Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1930 » October 1930 » An Dara Staid

An Dara Staid

EADHON,

STAID NADUIR, NO TRUAILLIDHEACHD IOMLAN AN DUINE.

CEANN I.

PEACADH STAID NADUIR AN DUINE.

GENESIS vi. 5.

CHUNNAIC sinn ciod a bha’n duine, mar a rinn Dia e; ‘na chreutair gràdhach agus sona; gabhamaid beachd a nis air mar a dhithich se e féin; agus chi sinn e ‘na chreutair peacach agus truagh. ‘Si so an staid bhronach gus an d’thugadh sinn leis an leagadh; staid cho dubh agus cho chraiteach as a bha cheud staid glormhor; agus ri so their sinn gu coitchionn, staid naduir, no staid a thaobh naduir duine, a réir mar tha’n t-Abstol ag radh, Eh. ii. 3. “Agus bha sinn a thaobh naduir ‘nar cloinn feirge, eadhon mar chach.” Agus ann an so, tha dà ni ri thoirt fa’near. 1. Peacadh; agus, 2. Truaighe na staid so, sam bheil na h-uile a ta neo-iompaichte beo. Toisichidh mi le peacadh staid nàduir an duine, air am bheil am bonn-teagaig, ged tha e goiriod, a’ toirt eunntas iomlan: “Agus chunnaic an Tighearna gu’m bu mhòr aingidheachd an duine.”

‘Se gnothuch agus rùn nam briathra sin, Ceartas Dé fhireanaichadh, san tuil a thabhairt air an t-seann saoghal. Thugadh fa’near dà ni àraid mar aobhar air a shon sna rannaibh a chaidh roimhe, (1.) Posaidhean coimeasgta, rann 2. Mie Dhé, slioichd Het agus Enois, luchd-aidmheil an fhoir-creidimh, phos iad nigheana dhaoine, slioichd mi-naomha malluichte Chain. Cha d’ thug iad a’ chuis am fianuis an Tighearna, chum gu’n roghnaicheadh esan air an son, Salm xviii. 14, ach gun speis sam bith do thoil Dhé, roghnaich iad dhoibh féin; cha b’ann a réir riaghailt an creidimh, ach a réir an toil-inntinn féin; chunnaic iad gu’n robh iad sgiambach: agus rinn am pòsadh riusan an eadar-dhealachadh o Dhia. B’e so aon do na h-aobhair a tharruing an dìle, a sguab air falbh an seann saoghal. O nach ann a dh’ fheudadh luchd-aidmheil air là-ne, a thagar nach ‘eil iad ciontaich: ach ged thug am peacadh an dìle air an t-saoghal, gidheadh cha do squab an dìle am peacadh sin air falbh, a bha o shean; mar a dh’ fheudar fhaicinn mar an ceudna ann ar là-ne, gur e aon do na h-aobhair àraid airson am bheil diadhachd a’ claonadh. Bha e ‘na ni coitchionn am measg nam Paganach, gu’m muthadh iad an Diathan, ‘nuair a mhuthadh iad an staid ann am pòsadh; agus is iomadh eisimpleir bhronach a ta’n saoghal Criosdadh a’ tabhairt air an ni ceudna, mar gu’m biodh daoine do bharail Pharaoh, nach ‘eil an diadhachd ach a mhàin airson na muintir sin aig nach ‘eil curam eile sam bith orra, Ecsod. v. 17. (2.) Mòr-fhoirneart, rann 4. “Bha famhairean air an talamh sna laithibh sin,” daoine do mhòr-airde, do mhor-neart, agus do aingidheadh oillteil, “a’ lionadh na talmhainn le foirneart.” rann 11. Ach cha b’urrainn aon chuid an neart no an ionmhas aingidh, buannachd a dheanamh dhoibh ann an là na feirge. Gidheadh tha buannachd na foireigin, fathast a’ tarruing dhaoine gu saltairt air an eisimpleir uamhasach so. Labhair sinn an urrad so mu chomh-chordadh nam briathra, agus mu na peacanna àraid san robh an ginealach sin ciontaich. Ach cha b’urrainn do na h-uile neach a bha air an sguabadh air falbh leis an dìle bhi ciontaich anns na nithibh sin; agus nach dean breitheamh na talmhainn uile ceartas? Uime sin ann am bhonn-teagaig, tha binn fharsuinn air a tabhairt a mach ‘nan aghaidh uile: bha aingidheadh an duine mòr air an talamh, agus a ta so air a dhearbhadh, oir chunnaic Dia i. Tha dà ni air a chur as an leth an so:

Air tús. Truailidheadh beatha; aingidheachd, aingidheachd mhòr.

