Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1931 » March 1931 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.

(Continued from page 390.)

5. Dearbhadh.

Ach eod air bith eo doilich is a tha e an inntinn a chumail air smuaintibh maith; leanaidh i mar ghlaoidh, ris an ni sin a ta ole agus truailidh, cosmhuil rithe féin! Pead ii. 14. “Aig am bheil suilean lan do adhaltransas, agus do nach ‘eil e’n comas sgrur do pheacadh.” Cha’n urrainn an suilean sgrur do pheacadh, (mar sin tha’m focal a’ ciallachadh,) is e sin, tha’n eridheachan agus an inntinnean, a’ taomadh a mach air an suilean, an ni a ta’n taobh a stigh; tha iad cosmhuil ri beathaich nach urrainn a bhi air a chumail a stigh aon uair ‘s gu’m faigh e a cheann a mach. Leig leis an smuain thruailidh aon uair dol fuasgailte air a cuspair féin; bithidh e ‘na obair chruaidh a toirt air a h-ais uaithe a ris, ged a bhitheadh reusan agus toil air son a toirt air a h-ais. Oir, ann an sin tha i ‘na fonn féin; agus tha bhi ‘ga tarruing o a neoghloine, mar gu’m biodh iasg air a tharruing as an uisge, no mar gu’m biodh aon d’ a bhuill air a reubadh o dhuine. Ruithidh an inntinn cosmhuil ri teine air a chur ri fùdar, nach gabh fois gus nach urrainn e dol ni’s faide.

6. Dearbhadh.

Thoir fa’near mar tha’n inntinn fheolmhor a’ deanamh suas uireasbhuidh fior-chuspairean do’n chridhe thruailidh; a chum gu’n dean i air a’ chuid is lugha peacach sona ann o bhi, a’ mealltainn sonais ‘nan smuaineachadh air ana-miannaibh. Mar so tha’n cridhe truailidh ga bheathachadh féin le peacannaibh smuaineachaidh. Tha ‘n duine neo-ghlan air a lionadh le breithneachadh neo-ghlan, air d’a shùlean a bhi làn adhaltranais; lionaidh an duine sanntach a chridhe leis an t-saoghal, ged nach urrainn e a lànhan a lionadh leis; cuiridh an duine mì-runach, le tlaichd an gniomh a dhioghaltais ‘na uchd féin; tha’n duine farmadaich, an taobh a stigh d’a inntinn chumhann a’ beachdachadh le toil-inntinn air a choimhearsnach air a leagail ional; agus gheibh na h-uile ana-miann an inntinn thruailidh ‘na earaid dhoibh ann an àm feuma. Agus mar so tha’n inntinn a’ deanamh, cha’n ann a mhain ‘nuair a tha daoiné ‘nan faireach, ach air uairibh, eadhon an uair a tha iad ‘nan eodal; leis am bheil e tachairt, gu bheil na peacanna sin air an eur an gniomh ann am bruadair, air an robh an eridheachan a’ ruith an uair a bha iad ‘nam faireach. Tha fios agam, gu bheil cuid a’ eur amharus air peacadh nam nithe sin: ach an urrainn sinn a smuaineachadh, gu bheil iad sin co-fhreagarach ris an nàdur naomh agus an fhoann spiorad sin, a bha ann an Adhamh neo-chiontach, agus ann an Iosa Criosd, agus bu choir a bhi anns na h-uile duine? Is e truaillidheachd an nàduir, air an aobhar sin, a ta diteadh an “luchd-bruadair neo-ghlan,” Iud. 8. Bha fiosrachadh aig Solamh air cleachdanna grais ‘na eodal: Ann am bruadar rinn e an roghainn a b’fhearr; ghabhadh riu araon le Dia, I Righ iii. 5—15. Agus ma dh’ fheudas duine, ‘na chodal, sin a dheanamh a ta maith agus taitneach do Dhia? cionnus mar an ceudna nach feidh e ‘na chodal sin a dheanamh a ta ole agus mi-thaitneach do Dhia? B’ail le Solamh ceudna, gu’m biodh daoiné air am faicill uaithe so; agus tha e tabhairt an leighis is fhearr ‘na aghaidh, ‘se sin, “An lagh air a’ chridhe,” Gnath-fhoe. vi. 20, 21. ‘Nuair a choidleas tu (rann 22,) gleidhidh e thu; eadhon, o pheacachadh ann ad chodal: is e sin, o bhruaidair peacach. Oir neach a bhi air a chumail o pheacadh, (cha’n ann o thrioblaid,) ‘se sin fior-éifeachd lagh Dhé a bhi air a dhaingeachadh air a chridhe, Salm cxix. 11, agus mar so tha’n rann uile ri bhi air a tuigsinn, mar a chi sinn o rann 23. “Oir is lochran an àithne; agus is solus an reachd: agus is iad slighe na beatha, achmhasain teagaig.” A nis tha’n lagh ‘na lochran soluis, mar a tha e a’ treorachadh ann an slighe dleasdanais; agus is iad achmhasain theagaig o’n lagh slighe na beatha mar a tha iad a’ cumail o pheacadh, ni mò am bheil iad a’ treorachadh ann an slighe na sithe, ach mar a tha iad a’ stiùradh ann an rathad an dleasdanais; is cha mhò a tha iad a’ cumail duine o thrioblaid, ach mar a tha iad ga chumail o pheacadh. Agus is comharaichte an ni araid anns am bheil Solamh a’ leigeil so ris, eadhon peacadh na neo-ghloine, “Chum do ghleidheadh o’n droch mhnaoi,” rann 24, a ta ri bhi air a ceangal ri rann 22, mar a chithear ann an cuid do na h-eadar-theangaichean. Is leoir na nithe so a dhearbhadh dhuinne mu chlaonadh nadurra so na h-inntinn gu ole.

Sa’ cheathramh àite, Tha eas-aonta anns an inntinn fheolmhor, an aghaidh firnean spioradail, agus grain ann an gabhail riu. Tha i ‘na caraid co beag do fhirinnibh diadhaidh, is a ta i do naomhachd. Tha firnean a’ chreidimh nadurra, a ta, mar gu b’ann a’ deanamh spairn gu dol a steach a dh’ inntinnibh dhaoine nadurra, a’ cumail phriosanach “ann an neo-fhireantachd,” Rom. i. 18. Agus do thaobh firnean a’ chreidimh-fhoillsichte, tha droch eridhe an ana-creidimh annta, a ta cur an aghaidh an leigeadh a steach, agus tha neart airm-chogaidh feumail, a thoirt na h-inntinn am braighdeanas gu’n creidsinn, 2 Cor. x. 4, 5. Rinn Dia foillseachadh air ‘inntinn agus air a thoil do pheacaich, mu shlighe na slainte: “Thug e dhuiinn teagasg ‘fhocal naoimh:” Ach am bheil daoine nadurra da rìreadh ga creidsinn? Cha’n ‘eil gun amharus: “Oir, esan nach creid ann am mac Dhé, cha’n ‘eil e a’ creidsinn Dhé,” mar tha ‘soilleir, 1 Eoin v. 10. Cha’n ‘eil iad a’ creidsinn geallanna an fhocail; tha iad ag amhare orra a mhàin mar bhriathra taitneach: Oir, iadsan a ta gabhail riu, tha iad leo sin air an deanamh ‘nan luchd comb-pairt do’n nadur dhiadhaidh, 2 Phead. v. 10. Tha na geallanna mar chuid airgid, air an leigeadh a nuas o neamh a tharruing pheacaich a dh’ ionnsuidh Dhé, agus gu’n aiseag thairis gu tir a’ gheallaidh; ach tha iad gan tilgeadh uatha. Cha’n ‘eil iad a’ creidsinn bagraidh an fhocail. Mar dhaoine a ta air thurus ann am fàsach, a’ giùlan teine leo, a chur teicheadh air beathaichibh fiadhaich; mar sin rinn Dia a lagh ‘na “lagh teine,” (Deut. xxxiii. 2,) ga chuairteachadh le bagraidh feirge: ach tha daoine gu nadurra n’ as bruideile na na beathaiche féin; agus is eigin doibh beantunn ris a’ bheinn thoimtich neulaich, ged a rachadh an sathadh troimhe le sleagh! Cha’n ‘eil teagamh agam, nach tagair a’ chuid is mò dhibhse a ta fathast ann an staid dhorch’ an nàduir, nach ‘eil sibh eiontach: Ach, euimhnichibh, gu’n robh na h-Iudhaich fheolmhor, ann an làithibh Chriosd, eo earbsach, ribhse gu’n do chreid iad Maois, (Eoin ix. 28, 29,) ach tha esan a’ cur an earbsa ‘na tosd, le innseadh dhoibh gu soilleir, “nan creideadh sibh Maois, chreideadh, sibh mise,” Eoin v. 46. Nan creideadh sibh firinnean Dhé, cha bhiodh a dhanadas agaibh tair a dheanamh mar a tha sibh a’ deanamh, Airsan, is e’n fhìrinn féin. Tha cheart eigin a ta sibh a’ faotainn ann an co-aontachadh leis an fhìrinn so, a’ brath an neo-creidimh a tha mi cur as ‘ur leth. Nach d’ thàinig e eo fad air aghaidh aig cuid anns an là so, as gu’n do chruadhaich iad an ceann-aidhean le an-danadas agus le an-diadhachd, air chor as gu bheil iad gu follaiseach a’ deanamh tair air na h-uile creidimh foillsichte? Gu cinnteach is ann á pailteas a’ chridhe a tha’m beoil a’ labhairt. Ach ged nach ‘eil sibhse a’ togail ‘ur guth an aghaidh nan neamha, mar tha iadsan a’ deanamh; tha cheart ffreumh do neo-chreidimh anns na h-uile dhaoine, a thaobh naduir; agus tha e a’ rioghachadh annaibhse, agus rioghaichidh e, gus an dean cumhachd gràis ‘ur n-inntinnean a thoirt an braighdeanas do chreidimh na firinn. A chum dearbhadh a thoirt duibh air a’ cheann so, thugaibh aire do na tri nithibh a leanas.

