MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.
(Continued from page 190.)
1. Tha na h-uile duine neo-iompaichte, ‘na namhaid do Chriosd, ‘na oifig faidh.
Tha e air orduchadh leis an Athair, mar am Faidh mòr agus am Fear-teagaig; ach cha’n ann air gairm an t-saoghail, a chuireadh ‘na aghaidh le aon ghuth ‘nan staid nadurra; agus air an aobhar sin, an uair a thainig e, bha e, air a dhiteadh mar fhear-meallaidh agus toibheum. Mar dhearbhadh air an naimhdeas so, bheir mi fa’near dà ni.
1. Dearbhadh.
Thoir fa’near an aoidheachd a tha e faotainn, ‘nuair tha e teachd a theagasg anama san taobh a stigh le Spiorad. Tha daoine deanamh na dh’fheudas iad ‘a dhruideadh an cluas, cosmhui ris an nathair bhodhar, a chum as nach cluinn iad a ghuth; tha iad a ghnàth a’ eur an aghaidh an Spioraid Naomh. Cha’n ‘eil iad ag iarraidh eolas a shligheanna; agus tha iad uime sin, ag iarraidh air imeachd uapa. Tha’n seann droch-sgeul gu trie air a thogail ‘na aghaidh, san àm sin, Eoin x. 20. “Tha e air mhi-cheill, c’arson a tha sibh ag éisdeachd ris?” Tha saothair anama a th’ air a dhusgadh le spiorad na daorsa, air a mheas le moran mar bhoile agus mar chuthach; tha daoine mar so a’ toirt toibheim do obair an Tighearn a chionn gu bheil iad féin air mhi-cheill, agus nach urrainn iad breth a thabhairt air na nithibh sin.
2. Dearbhadh.
Thoir fa’near an aoidheachd a tha e faotainn ‘nuair a tha e teachd a theagasg dhaoine o’n taobh a mach le ‘fhocal.
(1.) Tha dímeas air a dheanamh air ‘fhocal sgriobhta, am Biobul:
dh’fhàg Criosd againn e, mar an leabhar air son ar teagaig, a sheoladh dhuinn an slighe anns am feum sinn gluasad, nam bu mhaith leinn teachd gu duthaich Emanuel. Is lochran e, a thoirt soluis dhuinn tre shaoghal dorcha, gu solus siorruidh. Agus dh’ fhaig e mar fhiacha oirnn gu’n ramnsaicheamaid e leis an dichioll sin, leis an cladhaicheadh daoine anns an talamh airson airgid agus òir, Eoin v. 39. Ach, mo thruaighe! cionnus a tha’n t-ionnhas naomh so air a mhi-naomhachadh le moran! Tha iad
a’ deanamh fanoid air an fhoical naomh, leis an teid breth a thoirt orra aig an là dheireannach: agus is fearr leo an anama a chall no dealachadh ri ‘m fanoid; a’ sgeudachadh an cainnt fhein-speiseil ana-miannach le briathraibh seriobtuir; anns am bheil iad a’ deanamh ni co mi-chiallach, as ge do ehladhaicheadh neach ann an slochd a dh’ fhaotainn miotailte, gu leaghadh, chum a thaomadh sios ‘na scornan féin agus an scornan a choim-hearsnaich! Tha mòran gan eaitheadh féin, a leughadh leabhraich sgeula agus tha’n inntinnean tòir orra, mar tha’n lasair air an asbluain thioram; ‘nuair nach ‘eil eridhe no blas aca do’n fhoical naomh, agus air an aobhar sin, is ainnic a ghabhas iad Biobul ‘nan laimh. Ge b’e ni ta taitneach do dhiomhanas an inntinn, tha e solasaich agus ciatach; ach ge b’e ni tha moladh naomhachd d’ an eridheachan mi-naomha, tha sin a’ deanamh an spioraid trom agus muladaich. Is mor an toil-inntinn a gheibh iadsan ann an leughadh oran diomhain, no leabhar sgeulaichd, d’ am bheil am Biobul co beag blas ri gealagan uibhe! Tha moran a’ eur seachad am Biobuil le’n eudach-Sàbaid; agus ciod sam bith feum a tha aca air an trusgain, cha’n ‘eil feum a’ air am Biobuil, gu pilleadh na h-ath-Shàbaid. Mo thruaighe! Tha’n duslach a tha huidhe air bhur Biobuil ‘na flianuis ‘nur n-aghaidh a nis, agus bithidh e ‘na flianuis aig an là dheireannach air naimhdeas ‘ur eridheachan an aghaidh Chriosd mar Fhàidh. Thuilleadh air so uile, measg na muinntir tha gu gnàthaichte a’ leughadh nan Seriobtuir, nach teare iad a tha ‘ga leughadh mar fhoical an Tighearna d’ a anamaibh, agus a tha cumail co-chomunn ris anns an fhoical. Cha’n ‘eil iad a’ deanamh a theisteis ‘nan eomhairlichean dhoibh; agus cha’n ‘eil an eor fa leth ‘gan eur a dh’ionnsuidh am Biobuil. Tha iad ‘nan coigreich do fhiar shòlas nan Seriobtur. Agus ma tha iad uair sam bith trom-inntinneach, is ni eigin eile thuilleadh air an fhoical a dh’ ath-bheothaicheas iad; mar a bha Ahab air a leigheas o throm-inntinn, le fion-lios Naboit fhaotainn.
