VII.
(Air a leantainn).
III.
“Agus an uair a chual e gu’m b’e Iosa o Nasaret a bh’ann, thoisich e ri glaothaich agus ri radh, Iosa, Mhic, Dhaidh bidh dean trocair orm.” Dh’fhag sinn Bartimeus ag eisdeachd ris a cheud searmoin shoisgeulach a chual e. Tha e cosmhuil gu’n d’rinn an luchd searmoineachaidh an dleasdanas. Bha an teachdaireachd maith. Bha i simplidh, direach, agus gu h-iomlan mu Iosa Criosd.
Cha’n aithne dhuinn am modh ‘san do labhair iad. Bhitheadh e taitneach dhuinn air an sgath-san fios a bhi againn gu’n do thaisbein iad fior chomh-fhaireachduinn, ris na briathraibh grasmhor a labhair iad, agus ris an duine bochd bha ag eisdeachd riu. Ach mar ‘eil aithne againn air so, is aithne dhuinn ni tha gu mor ni’s cudthromaiche, gu’n do dh’innis iad dha an ni a b’fheumaich e air a chluinn-tinn. Ciod sam bith cho neo-ealanta agus a dh’fheudadh an cainnt a bhi, dh’innis iad dhasan gu’n robb fear leigheas nan dall am fagus. Agus ciod an coimeas ris an naiigheachd ud, an luach a bhitheadh aig a chainnt bu shnaimhte bha air a labhairt mu Philat, no Herod, no Caesar no cumhachd na Roimhe, no mu ghnothuch saoghalt’ air bith. Cha mhò a bhitheadh cainnt nam feallsanach a b’ainmeil air son sta dha. Bha an duine dall, agus a cur feum air gu’m bitheadh a shuilean air am fosgladh, agus gus an deantadh sin, bha na h-uile ni eile ciod ‘sam bith maise na cainnte leis an labhradh daoin’ orra, dhasan na shuarachas agus na dhiomhanas.
An dubhairt sinn na dhiomhanas? Nach’eil luchd-searmonachaidh focal Dé nan stiubhardaibh ann an tigh Chriosd (1 Cor. iv. 1, 2; 1 Peadar. iv. 10). Agus nach d’ulluich e ri ar laimh stór neo-chriochnach air son pheacach chailte agus nach d’aithn e dhuinn tabhairt gu saor, eadhon mar a fluair sinn gu saor (Mata. x. 8). Agus ‘nuair thig anamaibh ocrach aig ‘ur gairm-ne chum cuirm an t-soisgeil feitheamh ri bhi air am beathachadh, mu bheir sinn dhoibh plaoig thioram feallsanachd, an aite biadh laidir teagasg an t-soisgeil no clach reusonaichidhean faoine, an ait’ aran beo firinn shlainteil Dhé, no mu bheir sinn dhoibh scorpion bruidhne mu ghnothuichibh saoghalta an aite bainne forghlan an fhocail, bagaidibh o Eschol, uisge o bhainn na beatha, fion an aoibhneis, agus manna fathast fluch leis an druchd leis an d’thainig e o neamh, nach’eil sinn ris an fhainoid is seirbhe air na doilghiosan is doimhne agus gu narach a brath an earbsa is cudthromaich. Cha’n e mhain sin, ach mu chuir an luchd searmonachaidh ud an ceill an sgeul aoibhneach ann an doigh neo-fhaireachdail, bha e na choire mhor, na chron air a dheanamh dhoibh fein, do Bhartimeus, agus do na firinnean beannaichte fein, ach gidheadh na chron do-labhairt ni’s lugha na bhitheadh e an fhirinn ud a chleth, ciod ‘sam bith an doigh air an robb i air a labhairt.
Ach mu tha suidheachadh an t-searonaiche cho cudthromach, innis domh, am bheil am fear eisdeachd gu’n aobhar curam? Mu tha na daoine sin ag innseadh do Bhartimeus gu’m bheil Iosa dol seachad, ged a dh’fheudadh tu moran coire fhaotainn do mhodh innsidh an sgeil nach bi esan na fhir amadan mu thionndaidheas e air falbh o’n chothrom oirdheirce so, agus ma philleas e chum a bhothain, gu suidhe ann an sin am bochdainn agus ann an dorchadas a faotainn coire, ri fanoid, no ann an diomb ri modh labhairt nan daoine’ ud. ‘Se an an-mhuinneachd an gnothuch-san, ach ‘se a ghnothuch-san gu’m bheil e dall agus gu’m bheil Iosa o Nasaret a gabhail seachad. Thugaibh an aire uime sin cion-nus a dh’eisdeas sibh (Lucas viii. 18). Tha an rabhadh so o Chriosd, agus O nach mor tha ri fhaicinn ann! Ma’s coir dhuinne aire a thabhairt do ur searmonachadh, is coir dhuibhse aire a thabhairt cionnus a dh’eisdeas sibh. Mu tha cunntas soluimte againne ri thabhairt o’n chùbaid, is gann tha’n cunntas tha agaibhse ri thabhairt o’n aite suidhe ni’s lugha ann an soluimteachd. Mar ‘eil e na ni faoin an soisgeul a shearmonachadh, gheibh sibh nach ‘eil e na ni faoin eisdeachd ris. Tha sàbhaladh siorruidh ceangailte ri sibh a dh’eisdeachd gu ceart. Is e dà mhodh eisdeachd tha ann cha’n e a tri. Tha eisdeachd a chum beatha ann, agus eis-deachd eile chum bais; ach cha’n ‘eil eisdeachd eadar-mhead-honach ann, nach ‘eil air a leanntainn le aon de na toraidhean ud. Feudaidh tu eisdeachd a mhain air sgath eisdeachd, fo’n bheachd nach bi tuilleadh mu dheibhinn, ach cha’n ann mar sin a bhiteas. Bithidh beatha no bàs mar thoradh air d’eisdeachd. Feudaidh tu rùnachadh nach atharraich an t-searmoin cuisean dha do thaobhsa, ach atharraichidh, agus bithidh sabhaladh no sgrios ann mar thoradh. Cha’n ‘eil an soisgeul a fàgail neach air bith far an d’fhuair se e. Mar ‘eil e na sgiathan chum a thabhairt do neamh, tha e na chloich mhuillinn chum a chur fuidhe do dh’ifrinn. Tha cuid agaibh a smuaineachadh gur ni ro neo-chudthromach e a thighinn do’n eaglais agus eisdeachd ri searmoin. Tha mi toirt rabhadh dhuibh gur mealladh ro mhor so. Labhraidh mi ribh ann am briathraibh Dhé. Is teachdairean sinne air son Chriosd, mar gu’n cuireadh Dia impidh leinne; tha sinn a guidhe oirbh as uchd Chriosd bithibh reidh ri Dia (2 Cor. v. 20). Oir tha sinne do Dhia ‘nar faile cubhraidh Chriosd anns an dream a thearnar, agus anns an dream a sgriosar: Do’n aon dream tha sinn ‘nar boltrach bàis chum bàis agus do’n dream eile ‘nar boltrach beatha chum beatha (2 Cor. ii. 15, 16). Mu tha ar soisgeulne foluichte, is ann dhoibh-san tha caillte tha e foluichte (2 Cor. iv. 3). Tha so a ghnath na fhirinn. Tha e na fhirinn an diugh mu’n t-searmoin so. Mar tha Dia fior, tha na nithibh so faotainn coimhlionadh a nis anns gach neach do’n luchd eisdeachd. Tha gach neach dhibh ag abuchadh a nis air son sonas maillle ri Dia, no air son fheirge-san ann an teine ifrinn; agus tha an t-aite tha sibh tabhairt do’n t-soisgeul a dearbhadh co dhuibh so ris am bheil ‘ur n’aghaidh. Bithibh air ‘ur faicill ma ta, agus a chum ‘ur seoladh thugaibh fainear cionnus a dh’eisd Bartimeus. Tha mi smuaineachadh gu’m faigh sinn annsan a chuid is mò do chomharraidhean luchd eisdeachd mhaithe, agus gairmidh mi ‘ur n’aire chum iad sin a mhain.