Ann an so tha an ath-ghineamhuinn air a h-eadar-dhealachadh o iompachadh. Tha Dia a pilleadh an duine, ach tha an duine fein, air dha bhi air a ghlusad mar so a pilleadh le uile chridhe. Is e so latha cumhachd mòr Dhé, agus an latha sam bheil am peacach air a dheanamh lan-thoileach (Salm cx. 3). Tha Fisher ‘na leabhar cheisdean, ag radh “Gur e iompachadh glusad spioradail an duine gu h-ionlan a dh’ionnsuidh Dhé, ann an Criosd, mar an toradh, tha air ball a leantuin an atharrachaidh mhoir is a’s ceann nàduir tha oibreachadh san ath-ghineamhuinn.” Tha an teine a dhuisg a ghrian, ag iarraidh gu’n dàil chum na greine. Is i an ath-ghineamhuinn dùsgadh na lásair neamhaidh so: is e iompachadh a glusad suas, a chum Dhé. Is i an ath-ghineamhuinn gniomh Dhé; tha iompachadh a teachd a ghnàth ‘na lorg. Far am bheil gràs na beatha, ann an sin bithidh beatha gràis.
- Cha’n e an solus a dh’fhosgail suilein Bhartimeus; agus cha dean an fhirinn dhiith fein am peacach ath-nuadhachadh. Cha leighis e suilibh dalla solus a dhortadh orra. Cha’n ath-nuadhaich e peacach firinn ghloirmhoir Dhé, a sparradh air àire. Bha Bartimeus cho dall aig teas a mheadhoin latha, is a bha e, ri dorchadas na h-oidhche. Feudaidh am peacach bhi cho dall fuidh sholus an t-soisgeil is a tha e am measg duaichnuidheachd iodhol-aoraiddh. Tha am peacach a fuathachadh an t-solus. Tha e ga fuathachadh do bhrigh gur solus e. Tha e fuathachadh Dhé, agus is solus Dia. Tha an fhirinn a taisbeineadh cliu Dhé, agus tha i air a fuathachadh ‘nuair tha esan air fhuathachadh. Tha an intinn fheolmhor ‘na naimhdeas an aghaidh Dhé (Rom. viii. 7), agus uime sin cha’n ‘eil i umhail do thoil Dé, ni mò tha ‘n comas di bhith. Nach làidir a chainnt so! Nach eagalach an coimh-cheangal tha eadar na nithibh sin. Naimhdeas ionlan an aghaidh Dhé, agus eas-umhlachd d’a thoil a sruthadh bho sin. Uime sin mu’n comasach e gu’m biodh Dia is a lagh naomha air an gràdhachadh, feumaidh feoilmhoireachd an anama bhi air a sgrios, agus is e sin obair an Spioraid Naoimh a mhàin. Ciod sam bith oifig na firinn ‘sa chùis, cha dean an fhirinn dhi fein cruthachadh nuadh; is e Dia a mhàin a ni sin.
II. Dh’iarruidh’n a nis labhairt mu mhéud, is mu ghloir, an atharrachaidh so.
Tha mi a ris labhairt a mhain mu’n atharrachadh bha air oibreachadh leis a mhiorbhuil so air corp Bhartimeuis. Cha’n ‘eil e idir ri shamhlachadh ris a so, ‘nuair tha a ghrian a dearsadh a mach o na neoil, a’s deigh moran laithibh stoirmé, ged tha an sin slios duthcha air a dheanamh maiseach le a gloir, na h-eoin a briseadh a mach le ceiliridh, agus cridheachan mhorain a’ deanamh aoibhneis ann am faicinn na speurraibh a nis réidh is ciuin. Tha an ni so a giulan ‘ar smuaintibh air an ais a chum an latha, ‘nuair a thubhairt Dia “Biodh solus ann (Gen. i. 3),” agus a thaisbein e do bheachd nan ainglibh aoibhneach saoghal nuadh maiseach le dealradh a ghnuise fein. Is e so an samhladh is freagarraiche. Oir ann an so mar an ceudna ann an uchd an deoraidh bheochd so, bha saoghal do dh’fhairichidhean, is do’mhothaichidhean, tha ni’s gloirmoire eadhon ‘na oidheche, is ‘na leirsgrios, na an talamh no a ghrian; oir ciod e an cruthachadh marbh ciod sam bith a mhéud, ann an coimeas ri ànam neo-bhàsmhor? Rinn dorchas gu’n teagamh sam bith a chòmhdach fada, agus tha gliccas air a dhùnadach a mach bh’uaith. Ach a nis labhairt am focal cumhachdach ceudna, agus tha an saoghal beò so, air a shoillseachadh gu h-obann trid a dhoimhneachdan gu h-ìomlan. Saoil sibh, an e nach robh òran molaidh aig na h-aingil air son mar an ceudna! Agus co a ghabhas air labhairt gu h eutrom mu’n obair sin, anns an do dh’áithn Dia do’n t-solus soillseachadh a dorchas, a thoirt dhuinn solus eolas a ghloire ann an gnuis Iosa Criosd (2 Cor. iv. 6). Nach cainnt chothromach e, a radh gu’m bheil an ath-bhreith ‘na h-atharrachadh mòr? Nach ni air an coir dhuinn a ghnath beachdachadh le iongantas, agus labhairt uime le urram? Nach aobhar iongantas siorruidh e, gu’m biodh truaghan ciontach, tha marbh fo chorruidh Dhé, ‘na fhear comh-pairt do bheatha Dhé, is do nàdur na diadhachd (2 Peadar i. 4), agus a bhi air uchd-mhacachadh chum na teaghlach neamhaidh? gu’m biodh e air a thogail o dhuslach a bhàis gu suidhe maille ri prionnsaibh air a bheinn neamhaidh; gu’m biodh e air a thogail suas, o thruaillidheachdan traillleileachd ifrinneill chum saorsa, is urram, chum naomhachd is sonas mic an Ti a’s airde? Seadh, tuilleadh gu’m biodh e ‘na chomh oighre maille ri Criosd (Rom. viii. 17), agus gu’n suidheadh e maille ris air a Righ-chaithair (Taisbean iii. 21), agus gu’n rioghaicheadh e maille ris ann an aonadh neo-sgaruichte ris agus ann an comh-pairt maille ris gu siorruidh air onoir a rioghadh, agus a shàgartachd (Taisbean i. 6) O nan robh eadhon aon eiseimpleir air a so ann, nach biodh e air son gloir Dhé, agus ‘na iongantas ann an neamh gu siorruidh? Agus am bheil e deanamh an iongantais ni’s lugha, ‘nuair nach ‘eil againn ach ‘ar suilean a thogail suas, agus feuch aireamh mór nach urrainn neach air bith aireamh, de na h-uile chinnich agus threubhaibh, agus shluaghaibh, agus theangannaibh nan seasamh an láthair na righ chaithreach, agus an láthair an Uain (Taisbean vii. 9)? Is maith a dh’fheudas abstol a ghráidh òigheach a mach le iongantas air nach urrainn dha cainnt a chur;— Feuchaibh ciod a ghné ghráidh a thug an t-Athair dhuinne gu’n goirteadh clann Dè dhinn? Agus mar tha anam a lasadh suas ann am beachdachadh air a ghloir ri teachd, am feadh tha tha e ag aideachadh gu’m bheil e na ni tha dol thar tuisgse, tha e ris ag eighneach, A’mhuintir mo ghráidh, a nis is sinne.mic Dhé, agus cha’n ‘eil e soilleir fathast ciod a bhitheas sinn ach a ta fhios againn ‘nuair a dh’fhoillshear esan gu’m bi sinn cosmhuil ris; oir chi sinn e mar a ta e (Eoin iii. 1, 2). Is maith a dh’fheudas na naoimh, ann am beachdachadh gu siorruidh, air an Uan bha air a mharbhadh, mar bhonn an sithe agus mar am bràthair a’s sinne, a sheinn ann an òran a bhios gu siorruidh nuadh, “Dhasan a ghrádhaich sinn, agus a nigh sinn bho ‘ar peacaibh na fhuil fein, agus a rinn righrean agus sagartan dhinn do Dhia, is dà Athairsan, dhasan biodh gloir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal” (Taisbean i. 5, 6). Agus nach mol sinn le cliu co-ionnan Spiorad maith ‘ar Dé, o’n robh sinn air ‘ar breth a ris (Eoin iii. 5), agus na threorachadh anns am bheil dearbhadh againn air ‘ar n-uchdmhacachd (Rom. viii. 4) agus le a chumhachd èifeachdach, a bhitheas sinn air ‘ar cumadh ris an iomhaigh air son am bheil sinn ag osnaich? An e nach cluithaich sinn esan is e Spiorad nan uile ghràs (Sech. xii. 10); na beatha (Rom. viii. 2), an uchd-mhacachd (Rom. vii. 15), na h-urnuigh (Rom. viii. 26), na saorsa (2 Cor. iii. 17), na comhfhurtachd (Eoin xiv. 16, 17), an naomhachaidh (1 Cor. vi. 11), an tarruing am fagus (Eph. ii. 18), na gloire, agus Dhé (1 Pead iv. 4). An urrainn ‘ar moladh a bhi thar tomhas, air an obair sin air an robh uile chumhachd na Diadhachd air a cleachdadh, agus leis am bheil iomlaineachd buadhan an Athar, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh gu bhi ann an rathad sonruichte ri fhaicinn gu siorruidh? Cha’n ‘eil Neander a labhairt air mhodh ro laidir ‘nuair tha e ag rath, mu phàirteachadh beatha Dhé ri daoineibh “gur e so am miorbhuil is mò, flor sheadh, agus erioch gach miorbhuil eile, is na mhiorbhuih tha ri fhaicinn ‘sna h-uile linn.’
III. Mar a fhuaire Bartimeus a shealladh air ball, is ann mar sin tha e tachairt ‘san ath-bhreth, is atharrachadh grad e.
Tha aon mhòmaint shònruichte ‘nuair tha an duine dall faotainn a radhaire, agus ‘nuair tha beatha nuaidh a pheacaich a toiseachadh. Feudaidh e bhi annmhunn, ach thoisich e, is air son an toiseachadh a’s lugha tha feum air gniomh cruthachaidh. Tha cùis an duine dhoill ud eile, a chunnaic air tùs daoine ag imeachd mar chraobhan (Marc viii. 24), a cuir solas air an atharrachadh so, mar air a dheanamh a chuid ‘sa chuid. Cho lath is a b’urrainnear a ràdh gu’m bu leir dha, ciod sam bith cho fann, bha an tatharrachadh mòr air a dheanamh. Ciod ‘sam bith cho dorcha, is cho làg is a bha a shealladh, bha e faicinn ann am firinn. Bha e roimhe dall; tha e nis a faicinn. Tha a stàid gu leir air a h-atharrachadh, agus iomlan dealaichte bho’n ni a bha e roimhe. Roimhe sud, cha’n fhaic’ e ni sam bith, ni mò bha e’n comas dà ni fhaicinn, a nis is leir dha. Cha’n ‘eil atharrachadh cho mòr so gu bhi tuilleadh air a dheanamh ann an tòmhas a dhoille, agus a bha, nuair ò bhi dall, a fhuair e léirsinn idir. Agus is ann mar so tha tachairt ann an nithibh spioradail: cha’n ‘eil àite meadthonach ann, eadar rioghachdan an dorchadas agus an t-soluis, far am bheil dorchadas agus solus a measgachadh ri cheile (Mata. vi. 24). Tha iad gu h-iomlan dealaichte o cheile, agus an aghaidh a cheile. Cha’n urrainn do neach a bhi aig an aon àm na iochdaran do Chriosd, is do’n t-Sàtan, no a bhi ann an suidheachadh eadar mheadhonach gu’n a bhi deanamh seirbhis do neach dhiubh. Feumaidh e bhi fo fheirg, no fo ghràs, a bhi marrbh no beò. Ach gu muintir a ghleidheadh ò cho-dhùnaidhean ch, agus neo-mhiseachail, feumar cuis an duine dhoill ‘ud eile a thoirt fa’near gu cùramach. Feudaidh daoine bhi mäll ann an teachd a chum dearbhadh air an ath-bhreith. Feudaidh daoine bhi mäll ann an teachd a chum dearbhadh air an ath-bhreith. Feudaidh ceò is dorchadas a bhi crochadh os cionn a chrùthachaidh nuaidh. Tha am peacach gu tric a cumail ris fein, riaghailt iompachaidh, a dh’aobhair aicheas dha a bhi càll a mhismich. Tha a mhac-meanmhuiin fein, agus an eachdaraidh tha e cluintinn mu mhuintir eile a cur dathan ro mhaiseach air an fhaireachadh ris am bheil suil aig. Ach tha an Spiorad aig àmaibh a deonuachadh faireachadh a tha do nàdur, nach ‘eil an duine tuigsinn re uine fhada, gur i so an obair air son an d’fhèith e uine cho fhada. Ann an cùis mhoran, gu sonruichte far am bheil gràs a rioghachadh nan òige, tha obair an Spioraid ‘na cheumaibh fa leth, bho dhearbhadh peacaidh gus am bheil an t-anam a sealbhachadh gu faireachdail gràdh maitheanais peacaidh, sàmhach, air a thoirt air aghaidh a chuid, ‘sa chuid, agus air mhodh nach mothachear dha. Aig amaibh tha an Spiorad ‘na àrd-uachdranachd a stiuradh sùilbh a pheacaich, ‘nuair tha e air a shoillseachadh, gu sònruichte a dh’ionnsuidh cionta a chuid a chaidh seachad dhe bheatha, no stigh a chum doimhneachdan a chridhe, no a chùm mòralachd uamhasaich; agus agraidean lagha Dhé, agus mar sin g’ a lionadh as ùr le àmghar. Cha’n e comhfhurtachd aig amaibh, tha mar cheud thoradh air an ath-bhreth. Feudar gur e fuaim gùl, a cheud-fhuaim tha air a chluinntinn. Aig amaibh eile, tha an dorchas a sgapadh gu ro mhall, agus tha iomadh neul is duirche a dol troimhe gus am bheil an t-anam ullamh air tuiteam ann an eu-dòchas. Ach cha’n ‘eil e air fhàgail ann an cùis dhiubh sin, gu’n dearbhadh air ath-bhreth a bhi idir comasach dha. Is lionmhor iad a dh’fheumas a radh le Joseph Fletcher naomha “Bha e gu tric na aobhar doilgheos dhomh, nach b’urrainn mi àite, àm, nó meadhoin m’iompachaidh ainmeachadh.” Bhiodh e taitneach gu’m b’aithne dhuiinn na nithibh sin, ach na biodh neach sam bith ro iomaguineach umpa. Deamadh iad na h-uile dicioll air an gairm is an tâghadh a dheanamh cinnteach (2 Pead i. 10). Is e an ni is cud-thromaiche air son na h-uile peacach, bonn math a bhi aige air son a radh, “air aon ni tha fhios agam air dhomh bhi dàll, tha mi ‘nis a faicinn (Eoin ix. 25). Ma’s urrainn dha so a ràdh, is mu tha fianuis an Spioraid aige air fhirinn (Rom. viii. 16), tha e’n coimeas ri sin, na ni beag ged nach b’urrainn dha a ràdh, air a leithid so do latha, le leithid so do mheadhoin, bha mo shuilean air am fosgladh. Tha lòn laidir air a briseadh leis an stoirm. Tha an crànn, an stiùir, is a chaitr-iuil, air an càll. Tha an stoirm air a dhòl seachad, ach tha an long bhriste air a fuadach tre’n oidhche, is tre’n cheò. Tha fadheoidh na h-uile ni foisneach, agus tha na maraichean le iongantas a feitheamh ri teachd an là. Tha an latha a soilleireachadh gu fàdalach, agus mar tha na neoil a teicheadh, tha gach suil ag oidhear-pachadh fhaotainn a mach c’ait am bheil iad. Tha aon dune ag aithneachadh sgeir air an robh e eòlach, tha neach eile a faicinn làmh-ruig air an do sheas e gu tric, tha an treas fear a faicinn an eaglais lamh ri am bheil a mhàthair a codal ann an tosdachd na h-uaigh, agus a nis air do’n ghrèin briseadh a mach, tha iad uile ag èigheach le aoibhneas gu’m bheil iad ‘sa phort bu mhiannach leo. Gu diomhair, is gu’n chuideachadh uatha-san thug fear-riaghlaidh nan gaothaibh an sud iad, agus tha iad uile a deanamh aoibhneas nan teasairginn iongantaich. An urrainn dhuit a smuaineachadh gu’m biodh aon neach dhiubh, nach robh sùbhach, do bhrigh nach b’aithne dha an uair san do thearnadh iad, no co aca a b’ ann le gaothaibh, no le sruthaibh a chuaig a bha iad air an toirt gu port.
IV. Air beannachd an atharrachaidh so air Bartimeus —samhladh beannachd spioradail an anama sin a bhlàis gu’m bheil an Tighearna gràsmhor, is gann gur h-urrainn dhomh a bheag a radh.
Tha briathraibh an t-soisgeulaiche, “air ball fhuair e a shealladh,” a toirt dhuinn eachdaraidh aithghearr air aobhar aoibhneis chaidh thar labhairt. Is m àith thà Solamh ag radh. “Tha solus nan sùl a cur aoibhneis ‘sa chridhe (Gnathfhocal xv. 30),” agus a ris ag èigheach mar neach air an robh maduinn gun neoil a dealradh. Gu deimhin is milis an solus, agus is taitneach do na suilbh sealltuiinn air a ghrèin (Ecclesiastes xi. 7). Nach maiseach an ni e gur gann a tha suilbh naoidean air am fosgladh air an t-saoghail, ‘nuair tha e leanntuinn an t-solus le a shuil, agus a geurbheachdachadh air le mòr iongantas. A’s deigh dha am beathachadh fhaotainn air am bheil e cur feum, is e a chued shòlas, an solus fhaicinn. Agus d’ar taobh fein, a’s deigh dhuinn a bhi fada ‘nar priosanaich ann an seomar tinneis, tha sinn a ris dol a mach le ‘ar taice feudaidh o bhi air gairdean caraid, a mhealtuiinn na gaotha ‘urair, agus a dheanamh aoibhneis ann a bhi ris a gluasad fo speuraibh Dhé, nach ‘eil a mhaise leis am bheil, a ghrian a sgeadachadh an t-saoghail, a lionadh an anama le solas ro mhòr. Ach ciod so uile do dh’iongnadh, is do dh’aoibhneas Bhartimeus ‘nuair a chunnaic e air son na ceud àm oibrbh miorbhuileach Dhé. Dhasan bha comas lèirsinn, na ni nuadh, agus a nis aig focal Chriosd, tha solus a teachd mar shruth, is air son na ceud àm, is na lèanachd a dh’ionnsuidh duine bha dall o rugadh e, is ga lionadh le aoibhneas tha dol thar labhairt. Gu deimhin air an là ud, bha solus na gealaich, mar sholus na greine, agus solus na greine mar sholus seachd laithibh (Isaiah xxx. 26).