(2.) Tha dìmeas air a dheanamh air focal Chriosd air a shearmonachadh.
Tha’n aoidheachd a thug a’ chuid is mò do’n t-saoghal, a dh’ ionnsuidh an robh e air a chur, air a h-ainmeachadh ann am, Mata xxii. 5. “Chuir iad an suarachas
e.’ Agus a thaobh an fhocail, tha dímeas air a dheanamh orrasan a ta ‘ga shearmonachadh; ciod air bith leithsgel eile ghabhas daoiné air son an tair air a’ mhuinistreileachd, Eoin xv. 20. “Cha’n ‘eil an seirbhiseach ní’s mò na a Tighearn. Ma rinn iad geur-leanmhuinn ormsa, ní iad geur-leanmhuinn oirbhse mar an ceudna; ma ehoimhid iad m’ fhoelsa, coimhididh iad bhur focalsa mar an ceudna. Ach na nithe so uile ní iad oirbh air son m’ ainme-sa.” Gu’m b’e Lebhi am mae a bh’ air fhuathachadh, is diomhaireachd e, a rinn an saoghal a mhíneachadh, anns gach linn. Ach ged tha’n soitheach eriadha san do chuir Dia an t-ionnhas air a thionndadh le moran gu soithlichean anns nach ‘eil tlaichd sam bith; gidheadh, c’arson a tha’n t-ionnhas féin air a chur an dímeas? Ach tha dímeas air a dheanamh air, agus sin le fianuis air an lù’n diugh. A Thighearn, co a chreid ar teachdaireachd? Co ris a labhras sinn? ‘S urrainn daoiné, Sabaidean tosdach, aon an deigh aon a dheanamh dhoibh féin, gun chlaoichd d’an cogais; agus mo thruaighe! an uair a ta iad a’ teachd gu orduighean, cha’n ‘eil iad sa’ chuid mhór ach ‘gan taisbeanadh féin (mar tha’m focal, gu bhí air am faicinn) an lathair an Tighearn, agus gu a chuirtean a shaltairt; mar a dheanadh àireamh do bheathaichean, nam biodh iad air an iomain d’an ionnsuidh, (Isa. i. 12) ‘s co beag a chithear do urram agus do eagal Dhia air an spioraid! Tha mòran a’ seasamh mar bhallachan umha ‘g éisdeachd an fhocail, nach dean searmonachadh an fhocail am bhriseadh is lugha air an eath-beatha truaillich? Cha teare iad a tha fàs ní’s miosa, fuidh àithn’ air àithne, agus is e as erioch dha so uile, tha “iad a’ dol, agus a’ tuiteam air an ais; agus a’ briseadh, agus air an ribeadh, agus air an glaeadh! Isa. xxvii. 13. An leoir deoir fhola a chaoichd, gu’m bheil (an soisgeul) gràs Dhé, mar so air a ghabhail ann an diomhain! Cha’n ‘eil annaíne ach guth aoin ag éigheach, tha’m Fear-labhairt ann an neamh, agus tha e a’ labhairt ribhse o neamh le daoiné: C’arson a tha sibh ‘ga dhuiltadh-san a ta labhairt? Eabh. xii. 25. Rinn Dia ar Maighistir-ne ‘na oighre air na h-uile nithibh, agus chuireadh sinne a dh’ iarraidh ceile dha. Cha’n ‘eil neach ann co luachmhor, ris-san! Cha’n ‘eil aon co neo-airidh as a ta iadsan do am bheil an taigse so air a