1. Dearbhadh.

Cia teare iad a ta air am beannachadh le soillseachadh san taobh a stigh, le obair àraid Spioraid Chriosd, a’ tabhairt beachd dhoibh air firinnibh diadhaidh ‘nan dealradh spioradail agus neamhaidh? An d’fhoghluim sibhse firinnean a’ chreidimh, a ta sibh ag aidmheil? Tha iad agaibh a mhain le sochair foillseachaidh o’n taobh a mach, agus o bhr foghlum; air chor as gu’m bheil sibh ‘nur Criosduidhean, a chionn nach d’rugadh agus nach do theagaisgeadh sibh ann an dûthaich Phaganach, ach ann an dûthaich Chriosduidh. Tha sibh ‘nur coigrich do obair an Spiorad naoimh, o’n leth a stigh a’ togail fianuis air-an fhocal, agus leis an fhocal ann bhr eridheachan; agus mar sin cha’n urrainn duibh dearbhaechd a’ chreidimh a bhi agaibh, a thaobh an fhoillseachaidh o’n taobh a mach a ta air a dheanamh anns an fhocal, 1 Cor. ii. 10, 11, 12. Agus tha sibh air an aobhar sin fathast ‘nur neo-chreidich. “Tha e scriobhta sua fáidhibh, Agus bithidh iad uile air an teagasg o Dhia. Gach nach uime sin a chuala agus a dh’ fhoghluim o’n Athair, thig e a m’ ionnsuidhse,” ars ar Tighearna, Eoin vi. 46. A nis cha d’ thàinig sibh a dh’ ionnsuidh Chriosd; air an aobhar sin cha robh sibh air bhr teagasg o Dhia. Cha robh sibh mar sin air bhr teagasg, agus uime sin, cha d’ thàinig sibh; cha’n ‘eil sibh a’ creidsinn. Faicibh am foillseachadh o’m bheil eadhon creidimh ceud-thoiseach teagaisg a’ sruthadh, Mata xvi. 16, 17. “Is tusa Criosd, Mac an Dé bheò. Is beannaichte thusa, a Shimoin Bhar Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feoil sin duitse, ach m’ Athair-sa a ta air nèamh.” Ma bheanas Spiorad an Tighearna gu bràth riutsa, a dh’ oibreachadh annad a’ chreidimh sin a ta do oibreachadh Dhé; feudaidh e bith gu’m bi urrad aimsir air a caitheadh ann an tilgeadh sios na seann steigh as a bheir ort a thuigsinn am mór-fheum a ta air oibreacadh a threin-neirt, agus gu d’ neartachadh gu creidsinn a’ cheart cheud-thoiseach teagaig, a ta thu a nis a’ smuaineachadh, anns nach ‘eil thu a’ cur teagamh, Ephes. ii. 19.

2. Dearbhadh.

Cia iomadh luchd-aidmheil a rinn long-bhriseadh d’ an creidimh, (a leithid ‘sa bha e,) an àm buairidh agus dèuchainn! Faie mar thuiteas iad mar reultan o neamh, an uair a tha’n t-Ana-crìosduidh a’ buadhachadh! 1 Tesa. ii. 11, 12. “Cuiridh Dia treun oibreacadh meallaidh d’ an ionnsuidh, ionnus gu’n creid iad a’ bhrèug; chum gu’m bi iad uile air an diteadh, nach do chreid an fhìrinn.” Tuitidh iad ann am meallaidhean damnuidh, a chionn nach do chreid iad riamh an fhirinn, ge do shaoil iad féin agus daoin’ eile mar an ceudna, gu’n do chreid iad i. Tha ‘n tigh sin air a thogail air a’ ghaineamh, agus tha’n creidimh sin air droch stèigh, nach giùlain a mach, ach a ta gu h-uile air a tilgeadh sios, ‘nuair a thig an doiniomn.

3. Dearbhadh.

Tabhair fa’near eo neo-fhreagarach is a ta eaithe-beatha a’ chuid is mo do dhaoine, ris a’ chreidimh a ta iad ag aidmheil: Feudaidh tu an àird an ear agus an àird an iar a thoirt euideachd eo luath ‘sa bheir thu an aidmheil agus an cleachdan-sa euideachd. Tha daoine a’ creidsinn, gu’n loisg an teine iad; agus air an aobhar sin cha tilg siad iad féin ann: Ach is fior, gu’m bheil a’ chuid is mò do dhaoine ag eaitheamh am beatha, mar gu’n smuainicheadh iad nach ‘eil an soisgeul ach mar sgeula faoin, agus nach ‘eil ann am fearg Dhé air a foillseachadh ‘na fhocal, an aghaidh an neo-fhireantachd agus am mi-dhiadhachd, ach ni a mhàin a chur eagail orra. Ma tha sibh a’ creidsinn teagasg an fhocal, cionnus a tha e tachairt gu’m bheil sibh eo neo-churamach mu staid bhur n-anama am fianuis an Tighearna. Cionnus a tha e tachairt gu’m bheil sibh eo-beag cùram mu’n phuine chudthromaich sin, Co dhiubh a tha no nach ‘eil sibh air bhur breth a ris. Tha mòran a’ eaitheamh am beatha mar a rugadh iad, agus tha iad cosmhuil ri basachadh mar tha iad a’ eaitheamh am beatha, agus gidheadh tha iad beo ann an sìth! Am bheil iadsan a’ creidsinn peacaidh agus truaighe na staid nàduir? Am bheil iad a’ creidsinn gu’m bheil iad ‘nan cloinn feirge? Am bheil iad a’ creidsinn nach ‘eil slainte as eugmhais ath-ghineamhuin; agus nach ‘eil ath-ghineamhuin ann, ach sin a ta deanamh duine ‘na chreutair nuadh? Ma tha sibh a’ creidsinn geallanna an fhocail, c’arson nach ‘eil sibh a’ gabhail riu, agus a’ saoithreachadh gu dol a steach do’n fhois a th’ air a gealltuinn? Co ‘n lundaire nach cladhaicheadh air son ionmhais fholaichte nan creideadh e da rìreadh gu’m faigheadh se e? Oibrichidh daoine le fallas an gruaidh air son loin, do bhrigh gu bheil iad a’ creidsinn, le sin a dheanamh, gu’m faigh iad e; gidheadh cha dean iad saothar iomchuidh air son an trom chudthrom shiorruidh do ghloir! C’arson, ach do bhrigh nach ‘eil iad a creidsinn focail a gheallaidh? Eabh. iv. 1, 2. Ma tha sibh a’ creidsinn nam bagraidhean, cionnus a tha sibh a’ caitheadh blur beatha ‘nur peacannaibh, a’ caitheadh blur beatha mach á Criosd, agus gidheadh duil agaibh ri tròcair? Am bheil an leithide sin a’ creidsinn gu’r e Dia an t-on naomh agus ceart, nach saor air sheol sam bith an ciontaich? Cha’n ‘eil, cha’n ‘eil; cha’n ‘eil a h-aon a’ creidsinn: “cha mhor gu bheil aon a’ creidsinn, cia co ceart an Dia ‘sa tha’n Tighearn, agus cia co garg is a ni e dioghaltas!”

Ri leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice