CEANN II.
TRUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE.
(Continued from page 71).
Ach bithidh an ‘duine neo-iompaichte, aig nach ‘eil ach beag
meas air onoir Dhé, ullamh air eiridh suas an aghaidh a
Bhreitheimh; agus ‘na chridhe féin, a’ diteadh an rathaid breth
so: Gidheadh, air do’n Bhreitheamh a bhi neo-chriochnach, ‘na
cheartas, is eigin gu’m bi a bhreth cothromach. Agus, air an
aobhar sin, a chum do bheul a dhunadh O pheacaich uaibhrieh,
agus a chum easg a chur air do fhrionas an aghaidh a’
Bhreitheimh eothromaich: thoir fa’near, Air tuis, Gur peacach thu a thaobh nàduir; agus tha e ro reusanta, gu’m bi cionta agus fearg co sean ri peacadh, C’arson nach tòisicheadh Dia air onoir féin a dhion, co luath ‘a thoisicheadh enuimhean suarach taireil air a masluchadh? C’ar son nach teumadh an nathair an gaduiche, co luath ‘sa leumas e thar a ghàradh? C’ar son nach gabhadh am bagradh greim air a’ pheacach co luath ‘sa thilgeas e air falbh an àithne? Tha nàdur nimheil na nathraich a’ toirt lan-aobhar do dhuine a marbhadh, co luath ‘sa ruigeas e oirre. Agus a nis feudaidh tu bhi dearbhta, gu bheil do nàdur ‘na aon mheall-naimhdeas an aghaidh Dhé. San dara àite, Cha’n e mhàin gu bheil naimhdeas agad an aghaidh Dhé ann ad nàdur; ach thaisbein thu e, le peacannaibh gniomh a ta ‘n shuilibhse ‘nan gniomharaibh naimhdeis. Thug thu t-ana-miann a mach gus a’ bhlàr-chath ‘an aghaidh an Tighearn t-ard-uachdaran! Agus a nis, air dhuit a bhi a’ d’ chiontach eo mor, tha do dhiteadh ceart; oir, a thuilleadh air do pheacadh nàduir, rinn thu sin an aghaidh neimh, ni nan deanadh tu an aghaidh dhaoine, b’ fheudar gu’n rachadh do bheatha air a shon: Agus nach glac fearg o neamh thu? (1.) Tha thu ciontach do fhuil agus ard-cheannaire an aghaidh Righ néimh. B’e smuain agus durachd do chridhe, air am bheil fios aige-san eo maith ri briathraibh do bheoil, Cha’n ‘eil Dia ann! Salm xiv. 1. Thilg thu uachdranachd dhiot; sheirm thu an trompaid, agus chuir thu suas bratach na ceannaire ‘na aghaidh; air dhuit a bhi a’ d’ aon diubhsan a ta ‘g ràdh, “Cha’n àill leinn an duine so bhi ‘na righ oirnn,” Lue. xix. 14. Rinn thu strì an aghaidh, agus mhuch thu a Spiorad; chuir ann ad chleachdan eul ri lagh, air a chur an ceill le theachd airean; dhruid thu do chluasan an aghaidh an guth, agus chuir thu air falbh iad a’ bron air son t-uabhair. Dh’ eirich thu suas ann an coimheangal le ‘namhaid mor an diabhul! Ged bha thu a’ d’ sheirbhiseach mionnaichte do Righ na gloire, gach là a’ faghail d’ a shocheairean, agus a’ teachd beò air a mhaitheas; tha thu a’ cumail co-chomunn, agus reite ri a namhaid mhòr, agus a gniomhachadh air a shon an aghaidh do Thighearna! oir, “Is iad ana-mianna an diabhuil
a ni sibh,” Eoin viii. 44. (2.) Tha thu a’ d’ mhortair an lathair an Tighearna! Chuir thu ceap-tuislidh t’aingidheachd mu choinneamh an t-saoghail dhoill; agus sgríos thu anama muinntir eile le d’ shlighe pheacaich! Agus, ged nach faic thu a nis, feudaidh an t-àm teachd, anns am faic thu fuil do chairdean, do choimhearsnaich, do luchd-eolais, agus muinntir eile, air do cheann! Mat. xviii. 7. “Is an-aoibhinn do’n t-saoghal air son oilbheuman. Is an-aoibhinn do’n duine sin tre’n tig an t-oilbheum!” Seadh, tha thu a’ d’ fhein-mhortair an lathair Dhé. Gnath-fhoc. viii. 36. “Esan a pheacaicheas a’ m’ aghaidhse, ni e cron d’a anam féin; iadsan uile a dh’ fluathaicheas mi gràdhaichidh iad am bàs!” Esec. xviii. 31. “C’ar son a bhàsaicheas sibh?” Tha laghan dhaoine a’ dol co fada ’s as urrainn iad an aghaidh an fhein-mhortfhear le bhi diultadh ait-adhlacaidh d’a chorp am measg muinntir eile, agus a’ glacadh a mhaoin. Am bheil e ’na iongantas ge do bhiodh lagh Dhé co eruaidh an aghaidh luchd-muirt anama. Am bheil e iongantach, gur eigin doibhsan, a ta ’g imeachd o Dhia a nis, ciod sam bith a chostus e dhoibh, a bhi air an eigneachadh gu imeachd uaithe-san, mu dheireadh, gu teine siorruidh? Ach, an ni fathast as mo cionta, tha thu ciontach do mhort Mac Dhé. Oir measaidh an Tighearn thu eul ris, eo maith ’s chuir na h-Iudhaich; agus, le eul a chur ris, dh’fhíreaneich thu an sniomh-san. Cha d’ aidich, iadsan gun amharus gu’m b’e Mac Dhé e, ach tha thusa ’ga aideachadh. Ni rinn iadsan ’na aghaidh, b’ ann an staid irioslaichidh a rinn iad e; ach tha thusa eur ’na aghaidh ’na staid àrdaichte. An-tromaichidh na nithe sin do dhiteadh. Ciod an t-iongantas, ma ta, mu bhios guth an Uain, air atharrachadh gu beucaich an leòmhain, an aghaidh an an fhir-bhrathaidh agus a’ mhort-fhear.
Ri leantuin.
Zeal is like fire; in the chimney it is one of the best servants; but out of the chimney it is one of the worst masters.—Thomas Brooks.