MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE.
(Continued from page 395.)
San dara àite, Tha do dhiadhachd uile, mu tha diadhachd idir agad, ‘na saothair chailte, a thaobh fireanachaidh an lathair Dhé, no a thaobh eifeachd shlainteile sam bith dhuit féin. Am bheil thu fathast ann ad staid naduir? Gu eimteach ma tha, tha do dhleasdanais ‘nam peacaibh, mar a dh’ ainnicheadh an ceart uair. Nach biodh am fion is fearr neo-bhlasda ann an soitheach anns nach ‘eil tlaechd? Mar sin tha diadhachd an duine neo-iompaichte. Fuidh ‘n lagh, cha d’ rinn an t-eudach anns an robh feoil na h-iobhairt air a giulan, ge do bhean e ri nithibh eile, iadsan naomha; ach ma bhean esan a bha neo-ghlan ri ni sam bith, eo dhiubh coitehionn no naomh, rinn se e neo-ghlan: Eadhon mar sin cha’n urrainn do dhleasdanais t’ anam truaillidh a dheanamh naomh, ge do bhiodh iad annta féin, maith; ach tha do chridhe truaillidh ‘g an salachadh, agus ‘g an deanamh neo-ghlan, Hag. ii. 12—14. Bu ghnàth leat t’ oibre a roinn gu dà sheorsa, cuid maith, cuid ole; ach is eigin duit an àireamh a rìs, agus an eur uile fuidh aon cheann, oir tha Dia a’ sgrìobhadh oir uile, a mhain ole. Tha so bronach: Cha’n iongantach ge do chithear iadsan ag iarraidh deire anns an fhoghara, a ta filleadh an làmh gu codal an àm eur an t-sìl: ach is ro-bhochd an staid a bhi saoithreachadh le muinntir eile san carrach, agus gidheadh gun a bheag r’ a bhuaìn san fhoghara; agus is i so staid gach uile luchd aidmheil a ta beo agus a’ bàsachadh ‘nan staid nàdurra.
San àite mu dheireadh, Cha’n urrainn thusa thu féin a chuideachadh. Ciod is urrainn thu a dheanamh, a thoirt air falbh do pheacaidh, thusa a ta gu h-iomlan truailidh? Cha’n urrainn gu firinneach ach peacachadh. Ma thoisicheas duine nadurra air maothachadh, air deur a’ shileadh air son a pheacaidh, agus air ath-leasachadh, tha’n eridhe truailidh air ball a’ deanamh greim, air a chuid is lugha, air toillteanas comh-fhreagarach do na rinneadh leis; rinn e moran e féin, tha e ann am barail, agus nach fheud Dia gun tuilleadh a dheanamh air a shon, air son na rinn e: Anns an àm cheudna, cha’n ‘eil e deanamh ni sam bith ach peacadh; air chor as gur e an toillteanas comh-fhreagarach ris na rinneadh leis, an lobhar is eigin a bhi air a chur a mach as a’ champ; an t-anam marbh is eigin a bhi air adhlacadh as an t-sealladh; agus am meall truailidh is eigin a bhi air a thilgeadh do’n t-slochd. Cionnus as urrainn dhuit duil a bhi agad thu féin a leigheas le aon ni as urrainn thu dheanamh? An nigh poll agus salachar a mach salachaireachd? Agus an glan thu mach peacadh le peacachadh? Ghabh Iob slighe chreadha g’ a sgríobadh féin, a cheann gu’n robh a lámhan eo lan neasgaidean ‘sa bha ehorp: Is e so staid t’anama thruailidh-sa; nach feud a bhi air a leigheas ach le Iosa Criost, aig an robh “a neart air tiormachadh mar shoitheach creadha,” Salm xxii. 15. Tha thu bochd gun amharus, ro thruagh agus bochd, Taibb. iii. 17. Cha’n ‘eil dìon agad ach didein bhreug; cha’n ‘eil ni agad air son t’anama ach luideagan salaich; cha’n ‘eil ni agad g’a bhiathadh ach plaosgan, nach urrainn sàsuchadh. Thuilleadh air sin, fhuair thu a leithid do lot ann an leasraibh Adhaimh, as nach ‘eil e fathast air a leigheas, air chor as gu bheil thu gun neart, (Rom. v. 6.) neo-chomasach air deanamh no air oibreachadh air do shon féin. Ni h-eadh a thuilleadh air so uile, cha’n urrainn dhuit urrad as iarraidh gu ceart, ach tha thu a’ d’ luidhe mar naoidhean ruisgte anns an achadh fhosgailte, Esec. xvi. 5.
Feum III. Tha mi ag earalachadh ort an fhirinn dhubhach so a chreidsinn. Mo thruighe! tha e soilleir, gur beag a ta
i air a creidsinn anns an t-saoghal. Is teare iad a ta fo churam gu’n caithe-beatha truaillidh atharrachadh; ach tha iad ni ‘s teirce gu mor a ta ‘g iarraidh an nàdur atharrachadh! Cha’n ‘eil fios aig a’ chuid is mò do dhaoine ciod a ta iad, no ciod na spiorada d’ am bheil iad: Tha iad mar an t-suil, a ta faicinn moran nithe, ach nach ‘eil ga faicinn féin. Ach, gus an aithne dhuibh gach aon plaigh a’ chridhe féin, cha’n ‘eil earbsa air son ‘ur leigheis. C’ arson nach creid sibh e? Tha teisteas soilleir an Sgriobtuir agaibh air a shon; ach cha’n fhurasda libh a leithid sin do dhroch bharaibh a bhi agaibh oirbh féin. Mo thruaighe! is e sin nadur ‘ur galair, Taisb. iii. 17. “Cha’n ‘eil fhios agad gu bheil thu doirinneach, agus truagh agus bochd, agus dall, agus lomnochd.” A Thighearna fosgail an suilean gu fhaicinn, mu’m faigh iad bàs dheth, agus ann an ifrinn gu tog iad an suilean, agus gu’m faic iad an ni nach faic iad a nis.
Co-dhunaidh mi a phune chudthromach so, mu thruail-
idheachd naduir an duine, le beagan fhocail air punc eile o’n
bhonn teagaig.
Teagasg, “Tha Dia a’ tabhairt aire àraidh d’ ar truail-
idheachd nadurra, no do pheacadh an naduir.”
Air so tha e toirt teisteis air dà dhoigh: Sa cheud àite, Le ‘fhocal; mar anns a’ bhonn teagaig: “Chunnaic Dia gu’n robh uile bhreithneachadh smuaintean eridhe an duine a mhain ole an còmhnuidh,” Faic Salm xiv. 2, 3. San dara àite, Le oibrbh. Tha Dia a’ sgriobhadh a ro-aire dheth, agus a choruich ris, mar ann am moran d’a oibrbh, mar sin gu h-àraidh anns an dà obair so: (1.) Ann am bàs cloinn daoine ‘nan naoidheantachd. Is iomadh truaighe d’an robh iad buailteach: Bhathadh iad anns an dile; sgriosadh iad ann an Sodom le teine agus pronnasg; mharbhadh iad leis a’ chlaidheamh, bhruthadh iad leis na claichan, agus tha iad do ghnàth a’ faghail bàis nadurra! Ciod is fior aobhar dha so; C’ arson a tha’n Dia naomh mar so g’an dian-leantuin? An ann air son peacadh am pàranta? Feudaidh sin a bhi ‘na aobhar aig an Tighearna
gu tagar riu; ach is eigin gur e am peacadh féin is ceann-aobhair do’n bhinn a ta air a toirt a mach ‘nan aghaidh; Oir, “an t-anam a chiontaicheas gheibh e sin bâs, arsa Dia,” Esec. xviii. 4. An e am peacadh gniomh féin? Cha’n ‘eil sin aca. Ach mar a ni daoine air losgannaibh agus air nathraiche, a mharbhas iad aig a’ cheud sealladh mu’m bheil iad a’ deanamh aon choire, a chionn an nadur puinseanta ta annta; is ann mar sin a ta anns an ni so. (2.) Ann am breth nadurra cloinn thaghta Dhé. An uair a tha’n Tighearna gu an nadur atharrachadh, bheir e air peacadh an nàdur luidhe trom air an spioradaibh. ‘Nuair a tha run air an truaillidheachd a leigeadh a mach, sàthaidh e ‘n scian dombain ‘nam anamaibh, a’ ruigheachd gu freumh a’ pheacaidh, Rom. vii. 7, 8, 9. Tha’n fheoil, no truaillidheachd an nàduir, air a lotadh, air dhi bhi air a ceusadh, co mhaith r’a h-an-tograibh agus a h-anammiannaibh, Gal. v. 24.
Feum. Biodh againn uime sin, suil àraidh air truaillidheachd agus air peacadh ar naduir, tha Dia g’a fhaicinn. O gu’m faiceadh sinne mar an ceudna e, agus gu’m bitheadh peacadh do ghnàth ‘nar fianuis! Ciod am feum a tha dhuinn beachd a ghabhail air peacanna eile, ‘nuair a tha mathair-aobhair so a’ pheacaidh as an t-sealladh? Tionndaiddibh ‘ur suilean a stigh, gu peacadh ‘ur naduir. Tha aobhar eagail gu bheil aig moran ri tòiseachadh fathast ris an obair so; gu’n do dhruid iad an dorus, ‘nuair tha an gaduiche mor fathast anns an tigh gun fhaotainn a mach. Is pune chudthromach so; agus ‘na laimhseachadh,
I. A chum mothachaidh, dearbhaidh mi, cuid do na nithibh anns nach ‘eil daoine a’ sealltuinn air peacadh an naduir, d’ am bheil an Tighearn a’ toirt aire àraidh. (1.) Daoine a bhi ag amharc orra féin le mor-dhochas, mar nach bitheadh iad ann an eunnart pheacanna garbha. Ghabhadh iomadh gu h-ole, nam faigheadh iad a leithid do rabhadh as a thug Criosd d’a Abstoil, Lucas xxi. 34. “Thugaidh an aire dhuibh féin o gheocaireachd agus o mhig.” Nan smuainicheadh neach sam bith gu’m briseadh iadsan a mach ann an gràineileachdaibh
garbh, bhiodh iad ullamh air a ràdh, an eù mise? Thogadh e uabhar an cridheachan, ach cha ghluaiseadh e ‘n eagal agus an ball-chrith, a chionn nach aithne dhoibh truaillidheachadh an naduir. (2.) Easbhuidh anmhuinneachd ris a’ mhuinntir a ta tuiteam. Tha moran anns a’ chor sin a’ tilgeadh dhiubh tim-chridhe iochd mhor a’ Chriosduidh; oir cha’n ‘eil iad “a’ toirt aire dhoibh féin, nach buairear iad mar an ceudna,” Gal. vi. 1. Tha corruich dhaoine gu tric gus a’ cheum a’s airde an aghaidh lochdan dhaoine eile, ‘nuair tha peacadh a’ faotainn caidreamh suaimhneach ‘nan uehd féin. Eadhon an duine maith Daibhidh, ‘nuair a bha e féin anns a’ chor bu mhiosa, ‘s ann a b’ airde bha choruich an aghaidh lochdan dhaoine eile. An fhad ‘sa bha choguis ‘na codal, fuidh a chionta, ann an cuis Uriah; tha Spiorad an Tighearn a’ toirt fa ‘near; “gu’n do las ‘fhearg an aghaidh an duine gu mor,” anns a’ chosamlachd, 2 Sam. xii. 5. Agus, tha deadh aobhar a smuaineachadh, gur ann aig an àm sin, a bhui e ris na h-Amonaich co an-ochd mhor, mar tha e air chur sion rann 31. “Gan eur fuidh shàbhan, agus fuidh chliathan iaruinn, agus a’ toirt orra dol tre àth nan clacha-creadha.” Bheir gràs air daoine bhi eudmhor an aghaidh peacaidh ann an dream eile, co maith as annta féin; ach tha suilean a ta sealltuinn a steach air truaillidheachd an nàduir, gan sgeudachadh le iochd agus truacantachd, agus ‘gan lionadh le taignealachd do’n Tighearna, nach iad féin a ta air am fàgail gu bhi ‘nan ball-amhairc tre laigse naduir. (3.) Tha àireamh mor do dhaoine, agus mu ‘s e ‘s gu bheil iad air an cumail a thrioblaidean ann an nithibh saoghalta, agus o bhriseadh a mach ‘nan caithe-beatha agus giulan, aig nach ‘eil fhios eiod e sin eridhe dubhach: Ma tha trioblaid a’ teachd nan caraibh, do nach urrainn an cridheachan uaibhreach stroichdadh gu ‘ghiulan; bithidh iad ullamh air a ràdh, o nach robh sinn air falbh: Ach cha’n ‘eil truaillidheachd an naduir a’ leigeadh leo gu brath a bhi ‘n geall air neamh. Ma tha ana-mianna a’ briseadh a mach gu follaiseach, aig àm sam bith, tha’n sìth air a’ milleadh; ach cha’n ‘eil peacadh an nàduir aig àm sam bith ‘g an deanamh, trom-chridheach. (4.) A bhi eur dàil an
aithreachais ann an dochas dol ‘na cheann an deigh so. Tha’n ananna suidhichte aig moran air son aithreachais agus ath-leasachaidh: mar gu’m biodh a’ leithid do cheannsal ac’ air an ana-miannaibh, as gu feud iad ceadachadh dhoibh tuilleadh neart a ghlaeadh agus gidheadh an ceannsachadh. Tha iad a’ cur rompa an slighe leasachadh, gun suil ri Iosa Criost, aonadh ris, agus neart uaithe: dearbhadh soilleir gu bheil iad ‘nan coigrieh dhoibh féin; agus mar sin tha iad air am fágail dhoibh féin, agus tha’n ruinean sgiamhach a’ seargadh: oir, mar nach ‘eil iad a’ faicinn an uireasbluidh, cha’n ‘eil iad a’ faotainn an fheum do ‘n drùchd o neamh gu’n uisgeachadh. (5.) Daoine bli dol teann air buairidhean, agus ro-chinnteach asda féin nach tuit iad leo. Tha iad ‘g an tilgeadh féin gu neo-eagallaich ann an rathad buairidh, an earbsa gu’n tig iad as saor; ach nam biodh mothachadh aca air truaillidheachd an naduir, blitheadh iad air am faicill o dhol a steach ann am fonn an diabhuil: mar a bhiodh neach aig am biodh builg fhudair mu’n euairt da, fuidh eagal dol far am bheil sradan teine ag eirigh air, eagal gu’m biodh e air a losgadh suas. Is maith a thig do Chriosduidhean a bli gan cur féin an teagamh: “A Thighearn, am mise e?” Cha bli iadsan aig am bheil eolas air ceilg an eridhe, ro earbsach as an eumse féin. (6.) Aineolas air plàighibh a’ chridhe. Is ni annasach eolas fhaotainn air plàighibh a’ chridhe: tha cuid dhiubh, gu cinnteach sgrìobhta le litrichean eo mor, as gu’m feud an neach a ruitheas an leughadh; ach tha cuid eile dhiubh ni’s folaichte air chor as gur teare iad a dh’ aithnieas iad. Cia teare iad, d’am bheil aomadh a’ chridhe gu mi-chreidimh, ‘na uallach? Cha’n ‘eil iad ga thoirt fa’near. Tha moran aig an robh mothachadh geur mu pheacanna eile, nach do mhothaich riamh am mi-chreidimh; ged is e sin am peacadh a ta gu h-àraidh air a shloinneadh a mach ann am fior-mhothachadh, Eoin xvi. 8, 9. “Bheir e dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghail mu pheacadh—do bhrìgh nach ‘eil iad a’ creidsinn annam-sa.” An togradh so gu bhi eur ar freantachd féin ar bonn, is luibh e a ta gu nadurra a’ fàs suas ann an eridhe gach neach; ach is teare
iad air am bheil fallus ga spionadh a mach, tha e na luidhe am folach gun a bli air fhaotainn a mach. Tha aomadh a’ chridhe gu slighe coimheangail nan oibre ‘na phlãigh dhiomhair a’ chridhe do mhoran: is e na tha do chruadal acasan, an eridhe fhaotainn gu dleasdanais; cha’n ‘eil e idir ‘na chruadal dhoibh an eridheachan a thabbhairt o dleasdanais agus os an ceann gu Iosa Criosd. Cia co doillich sa ta e daoine a bhualadh a mach as am fireantachd féin! Gidheadh tha e ro chruaidh a dhearbhadh orra gu bheil iad a’leigil taice sam bith otra! San àite mu dheireadh, Uabhar agus féin-bharail. Bheireadh sealladh do thruaillidheadh an nàduir, beachd iriosal do dhuine, agus bheireadh e airs an aig am bheil e, e féin a mheas, ‘na cheann-feadlma nam peacach. Anns na saòrsannaibh a’s mò air an ruigeadh e, blitheadh e ‘na luchd d’a chridhe, agus dh’ fholaicheadh e uabhar o ‘shuilbh. ‘Se easbhuidh lan irioslachadh a’ ruigsinn a steach gu peacaidh an nàduir, truagh moran do luchd-aidmheil, oir ni cladhachadh domhain eadar-dhealachadh mor eadar luchd-togail glie agus luchd-togail amaideach, Lue. vi. 48, 49.
II. Nochdaidh mi dhuibh euid do nithibh, anns am bu choir dhuibh beachd araidh a ghabhail air peacaidh ‘ur nad-uir. (1.) Biodh suil àraidh agaibh air, ‘nuair tha sibh ag iatraidh gu Iosa Criosd. Am bheil sibh a’ mothachadh feum sam bith agaibh air Criosd, a tha ‘g ur eur d’a ionnsuidh mar Leigh an anama? O na dichuimhnichibh ur n-eucail, ‘nuair a tha sibh an lathair an Leigh. Cha’n aithne dhoibhsan riamh fathast an ghnothuch gu Criosd, nach deachaidh d’a ionnsuidh air son peacaidh an nàduir; a chum ‘fhola thoirt air falbh a chionta agus a chum a Spioraid a bhriseadh a chumhachd. Ged chuireadh sibh ann an searbhalachd ‘ur n-anama, ‘na lathair rolla a ruigeadh gu neamh, d’ ur peacanna dearnaid agus deanadais; gidheadh nam biodh peacadh ‘ur nàduir a mach as, bithibh cinnteach, gu’n do dhichuimhnich sibh a chuid a b’ fhearr do’n ghnothuch a tha aig peacach bochd gu Leigh an anama. Ciod am feum a dheanadh e do mhuintir Iericho, na soithiche uile bha ‘nam baile chur an lathair Elisa lán do’n uisge bha ole, mur treoraicheadh iad a mach e dh’ ionnsuidh
an tobair, a thilgeadh an t-salainn ann? 2 Righ ii. 19, 20, 21. Is furasda cleachda a dheanamh dheth. (2.) Biodh suil àraid agaibh air ‘nur n-aithreachas, eo dhiubh is ann ‘na thoiseachadh no ann an dol air adhart; ‘nur ceud aithreachas, agus ann an ath-nuadhachadh bhur n-aithreachas, an deigh sin. Ged tha duine gu tinn, cha’n ‘eil eagal bàis da, mur buail an tinneas a chridhe: agus is co-beag a tha do eagal bàis a’ pheacaiddh, eo-fhad ‘s nach beannar ri peacaiddh ar nàduir. Ach nam b’ail libh da rireadh aithreachas a dheanamh, treoraichidh na sruthain a suas sibh a dh’ ionnsuidh an tobair; agus deanaibh bron os ceann truaillidheachd bhur nadur, mar aobhair gach uile pheacaiddh, ann an eridhe, ann am beul, agus ann an caithe-beatha. Salm li. 4, 5. “A’ t’ aghaidh, a’ t’ aghaidh féin a mhain pheacaich mi, agus rinn mi an t-ole a’ d’ shealladh— Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhathair mi ‘na broinn.” (4.) Biodh beachd àraidh agaibh air ann bhur féin-cheusadh, Gal. v. 24. “Agus iadsan as le Criosd, eheus iad an fheoil.” Is e freumh na seirbhe e, is eigin a bhi air a bhualadh, agus ris an éigin tuadh am féin-cheusaidh a bhi air a cur; no tha sinn a saoithreachadh an diomhain. Is diomhain do dhaoine dol mu’n cuairt a ghlanadh nan sruthan, ‘nuair nach ‘eil iad aig saothair sam bith mu thimchioll an tobair shalaich: Is diomhain an diadhachd, a bhi ‘g oirpeachadh an caithe-beatha dheanamh da rireadh maith, am feadh ‘sa tha truaillidheachd an nàduir a’ cumail a seann neart, agus nach ‘eil a cumhachd air a bhriseadh. San àite mu dheireadh, Tha sibh ri beachd a ghabhail air bhur n-inneachd lathail. Is eigin da-san le’m b’ àill gluasad gu ceart, aon suil a bhi aige suas ri Iosa Criosd; agus suil eile ris an taobh a stigh, ri truaillidheachd a naduir féin. Chà leoir, gu’n amhàire sinn mu’n cuairt duinn; is eigin duinn mar an ceudna amhàire an taobh a stigh dhinn: is ann an sin a tha’m balla ni’s laige: ‘s ann an sin a tha’n namhaid is mò a th’ againn ‘na luidhe; agus is ann an sin a tha aobhar air son faire agus bròin gach là.
Ri leantuinm.