tabhairt! Ach tha prionnsa an dorchadais air a roghnachadh air thoiseach air Prionnsa na sith! Thaing neul uamhasach dorchadais air an t-saoghal le peacadh Adhaimh: ni’s uamhasaiche, no ged bhiodh a’ ghrian, a’ ghealaich agus na reulta gu brath air am filleadh a suas ann an duibhre dorchadais! Agus an sin blitheamid gu siorruidh ‘nar luidhe, mur biodh gràs so an t-soisgeil, air a thaisbeanadh mar ghrian dhealraich gu flogradh air falbh, Tit. ii. 11. Ach gidheadh tha sinn a’ teicheadh mar chailleach-oidhche uaithe! agus, mar na beathaichean fiadhaich, tha sinn a’ luidhe sios ann ar sluichd: ‘Nuair a tha ghrian ag éirigh, tha sinn air ar bualadh dall le solus; agus mar chreutairean dorchadais, a gradhaichadh dorchadais a roghainn air solus! ‘Sann mar sin a tha naimhdeas eridheachan dhaoine an aghaidh Chriosd, na oifig fàidh.
2. Tha’n duine nàdurra ‘na namhaid do Chriosd, ‘na oifig sagairt.
Tha e air orduchadh leis an Athair, ‘na Shagairt gu siorruidh; a chum le iobairt agus eadar-ghuidhe-san a mhàin, gu’m biodh aig peacaich sìth agus comas teachd a dh’ionnsuidh Dhé; ach, tha Crisd air a cheusadh, ‘na cheap-tuisliidh agus ‘na amaideachd do’n chuid neo-nuadhaichte do’n chinne-daoine, d’am bheil e air a shearmonachadh, 1 Cor. i. 23. Cha ghabh iad ris, mar an t-slighe nuadh agus bheò. Is cha’n ‘eil Esan, le guth an t-saoghal, ‘na Ard-Shagart os ceann tighe Dhé. Tha nadur truailidh a’ dol rathad eile gu oibreachadh.
1. Dearbhadh.
Cha’n ‘eil aon do chloinn Adhaimh gu nàdurra toileach am beannachadh a ghabhail ann an trusgain a bhuneas do neach eile; ach bhiodh iad do ghnàth cosmhuil ris an dàmhan-alluidh, am fiachaibh dhoibh féin air son gach ni; agus mar sin streapadh iad suas do neamh le suìthein air a shniamh as an ueidh féin; oir tha iad ag iarraidh a bhi fuidh ‘n lagh, (Gal. i. 21.) agus “a’ dol mu’n euairt ag iarraidh am fireantachd féin a chur air chois,” Rom. x. 3. Tha’n duine, gu nadurra, ag amharc air Dia mar Mhaighstir mòr, agus e féin mar a sheirbhiseach, d’an eigin oibreachadh, agus neamh a chosnadadh mar a thuarasdal: Uaithe so, ‘nuair a tha chogais air a dusgadh, tha e’n duil, a chum e féin a shabhaladh, gu’m feum e uile agartas an lagha a fhreagrath; seirbhis a dheanamh do Dhia co maith agus is
urrainn e, agus guidhe air son trócair anns na bheil e teachd goirid. Agus mar so tha moran a’ teachd gu dleasdanais, nach ‘eil gu brath a’ teachd o’n dleasdanais gu Iosa Criosd.
2. Dearbhadh.
Mar a tha meas àrd aig daoine gu nadurra air an dleasdanais, tha iad am barail a rinneadh gu maith; mar sin tha iad ag amharc gu’n gabh Dia riu a réir mar tha’n obair air a deanamh, cha’n ann a réir na cuibhrionn a ta ac’ ann am fuil Chriosd! “C’arson a thraisg sinn, deir iad, agus nach ‘eil thusa a’ faicinn?” Tha iad a’ eur meas orra féin air son an gniomhara agus air son nan nithe air an d’ rèimig iad seadh air son a bheachd a tha aca mu chreidimh, (Philip. iii. 4—7.) a’ gabhail dhoibh féin, an ni a tha iad a’ spùineadh o Chriosd, an t-Ard-Shagart mòr.
3. Dearbhadh.
Gheibhear an duine nadurra ‘na dhòl a dh’ionnsuidh Dhé ann an dleasdanais, do ghnàth, an dara cuid as eugmhais Eadar-mheadhonair, no le tuilleadh is an aon Eadar-mheadhonair, no le tuilleadh is an aon Eadar-mheadhonair Iosa Criosd. Tha nàdur dall, agus uime sin an-dàna: cuiridh i daoine dh’ionnsuidh Dhé mach á Criosd; a’ ruith le cabhaig ‘na lathair, agus a’ eur an iarrais ‘na laimh, gun a bhi air an toirt a steach le Fear-ruin na neamha, na bhi eur an iarrais ‘na laimh-san. Tha a’ ghnè so co daingean air a shuidheachadh anns a chridhe neo-nuadhaithe, ‘s gur ainmie a chluinnear ainn Chriosd á beoil moran do luchd-eisdeachd an t-soisgeil an uair a labhrar riu mu dhochas an slàinte! Feoraich dhiubh cionnus a tha duil aca maitheanas peacaidh fhaotainn? Innsidh iad duit, gu bheil iad ag iarraidh agus ag amharc air son trócair, a chionn gu bheil Dia ‘na Dhia trócaireach: agus is e sin uile na tha do dhòchas aca: Tha muinntir eile ag amharc air son trócair an leth Chriosd: Ach cionnus a tha fios aca gu’n gabh Criosd an cuis ‘na laimh? Cionnus, ach mar a tha aig na papanaich an eadar-meadhonairean ris an Eadar-mheadhonair, mar sin tha aca-san. Tha fios aca nach urrainn e gun a dheanamh; oir tha iad ag urnuigh, ag aidmheil, a’ bròn, agus tha iarrais mhor aca, agus an leithide sin; agus mar sin tha ni eigin aca d’an cuid féin, g’am moladh dha: cha robh iad riabh fhalamh a dh’ ionnsuidh Chriosd a leigeadh an uile chudthrom air ‘fhuil-san a ta reiteachadh.
3. Tha’n duine nadurra ‘na namhaid do Chriosd, ‘na oifig righ.
Shuidhich an t-Athair an t-Eadar-mheadhonair ‘na Righ ann an Sion, Salm ii. 6. Agus tha e air aithne do na h-uile gus am bheil an soisgeul a’ teachd, air an cunnart a’s àirde, am mae a phògadh agus iad féin a stroichdadh dha, rann 12. Ach is e guth nadurra a’ chinne-daoine, Air falbh leis! mar a chi sibh, rann 2, 3. Cha’n àill leo esan a bhi ‘na righ os an ceann, Luc. xix. 14.
1. Dearbhadh.
Na h-oidhirpean a tha nadur truailidh a’ toirt air an uachdranachd a spionadh as a lamhan. Cha luathe bha e air a bhreth, ach air dha bhi air a breith ‘na Righ, na rinn Herod gear-leanmhuinn air, Mata ii. Agus an uair a bha e air a cheusadh, “chuir iad a’ chùis-dhìtidh’ sgrìobhta os a cheann, Is e so Iosa, Righ nan Iudhaich,” Mata xxvii. 37. Ged is rioghachd spioradail a rioghachd-san, agus nach ann do’n t-saoghal so; gidheadh cha’n urrainn iad rioghachd fhulang dha (an taobh a stigh do rioghachd,) rioghachd nach aidich uachdaran no ceannard sam bith eile ach an t-Eadar-mheadhonair rioghail. Tha iad a’ deanamh dànadas air a chòirichean rioghail, ag atharrachadh a statuin-ne, a reachdan, agus ‘orduighean, a’ cumadh aoraidh ri innleachdan an eridhe; a’ toirt a steach luchd-dreuchd agus dreuchdan d’a rioghachd, nach ‘eil ri’m faotainn anns an leabhar sam bheil riaghailt a rioghachd: ag orduchadh riaghladh faicsinneach a rioghachd, mar is fearr a fhreagras da’n rùn feolmhor féin. ‘S ann mar sin a ta naimhdeas eridheachan dhaoine, an aghaidh Righ Shioin.
Rì leantuin.