Tha mi tuigsinn gu bheil so a’ ciallachadh, aingidheachd an eaithe-beatha: oir tha i gu soilleir air a h-eadar-dhealachadh o aingidheachd an eridheachan. Bha peacanna an eaithe-beatha o’n taobh a mach, mòr annta féin, agus gu mòr air an an-tromachadh leis na nithibh a bha ‘nan co-chuideachd; agus so, cha’n ann a mhàin am measg slioichd Chain mhalluichte, ach mar an ceudna am measg slioichd Shet naoimh; bha aingidheachd an duine mòr. Agus an sin tha e air a ràdh, gu robh i mòr air an talamh. (1.) A dh’ fhireanachadh geur-cheartas Dhé, anns gu’n d’rinn e, cha’n e mhàin peacaich a ghearradh as, ach gu’n do sguab e dheth na creutairean bruideil leis an dìle; a chum agus mar a chuir daoine comharan na m-dhiadhachd air an talamh, gu’n euireadh Dia comharan a chor-ruich air (2.) A nochdadh uamharrachd am peacaiddh, ann an deanamh na talmhainn, a rinn Dia a sgeudachadh airson feum an duine, ‘na shlochd peacaiddh, agus ‘na ionad-chuiche gu aingidheachd a chur an gnìomh gu ladurna an aghaidh nèimh. Chunnaic Dia truaillidheachd a’ chaithe-beatha so, cha’n e mhàin gu’n robh fios aig air, agus gu’n d’thug e fa’near e; ach thug e orrasan fios aig air, agus gu’n d’thug e fa’near e, agus nach do thréig esan an talamh ged thréig iadsan nèamh.

San dara àite, Truaillidheachd an nàduir.

“Bha uile bhleithneachadh smuaintean a chridhe a mhàin ole gach uair.” Tha’n uile dhroch cleachdan ann an so air an lorgachadh a dh’ ionnsuidh tobair a’ chinn-aobhar. B’e eridhe truaillidh an tobar o’n do shruth e uile. Tha’n t-anam a bha air a dheanamh treibhdhireach ‘na uile bhuaghaibh, a nis air a chur as a riaghailt. Tha’n eridhe bh’air a dheanamh a réir eridhe Dhé féin, a nis calg dhireach ‘na aghaidh, ‘na inneal deilbh gach uile dhroch smuaintean, ‘na shlochd gach fonn-collaidh, agus ‘na thigh-tasgaidd gach uile neo-dhiadhachd, Mare vii. 21, 22. Feuch eridhe an duine nàdurrà, mar a tha e air a thaibsean ‘nar bonn-teagaig. Tha’n intinn air a salachadh; tha smuaintean a’ chridhe ole. Tha’n toil agus na h-aigndhean air an salachadh; tha breithneachadh smuaintean a’ chridhe, (sin ri ràdh, ciod a ta’n eridhe a’ deilbh an taobh a stigh dheth féin le smuain-eachadh, mar a tha breithneachadh, roghnachadh, rùpan, innleachdan, iarrtuis, na h-uile gluasad o’n taobh a stigh; no mar is fearr a dh’ fheudar a ràdh, a ta deilbh smuaintean a chridhe, eadhon, deilbh, deanamh, no cumadh nan nithe sin ole, 1 Eachd. xxix.19.) Seadh, agus tha na h-uile bhreithneachadh, na h-uile dheilbh-smaintean a’ chridhe mar sin. Tha’n eridhe do ghnath a deilbh ni-éigin; ach cha’n ‘eil e uair bith a’ deilbh aon ni ceart; tha deilbh nan smuaintean, ann an eridhe an duine ro-chaochlaidheach; gidheadh cha’n ‘eil iad uair sam bith air an eur ann am fonn ceart. Ach nach ‘eil air a’ chuid is lugha, coimeasga do mhaith annta? Cha’n ‘eil, tha iad a mhàin ole; cha’n ‘eil ni sam bith annta a tha maith agus taitneach do Dhia: cha mho is urrainn do ni sam bith a ta maith teachd a mach as an ionad-dheilbh sin; far nach ‘eil Spiorad Dhé, ach “prionnsa cumhachd an adheir ag oibreach,” Eph. ii. 2. Ciod air bith atharrachadh a dh’ fheudar fhaotainn annta, ‘s ann a mhain o ole gu h-ole a tha e: oir tha breithneachadh a’ chridhe, no dealbh nan smuaintean ann an daoine nàdurra, do ghnath, no na h-uile là ole. O’n cheud là, gus an là mu dheireadh dhoibh anns an staid so, tha iad ann an dorchadas, mar mheadhon-oidheche; cha’n ‘eil an dearsadh a’s lugha do sholus no do naomhaichd annta; cha’n urrainn aon smuain naomh teachd gu brath o’n chridhe mhi-naomha. O eia gràineil an eridhe so! O eia truaillidh an nàdur o ta’n so! a’ chraobh a tha do ghnàth a’ toirt a mach toraidh, ach gun toradh maith uair sam bith, ciod air bith fearann sam bi i air a suidheachadh, ciod air bith saothair a ghabhair orra is éigin di bhi gu nàdurra ‘na droch chraoibh: agus ciod is urrainn an eridhe sin a bhi, aig am bheil uile bhreithneachadh, uile dheilbh a smuaintean, a mhàin ole, agus sin an comhnuidh? Tha gu cinnteach an truaillidheachd sin air a suidheachadh ‘nar eridhe, air a filleadh a steach ‘nar nàdur, rànuig i steach gu smior an anama; agus cha bhi i air a leigheas gu brath, ach le miorbhuil gràis. A’ nis is ann mar sin a ta nadur, gus am bi e air atharrachadh le gràs nah-ath-ghineamhain. Chunnaic Dia a ta rannsachadh a’ chridhe gun robh eridhe an duine mar sin, thug e aire àraid dhà: agus cha’n urrainn do’n fhiannuis fhirinneach agus fhiar a bhi am mearachd do thaobh ar staid; ged tha sinne ro-ullamh air dol am mearachd anns a’ chùis so, agus gu tric g’a chur suarach.

Thoir an aire nach bi smuain ann ad dhroch chridhe ag ràdh, ciod sin duinne? Sealladh an ginealach ris an robh am focal sin a’ labhairt ris na nithibh sin. Oir dh’ fhàg an Tighearna eor a’ ghinealaich sin air chuimhne, gu bhi ‘na sgàthan do na h-uile ginealaich ‘nan deigh; anns am feud iad truaillidheachd an eridhe féin fhaicinn, agus cionnus a blitheadh an caithe-beatha féin mar an ceudna, mur cuireadh esan bacadh orra: “Oir, mar ann an uisge a fhireagras aghaidh, mar sin freagraidh eridhe duine do dhuine,” Gnath-fhoc. xxviii. 19. Dheilbh tuiteam Adaimh eridheachan gach uile dhaoine co-ionnan san ni so. Uaithe so tha’n t-Abstol, Rom. iii. 10—18. a’ dearbhadh truaillidheachd nàduir, eridheachan agus beatha nan uile dhaoine, o na tha’n Salmadair ag ràdh mu ‘na h-angidh ‘na la féin, Salm xiv. 1, 2, 3.; v. 9.; exl. 3.; x. 7.; xxxvi. 1.; agus o na tha Ieremiah ag ràdh ‘na là-san, Ier. xi. 3. agus o natha Isaiah ag ràdh mu na daoine bha beo ‘na là-san, Isa. lvii. 7, 8, agus a’ eriochnachadh leis sin, ann an Rom. iii. 19. “A nis a ta fhios againn ge b’e nithe a ta’n lagh a’ labhairt, gur ann riusan a ta fuidh’n lagh a ta e ‘gan labhairt: chum gu druidear gach uile bheul agus gu’m biodh an saoghal uile buailteach do dhiteadh Dia.” Nam biodh eachdraidh na dìle air toirt dhuinne gun an reusan a thoirt a ta sa’ bhonn-teagaig; dh’ fheudamaid uaithe sin truaillididheachd agus seacharan nàduir an duine gu h-iomlan fhaicinn; oir ciod eile a chomh-stri a dh’fheudadh a bhi aig Dia naomh agus ceart ris na naoidheana a bha air an sgrios leis an dìle, oir cha robh peacadh gniomh aca? Nam faiceadh sinn duine glic, air dha mìr do obair innealta dheanamh, agus e làn-toilichte leis ‘nuair a chuir e as a laimh e, mar mhìr a bha iomchuidh airson an fhèum a shonruich e air a shon, ‘ag eirigh suas ann am feirg agus ‘ga bhriseadh ‘na bhloidibh, ‘nuair a dh’ amhaire e air an déigh sin; nach measamaid gu’n robh an deilbh aig air a thur-mhilleadh, an déigh dha dol as a laimh, agus nach ‘eil e iomchuidh airson an fhèum sin a runaicheadh air a shon an toiseach? Cia mò gu mòr, ‘nuair a chi sinn an Dia naomh agus glic, a’ sgrios obair a lamha fèin, mu’n dubhairt e aon uair gu soleimnte gu’n robh e gu ro-mhaith, nach feum sinn a mheas gu bheil a’ chend dealbh air a tur-mhilleadh, nach feud i bhi air a càradh, ach gur eigin di bhi air a deanamh nuadh, no air a eur air eul gu h-iomlan? Gen. vi. 6, 7. “Agus b’aithreach leis an Tighearna gu’n d’rinn e’n duine air an talamh, agus thog e doilgheas dha na chridhe: agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi’n duine:” no dubhaidh mi mach e, mar a dhubhas duine mach áraid nach urra bhi air a cheartachadh le cuid do na litrichibh no do na focail a ghearradh a mach, agus litrichean agus focail eile chur an sud san so ‘nan àite; ach is éigin gu’m bi e gu h-iomlan air a dheilbh as ùr. Ach an d’ thug an dìle air falbh truaillidheachd nàduir an duine; An do leasaich i a’ chuis? Cha do leasaich. Tha Dia, ‘na fhreasdal naomha, “chum gu druidear gach uile bheul, agus gu’m bi an saoghal nuadh uile buailteach do dhìteadh Dhé,” co maith ris an t-sean saoghal, a’ ceadachadh do thruaillidheachd nàduir briseadh a mach ann an Noah, athair an t-saoghail nuaidh, and dèigh do’n dìle dol seachad. Feuch esan mar Adamh eile, a’ peacachadh le meas eraibhe,” Gen. ix. 20, 21. “Shuidhich e fion-ghàradh, agus dh’òl e do’n fhion, agus bha e air mhig, agus bha e lomnochd a stigl ‘na bhùth.” A thuilleadh air sin, tha Dia a’ tabhairt an reusain cheudna an aghaaidh dìle nuaidh, thug e ann ar bonn-teagaig airson dìle thabhairt air an t-seann saoghal: “Cha mhalluich mi, ars esan, a ris an talamh nì’s mò air son an duine, oir a ta smuaiste cridhe an duine ole o’ òige,” Gen. viii. 21. Leis am bheil fios air a thoirt duinne, nach ‘eil leasachadh air a’ ghnothach leis a’ mheadhon so; agus nam b’e ‘s gu’n gabhadh e do ghnàth a’ cheart rathad ri daoine a rinn e, bhiodh e do ghnàth a’ eur tuiltean air an talamh, do bhrigh gu bheil truaillidheachd nàduir an duine a’ buanachadh mar a bha e. Ach ged nach b’urrainn an dìle truaillidheachd nàduir a thabhairt air falbh, gidheadh sheòl i dh’ ionnsuidh an rathaid leis an bheil e air a dheanamh; sin ri ràdh, gur éigin do dhaoine bhi air am breith o uisge agus o’n Spiorad, air an togail o bhàs spioradail ann am peacadh le gràs Iosa Crìosd, a thainig trid uisge agus trid fuil; a mach as am bheil ag eirigh saoghal nuadh do naoimh ann an ath-ghineamhuin, eadhon mar a bha’n nuadh-shaoghal do pheacaich ag éirigh a mach as na h-uigeachan, far an robh iad fada ‘nan luidhe adlaichte (mar gu ba’n) san àire. Tha sinn ag iunnsachadh so e 1 Phead. iii. 20, 21, anns am bheil an t-Abtol a’ labhairt mu àire Noah, ag ràdh, “Anns an robh beagan sin r’a ràdh ochd anaman, air an tearnadh trid uisge. Tha’m baisteadh mar shamladh a tha co- fhreagradh dha so ‘gar tearnadh-ne.” A nis air bhi do uisgeacha na dìle ‘nan samhladh a ta eo-fhreagradh do’n bhaisteadh; tha e gu soilleir a’ leantuin, gu’n robh iad -u’ ciallachadh (mar a ta ‘m baisteadh a’ deanamh) ionnlad na h-ath-ghineamhuin, agus ath-nuadhachadh an Spiorad naoimh.

Gu comb-dhunadh ma ta, feudaidh na h-uiseacha sin, ged tha iad a nis air an tiormachadh suas, a bhi mar sgathan duinne, anns am feud sinn truaillidheachd iomlan ar nàdur, agus mòr-fheum na h-athghineamhuin fhaicinn.

O’n bhonn-teagaig mar so air a mhìneachadh, Tha ag eirigh an teagasg cudthromach so, a dh’ fheudas esan aruiteas a leughadh sin ri radh, “Gu bheil nàdur na duine a nis gu h-iomlan air a thruilleadh.” A nis tha caochladh truagh, atharrachadh iongantach, ann an nàdur an duine! Far nach robh air tìr aon ni ole; a nis cha’n ‘eil aon ni maith. Ann an leantuin an teagaig, nimi.

Air tìs, A dhaignheachadh.

San dara àite, Nochdaidh mi truaillidheachd nàdur, ‘na earrannaibh fa leth.

Sans treas àite, Nochdaidh mi dhuibh cionnta a tha nàdur an duine mar so air a thruilleadh.

San àite mu dheireadh, Nithear an co chur.

Ri leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice