomhaigh air na h-uile anam neo-iompachte. Tha iad le cheile bochd. C’uim a dh’fheudar ag radh gu’m bheil duine bochd? An e’n corp a mhain a tha ‘cur feum air saoibhreas? Nach ‘eil saoibhreas do’n chridhe ann? Nach feud an inntinn bhi bochd, an t-anam bhi fuidh fhiachaibh nach urrainn dha phaigheadh. Tha saoibreas ann bharr air airgid, beartas ris nach ‘eil or no clachan luachmhor ri bhi air an coimeas (Seum ii. 5; Gmath viii. 10, 11; Iob xxviii. 12-19). Tha duine bochd ‘n uair nach ‘eil fheumaibh air a riarachadh. Mar is airdé na nithibh air am bheil e feumach, ‘s ann is doimhne nadur a bhochduinn, mar is lionmhoire fheumaibh, ‘s ann is doimhne tomhas a bhochduinn. An duine tha dh’ easbhuidh biadh agus fasgadh tha e ni’s bochdá na esan tha dh’ easbhuidh fasgadh a mhain. Agus nach ‘eil an duine aig nach ‘eil gradh no dochas ni’s bochda na esan air am bheil a mhain aran agus teine a dh’uireasbhuidh? Co a their nach ‘eil an duine sin bochd, aig am bheil anam tur falamh? Ciod e am moll do’n chruthnpeachd (Ier. xxiii. 28), an corp do’n anam? Nach ‘eil iarrtasan an anama ni’s farsuinge, agus ni’s dorr’ a riarachadh na feumaibh a chuirp? Nach ‘eil ocras cridhe ann? Nach ‘eil à leithid do ni ann agus gorta firinn agus graidh? Nach ‘eil spioradaibh dhaoinne air an treigsinn aig àm sam bith a crubadh, agus a crith, agus a reodhadh, mar truaghain gun dachaidh ann an oidhchibh gailillionnach a gheamhraidh? Nach ‘eil oidhche agus geamhradh agus stoirm ann do’n anam? Agus ‘n uair tha e gun dachaidh na aonaranachd, gun ionad-foluich bho a naimhdean, gun thasgadh’ bho’n doinnn, gun bhiadh d’a ocras, gun chomhfhuirtachd ‘n a dhoilgheasan, nach ‘eil e bochd? bochd ann sa bhochduinn is mò, ni a mhain tha airidh air bhochduinn ag radh ris? Thubhairt Tòmas, a’ Kempis, “gu’m bheil an duine sin a mhain bochd anns an t-saoghail a ta beo gun Iosa; agus gu’m bheil an duine sin a mhain saoibhir leis am bheil Iosa a gabhail tlachd comhmuidh a ghabhail.” Nach mor, ma ta, tha do dh’fhir bhochduinn ann an luchairtbh phrionnsaibh, air a sgeadachadh ann am purpur agus anart grinn, agus a teachd beo gu saòghail gach là! Nach tric tha i ag imeachd ann an cuideachd rigribh, a boillsgeadh le clachaibh luachmhor, agus a laimhseachadh òr nach fheudar a chumntadh! Nach mor dhith tha’m measg an t-sluagh mhor-chuisich shaobhairt tha leantainn gnathan, an t-saoghail so leis am bheil anamaibh lag air am mealladh, agus air son am bheil ocras air cridheachaihb gun ghliocas. Beatha muimntir mhor-chuiseach an t-saoghail so, le am amhurasan, agus am farmad, agus am breugan; le am miodhoireachd shuairich, agus le’n greadhnachas mheallta, le’n leirsgrios mhor, agus le’n truaighean riomhach! sin bochduinn ann am firinn. Ach na dichuimhnicheam. Feudar a bhochduinn so thaicinn am measg muimntir tha stuama, dichiollach, nach ‘eil a leantainn fasain an t-saoghail, agus tha suidheadh guraghailtach fuidh teagasgan an t-soisgeil. Tha mi ga faicinn fa’m chomhair; chithear a samhladh ann am Bartimeus, ach tha an ni uamhasach fein ri bhi air thaicinn annadsa, O a pheacaich.

Chunnaic mi duine ‘toiseachadh turus fada. Bha an turus cumartach troimh gharbh-chriochan anns nach robh comhfhurtachdan do luchd-siubhail. Cha robh suil aig an toiseach gur ann mar so a bhitheadh; bha cladhan uaine lan fhluraichean, a’ treorachadh bho a thigh. Bha an t-slighe reidh, an latha soilleir, cairdean am fagus, a dhochas mor. Dh’fhalbh e gu h-aobhneach ann an carbad socraich: seirbheisich churamach a frithealadh dha, agus feumaibh air an luchdachadh le nithibh do gach seorsa ulluichte air son a thoilintinn, no fheumaibh dha leantainn. Tha orain agus faile cubhraidh a lionadh aileadh na maidne, agus ged a theich iad sin air falbh, mar a dh’imich toiseach an latha seachad, bha gidheadh a dhochas ‘fantuinn laidir, agus ghluais rothan a charbaid gu fuaimneach thairis air an rathad chomhnard. Bha cairdean gu h-aoidheil, agus le furan cairdeil, a’cur failte air ‘san dol seachad, agus bha farmad aig cud dheth. Mheas se e fein sona; agus a’ deanamh aoibhneas na sheilbheam riarachail, thug se fein thairis do thoil-intinn. Tha feasgar a cheud latha air teachd, agus feuch! tha an carbad ‘dol sios sliabh cas. Nach cas tha e fás! Ni’s luaite agus ni’s luaite tha an carbad a’ dol. Tha an t-athar a’ dorchachadh, tha an dubhre a’ fás, tha e ni’s fuar; ni’s luaite agus ni’s luaite tha an carbad a greasad sios. Cha’n ‘eil ni ann is urrainn stad a chur air. Tha e fein ag oidhearphachadh air so a dhean-amh, tha na seirbheisich ga chuideachadh. Tha e ag eighneach air son cuideachaidh, ach ‘s ann an diomhain. Gu luath tha na h-eich a ruith sios. Agus faic aig iochdar an t-sleibh tha amhainn dhorchá gun drochaid. Tha an rathad a’ treorachadh ga h-ionmsuidh. A steach innte chaidh na h-eich, agus a gleachd ris na h-uiseachan, a ránail agus ann an cruaidh-spairm amhghair, chaidh iad uile as an t-sealladh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice